Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1958 » January 1958 » SEARMON XI

SEARMON XI

“Dà bhliadhna dheug a dh’aois bha Manaseh ’n uair a thòisich e air rioghachadh.” II. Eacld. xxxiii. 1-20; II. Righ xxi. 1-18.

“Oir ge b’iad nithean air bith a sgrìobhadh roimhe so, is ann chum ar teagaig-ne a sgrìobhadh iad; chum tre fhulangas agus chomhfhuirtachd nan sgrìobtur gu’m bitheadh dòchas againn.”—Rom. xv. 4.

Tha mòran do theagasg sòlaimte agus cudthromach ri bhi air fhoghlum bho bheath Mhanaseh, agus deiligidhean Dhé ris.

Bu mhac e do dh’athair bha iomraiteach air son a dhiadhachd gu pearsanta, agus air an do chuireadh urram mòr le Dia; aon mu’m feumadh e bhi fior gu’n robh e deagh eiseimpleir mar athair agus mar chéann teaghlaich. Agus ’s e sochair àrd a th’ann a leithid de athair a bhi aig neach, agus nì tha ciallachadh uallach mòr a thaobh cùntais dhoibh-san aig am bheil e. Ach bha athair air a thoirt air falbh ’n uair nach robh esan ach dà bhliadhna dheug a dh’aois. Bhitheadh so, ann an suidheachadh air bith na buile uamhasaich, ach air mhodh sònraicht’, ’n uair aig aois cho òg, a bha e dol a lionadh àite cho cudthromach agus cho cunnartach ri bhi ’n righ air Iudah. Ciod e na nithean sònraichte a bha’g oibreachadh gu bhi ga ribeadh agus ga thruailleadh, cha’n eil e air innse dhuinn. Ach ma bha Heseciah iomraiteach air son a dhiadhachd, dhearbh a mhac a bhi iomraiteach air son aingidheachd. Rinn e olc ann an sùilibh an Tighearn, a reir gràinealachd nan cinnich, a thilg an Tighearn a mach roimh chloinn Israel.” agus an t-olc sin air a chur an cèill le eu-gnìomhaichibh uamhasaich. (Faic rann 2-10) Thòisich e le tàmh a thoirt do chuimhne athar agus do Dhia athar, le bhi togail “suas a ris na h-àitean àrda a sgrìos Heseciah athair.” Agus mar gu’m b’e ni beag a bh’ann a so, chaidh e air adhart gu bhi suidheachadh iodhol-aoraich, a togail altairean do Bhaalim, agus ag aoradh do uile fheachd neamh; a’ faotainn a mach diomhanas a chuid iodhol, ach ag oidheirpeachadh a bhi deanamh suas air son an diomhanas le an t-iomadachd. Mhi-naomhaich e ainm agus tigh Dhè, agus thug e dùbhlan do Dhia, a togail altairean ann an tigh an Tighearn agus ann an dà chùirt tigh an Tighearn air son uile fheachd neamh, agus chuir e dealbh shnaidhte, an iomhaigh a rinn e, ann an tigh an Tighearn. Bha e ciontach de’n an-iochdmhorachd bu ro-ghràineil mar athair, ann a bhi toirt air a chloinn dol troimh ’n teine ann an urram do’n iodhol Moloch. Rinn e co-cheangal ri ifrinn, ga thoirt fein thairis do’n ghiseagan a bu shuarach. Thug e air Iudah agus air Israel peacachadh, agus dhoirt e mòran de fhuil neo-chiontach, gus an do lion e Ierusalem bho aon cheann gus a cheann eile le fuil. Agus bha so uile air a dheanamh ni b’an-tromaichte le e bhi ’n a mhac de leithid sin a dh’athair, agus le e bhi ’n a righ air Iudah far an robh aithne air Dia; le breitheanasan Dhé a chaidh seachad an aghaidh luchd riaghlaidh agus sluagh; le a buannachd fada ann am peacadh; agus leis na rabhaidhean sòlaimte a fhuair e agus air an d’rinn e dímeas,—oir “labhair an Tighearn ri Manaseh, agus r’a shluagh; ach cha’n èisdeadh iad.” Tha’n t-iomradh uile a chur fo ‘r comhair eil do pheacach ro-chruaidhichte, seachad air eagal, fairich, na nàire. Agus cò aig am biodh sùil ri nì air bith eile ach gu’m bitheadh a leithid sin de pheacach a bha toirt dùbhlán do neamh, an déigh dha tomhas aingidheachd a lionadh suas, air a shluigheadh air falbh ‘n a aingidheachd?

