(Air a leantuinn Vol. LXI., bho t.d. 373.)
Tha dearbh oidheirp a bhi glanadh a chridhe agus a bhi eur fodh cheannsal a chuid aingidheadh, ag aobhrachadh a bhi foillseachadh ni’s motha neart nan slabhruidhean leis am bheil e air a chumail leis a pheacadh. Oir tha cumhachd a pheacaidh a nis air fhoillseachadh’n a dhol an aghaidh an lagha. Roimhe sin, luidh am peacadh, ann an tomhas, gu samhach. Cha robh ni air bith gu dragh a chur air am f adh a luidh e am folach ann an seomraichibh dorchá na iomhaigheadh, cha robh ni ann gu bhi dùsgadh agus a gairm a mach a phùinnsean aige. Fodh chomhadach a mhealltaireachd, du’ fhaodadh am peaceach, le taobh a mach sgiamaich, a dhol air adhart gu’n bhacadh anns an t-slighe leathainn, ag ràdh, “Sith, sith,” agus gu’n sìth ann. Ach a nis, tha lagh Dhé a bha tighinn a stigh, gun a bhi air iarruidh leis a pheacach, a co-eìgheachadh a pheacaidh gu e fein fhoillseachadh, agus fhoir chliù a dheanamh aithnichte. Is a ghlaodh, “An d’thuair thu mi, O mo namhaid.” Tha dearbh neart na callaid a tha choguis a nis a togail, eh’n ann a mhàin an aghaidh peacadh foilleasach, ach an aghaidh peacadh cridhe, ag aobhrachadh a bhi foillseachadh neart a pheacaidh nis motha. Tha e toirt dùbhlan do gach callaid dhiubh so; Feumaidh e bhi ann am frionas agus a bhi faotainn dol a mach. Tha gach uamhar agus naimhdeas follaichte a tha anns a chridhe air an dùsgadh an aghaidh an lagha sin nach riaraich ach a chòir, nach gabh ri cùmhnant, nach nochd àmas iar bith air son anmhuinn achd na feola, a tha’g agairt làn-riarachadh agus nach urrain gabhail leis ni’s lugha, a tha gairm air son isleachadh àrdachadh an duine, agus a bhi leagadh sios a shealladh uaibhreach, chùm agus gu’n gabhadh e’m fior àite a bhuineas dha—àite a chiontaich a pheacaich gun aobhar, agus a tha toilltinn a bhùis. Mar sin cha’n eil e ainearmh a tachairt gu’m bi creutairean anns an t-suidheachadh inntinn so air am pianadh aig amaibh 1 smuaintibh ro-uamhasach mu Dhia, agus mu nithibh Dhé. Agus tha iad ull amh a bhi co-dhùnadh, mar a tha’m ni’s miosa agus ni’s miosa dha’n taobh; agus tha iad a tighinn a dh’ionnsuidh bruaich eu-dòchais. ‘S e so fulnugasaibh spiorad leointe; agus so, co’s urrain a ghiùlain? ‘S e buaidh an fhoillseachaidh air peacadh tre’n àithne, gu’m bheil esun a bha uair-eigin beo, a nis air faotainn a bhùis. Cha’n urrain e eulare air fein ni’s fhaide mar eireutair fireanta; oir thuair e mach gu’m bheil e neo-flhireanta agus mì-naomh. Cha’n urrain se e fein ni’s fhaide a mholadh ‘n a shuilibh fein; oir thuair e mach gu’n robh e riamh fodh chumhachd ceilg eridhe. Cha’n urrain e ni’s fhaid bhi faireachadh socair, ni mothà is urrain e bhi’g iarruidh fuasglaidh ann a bhi di-chuimhneachadh a thruagh, am feadh ‘s a tha saighdean Dhè an taobh a stigh dheth, agus a tha leon a ruith. Cha’n urrain e ni’s fhaide a bhi’g altrum an dòchais a bha e roimhe ag altrum, oir tha na dideannan brèig’ air an sguababh air falbh. Cha’n urraine leum air sìth na combfhurtaichd an dòigh air chor-eigin; oir tha oir tha e faireachadh gu’m bheil e togail air son na siorruidheachd, agus nach eil ach aon dòchas a sheasas an deuchainn theinnteach. Ni mothà is urrain e sìth fhaotainn eadhon bho’n Fhocal gus an co-chuir Dia fein e.
