LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. 123.)
‘Nis, uime sin, beachdaicheadh-mid air beagan de ‘n a firinnean a tha air an teagasg dhuinn le gul Chriosd agus briathran Chriosd. Tha nithean a bhuineas do ar sìth anns a bheatha so agus ann an lìntibh na siorruidheachd, a bhuineas dhuinn, os ceann ‘n an uile, sinn a mheattuinn deadh-ghean agus càirdeas Dhé. Ma bhitheas fios a bhi againn orra. Tha ar fior shìth agus shonas an crochadh air an Dia mòr leinn, “cò dh’fheudas a bhi ‘n ar ‘n aghaidh?” ach ma bhitheas Esan ‘n ar ‘n aghaidh cha’n eil sìth dhuinn; agus tha ar suidheachadh ni’s drùightich agus ni’s cunnartaich ma their sinn, “Sìth, sìth, agus gun sìth ann.” Is e Dia a mhàin is urrain ar deanamh sona. Is Esan a mhàin is urrain ar crìdheachaibh a lionadh. A thaobh nàduir tha Diaag us sinne a mach air a cheile, agus tha fhearg a gabhail comhnuidh oirne.
Ach dheilbh agus dh’fhoillsich E slighe reite agus pilltean tre Iosa Criosd, Mac a ghràidh. “Ach maille riut-sa tha maitbeanas; agus uime sin bithidh eagal air daoinibh romhad.” “Treigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean; agus pilleadh e ris an Tighearn, agus nochdaidh e tròcair dhà; agus ri ar Dia-ne, agus bheir e maitheanas gu pailte.” Faodaidh e bhi air a ràdh gur e na nithean sin a bhuineas do ar sìth eolas slàinteil air Criosd ‘n a òirdheirceas agus ‘n a luachmhorachd, na “aithreachas a thaobh Dhé agus creidimh a thaobh ar Tighearn Iosa Criosd; “chùm sinn fein aithneachadh agus fhaireachadh mar chreutairean caillte, a chùm eolas air Iosa mar an t-shlighe chùm an Athar, agus a bhi’g earbsa Ann-san a mhàin air son slàinte, agus gu bhi tighinn a dh’ ionnsuidh Dhé trid-san air son tròcair, gabhail ruinn, agus fois, agus air son gràs gu bhi beo chùm a ghloir; a chùm a leithid de dh’eolas air Iosa agus gu’m bitheadh E luachmhor dhuinn, agus a chùm air dhuinn a bhi beo gu’m b’e sin Criosd. Is e sin aithne a bhi againn air na nithean a bhuineas do ar sìth. Agus is beannaicht’ an sluagh dh’n aithne iad. Tha sìth aca ri Dia; tha fois aca ‘n an anamaibh; faodaiddh iad luidhe sios ann an sìth agus codal le suain, oir bheir an Tighearn dhoibh còmbnuiddh a ghabhail ann an tearuint-eachd.
Tha latha ann anns am bi iad an aithneachadh, anns am bheil maitheanas agus slàinte ri bhi air am fotaìnn; agus feadh an lath so tha’m Fear-saoraidh a cleachdadh mòran mheadhonan a chùm am peacach a dhùsgadh, agus a threorachadh gu eolas slàinteil air na nithean a bhuineas da shìth; a daingneachadh gairmaibg fhocail le fhreadal, a seasamh aig a dhorus, a cladach mu thimchioll na craobh neo-thorach agus a cur aolach mu bun. Is e latha nan soch-airean soisgeulach a th’ann, ‘n uair a tha Grian na Fìreantachd a dealradh a mach ann an speurn na Fìrinn, ‘n uair a tha’n Tighearn a cur beatha agus bàs fodh’r comhair, uamhasan agus a thròcairean, agus a tha E ga’r cuireadh dha ionnsuidh Fein mar Dhia na sìth. O gu’m b’aithne dhuinn luach an t-soisgeil. Is e latha na beatha th’ann. Is e so a tha toirt do’n a bheatha luachmhorachd; gu’m faod aithne bhi air na nithean so eadhon aig an aon uair deug. “Air feadh an lath gu h-iomlan,” shin E mach a làmhan ri pobull eas-umhail agus a labhras ‘n a aghaidh, agus fathasd tha E’g ràdh, “An diugh ma chluinneas sibh mo ghuth na cruadhaichibh bhrur cridhe.” Ach gu h-àraidh ‘s e latha na h-òige a th’ann. Bha chuid is moth aig am bheil a nis eolas air an Tighearn air an iompachadh ann an laithean an òige. Is e so an latha anns am bheil Spiorad Dhé a strì ris an anam. Ann a bhi labhàirt gu coitchionn, is e so latha an t-soisgeil; ach tha amaibh sònraicht’ os ceann amaibh eile ‘n uair a tha E strì ri daoinibh. Thugadh-mid an aire a thaobh a bhi cur ‘n a aghaidh a nis, air eagal, mar a thachair do chuid eile. sguir E bhi strì riubh, agus dh’fhàgadh iad “mar phreas anns an fhàsach, nach mothach ‘n uair a thig a maith.
Tha’n latha so goirid agus thig e gu h-ealamh gu crìche. Air a chuid is fhaide, cha’n eil ann ach latha goirid. Ach tha gu mair e, mar an ceudne, neo-chìnnteach. Aig am air bith faodaiddh e tighinn gu crìch. Faodaiddh snàthain crion na beatha briseadh. “Ciod e ar beatha? Is deatach i, a chithear re ùine bhig, agus an sin theid i as an t-sealladh.” Faodaiddh fad-fhulungais Dhé tighinn gu crìch, ar neo faodaiddh E mionnachadh ‘n a fheirg nach teid sinn a steach da shuaimeas. Gidheadh tha mòran a diùltadh eolais a ghabhail air na nithean a bhuineas da’n sìth. Mar a bha e ann an latha Chriosd mar sin tha e’n diugh. Tha iad a fantuinn cho mì-chùramach a thaobh an anamaibh ‘s ged nach bitheadh cunnart air bith ann. Tha iad a diùltadh a bhi creidsinn fianuis Dhé a thaobh an staid chaillte, agus slighe na slàinte. Tha iad a torit an cridh-eachan, an smuaintean, agus an neart do’n t-saoghal so, mar nach bitheadh saoghal ri teachd ann. Tha iad a codal air adhart anns a pheacadh, agus a deanamh dìmeas air an t-slàinte mhòr, a toirt a chreidsinn orra fein gu’m bàsaich iad bàs an fhìrean agus gu’m bi an crioch dheireanach mar a chrioch-san. “Imichibh a steach air an dorus chumhann; oir is farsuinn an dorus, agus is leathain an t-shlighe a tha treorachadh chùm sgrìos, agus is lionmhor iad a tha dol a steach oirre; ach is cumhann an dorus, agus is aimh-leathain an t-shlighe a tha treorachadh chùm beath, agus is tearc iad a tha ‘g amas oirre.”
Mar a bi aithne air na nithean so anns an t-saoghail so, cha bhi aithne idir orra. ‘S ann a mhàin anns an t-saoghail so a tha’n Tighearn a toirt cleachdadh da thròcair anna am bheil maith-eanas. “Cha’n eil obair, no innleachd, no colas, no glicas anns an uaigh, da’m bheil thu ad ol.” Mar a thuiteas a chraobh is ann mar sin a luidheas i. Agus mar a bi aithne air na nithean sin ciod a dh’fhagain ach “breitheanas” agus “fcarg thinnteach a sgrìosas na h-eascairdean.” An tròcair a tha nis ag ràd, “Car son a bhàsaicheas sibh?” cha seas i anns an rathad gu dion a chur, no am peacach a shaoradh bho cheartas dioghaltach. Tha deoir Chriosd thairis air Ierusalem a nis a dearbhadh do’n a pheacach is trom-luchdaichte le cionta cho toileach ‘s a tha E gu bhi gabhail ris, agus nach urrain e dhol a dhìth do-bhrigh cion toileachas ann an Criosd gu bli ga shaoradh. “Cha’n àill leibh teachd a m’ionnsuidh-sa, chum gu’m faigheadh sibh beatha.” Ach a mach a bilibh tròcair, bho’n do shruth nab riathran drùighteach, “Na’m b’aithne dhuit, eadhon dhuit ‘sa, air bheag a sam bith ann ad latha so fein, na nitehan a bhuineas do d’ shìth,” thig an sin a mach a bhinn uamhasach, “Imichibh uam, a shluagh mhallaichte, dh’ionnsuidh an teine shiorruidh, a dh’ullaicheadh do’n diabhul agus da ainglean.”
(R’a leantwinn.)