Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1958 » February 1958 » Searmonan (Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.)

Searmonan (Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.)

(Air a leantuinn bho t.d. 278.)

Tha e’g ùrnuigh: ach O. cia cho beag ‘s a dh’aidich e. Feumaidh e dhol a dh’ùrnuigh a rithisd. Ann an coimeas ri meudachd a pheacaidhean, cia cho fann ‘s tha mhothachadh air peacadh, cia cho fada gearr ‘s a tha ioraslaichadh. Feumaidh e dhol a dh’ùrnuigh rithisd. Cia do-labhairt luachmhor ‘s a tha na beannachdan a tha e’g iarruidh. Cia mar is urrain e fois a ghabhail air son aon uair gun a bhi air a dheanamh rèidh ri Dia. Agus an dàna leis, an deigh gach cùis, dòchas a bhi aige gu’n èisd Dia r’a ghlaodh; gu’m faigh e eolas gu bràth air mar Dhia na sìth air thalmh, na gu’n seas e ‘n a ionad naomha shuas. ‘S cìnteach air sgàth ùrnuighean nach dàna leis a bhi’g altrum dòchais. Gidheadh bithidh e’g iarruidh trocair, agus aig stòl a chòise bithidh e nis air fhaotainn.

Feuch, uime sin, tha e’g ùrnuigh. Ann a’ measg bhuairidhean agus mhì-mhisnichidhean tha e fathasd ag ùrnuigh; le mothachadh a tha fàs ni’s doimhne air peacadh, air cho peacach ‘s a tha e fein agus cho toillteanach air feirg, agus cho truailidh ‘s a tha ùrnuighean, tha e fathasd ag ùrnuigh. Am feadh agus nach eil freagairt ‘s an am a tha làthair, am feadh a tha ealach a meudachadh, agus am feadh tha’n dòchas a chaidh a stigh da bhroilleach cha mhòr ullamh gu basachadh—oir tha e duilich a bhi ‘g ùrnuigh am feadh ‘us nach eil freagairt ga fhaotainn—tha e fathasd a feitheamh air Dia.

Agus thainig am Dhé, co dhiubh ‘s ann an dèigh làaithean, na seachdúinean, na miosan, gu E Fein a dheanamh aithnichte mar Fhear-èisdeachd a ghlaoidh. Dh’èisd an Tighearn ris. Oir tha e gabhail tlachd ann an tròcair; tha maithenas maillle ris air son gach uile ghnè peacaidh agus toibheum—air son gach peacadh a their aideachadh ann n ainm Chriosd; agus ‘s e Fear-èisdeachd ùrnuigh a th’ann, cha’n urrain Se E Fèin aicheadh. Shaor Se e bho chuid eagalan, labhair E sith ri anam, agus thug E as an t-slochd uamhain e. Thubhairt E, “Saor e bho dhol sios do’n t-slochd, oir thuair mi éirig.” Cha’n e mhàin sin, ach thug Se e a rithisd gu Ierusalem, gu a rioghachd. Bu tròcair shònraicht so gu dearbh—a bhi toirt dha beagan ùine air thalamh gu bhi foillseachadh doimhneachd aithreachais, agus gu bhi ‘glórachadh Dhé, le bhi deanamh aideachadh agus a bhi ‘g oidheirpeachadh a bhi tionndadh feadhan eile bho sheacharan an slighean.

“Agus dh’aithnich Manaseh gur e’n Tighearn a’s Dia ann.” ‘N uair a bha e ann an àmhghair, dh’aithnich se E ‘n a chumhachd agus ‘n a naomhachd agus ‘n a eud; dh’aithnich e nis e ‘n a ghràs, anns am bheil a ghloir gu sònraicht a tighinn am follais. “Co’s Dia ann cosmhuil riutsa, a mhaithreas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air eusaontas iarmaid oighreachd? cha ghleidh e a chorruch gu siorruidh a chionn gur toigh leis tròcair.” Agus thug e mach toradh iomchuidh an aithreachais, a gluasad gu h-iorasal maillle r’a Dhia, a suidheachadh fhiar aoradh-san, agus a cleachdadh ùghdarras gu bhi cur fodha iodhal-aoraidh. Agus bha ‘n a h-oidheirpean so uile air gabhail riutha, agus, ann an tomhas, air an aideachadh le Dia.