Faodaidh e bhi da-rìreadh nach ann gun chòmhrag gheur a tha e mar so air a thoirt gu stol-chois Iehobhah. Faodaidh nach bi gus an deigh dha bhi cleachdadh gach mendhon air an smuainticheadh e gu bhi cumail taic ri dhòchas diomhain; an toiseach, ag iarruidh a bhi taiceachadh air ath-leasachadh bho’n leth a muigh, an sin, air a dhìchioll agus air a dhùrachd ann a bhi’g iarruidh slàinte, an sin, air aithreachas neo- threibhidhearach fein, mar gu’m b’urrain se e fein a dheanamh iomchuidh air son trocair; gus an trèig gach cobhair e. Agus an sin rachadh e da-rìreadh fodh ann an eu-dòchas; ach, am feadh a tha e ullamh gu luidh sios ‘n a eu-dòchas, agus am feadh a bhìtheas guth a bhuaireadair a cograsaich, “Cha’n eil dòchas ann,” tha Esan a thainig a “shireadh agus a thearnadh an ni sin a bha caillte,” an Samartitanach maith, a gabhail seachad; agus tha aimsir ‘n a h-aimsir gràidh. Tha E tilgidh a thrusgainn thairis; tha E ‘g a fhoillseachadh fein troimh’n fhirinn mar Shlànughear an ni sin a bha caillte, Fear-urras a chiontaich, anns an d’thuair an lagh an ràsachadh a bha e’g iarruidh, agus troimh’n robh e air àrdachadh, an Ti a tha fhuil comasach air glanadh, agus fhireantachd comasach air còmhdach, agus a tha ghràs ag ùrachadh agus a naombachadh. Agus a nis tha so do’n anam mar bheatha bho na mairbh.
Ann a bhi’g oidheirpachadh a bhi co-chur teagasg a chinn-theangaig, bitheadh e gu ceart air a thuigsinn. Cha’n eil sinn a cumail a mach gu’m bheil nì air bith maith gu spioradail anns a pheacach gus am bheil e air aonadh ris an t-Slànughear. Cha’n eil sinn a cumail a mach nach e a cheud dhleasdanas a bhil creidsinn ann an Criosd, na nach e eas-creidimh a pheacadh—seadh am priomb pheacadh a tha ri chunntas. Cha’n eil sinn ag ràdh nach fhaod an Tighearn, an Spiorad, a chridh fhosgladh mar a dh’fhosguil E cridhe Lidia, agus deiligeadh ris ar a leithid de dhòigh agus gu’m bi firinn a staid chaillte ann fein, agus firinn slainte dha ann an Criosd, air gabhail riutha, leis as dèih a chèile, air chor agus ma’m bgitheadh mothachadh aig air, gu’m bitheadh mothachadh domhain air ciont agus truaigh a toirt àite do aoibhneas cridhe tre bhifaotainn Slànughear. Cha dàna leinn crioichaibh a chur roimh Dhia. Ni mothà tha tinn a di-chuimbneachadh gu’m bheil iad a tha air an naombachadh eadh bho’n a bhroinn, na tha air tarruig ann an tüs am beatha ga ionnsuidh-san a tha’g ràdh, “Iadsan aig am bheil gràdhu dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.” Ach ‘s e tha sinn ag ràdh, ann an dearbh nàdur na’n nithean so, nach urrain am peacach Criosd a ghabhail mar a h-aithne bha e fein a bhi ‘n a pheacach ann an seadh sòlaimte nan Sgriobturan a thaobh na cuis sin; agus gur e dreuchd an Spioraid Naoimh, ann a bhi treorachadh an anam gu Criosd, an dearbh-bheachd so oibreachadh. Cha’n e cheisd, uim sin, A’ deachaidh sinn troimh ‘n a faireachaidhean domain so ‘n ar ‘n inntinn Ach an robh sinn air ar treorachd a mach asainn fein gu Criosd Tha ar beachdanà ndurra air peachadh uile gu leir mearachdach agus neo-iomlan. An d’thuair sinn so a mach? Tha sinn a thaobh nàduir a crochadh ri ni-èigin dhe ar cuid fein; an d’thuair sinn so a mach? Tha sinn ‘n ar coigrieh a thaobh nàduir do oleas a chridhe: an d’thuair sinn eolas air so? Faodaidh sinn a bhi’g aideachadh air mhodh nàdurra a bhi creidsinn ann an ard-naechdaranachd gràs Dhé ann an tearnadh pheacach; ach ‘s e so uile e; an d’thuair sinn eolas faireachail air an teagasg shòllaimte so? An d’thuair sinn sinn fein caillte, agus mar chreutairean caillte, an d’thainig sinn a dh’ionnsuidh an t-Slànughear?
Am bheil iad ann, uime sin, a tha ‘n an tur choigrieh de leithidibh sin de chleachdaidhean anama, nachd eil eadhon gu sòlaimte a rannsachadh a stigh do bhunait an dòchais air son na siorruidheachd; a thuair e furasda a bhi deanamh greim, agus a tha faotainn furasda a bhi cumail, sìth coguis; nachd d’amaire riabh air lagh naomha Dhé anns an aodann, nach do leugh riabh an dìreadh fein ann, nach d’thuair fuasgladh riabh anns an fhìreantachd sin a thug sàsachadh siorruidh dha; a tha’n an luidh air an deasgainean? O! ciod e’m feum a th’air gu’n tigeadh an àithne dha’n ionnsuidh a chùm am peacadh a dhùsgadh suas, ma’s dùisg am peacadh suas ‘n nach bi fuil ann gu bhi ciùnachadh na coguis chiontaich, agus nach bi gràs bi gràs ann gu bhi’g atharrachadh a chridhe.
