LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
SEARMON IX.
“Oir a ta mise tre’n lagh marbh do’n lagh, chùm gu’m bithinn beo do Dhia.” Gal. ii. 19. Faodaidd na briathran so bhi air beachdachadh orra mar bhriathran a tha nochdadh a mach ni’s fhaide an obhair inntinn, na an t-athar-rachadh, a tha air a chur an ceill anns an earrann a bu cheann-teagaig dhuiinn anns an t-searmon chaidh air thoiseach air an aon so.
1. Ann a bhi feorach, an toiseach, ciod a tha air a chiallachadh le “bhi marbh do’n lagh,” thugadh-mid an aire nach eil e air a chiallachadh gu sònraicht’, ’s ni’s lugha ’n a sin a mbàin mu lagh na’n deas-ghnàthaibh, ach gu’r ann gu h-àraidh mu lagh na modhanan a tha’n t-Abstol a labhairt an so; an lagh sin mu’m bheil Maois a labhairt mu fhireantachd mar so, “An duine a ni na nithean sin, gu’m bie e beo leo,” lagh na’n oibríbh, na an lagh ‘n a chumadh cùmhnant.
Tha e na nì ro-riatanach gu’m bitheadh an t-eader-dhealachadh air a thuigsinn eadar an lagh mar chùmhnant agus an lagh mar riaghailt ùmhlachd. Thainig an lagh gu bhi gabhail cumadh cùmhnant mar thoradh air riaghladh àrduachdaranail Dhè; ach buinidh e gu do-sheachaint’ do’n lagh, bho nàdur Dhè, agus bho nàdur a chreutairean reusante, gu’m bitheadh e anns ‘n a h-uile suidheachadh ceangailte mar riaghailt ùmhlachd. Bha’n lagh, mar ch mhnant, mar a bha e’n toiseach air a thoirt seachad, a gealltuin beatha do Adhamh air chumha ùmhlachd iomlan, agus a bagradh bàis mar pheanas air easùmhlachd. Agus a nis tha e toirt breith air a pheacach mar pheacach a chùm peanais. Tha’n lagh mar riaghailt a eur fodh chùmhair a pheacaich mar bu chòr dha ìmeachd, cha’n ann a chùm bitheadh beatha aig, ach a chùm gu’nglòraicheadh e Dia. Tha e air a shaoradh bh’uaith mar chùmhnant; ach cha’n urrain e bhi air a shaoradh bh’uaith mar riaghailt. ‘S e a shonas agus a shochair a bhi fodha mar lagh Chriosd.
Tha bhi “marbh do’n lagh” a ciallachadh dà nì.
(1) Saorsa bho ùghdarras a tha dìteadh.
Tha’n peacach a thaobh nàduir fodh a mhallachd uamhasaich: “Oir a mheud ‘s a ta do oibrigh an lagha, tha iad fodl’n mhallachadh: oir a tae sgrìobhta, is mallachd’ gach neach nach buainnaish anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann an leabhar an lagha chùm an deanamh.” Tha a mhallachd so a luidh air, agus ga cheangl thairis gu bhi, ‘n a lànachd, a fulung a pheanas, mar a saor Fear-tabhairt an Lagha bh’uaith e; oir is e a mhallaichd so a tha toirt buaidh, agus a bheir buaidh, ann am peanas na blitheas caillte tre’n t-siorruidheachd. Agus eo’s urrain innse eiod a tha’n corruich Dhe? Co’s urrain innse eiod a th’ann a bhi fulung “dioghaltas teine siorruidh.” Tha bhi “marbh do’n lagh,” uime sin, a gabhail a stigh saorsa, làn agus shiorruidh, bho mhallachd an lagha. Is e so sochair a chreidmhich tre aonadh ri Chriosd, am Fear-urrais; oir “shaor Chriosd sinne a mhallachadh an lagha, air dha bhi air a dheanamh ‘na mhallachadh air r son;” agus, uime sin, “Cha’n eil a nis a nis dìteadh sam bith do’n dream sin a tha ann Iosa Chriosd;” agus tha làn ùghdarras aca a ràdh, “Co a chuireas eoire sam bith a leth daoine taghta Dhè? Is e Dia a dh’fhìrcanaicheas. Co a dhìteas? Is e Chriosd a thuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’eirich a ris, agus a ta air deas laimh Dhè, neach a ta mar an ceudna adeanmh eadar-ghuidhe air ar son-ne,” Feumaidh an aire bhi air a thoirt dha mar an ceudna, gu’m bheil