Gidheadh tha sinn a leughadh, an deigh gach ath-leasachadh a rinn Iosiah, “Cha do phill an Tighearn o theas fheirge mòire, leis an do las fhearg an aghaidh Iudah, air son nan uile bhrosnachadh leis an do bhrosnaich Manaseh e. Agus thubhairt an Tighearn, Atharraichidh mi Iudah mar an ceudna as mo shealladh, mar a dh’atharraich mi Israel, agus cuiridh mi cùl gu tur ris a mhòr-bhaile so Ierusalem, a thagh mì, mu’n d’thubhairt mi, Bithidh m’ainm an sin.” Mar sin sheulaich Manaseh sgrios aimsireil na tìr, am feadh a bha e fèin air a spionadh mar aithinn as an losgadh. Mar sin faodaidh peacach air a chruadhachadh tròcair fhaotainn, agus anamaibh a bha air am buaireadh leis agus air an treorachadh air an t-shlighe gu sgrios, a bhi air am fàgail gu bhi caillte. Firinn uamhasach, gidheadh is firinn i; agus mar a bitheadh sin mar sin, co bhitheadh air a shaoradh? Oir co, le a pheachaidhean easbhuidh cumaidh agus brisidh, nach eil ann an sealladh Dhé ‘n a mhortair air anamaibh muintir, eile? Ach ciod e’n sealladh do-labhairt drùighteach do leanabh Dhé, am feadh agus a thuair e fèin tròcair, tha cuid eile, agus, faodaidh e bhi, air am bheil nì’s lugha de chionta na esan, a dh’fhaodadh gu’n robh e’n a mheadhon air an cruadhachadh, air am fàgail.

Cha’n eil fhios againn cia f’ion bliadhna bha e beo an dèigh dha pilltean a B:bílon. Cha’n urrain sinn teagamh a chur ann nach do ghrâdhaich e gu mòr, agus am feadh a bha e deanamh aoibhneas anns a ghràs a bheireadh maithcanas ann an dòigh cho glòrmhor, agus a chruth-atharraicheadh a leithid de pheacach, nach d’rinn e bròn gu mòr. Ni mothá dh’fhairicheadh e riatanach a bhròn fholach; oir b’e chuis-san ni a bha neo-àbhaisteach;—bhuineadh do’n tìr uile fhios a bhi aca ciod e’n t-aobhar air son an robh ghnùis dùbhach; agus faodaidh e bhi gur ann le iarratas fèin a bha e air adhlacadh, cha’n ann an uaighibh nan righrean, ach ‘n a lios fein.

Tha’n leithidibh so de theagasgaibh rìm foghlum bho’n chuspair so.

(1) Aingidheachd a chridhe—cha’n e cridhe Mhanaseh a mhàin. ach aingidheachd ar cridheachabh-ne;—cha dean meadhon o’n leth a muigh, na sochair, na freasdan, feum air bith gu bhi’g a atharrachadh. Tha sinn, mar an ceudna, a foghlum mar a mhilleas aon pheacach mòran maith;—teagasg a ghabbhas a bhi air a cho-chur da-rìreadh ri neach a tha ann an suidheachadh àrd anns am bheil buaidh aig air muintir eile, ach mar an ceudna ghabhas a bhi air a cho-chur anns a choitcheannas. Tha e furasda olc a dheanamh anns an t-saoghal olc so: ach tha e dulich maith a dheanamh; ‘s e th’ann an sin ach a bhi ghnàth ag oibreachadh an aghaidh a t-sruth.

(2) Bi cùramach gu bhi deanamh feum do dh’am ‘n a h-àmhghair. ‘N do ghlac an àmhghair thu ann a d’ pheacaidhean? O! asluich air an Tighearn tròcair a dheanamh ort, air eagal gu’m bi thu air do thoirt air falbh le buile, na co-dhiubh, am feadh a bhitheadh tu air do shaoradh bho’n leth a muigh, gu’m bithcadh tu air t-fhàgail nì’s cruaidhe na bha thu riamh. Air an làimh eile, an ann mar leanabh a tha thu air do smachdachadh? Gabh olcas ‘n a h-àmhghair mar bho Athair gràdhach, a tha ga do smachdachadh air son do bhuannachd.

(3) Foghlumadh-mid cliu do-labhairt gràs Dhé; a chumhachd gu bhi toirt air falbh an cridhe iscruidhe, a shaibhreas gu bhi deanamh a pheacaich is ciontaiche geal mar shneachd. Go nach abradh, “Ciod an cùntas uamhasach ri a Bhreitheamh a tha feitheadh air an duine so”; gidheadh rinn an Tighearn tròcair air. Bha an neach a bha air dheireadh air thoiseach. Bitheamb air ar faiceal, uime sin, air fèin-fhireantachd. Shaor Dia Manaseh air sgàth ainme fèin; agus ma shaoras E thusa, cha’n ann air son aobhar air bith eile. An robh thu air do ghleidheadh bho pheacadh follaiseach? Thoir a ghloir do Dhia: ach bi air t-fhaiceal air eagal gu’n seas thu air do dheagh chliù ann am fianuis do Bhreitheamh, agus gu’n tachair dhuit mar dha’n an Phaireasach anns a’ chosamhlachd a labhair an Slanuighear. Ach na tionndaidh a ghràs gu macnus. Tha cùis Mhanaseh, mar tha cùis a ghaduich air a chrann, uile gu leir leatha fein. Cia aincamh peacach air a chrudhachadh a tha air iompachadh, cia ainmeamh iad a tha call am na h-dìge a tha air an iompachadh. An diugh, am feadh a ghoirear an diugh dheth, na cruadhaichibh bhrù cridheachan. Agus na toireadh-mid suas an dòchas gu’m bi creutair gle mhi-choltach air a shaoradh. Am bheil aon ann thairis air am bheil thu bròn, agus a bha thu feuchainn ri shuidheachadh a chumail air do spiorad aig cathair gràis ach mu thimchioll am bheil thu ullamh gu dòchas a chall uile gu leir? Smuaintich air Manasch. Smuaintich air a ghràs anns am bheil saoibhreas nach gabh a bhi air a rannsachadh. Na fannaich ann a bhi’g ùrnuigh. Cha’n e smuaintean Dhé ar smuaintean-ne. Tha iad air dheireadh a bhitheas air thoiseach.

(4) Deanadh-mid feum dhe so mar ullachadh an aghaidh smuaintean eu-dòchasach a thaobh are sláinte féin.

Faodaidh gu’m bheil mòran de mo luchd-eisdeachd aig nach eil faireachadh air feum air a leithid sin de chomhairle, do bhrigh gu’m bheil scallaidean aotrom ac’ air peacadh, air Dia, agus air sláinte. Gu’n amhairceadh Dia nuas orra ann an tròcair, agus gu’n dùisgeadh E iad gu mothachadh air cho cumhag ‘s a tha’n geata air eagal gu’m bi iad air am fàgail a muigh gu bràth. Faodaidh gu’m bheil cuid eile ann aig am bheil gnàth-fhaireachadh air mi-shuamhneas agus neo-thearuinteachd ag èirigh bho choguis nach eil air a glanadh, am feadh, aig an dearbh am, a tha iad a dlùth-leantuininn ri peacadh agus a faireachadh mar gu’m bithcadh e na ni eu-dòchasach stuil a bhi ri saorsa bh’uaithhe. ‘N uair a labhras a choguis aig am air bith nì’s àirde na aig amaibh eile bithidh am buaireadair a cogarsaich, “Cha’n eil dòchas ann”; agus air dhoibh a bhi gràdhachadh an iodholan, tha iad a dol air adhart ann a bhi’g an leantuininn. O! ‘s e suidheachadh uamhasach cunnartach a tha’n so. Ma tha neach air bith dhe mo luchd eisdeachd a gabhail a stigh gu’r e so a shuidheachadh féin, bheirinn rabhadh dha an aghadh rib an diabhuill. Cha’n eil dòchas ann ma leanas e ann a bhi bàthadh guth na coguis, agus a bhi diùltadh fios a bhi aig air a chuid is miosa dhe chuis; ach tha dòchas ann am fuil agus ann an gràs Chriosd; agus ma bhitheas e air a chall, cha’n ann a cheann nach b’urrain fuil Chriosd a ghlanadh, agus a cheann nach b’urrain gràs Chriosd ioraslachadh agus a naomhachadh, ach a chann nach cuireadh e’n dearbhadh air Chriosd, agus gu’n ròghnaicheadh e’m bàs. “Thigibh a nis, agus tagramaid ri cheile, deir an Tighearn; ged robh ‘ur peacanna mar an sgàrlaid, bithidh iad geal mar an sneachdadh; ged robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar olainn.”

Ach feumaidh leanabh Dhé, an Criosduidh, an earail so mar an ceudna. Faodaidh e sìth bhi aig an tràth-so; ach faodaidh e rithisd tighinn gu uisgeachan domhain. “An uair a bheir esan fois, co a ni buaireas? agus a ‘n uair a dh’fholaicheas e a ghnùis, co a chì e?”

Bha naomh urramach ann, ministeir urramach le Chriosd, a tha nis ann an glòir, a bha ‘n a thinneas bàis gu cruaidh air fheuchainn a thaobh staid anama. Rinn an nàmhaid òiginn mhòr air agus bha e air a thoirt gle ional. Shealbhaich a pheacaidhean e, bha gnùis Dhé air fholach bh’uaithhe, agus bha dhòchas glè dhlùth air básachadh. ‘N uair a bha e ‘s an òiginn anama so, aon oidhche bhruadar e bruadar. Cha bu neach e dhiubh-san a bha cur earbsa ann a’ bruadaran na nithean mar sin, dealaichte ris an lagh agus ris an fhianuis. Ach ‘s urrain Dia feum a dheanamh de ‘n a meadhonan so gu bhi teagasg agus ag earalachadh. Bhruadar e gu’m fac e neamh fosgailte, agus buidhean a tighinn air adhart agus a dol a stigh, agus dhruideadh an dorus. Anns a bhuidhean so chunnaic e Abraham, agus Isaac, agus Jacob, agus mòran de naoimh an t-Seann Tiomnuidh, agus cuid a b’aithne dha féin; ach cha b’urrain dha faotainn a stigh maille riutha. Bha sàmhchair ann, agus a rithisd dh’fhosgail an dorus, agus an sin thainig buidhean air adhart, agus anns a bhuidhean so b’aithne dha mòran; ach cha’n fhaighheadh e stigh maille riutha, agus thòisich e air a bhi air chrith gu mòr. An treas uair chaidh an dorus fhosgladh, agus tharruig buidhean eile dlùth, agus chaidh iad a stigh aon an dèigh a chèile; agus thoisich uamhas air a ghlacadh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile; ‘n uair, gu h-obann, a dh’amhairc a mu’n cuairt, chunnaic e Manaseh—Manaseh a thug air Ierusalem sruthadh le fuil: “agus,” thubhairt an naomh a bha bàsachadh, “chaidh mi stigh ‘n am a chrùban air cùl-thaobh Mhanaseh.” Mar so thuair e sìth, agus mar so bhàsaich e, gu’n ni aige gu earbsa ann ach so—ach bu leoir e—”Is fior an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu’n d’ thainig Iosa Crìosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach; d’am mise an ceud fhear.”

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice