Air a leantuinn bho t.d. 57.
II. Mothaichear gu’m bheil eadar-dhealachadh soilleir agus farsaing eadar an dà nì a dh’ainmich sinn a tha air an gabhail a stigh le bhi marbh do’n lagh.
Tha gu dearbh ceangal do-sgaraichte eatorra, mar e tha sinn gu bhi beachdachadh orra, ach tha iad gu eùramach ri bhi air an dealachadh. Tha aon a gabhail a stigh an greim a th’aig an lagh naomh agus flùreanta air a pheacach, agus a bhi leigeadh as a ghreim sin a mhàin ann an slighe na fireantacht; an aon eil a gabhail a stigh an greimeachadh a th’aig a pheacach gu nàdurrà ris an lagh, agus a bhi leigeadh as a ghreim air, na a sgur a bhi’g amharc ris air son beatha. Le bhi cumail nan eadar-dhealaichidhean sin ‘s an t-sealladh, bithidh sinn air ‘ur deanamh comasach a bhi tuigsinn eiod e’n seadh anns am bheil an creidmheach tre’n lagh air tighinn gu bhi marbh do’n lagh. A thaobh a cheud ni—saorsa bho ùmhlachd do’n lagh mar a tha e mar chùmhnant—tha e soilleir nach ann tre’n lagh a tha so air a thoirt mu’n cuairt ach tre’n t-soisgeul, “ministeir ionlan Chriosd mar F’hear-urras, agus a toirt do’n pheacach còir a bhi aig ann tre chreidimh. Tha obair an lagha eriochnaichte ‘n uair a tha e toirt a pheacach a stigh ciontaich. Cha’n eil sgeul aige ri ìnse mu thròcair agus mu mhaitheanas.
Ach a thaobh an dara nì, ‘s e sin, a bhi’g amharc ris an lagh air son beatha, ‘s ann tre’n lagh a tha so air a thoirt mu’n cuairt. Tha obair chudthromach aig an lagh ri dheanamh, as eugmhais nach bi bàs do’n lagh, ann an dà sheadh an nì sin, air a choimhlonadh. Tha aig ri dòchas meallta a mharbhadh, agus cu-dòchas neach a bhi air a shaoradh tre’n lagh, a thoirt mu’n cuairt. Dh’fheuch sinn, anns an t-searmon a chaidh air thoiseach, a mhìneachadh, cia mar, ann an làmhan an Spioraid Naoimh, a tha e toirt mu’n cuairt an toraidh so; cia mar, tro fhoillseachadh spioradalachd agus fior-ghlaine an lagha, leud agus fad iarratasan agus a pheanasai bh uamhasach, agus a neo-chaochluidheachd, a tha deanamh greim air a pheacach mar chiontaich, agus a bheir e dearbh-shoilleireachd dha thaobh iomlanaichd a pheacaidh; gus an tig am peacadh mar sin gu bhi’g ath-bheaothachadh, agus a bàsachadh. Agus ciod e’n toradh tròcaireach a tha’n so, mar a bi, as eugmhais so, luach air a chur air an t-Slànughear. Cha’n eil an lagh a comharrachadh a mach do’n pheacach an t-ullachadh; ach tha e’g radh ris, “Ma tha thu’g iarruidh beatha, cha’n ann an so a gheibh thu i,” agus tha e ‘g a fluadaich a mach as a dhìdeanan brèige, anns am bàsaicheadh e mar a deanta so. Agus ciod e’n obair thròcaireach a tha’n so! gu h-àraidh ‘n uair a bheir sinn fa’near gur e th’anns an lagh ach òglaich an t-soisgeil ghlormhòr na sìth, agus na saorsa, agus an aoibhneis; agus gu’m bheil an soisgeul ‘n a sheasamh, mar gu’m b’eadh, gu bhi comharrachadh do’n pheacach a tha air a ruagadh leis an lagh, Esan is e “erioch an lagh chum fireantachd do gach neach a chreideas.” Mar sin tha sinn a foghlum gu’m feum an lagh agus an soisgeul a bhi air an searmonachadh ‘n an co-cheangal ri aon a cheile. Oir is e aineolas, na smuaintean mi-urrach a thaobh Dhè, a tha treorachadh a pheacaich gu muinghin air bith a bhi aig anns an fleoil; agus is e teagasg a chreidimh a mhàin a dhaingniechas an lagh. Tha sinn a foghlum mar an ceudna gu’m bheil am peacach a peacachadh gu h-antromaicht ‘n aghaidh anama fein ‘n uair a philleas e air falbh uath, na dhiùltas e colas peacaidh tre’n lagh. ‘S e sin ionnan ‘s a bhi’g ràdh nach gabh e ri tearnadh, agus nach teich e bho mhallachdan an lagha. Cia lion iad a tha mar so a peacachadh an aghaidh an anama fein, a tha dhiùltadh an ioraslaichadh a dh’fheumas a bhi ann, agus am pian dh’fhaodas a bhi’n a lorg, ach a tha da-rìreadh ‘n a eolas fallain dhoibh fein, as eugmhais am bi uile ghràs an t-soisgeil gun a bhi air aithneachadh, agus gun a bhi air fhaireachadh leo.
III. Ach tha mi dol air adhart, anns an treas àite, gu bhi toirt fa’near an ceangal a tha eadar “a bhi marbh do’n lagh” agus “a bhi beo do Dhia.”
Ged a tha creidmhich gu h-iomlan agus gu siorruidh air an saoradh bho dhìteadh, gidheadh cha’n eil iad gun lagh do Dhia. Cha’n eil còirichean fireantachd agus naomhachd a fulung tre iad a bhi air an saoradh bho’n lagh mar chùmhnant. Cha’n eil gràs Dhé a treorachadh gu maenùs. Faodaidh daoine a chàineadh mar is àill leo: faodaidh daoine iognadh a bhi orra a thaobh na eainnt nach urrain naomhachd a bhi ann, nach urrain neach a bhi beo do Dhia, gus am bi neach marbh do’n lagh; ach ‘s ann mar sin a tha chùis. Ch’n urrain naomhachd a bhi ann gus am bi neach “marbh do’n lagh;” oir tha mhallachd ‘na luidh air a phearsa; agus an urrain an t-seirbhís a bhi air gabhair rithe? Cha’n urrain neach a bhi beo do Dhia: oir tha mhallachd uamhasach so a dùnadh a mach gach uile bhuaidh neamhaidh bho’n anam; tha na neamhan os a chionn mar iarunn agus an t-àdhar mar umha; cha’n eil ni dhe’n drùchd neamhaidh a tighinn a nuas air a chridhe neo-bheannaichte. Faodaidh, da-rìreadh, gu’m bi coltas naomhachd ann. Faodaidh gu’m bi ùmhlachd ann a tha’g eirigh bho eagal tràilleil. Ciod nach dean peacach fodh fhàsgadh coguis chiontaich? Cuartaichidh e muir agus tìr, traisgidh e, agus oibreichidh e, agus ni e saothair, agus dealaichidh e ris na h-uile ni; ach aon ni chì dean e, ‘s e sin, tighinn mar pheacach caillte a dh’ ionnsuidh an t-Slànughear. Faodaidh gu’m bi ùmhlachd an dòchais fheineil—dòchas a bhi ceannach ceartais, a taiseachadh eridhe Dhé gu bhi gabhail truas, a bhi ga mholadh fein do dheadh-ghean Dhé. Ach ‘s e sin uile. Cha bhi aon dol a mach firinneach anns a chridhe an dèigh Dhé. Ciont, feumhaidh i bhi air a glanadh air falbh, agus prionnsabal na beatha nuadh a bhi air a eur, ma’s urrain neach a bhi beo do Dhia.