Ach “thug an Tighearn orra ceannardan feachd righ Asiria; agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhruidhean, agus thug iad leo e gu Babilon. Agus an uair a bha e ann an àmhghair dh’iarr e an Tighearn a Dhia, agus dh’ioraslaich se e fèin gu mòr ann am fianuis Dhé aithriche, agus rinn e urnuigh ris, agus rinneadh esan rèidh ris, agus dh’eisd e ri atha-chuinge, agus thug e air ais e gu Ierusalem d’a rioghachd. Agus dh’aithnich Manaseh gur e’n Tighearn a’s Dia ann.” Bha e fodh àmhghair, agus bha àmhghair air a naomhachadh dha. Cha’n eil an àmhghair is cruaidhe innte fhèin comasach air am peacach a thoirt gu inntinn cheart. Cha’neil teagamh nach eil cuid de nithean, a dh’fheumas am peacach fhaicinn agus fhaireachadh ann an na h-àmhghair ghoirt; mar eiseimpleir, diomhanas an t-saoghail, truaighe a bhi gu’n dòchas fior ann an Dia, searbhadas a pheacaidh; ach faodaidh so uile bhi air fhaicinn agus air fhaireachadh, agus, gidheadh, an cridhe bhi ni’s cruaidhe agus ni’s dùinte suas an aghaidh Dhè. Dh’fhaodadh na slabhruidhean agus ann am priosan, an caochladh bho mhòrachd agus euchdach bho’n leth a muigh gu truaigh, masladh, agus call, aithreachas a thoirt a mach ann a’ Manaseh coltach ri aithreachas Chàin agus Iudais; ach as eugmhais gràis, b’e sin uile e. Gidheadh, ann an laimh an Tighearn, agus ann an co-cheangal ri fhocal, tha àmhghair ga nochdadh fèin èifeachdach gu bhi briseadh a chridhe rag agus ag ioraslachadh a pheacaich is treuna. Agus tha ‘n Tighearn gu trie a deanamh feum luachmhòr dheth, agus a toiseachadh obair luachmhòr le laimhsichidhean cho cràiteach.

Cia fhad a dh’fhan e ann am breislich agus balbh fodha làimh Dhè, ‘n a chreach do oibreachadh mhiannaibh a bha ga luasgadh, a feuchainn mar a b’fhearr a dh’fhaodadh e eirigh suas leis an ni nach b’urrainn e iomairt air seasamh ‘na aghaidh, no air a thoirt a nuas agus air uamhasachadh gun a bhi air ioraslachadh; ciod an ifrinn a dh’fhaodadh e bhi faireachduinn ‘na bhroilleach ‘n uair nach robh aig ach a chridhe fèin, agus an Dia sin a bha e strì a bhi ‘ga dhì-chuimhneachadh, gu comhluadar a chumail riutha; na ciod iad na buairidhean gu fèin-sgrios leis am faodadh e bhi air a thaghal anns an t-suidheachadh so, cha’n ‘eil fhios againn. Ach thoilich e’n Tighearn taghal air ‘n a thròcair ard-uachdaranail, agus an àite fhàgail fodh uachdaranachd inntinn mì-chèillidh, a bhi leigeil a stigh urrad de sholus d’a thuigse dhorcha, agus a rinn bith, agus làthaireachd, agus fagusgachd, an aon Dia bheò agus fhior dha. Ann an sin b’fhirinn e gu robh Dia ann; Dia a Bhiobuill, an Cruth-fhear, an Dia mór agus uamhasach a labhair bho Shliabh Shinai—Dia aithrichean. Dh’fhairich e a làthaireachd; Ris-san bha a ghnothuch; ‘n a aghaidh-san bha e peacachadh agus a cathachadh re a bheatha. Bha a choguis a nis air a dûsgadh bho a cadal fada; agus ciod a chasaid a bh’aige ri thoirt ‘n a aghaidh. Thòisich a nis am peacadh ri bhi air fhaicinn ‘n a dhath fhèin. Dhùisg a chuimhne suas. Bha a bheatha chaidh seachad fodha chomhair. Bha na teagasgan a fhuair e ‘na aimsir leanabachd air an cuimhneachadh leis. Sheas dealbh athar diadhaidh fodha chomhair, agus dealbhan ‘n an anamaibh a mharbh e. Ciod a bha e deanamh air talamh Dhè gus a nis? O ciod e cho dall ‘s a bha e. Cia cho fìrinneach ‘s a dhearbh se e fèin ‘na leanabh leis an diabhol.