Am bheil iad ann ris am bheil an Spiorad a strì, a dhu’ ionnsuidh an coguisean am bheil an lagh naomh da-rìreadh air teachd, a tha faireachadh mi-shuaimhneach, gle mhi-shuaimhneach, fodh thòiseachadh mothachadh air peachadh, agus air am bheil eagal gu’m mothaich iad tuilleadh dheth, air eagal, mar a tha iadsan a smuainteachadh, gu’m bitheadh an sìth uile gu bràth air a toirt air falbh? O! bitheadh iad air am faiceal. Tha buaireadair dripeil ann, a dh’iarradh i ad a ròghnachadh dorchadais ni’s motha na’n solus, a tha ullamh gu bhi leigheas an lot gu faoin.
Na, am bheil iad ann an so, a bha air an leon na bu doimhne, an aghaidh am bheil uamhasan Dhé ga’n cur fein ann an òrdugh, agus a tha air an toirt gu bhi seilheachadh peacaidhean an òig, ach uach robh air an treorachadh le’n eallach gu Uan Dhé? O! bitheadh iadsan mar an ceudna air am faiceal bho bhi cromadh fodh an eallach, mar gu’m b’e bh-ann a mothachadh air peacadh ach ni bha ga’n deanamh freagarach air son toòcair. Bitheadh iadsan mar an ceudna air am faiceal bho innleachdan an diabhuil. O! teicheadh iad a chùm Iosa.
Am bheil neach an so a tha ullamh gu ràdh, “Mo thruaigh mi, ciod a nì mi? Bha dùil agam aon uair gu’n robh mi air an t-slighe gu neamh, ach a nis, tha mi faotainn gu’n robh mi riamh air an t-slighe leathain. Bha mi aon uair a smuannteachadh gu’m bu’urrain dhomh mòran a dheanamh ann an cùis tearnaidh m’anama; gu’n tuiginn am Biobull ‘n uair a shocraichinn m’inntinn gu suidhichte air; gu’m b’urrain dhomb mo chridhe a ghlanadh; gu’m b’urrain dhomb faire agus ùrnuigh, agus mo chridhe a ghleidheadh mar an ceudna. Ach a nis tha mi faotainn bheil mi ciontach agus caillte, agus salach. Tha mo pheacaidhean mar eallach tròm, tuilleadh ‘us tròm air mo shon-sa ga’n giùlain—thairis orra uile, peacadh diùltaidh Slanuighear. Ach gidheadh tha mo chridhe cho cruaidh agus gu’m bheil e diùltadh a bhi leaghadh. Tha mi cho ceangailte le slabhruidh a pheacaidh, agus na’m bitheadh neamh ri bhi air a chosnadh le aon ùrnuigh fhior-ghlan, bhithinn gu siorruidh a muigh. Bithidh mi feuchainn ri bhi’g ùrnuigh, ach cha’n urrain dhomh urnuigh a dheanamh. Tha mi feuchainn ri leughadh agus ri eisdeachd; ach cha’n eil solus dhomh ann an leabhar beannaicht’ na beatha; tha e tuiteam orm mar an t-uisg air a charraig. Agus tha ùine a cabhagachadh air adhart, agus an t-siorruidheachd dlùth. O! ciod a ni mi? Ciod a ni thu anam bhochd? Nach eil iocshlainte ann an Gilead? Nach eil Leigh ann an sin? Am bheil dòchas ann an Israel son o leithid de shuidheachadh ‘s a tha agad-sa? Tha, ciod a ni thu ach thu fein thilgeadh, mar chreutair caillte, aig cosaibh Iosa, ag ràdh, “Ma bhasaicheas mi, basaichidh mi.” Na dean dail ann a bhi cur t-aghaidh air. Na toir eas-urram dha ghràs, na cuir teagamh ‘n a chumhachd na ‘n a ghràdh. Ciod e’n t-slainte tha thu cur feum air? An e slainte shian, slante a tha glorachadh Dhé, agus freagarach do leud agus do dh’fhaid do thrioblaid, agus do uile dhoimhneachd do chiont agus do thruaigh? Tha i ri chi air a factainn Ann-san. An e slàinte shaor? Tha i ri bhi air a faotainn Ann-san. Tha E “cumhachdach gu tearnadh;” agus thaining E “Cha’n ann a ghairm na’m firean, ach na’m peacach gu aithreachas.”
(R’a leantuinn.)