an creidmheach air a shaoradh bho ùghdarras reachdail an lagha mar chùmhnant: ‘s e sin, am feadh agus a tha e fodha mar riaghailt, am feadh agus a tha e fodh fhiachaibh neo-chaochluidheach gu bhi gràdhachadh Dhè le uile chridhe, agus le uile anam, agus le uile neart, agus le uile inninn; agus am feadh agus a tha e air caralachadh gu bhi iomlan mar a tha Athair a ta air neamh iomlan, gidheadh cha’n eil ùmhlachd iomlan ni’s fhaide air iarruidh air mar chumha beatha. Thuair e cheans còir air beatha anns an fhìrenatachd iomlan agus neo-chriochnach eifeachdach sin a dh’ardaich an lagh—còir a bhitheas air a h-aideachadh aig an latha mhòr. Agus a nis tha dhaigh ris an lagh air atharrachadh tre a chòir ann am fireantachd an Fhir-urras. Tha e marbh dha mar chùmhnant, a bhitheas e beo, agus a chuireas e mach a chumhachd tre’n t-siorruidheachd, gidheadh dhà-san tha e marbh. A nis e so sochair choichionn nan creidmheach—araon sochair nan uile dhiubh, a mhuinntir a tha lag ann an creidimh agus a mhuinntir a tha làidir, an naoidhean agus an duine iomlan; cha’n eil eadar-dhealaichd ann. Agus anns an tomhas anns an gabh iad a stigh e mar an sochair, sguiridh iad do eagal a bhi aca roimh’n lagh mar chùmhnant; bithidh iad air an togail os ceann creidimh tràilleil ‘n uair is urrain iad a ràdh, “Is e Criosd a thuair bàs.”
(2) Tha bhi “marbh do’n lagh” anns an dara àite a ciallachadh toirt suas sùil ri beatha bh’uaith, na bhi’g amharc ris air son beatha.
Aon uair bha e tur eadar-dhealaicht’ ri sin. Is e aon de na dòighean neonach anns am bheil diomhaireachd na h-aindiadhachd anns a chridhe cealgach air fein, am feadh agus a tha’m peacach ‘n a luidhe fodh mhallaichd an lagha, agus a tha e gu moralta eu-comasach air fior ùmhlachd a thoirt dhà, gidheadh ‘s ann dha ionnsuidh a tha mhiann, tha e’g amharc ris air son, dion agus beatha—’s e sin, tha e’g earbsa ann an ni-eigin dhe chuid fein ann an cruth ùmhlachd, a ròghainn air a bhi’g earbsa ann an Criosd. Ach thrèig an creidmheach ann an Iosa gach uile bhonn dòchais dhiubh sin, agus rinn e ffreantachd an Fhir-shaoraidh mar aon dhìdean. Cha’n abair mi nach bi e faireachadh oibreachadh na fein-fhìreantachd agus an uamhair—ni-h-eadh, nach e so priomh earrann corp a pheacaidh agus a bhàis fodh’m bheil e’g osnaich, agus ris am feum e bhi cathachadh gu latha a bhàis; ach tha mi ag ràdh, a thaobh gach buaireachd a chuireas am prionnsabal mallaichte so fodh chomhair, agus Sàtan a labhairt troimhe, gu’m freagair a nàdur nuadh, “N’r leigheadh Dia gu’n deanain-sa uaill, ach ann an crann-ceusaidh ar Tighearn Iosa Criosd, tre’m bheil an saoghal air a cheusadh dhomb-sa agus mise do’n t-saoghal.” Ann an gnòthuch mi bhi air gabhail rium le Dia, tha mi tilgeadh gach ni bh’uam, chùm agus gu’m bithinn air m’fhaotainn ann Criosd. Agus mar is mothà bhitheas adhartas ann an naomhachd, agus mar is farsaing a bheachdean air luachmhoraichd obhair n Spioraid ann an naomhachadh an anama, ‘s ann a is mothà theid e stigh ann am faireachadh Phoil. “Seadh gun amharus, argus tha mi a meas nan uile nithean nan call, air son ro-oidheirceis eolais Iosa Criosd, mo Thighearna; air son an d’ fhuiling mi call nan uile nithean, agus that mi a meas gur aolach iad chum gun coisnean Criosd, agus gu faighear ann-san mi.” Nis, bithidh e coltach gur e am mothachadh so a “bhi marbh do’n lagh” a bh’aig an Abstol gu sònraicht’ ‘s an amharc an so.
(R’a leantuin.)