O nach biodh a bheatha aige gu bhi ga caitheamh thairis a rithisd, le a bliadhnaichean luachmhor gu bhi ga’n ath-cheannadh do Dhia, le a cothroman beannaichte gu bhi ‘glòrachadh Dhé. Ach cha’n urrainn sin a bhi. Ciod nach toireadh e nis gu bhi dubhadh a mach an t-uamhas dubh a pheacaidhean. Ach bha iad an sud, an leabhar Dhé, agus ann an leabhar na coguis mar an ceudna, nan uile mheudachd, gun lethsgeul, agus an-tromaichte, air an lionadh le feirg an Uile-chumhachdaich. C’àit an amhairceadh e air son comh-fhurtachd? Tha saighdean an Uile-chumhachdaich a cheana an taobh a stigh dheth. Tha e ann an làmhan Dia feargach, Dia a gu minic a chronaich e, am feadh a chruaidhich esan a mhuineal.

Am feum e bhi ‘n a shoitheadh feirge? Am feum e ann a shiorruidheachd a chaitheamh ann a’ mallachadh latha a bhreith? Mar a thuiteas e mach a’ slochd a’ phriosain gus a dhol fodha an slochd ifrinn, tha e faireachduinn gu’m feum e ‘ghiùlan leis am dearbh-shoilleireachd gu’m bi e fulang gu ceart. Cia minic a ghairm Dia agus a dhiùlt esan? Cia minic a shìin Dia mach a làmh agus nach do ghabh esan suim? Nach fhaod Dia ‘nis gàire a dheanamh r’a sgrios, agus fanoid a dheanamh r’a eagal? Ach O. ma tha na tha e mothachduinn de fheirg an Uile-chumhachdaich agus de pianntaidh coguis chionntach cho eu-comasach an giùlan, ciod e bhitheas ann an làn-fhàireachadh na feirge sin—a bhi luidhe sìos ann an losgadh siorruidh. Faic ciod an t-atharrachadh a dh’oibrich leigeil a stigh ‘n a fîrinn air an inntinn (an fhirinn mu Dhia agus mu pheacadh) anns an duine uabharach, chruaidh, neo-aithreachail. Faic mar tha ghlùinean a’ bualadh ‘n a chèile, agus mar a dh’fheudas eu-dòchas a bhi air a leughadh ‘n a ghnùis, am feadh a tha sùil aige gach tiota ri cur an gnìomh a’ bhinn a tha mach ‘n a aghaidh.

Am bheil dòchas ann? Am bheil e tuiteam ann an dubh-eu-dòchas? Agus an e so an sealladh uamhasach air am bheil ar sùilean ‘n am fianuisean, a chum agus gu’n gabhadh sinn rabhadh? Am bheil Sàtan ceart ‘n uair a tha e’g ràdh, “Bu dìleas a sheirbhisich thu dhòmh-sa fad do bheatha; a nis is leam-sa thu gu bràth. Cha do chaill mi riamh aig an aon uair deug aon a sheirbhisich dhomh mar a rinn thusa.”

Ard-urram do’n ghràs a chùm Manaseh bho eu-dòchas. Bha Caraid nam Peacach ann an toll a’ phriosain sin, a’ toirt cleachdadh do’n ghràdh a bha, ann an coimhlionadh na h-aimsir, ri bhi air a dhòrtadh a’ mach air a chrann mhalluichte. Bha e sgrìobhta ‘n a Fhocal, “An Tighearn an Tighearna Dia, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulungach, agus pailt ann an coibhneas agus am firinn, a’ gleidheadh tròcair do mhiltibh, a’ maitheadh aingidheachd agus eucoirean, agus peacaidh.” ‘S cinnteach gu’n do dh’oidheirpich Heseciah na briathran sin a sgrìobhadh air cridhe a leanabh; dh’fhaodadh gu’n d’thàinig iad gu chuimhne a nis. Agus bha e mar an ceudna sgrìobhta anns an fhocal cheudna, “Ach ma dh’iaras tu’n Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iaras tu e le d’uile chrìdhe, agus le d’uile anam.” Cha robh ni air bith tuilleadh ‘us cruaidh na tuilleadh ‘us saoibhir air son a leithid sin do Dhia. Cia cho iongantach, thàiris air tuigse, an fhulangas a bha air a cleachdadh dha thaobh bliadhna an dèigh bliadhna. Ma tha leithid de shaoibhreas ‘n a fhad-fhulungais, cia do-fhoillsichte agus do-rannsachaidh an saoibhreas a dh’fheumas a bhi ‘na thròcair saoraidh. Nach fhaodadh e bhi, uime sin, gu’m bitheadh peacaidhean coltach ri pheacaidhean-san air a’ maitheadh, gu’m bitheadh truaillidhean salach coltach ris-san air a ghlanadh, agus gu’m bitheadh a leithid de cheannairceach ‘s a bha esan riamh ann air a dheanamh rèidh? Cò b’urrainn a ràdh ciod a dheanadh a leithid sin de Dhia? Agus nach robh ùrnuigh ann freagarach do neach ‘n a leithid de chor ‘s a bha esan ann? “Air sgath t’ainm, a Thighearn, maith mo chionta; oir a ta i mòr.” Fhuair fhaireachdainnean, a bha air an druideadh suas, dol a mach dhoibh fhèin ann an rathad nuadh. Ruith sruthaibh dheur a nuas bho shùilibh mar a shìn se e fhèin an lathair Dhé. “Feuch, tha e ri ùrnuigh.” An sealladh sòlaimte beannaichte—ceann-feadhna nam peacach a deanamh aideachaidh; aideachadh saor, nach eil ni’s fhaide air fhàsgadh bhuaithe; aideachadh a dh’fheumas a bhi air a dheanamh, eadhon ged a thilgeadh an Tighearn e as a shealladh; làn-aideachadh gun ni air bith a cheiltinn, na oidheirp a dhèanamh air fèin-fhìreanachadh; aideachadh sònraichte—a pheacaidhean a tighinn a stigh air, na air cumail fodha chomhair, mar a tha iad gun àireamh, na’n uile an-tromaichte mar ann an aghaidh soluis, agus shochairean, agus chomainean, agus laimhsichidhean, agus rabhaidhean, mar ann an aghaidh Dhé—agus a leithid do Dhia. Ga dhìteadh fèin mar bhrùid, mar dhiabhol—mar a toilltean an ifrinn is iochdraiche; ga ioraslachadh fèin an lathair Dhé, an T-Aon Naomh, ‘n a shealladh nach eil na neamhan glan; ga ioraslachadh fèin “gu mòr” an lathair Dhé aithrichean; a’ guidheadh le osnaidhean do-labhairt; gidheadh, a’ guidheadh air son tròcair agus air son cridhe gu pilleadh ris an Tighearn; agus ag asluchadh mar an ceudna, na’m bitheadh e co-shìnte ri Glòir na Diadhachd, nach be mhàin gu’m bitheadh a pheacaidhean air a maitheadh agus a nàdur air ath-nuadhachadh, ach gu’m biodh e air aiseag air ais a dh’ionnsuidh an àite agus an dùthaich far a d’thug e, air son ùine cho fad, eas-urram do Dhia, agus a bha e mort anamaibh, a chum agus gu’n toireadh e mach toradh iomchuidh an aithreachais, agus gu’n guidheadh e ann an eu-dòchas an làthair a shluaigh, agus gu’n oidheirpicheadh a bhi dùsgadh annta mothachadh air aingidheachd nan slighean a dh’ionnsaidh an do mheall e iad.

(R’a leantruinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice