C’ait an do chuir iad Criosd. “Thug iad bh’uam mo Thighearn agus cha’n eil fhios agam c’ait an do chuir iad e.” Is e th’ann an so gearan anama ghràsmhor a tha’g ionndrainn an Tighearn, agus saoilidh mi gu’m bheil neach ann an so a tha’g ràdh: “B’abhaist dhomh an Tighearn fhaotainn anns an fhocal air a shearmonachadh, ach cha’n eil mi ‘g a fhaotainn an sin a nis. Thug iad bh’uam mo Thighearn agus cha’n eil fhios agam c’ait an do chuir iad E.” Ach tha fear eile ag ràdh: “Tha mo chor-sa ni’s miosa na sin, oir b’abhaist dhomh fhaotainn anns an fhocal air a shearmonachadh agus anns an fhocal air a leughadh eile cuideachd, ach cha’n eil mi ga fhaotainn ann an sin a nis. Thug iad bh’uam mo Thighearn agus cha’n eil fhios agam c’ait an do chuir iad e.” Ach tha fear eile a tha’g ràdh, “Tha mo chor-sa ni’s miosa na sin, oir bha mi ga fhaotainn anns an fhocal air a shearmonachadh agus air a leughadh, agus mar an ceudna anns an uaignidheas; ach cha’n eil mi ga fhaotainn ann an aon dhe na trì àiteachan sin a nis. Thug iad bh’uam mo Thighearn agus cha’n eil fhios agam c’ait an do chuir iad e.” Ach cluinnidh mi fear eile ag ràdh: “Is e mo chor-sa a’s miosa uile, oir bha mi ga fhaotainn anns na h-àiteachan sin agus ann an comunn a shluagh, ach cha’n eil mi ga fhaotainn ann an àite sam bith a nis.” Thug iad bh’uam mo Thighearn agus cha’n eil fhios agam c’ait an do chuir iad e.” Anaim bhochd, mas e sin do ghearan, innsidh mi dhuit trì àiteachan as nach urrainn iad a thoirt; Cha’n urrainn iad a chaoilh a thoirt a coimh-cheangal siorruidh nan gràs. Cha’n urrainn iad a chaoilh a thoirt a gealladh saor an t-soisgeil, agus cha’n urrainn iad a chaoilh a thoirt as an ionndrainn a tha agad ‘na dhèidh.—MacRath Mòr.
Deanamh aithreachas. Bha caileag òg ann am baile àraidh, o chionn ghoirid le’m bu toil a bhi leughadh a Bhiobuill, agus leabhraichean math eile, agus ag ùrnuigh, agus a seachnadh gach ni a b’fhios dhith a bhi olc. Thàinig tinneas trom oirre; agus ‘n uair a bha i air leabaidh a tinnis, dh’iarradh i air a h-athair agus air a màthair, agus air a chloinn eile, a chuid so, agus a chuid ud eile dhe’n Bhiobull a leughadh dhith, agus bhitheadh i fhèin ag urnuigh air an leabaidh. Arsa ise aon latha ri a màthair:— “A mhàthair ghràidh, tha mise air bheul ‘ur fàgail agus a dhol air falbh.” “Am bheil fhios agad a ghràidh mo chridhe” arsa a màthair, “c’ait am bheil thu dol?” “Thà mi,” arsa ise, “a dol do ionad ni’s ro ghlòrmhoire na’s urrainn dhomh innse dhuibh.” “O,” arsa ise, “Deanaibh aithreachas, agus creidibh an soisgeul.” Beagan an dèidh sin, chaochail i. Nach bu math leat, air do leabaidh bàis a bhi ann an còir na caileig so. Gabh comhairle a Bhiobuill ma-tà.—An t-Urr Fraing MacBheathain.
An geata cumhang. Tha an geata so cumhang dhuit-sa, le t-fhéin-fhìreantachd, oir leigidh e steach esan a theid troimhe gu slàinte tre ghràs. Is ann do chroch t-uaille, no do eallach do “luideagan salach,” a tha e cumhang. Cha’n eil e idir cumhang dhuit-sa mar pheacach, agus ma theid thu troimhe mar pheacach, cha’n fhaigh thu cumhang e, cha’n fhaigh, eadhon, ged bu tu, ann an sùilibh Dhé, mar ‘n a do shùilibh fein, ceann-feadhna nan uile pheacach a bha riamh air an talamh. Ach cha leig e steach t-fhéin-fhìreantachd agus mar a dealaich thu rithe, feumaidh tu fantuinn a muigh.
B’uaireigin dhomh, uair-eigin, duine aig nach robh a chiall, air an robh mearachd gu bhi tional gach luideag is cnàimh ‘us nùr iaruinn air an leagadh e a làmhan ‘n a eallach mòr air, agus timchioll a chuirp; agus aig an robh uiread de dhiadhaichd an t-seann chùmhnaint agus a rinn a chorp luchdaichte ‘n a fhìor shamhladh air anam.
Agus chualadh mi ma dhuine eutrom anns an àirde fada mu thuath a chuir ri mearachd tional nan luideagan, rùn nach rachadh e gu bràth a stigh air dorus nach leigeadh e fhéin agus eallach a steach le cheile. Air teachd dha, air feasgar fuar geamhraidh gu oir mòintich fhàsail troimh an robh aige ri dhol, rainig e dorus an aon bhothain anns am faigheadh e fasgadh, ach bha an dorus iomallach agus cumhang, agus dh’fhairtlich air eallach a dhinneadh troimhe. Ach cha dealaicheadh e ris, agus a mach air a’ mhòintich chaidh e ‘n uair a bha dubhar ‘n a h-oidhche a dùmhladh air an t-sliabh. Beagan làithean an dèidh so fhuaireadh e ann an cuithe sneachda, rag, marbh, fo eallach. Fhuair e bàs, cha b’ann do bhrìgh gu’n robh dorus a bhothain ro chumhang air a shon fhéin, ach, a chionn gu’n d’rinn e ro chumhang dha fhéin e le a luideagan. Is amhuil sin a gheibh thusa bàs, a pheacaich, ma dhiùltas tu dealachadh ris gach uile nì a dh’earbas tu gus an neo-eisimeileachd is lugha air saor ghràs Dhé ann an Iosa Criosd.—Dr. Ceanaideach.