Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1957 » February 1957 » Searmonan

Searmonan

LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuin bho t.d. 283.)

Tha fad-fhulungas an Tighearne, a bluadh ghràsmor sin a tha ann an nàdur na Diadhachd, na cleachdadh air Ciu na Diadhachd a tha’g aobhrachadh nach “eil tlachd air bith aige ann am bàs an tì bhàsai-cheas,” air o toirt a mach gu soilleir ann an so ‘n a fhad-fhulungais choitchionn a thaobh muinntir neo-aithreachail agus neo-thorach. Tha e tighinn a d’iarruidh toraidh, an deigh Dha labhairt riubh ‘n a fhoecal; cha d’ thuair E bheag; gidheadh tha E giulain leo. Tha E tighinn Sàbaid an deigh Sàbaid; bliadhna an deigh bliadhna; agus ged a tha iad a fàsachadh na talmhuiinn, tha E fathasd a giulain leo; oir cha’n e dòigh dhaoine a dhòigh-san. A rithisd, tha’n fhad-fhulungas so air a nochdadh a mach anns an tagradh shònraicht’ agus shoirbh-eachail aig tròcair ann a bhi tagrdh air son tuilleadh ùine do’n ehraobh neo-thorach; ‘Leig leis air a bhlidiadhna so mar an ceudna.” Tha ar suidheachadh fodh’n t-soisgeul aig gach am do-labhairt sòlaimte—feumaidh e bhi aon chuid ‘n a shoisgeul ar slàinte na ‘n a aobhar air son an tuilleadh dìtidh. Tha bhi neo-thorach fodh mheadhionan nan gràs aig gach am do-labhairt uamhasach—a ghnàth buailteach dha bhi air ar gearradh sios. Ach tha amaibh eudthromach ann an eachdraidh a pheacaich; amaibh anns am bheil Dia a teachd a nuas gu bhi ga fhiosrachadh, a dh’ fhaicinn an urrain E ann am fireantachd a chaomhnadh ni’s fhaide; amaibh agus, na’n bitheadh a shùilean air am fosgladh, b’e cheud amuaint a dh’eireagh fodh chomhair, gu’n do lion e suas a cheana tomhas aingidheadh; amaibh ‘n uair nach gah tuilleadh ùine gu aithreachas a bhi air a faotainn ach le cleachdadh ùr agus neo-àbhaisteachas a bhi air a toirt do’n tròcair neo-ehriochnach a thà gabhail còmhuaidh ann an Dia. Cò aig a tha fios an deachaidh a leithid de dh’am seachad a thaobh neach air choir-eigin ris am bheil mi nis a labhairt, na am bheil am a chaomhnaidh dlùth air a crioch? Sealid, eò’s urrain a rùdh am bheil an conaltradh sòlaimte a tha eadar fireantachd agus tròcair a thaobh euid againn a nis fein a dol air adhart? Nach fhaod firentachd a bhi’g rùdh le guth tàirneanaich gu’m bitheadh am peacach so, na’m peacach sin, a dhiult eho fad ‘n uair a ghairm Dia, a chuir an suarachas air son ùine eho fad ‘n uair a shìn an Tighearn a mach a làmh ann an rabhaidhean agus ann an eronachaidhean, air a ghearradh sios; am feadh agus a tha tròcair a tagradh, mar a thagras tròcair Dhe a mhàin, gu’m bitheadh e, a dh’aindeoin na h-uile ni, air a chaomhnadh air son beagan ùine fathasd? Gu firinneach, ro-flìrinneachd, tha e toilltean a bhi air a ghearradh sios; ach O, tha’n t-anam sin, a tha comasach air a leithid sin de fhulungais do-labhairt na de soibhneas do-labhairt a shealbh-achadh, do-labhairt luachmhòr. ‘S ann eadhon air son a leithid sin de dh’anam a thuair Criosd bàs; agus is e leithid sin is urrain E thearnadh. Leig leis gus an cladhaich mi mu thimchioll; cha’n eil mi fathasd sgìth de’n obair neo-thaingeil so. Tha m’innigh a gluasad air a shon; cha’n eil e toirt fa’n ear ciod a tha e deanaich: bheir mi fathasd ni’s dlùithe dha innntinn agus dha choguis Slànuighear air an d’rinn e dìmeas air son ùine eho fad. Tilgidh mi e ann an àmhuinn àghair; bheir mi air a ghabhail gu eridhe, mar nach d’rinn e riabh, cia eho searbh s’ a tha’n saoghal gun Criosd. Faodaidh gu’m bi e fathasd ‘n a naimhhead ann an erùn Iosa. Ach mar a bi, an deigh sin gearraidh tu sios e.

Gu’n teagamh tha e air a theagasg dhùin gu’m bheil aig amaibh a leithid sin de mheadhonan sònraicht’ air am beannachadh gu bhi leaghas neo-thoraicheas peacach a bha fada neo-thorach. Co dhiubh tha e òg na aosda, tha e dha mar a bha e do mhanaseh mu’m bheil sinn a leughadh gun “dh’rioslaich se e fein gu mòr ‘am fianuis Dhé aithrichean, agus rinn e ùrnuigh ris, agus riuneadh esan reidh ris”; agus an sin tha aoibhneas air neamh, agus anns an eaglais air an talamh, thairis air peacach a deanamh aithreachais; agus air do mhòran a bhi air a mhaitheadh dhà, tha e gràdhachadh gu mòr, am feadh a tha e ‘g iarruidh a bhi’g innseadh do mhùintir eile na rinn Criosd air son anam. Ach mar a bi na meadhonan sin air am beannachadh, an sin, sguiridh tròcair a bhi tagradh, am feadh agus a tha i leantuin fathasd a bhi ‘n a tròcair. Tha tròcair toileach gu’m bitheadh ceartas a faotainn cleachdadh. Cha’n urrain beannachdan na muinntir shaorta bhi air an atharrachadh le fulungasaibh na muinntir chailte. Is ann a mach a bilean beannaichte Chriosd a thig na briathran, “Imichibh uam, a shluagh mallaicht’, dh’ionnsuidh an teine shiorruidh a dh’ullaicheadh da’n diabhul agus da ainglean.”

(To be continued.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice