Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1957 » March 1957 » SEARMONAN VIII

SEARMONAN VIII

“Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair-èigin: ach air teachd do’n àithne, dh’ath-bheòthaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.”—Rom. vii. 9.

Tha gun teagamh an t-Abstol a’ deanamh iomraidh an so air na trì latha agus na trì oidchean cuimhneachail a chaith e ann an Damascus, ‘n uair a bha e air a threòrachadh dall a stigh do’n bhaile an deigh dha’n Tighearn Iosa fhaicinn. Cha robh riamh leithid de dh’atharrachadh glan ann an sealladh, faireachdainn, agus crìoch neach ‘s a ghabh àite ann. Thainig Saul, am Phairiseach uaibhreach, gu bhi ‘n a Shaul an cis-mhaor cridhe-bhristeach. Na nithean a bha ‘n am buannachd dha, thainig e gu bhi ‘g an cunntas ‘n am call air son Chriosd.

Na nithean a chaidh e troimh ‘inntinn is iad na dearbh nithean, ann an suspainn, a tha h-uile neach a tha air a theagasg bho Dhia a’ dol troimhe. Cha’n e gu’m bheil e cho comharaicht’ agus cho soilleir anns na h-uile; cha’n e gu’m bheil tomhas sònraichte de iomaguin na de chùram a dh’fheumas a bhi air a dhol troimhe leis gach peacach a tha ‘g iarraidh an t-Slànuighear, na tha ‘g iarraidh as déidh sìth ri Dia; cha’n e gu’m bheil ùine shònraichte, bitheadh i fada na goirid, a dh’fheumas an t-anam a bhi fo’n ni ris an abrar “obair lagha;” cha’n e nach eil eadardhealachadh oibribh ann an doigh deiligidh an t-Slànuighear; ach ‘se th’ann gu’m bheil beatha, a tha huile duine -ann an staid naduirbeo, as eugmhais an lagha, a dh’fheumas a bhi air a cur as, a dh’fheumas a dhol am muich, na tighinn gu crìch, a chum agus gu’n cuir e fàilte agus gu’n dlùth-ghabh e ri Criosd agus ri shlàinte.

I. Faodaidh, uime sin, na briathran a bhi air an gabhail, an toiseach, mar a’ cur an cèill staid a’ pheacaich gun e bhi air a dhùsgadh agus gun a pheacaidhean a bhi air an dearbhadh air. Tha e “as eugmhais an lagha.”

Tha e gun fhìor eòlas air an lagh.

Dh’fhaodadh gu’m b’aithne dha litir an lagha na b’fheàrr na b’ aithne do Shaul roimh dha bhi air iompachadh. Ach cha’n eil e ‘g gabhail a stigh cho spioradail ‘s a tha lagh Dhè, oir cha’n eil e ‘g gabhail a stigh spioradalachd Fear-tabhairt an Lagha. Cha’n eil e ‘g gabhail a stigh cho ceart agus cho neo-chaochlaideach ‘s a tha’n lagh. Cha’n eil e ‘g gabhail a stigh, anns na nithean sin uile, gur e anns an lagh ach dùblachadh iomhaigh Dhè, agus gur e anns a’ chumhachd leis am bheil e air a sgeadachadh, gu bhi gleidheadh a chòirichean, ach cumhachd an Uile-chumhachdaich. Cha’n eil mi ag ràdh nach e cion an fhìor eòlas so air lagh Dhè a pheacadh; ach, air dha bhi aineòlach air Dia, agus beachdan uamhasach fuasgailte agus mearachdach a bhi aig air cliù Dhè, tha, mar an ceudna, na beachdan ceudna aig air Dia.

Agus cha’n eil e faireachadh cumhachd an lagha.

Agus cha’n eil e a’ faireachdainn cumhachd an lagha, no ‘n chuid an am foillseachadh peacaidh, na ann a bhi ‘g a lionadh le iomaguin a thaobh a pheacaidh. Cha’n eil e a’ deanamh greim air ‘a chogais, mar fhear-easaontais, air a leithid de dhòigh agus nach urrainn e a ghreim a thilgeadh dheth. Cha’n eil a’ choire aig an lagh. Na’n tugadh e dhà an ùmhlachd a bhuineas dha, na’n creideadh e a bhagraidhean le creidimh neo-chaochlaideach, ni-eile, na’m feuchadh e da-rìreadh aithne fhaotainn ciamar a tha e labhairt ris, dh’fhairicheadh e gu luath, a chumhachd. Ach cha’n eil e ‘g iarraidh an eòlais so. Tha e ‘gràdhachadh dorchadais ni’s motha na’n solus a chionn gu’m bheil a ghnìomharan olca.

Uime sin tha e “beò.”

Uime sin tha e “beò.” Tha e slàn agus glan ‘n a shealladh fhèin. Tha e ‘g a smuainteachadh fhèin ‘n a dhuine maith agus fìreanta. Ma dh’aidicheas e gur e peacach a th’ann fhèin, ‘s e aideachadh leis na bilean a mhàin a th’ann; Cha’n eil a chridhe briste am feadh ‘s a tha e ‘g a deanamh; na ma tha e creidsinn ann an tomhas air chor-eigin gu’m bheil feum aig air tròcair, gidheadh tha e smuainteachadh, le còmhnadh Chriosd, gur urrainn dha e fhèin a shaoradh aig am air bith. Mar sin tha e aig fois agus tearuinnte. Cha’n eil tàirneanaich Beinn Shinai a’ cur eagal air. Cha’n eil cionta a bhi diùltadh Slànuighear a chaidh a cheusadh a’ luidhe trom air; na ma bhitheas aig amaibh eagal air a thaobh staid an anama, agus a bhitheas aig amaibh cùram air a thaobh staid an anma, gidheadh cha’n eil so ach mar neul na maidne agus mar an drùchd moch a shiubhlas air falbh. Cha’n eil an leon ach a mhàin anns a’ chraicionn, agus, uime sin, furasda a leigheas; ni rùn math, na ùrnuigh, na obair mhath a dhùnadh suas ‘s an am. Oir is e taobh brònach eile na beatha a tha “beò as eugmhais an lagha,” gur e beatha dòchais mheallta, agus uime sin dòchais dhiomhain, a th’innte. Tha e ‘n dòchas gu’m bi gach ni gu maith dha aig a’ chrìch. Aon chuid tha e smuainteachadh gur e Criosduidh a th’ann, ann an Criosd am feadh ‘s nach eil e ann, agus am feadh ‘s a tha e socrachadh air ni-èigin de chuid fhèin agus le sin a’ diùltadh fìreantachd Chriosd; oir no tha e ‘g altrum dòchais gu’m bi e ann an Criosd mu’m faigh e bàs, ged a ni e dìmeas air Criosd an diugh agus air an t-slàinte mhòir. Tha’n duine làidir a’ gleidheadh a thalla fo armachd, agus tha na bhuineas dha ann an sìth. ‘S e so a’ chùis a thaobh àireamh mhòr fo’n t-soisgeul. Cia uamhasach! Gidheadh, beannaichte gu’n robh Dia, cha’n eil a’ chùis eu-dòchasach. Co bu neo-chreidmheach na Saul bho Tharsus gu’m bitheadh gu bràth a bheachdan agus fhaireachdainnean air an tionndadh mu’n cuairt?

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice