LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuin bho t.d. 342.)
II.
Tha briathran a chinn-theagaig a cur an ceill, anns an dara h-aite, staid a pheacaich a tha fodh dhearbhadh, na an t-atharr-achadh beachd agus faireachadh a tha air an toirt air adhart le teachd na h-aithne, ‘s e sin, le co-chur an lagha ris a choguis.
Is e so obair an Spioraid Naoimh. Is ann ‘n a làmhan-san a mhàin is urrainn firinn an tuigse a shoillseachadh, na gu h-eifeachdach a choguis chadalach a dhùsgadh, agus dearbh-shoilleir-eachd a thoirt dhith. “An uair a thig esan, bheir e dearbh-shoilleir-eachd do’n t-saoghal mu pheacadh, agus mu fhireantachd, agus mu bhreitheanas.” Tha e’g oibreachadh an toiseach mar Spiorad na daorsa; an sin mar Spiorad na h-uchdmhachdachd. ‘S e th’ann an teachd na h-aithne, uime sin, ach foillseachadh do’n a pheacach air fior nàdur lagh naomh Dhé, ‘n a spioradalachd, ‘n a fhior-ghloine, agus ‘n a cheartas, a labhairt ris mar fhear-easaontais; agus a bhi toirt a chuimhne agus a choguis fodh chumhachd ùghdarrais-san ann a bhi’g àithne agus a dlteadh, air a leithid de dhòigh, agus gu’m bheil na beachdan mearachdach agus eas-urramach a bh’aig air, air an toirt air falbh, agus nach urrainn e a chur air falbh, na teicheadh bh’uath ni’s motha. Agus tha’n dà ni so anns an lagh, a tha toirt dhà a chumhachd, agus, ‘n uair a ghabhas am peacach a stigh iad, tha iad ga cho-èigneachadh gu bhi’g aideachadh a chumhachd. Tha’n toiseach, agartas air ùmhlachd iomlan—ùmhlachd gun smal, iomlan, mhaireannach—ùmhlachd an duine gu h-iomlan, air a leithid de dhòigh agus nach urrainn e ni’s lugha agradh na gabhail leis ni’s lugha. ‘S e so firinn, agus tha e’n a aobhar eagail, nach do dh’fhoghllum cuid de luchd-aideachaidh air diadhachd riamh i. Ach, is cinnteach nach gabh fior nàdur a pheacaidh, mar bhriseadh an lagha, bhi air fhoghllum as eugmhais. Tha, a rithisd, a chòir gu bhi dìteadh gu bàs, gu a mhallachd uamhasach a sheirm an aghaidh a pheacaich—”Is mallaichte gach neach nach buananaich anns na h-uile nithean a tha sgrìobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh”; air a leithid de dhòigh ‘s gu’m bheil am peacach fodh a dhiteadh, agus “tha fearg Dhé a gabhail còmhnuidh air.”
‘N uair a thig an àithne mar so, ‘s e’n toradh gu’m bheil am peacadh ag ath-bheothachadh. Tha casaid de chionta air a cur anns a choguis, a tha nis ag innse do’n a pheacach, gur e h-ann fear-brisidh lagh an Dé mhòir sin a tha ‘n a theine dian-loisgeach; gu’m bheil e ‘n a fhear-easaontais bho’n a bhroinn; gu’m bheil a ghnothuch ri ceartas; agus gu’m bheil ceartas ga thoirt a stigh ciontach. Tha choguis a cur Dhé fodh chomhair mar Chuspair a tha faisg air laimh. Tha i ‘g innse dhà cha’n ann ann cogur, ach le guth tàirneanach, gu’m bheil aobhar eagail aige bho fheirg an Dé bheo, an Dia sin maille ris nach urrainn olc còmhnuidh a ghabhail, gu’m bheil e fodh aobhar eagail na feirge sin air son peacaidh; air son peacaidhean a tha gu’n àireamh mar ghaineamh na tràighe, peacaidhean a tha mar scàrlaid agus mar chorcuir; gu’m bheil aobhar eagail na feirge so a thaobh a dhìmeas air Dia, a cheannairc ‘n a aghaidh, a dhiùltadh air a Mhac, a chathachadh an aghaidh an Spioraid. O nis! ciod a ni e? C’ait an teid e bho a Spiorad, na c’ait an teich e bho a ghnùis?
Tha foillseachadh air peacadh ann. Roimhe sin, bha am peacadh gu h-uile am folach a thaobh a fhior chliù agus a mheudachd. Ach a nis, ‘n uair a tha choguis air a dùsgadh suas, tha peacaidhean a bha fada air an adhacadh ag èirigh suas as ùr ‘n a shealladh, mar a tha iad fathasd gun a maitheadh agus gun chùntas a dheanamh air an son—peacaidhean a leanabachd, nach robh ach aotrom ‘n a smuaint air dhà bhi ga’n gnìomhachadh, agus peacaidhean nam bliadhnaidhean an deigh dha fas suas. Tha againn soilleireachadh comharraichte air obair ‘n a coguis a thaobh so, ann an cuis bràithrean Joseph ‘n uair a bha iad ‘s a phriosan. “Agus thubhairt iad ri chèile, Tha sinn gu deimhin ciontach a thaobh ar bràthar, do bhrigh gu’m faca sinn cràdh anama, ‘n uair a ghuidh e oirrn, agus nach d’èisd sinn ris: uime sin thainig an airc so oirnn.” Agus a nis, ‘n uair a theid solus naomhachd an lagha a stigh do chridhe dorcha, tha’m peacadh air fhoillseachadh far an robh e roimhe ‘n a luidhe am foluch. Cha’n e taobh a mach sgiambach, cha’n e coltas maitheas, a riaraicheas an lagh. Tha solus na firinn a nis air a thilgeadh air a bheatha a chaidh seachad. Tha’n comhadach air a thoirt bhar a chridhe bhreugach, chealgach. Tha gach ni air fhaicinn ann an solus nuadh. Tha gach ni air fheuchainn ann am meigh-chothrom nuadh, meigh-chothrom an ionaid naoimh. A gabhail seallaidh air anns an t-solus sin, tha bheatha uile a chaidh seachad air a faicinn a bhi gun Dia, agus, uime sin, a bhi ‘n a peacadh. Air am feuchainn anns a mheigh-chothrom sin, tha ghniomharan is fearr air am faotainn easbhuidheach, tha oibrbh is fearr air am faotainn a bhi ‘n an oibrbh marbh, dhe’m bheil fàileadh truaillidheachd na h-uidhe. Agus am bheil ni air bith is urrainn e thoirt air adhart gu bhi cur bacadh air ceartas? Am bheil lethsgeul air bith ri thoirt seachad gu bhi beagachadh a chiont? Na am bheil ni air bith air an urrainn a shùil fhaotainn fois a ghabhail le tomhas de thlachd? Cha’n eil. Tha’n ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann. Bho bhonn na coise gu ruig an ceann cha’n eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhta; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad.” Tha’n tuigse ‘n a dorchadas, tha choguis air a truailleadh, tha’n cridhe olc, “neo-ghlan, neo-ghlan,” is e so a ghlaodh.
(R’a leantuin.)