Thug sinn a cheana fa’near, gur ann tre’n t-soisgeul, air fhoillseachadh agus air a thoirt dhachaidh a dh’ionnsuidh an anama leis an Spiorad Naomha, a tha’m peacach a tha creidsinn ann an Iosa, air a shaoradh bho dhiteadh. Mar is e obair an Spioraid a tha ‘glorachadh Chriosd, a bhi toirt dearbh-shoilleireachd do pheacach mu pheacadh, mar sin is e obair mar an ceudna a bhi nochdadh do’n pheacach nithean Chriosd. Mar is i obair a bhi’g oibreachadh bàis tre’n lagh, mar sin is i obair a bhi toirt beatha tre’n t-soisgeul. Mar is ann ‘n a làmhan-san a tha’n lagh a eur a mach a chumhaichd gu bhi dùsgadh na coguis chadalach agus a toirt a nuas na smuaintean àrda, mar sin ‘n a làmhan-san, a tha soillseachadh na tuigse dhorecha ann an eolas air a dhiomhaireachdan agus a tha’g ath-nuadhachadh na toil cheannaireach, tha’n soisgeul a eur a mach a chumhaichd ann a bhi glanadh agus a toirt sìth do choguis air a luchdachadh le ciont ann a bhi toirt seachad dòchais air bruach eu-dòchais, agus ann a bhi tarruig a chùm an t-Slànughear. Is e glòir an t-soisgeil gu’m bheil e deanamh aithnichte tre Shlànughear a chaidh a cheusadh agus a dh’èirich,—air dhà bhi “air a dheanamh fodh’n lagh” mar chùmhnant chùm gu’n coimhliionadh Se e’n a reachd agus ‘n a pheanas ann an àite pheacach, a bha umhail a chùm bàis agus a thug a stigh fireantachd shiorruidh. Tha e deanamh aithnichte Chriosd mar Iehobhah Fireantachd pheasach agus mar Iehobhah am Beatha anns am bheil lànachd an Spioraid a gabhail còmhnuidh. Tha e deanamh aithnichte Chriosd a chum a bhi air creidsinn ann agus air gabhail ris le peacaich. Agus tha Chriosd a cuireadh pheacach gu tighinn da ionnsuidh; tha’n t-Athair ag àithne dhoibh tighinn; tha e air a chur an eill gu’m bheil na h-uile nithean deis; seadh, tha e air a dheanamh aithnichte mar pheacadh a tha os ceann gach peacadh nach tig peacaich a dh’ionnsuidh Chriosd chùm agus gu’m bitheadh aca beatha.
‘N uair, uime sin, a thig an soisgeul, “cha’n ann am focal a mhàin, ach ann an eumhaichd, agus anns an Spiorad Naomha, agus ann am mòr iàn-dearbhaidh,” a dh’ ionnsuidh a pheacaich fein-dhite, agus a th’air toirt suas dòchais dha thaobh fein; ‘n uair a thoisicheas Pearsa agus obair Chriosd air a bhi air am fosgladh suas dha; ‘n uair a tha freagarachd agus lànachd, agus fior shaorsa na slàinte toiseachadh air a bhi air am faicinn leis—slàinte shaor bho fhearg agus bho pheacadh air son ceann-feadhna na’m peachach; agus a ‘n uair a choinnicheas gràdh an t-Slànughear, ann an cuireadh cadhon na muinntir a bha fada ga dhiùltadh, agus ùghdarras an Athar ann a bhi’g àithne, ann ‘n a choguis; ‘n uair a tha’n fhìrinn mar a tha i ann an Iosa, na dh’fhaodadh e bhi air a ràdh, Iosa ‘n a fhìrinn, a eur a mach a chumbachd, agus gur e cheisd a tha ri bhi air a freagairt, “An gabh e’n Slànuighear so gu bhi ‘n a Shlànughear dha fein?” tha e fodh cho-eigneachadh beannaicht’ a bhi’g aontachadh ris an tairgse iongantach so; abraidh e, “Seadh, a Thighearna, oir rinn thu mi toilleach;” agus mas bi fhios aig air, tha e ann an Criosd.
(R’a leantuin.)