LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TÒISICH, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. 312.)
Bitheadh-mid, uime sin, dìleas da’r n-anamaibh fhèin. Na deiligeadh sinn ris a’ cheisd so mar ni nach buin dhuinn. Iarradh sinn air Dia ar rannsachadh. ‘N am bitheamaid dùrachdach agus dìleas, dh’fhaodadh nach bitheadh e duilich do chuid againn tighinn gu eòlas air gur e craobhan neo-thorach a tha annainn, nach tug riamh a mach ni air bith a chum glòir Dhé, ach a bha beò mar gu’m b’ann leinn fhèin sinn. A mhàin, bu chòir do Chriosduidhean an aire a thoirt nach tigeadh iad gu breith chearr a thaobh an suidheachadh fhèin. Tha e gu maith a bhi fo àghair a thaobh beag toraidh, agus a bhi cùramach gu bhi giùlain mòr thoradh; ach cha’n eil e gu maith a bhi co-dhùnadh gu bheil iad gu h-iomlan neo-thorach. Cha’n eil e ‘g oibreachadh aon chuid a chum iad a ghiùlain toraidh na chum an sìth.
Bithibh cùramach gu bhi faotainn buannachd de fhadfhulangais an Tighearn. Is e iongnadh a th’ann a bhi air ar caomhnadh ann an neo-thoraicheas. Is e iongnadh is motha gu bheil dòchas ann an Iosa do’n mhuinntir neo-thorach. Glanaidh fhuil-san air falbh am peacadh so. Is urrainn a ghràs an cridhe atharrachadh. O bithibh cùramach gu bhi deanamh feum do’n ùine a tha air a bhuileachadh oirbh fathasd gu bhi deanamh aithreachas, air eagal gu’m bi a’ bhinn air a cur an gnìomh, “Gearr sios e.”
Tha mi smuainteachadh na’n deanadh focal Dhè greim air a chogais, gu’m bitheadh ‘nar measg a bhitheadh a’ deanamh a leithid so de chainnt ri’n cridhe; ‘Am bheil e mar so gu’n robh mi riamh a’ fàsachadh na talmhainn, beò, gun mhothachadh air a bhi cunntachail, ann an eas-creidimh, ann an neo-aithreachas, gun ghràdh do’n t-Slànuighear? Ciod e’n sealladh a tha air a chur fodham chomhair anns na chaidh seachad de’m bheatha; agus O, an urrainn dòchas a bhi ann gu’n gabh mo pheacaidhean a bhi air am maitheadh—gu’n gabh mi bhi air mo bheannachadh le mothachadh air maitheanas, agus gu’n gabh mo chridhe gu h-iomlan a bhi air atharrachadh air a leithid de dhòigh agus gu’m faigh mi mo shonas ann an seirbhis agus ann an co-chomunn Chriosd? Seadh, tha fùil Chriosd neo-chrìochnach ann an éifeachd, agus tha gràs uile-chumhachdach. Mar sin bha cuid a bha, tre fheartan agus a ghràis, air an glanadh agus air an naomhachadh, agus air am fìreanachadh, agus a tha nis maille ris. Ach O, glaodhaibh ri Dia air son an Spioraid Naoimh gu bhi deanamh domhain na làraichean sin, air eagal gu’m fàg iad sibh mar a bha sibh a’ fàgail tigh Dhé agus a’ pilltinn a dh’ionnsuidh ‘ur n-àitibh-còmhnuidh, agus a thig sibh a rithisd air ais a dh’ionnsuidh a naomh-ionad-san ni’s cruaidhe na bha sibh riabh.
Dh’iarrainn a bhi deanamh feum de’n chuspair so gu bhi dùsgadh suas na h-òige gu bhi ‘g iarraidh Iosa agus gràs iompachaidh a nis; a chum gu’m bi am beatha ‘n a beatha bheannaichte, agus a chum, ma chaomhnas Dia sibh gu seann aois, gu’m bi sibh a’ giùlan toraidh, a fàs mar phailm-chraoibh, agus le deadh dhòchas glòir Dhè. Tha e mar an ceudna furasda do Dhia an seann chreutair agus an creutair òg iompachadh; ach cho fad’s a tha ar fiosrachadh air a ghabhail a stigh, tha e ni’s furasda dhuibh a nis gràs iompachaidh fhaotainn; agus a nis, ‘s e nis bhur ‘n àm. Thug Dia dhuibh àite ‘n a fhìon-lìos, agus tha E tighinn a dh’iarraidh toraidh; a chum gu’n abair sibh ris “M’Athair, bi thusa a’d fhear-stiùraidh m’òige. ‘S e nis an t-àm gus an Tighearn iarraidh, agus gu bhi ‘g ùrnuigh air son an Spioraid Naoimh.