Leis an Urr. Tcarlach C. Mac an Tòisich, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. 340.)
- Tha aithreachas, air dòigh shònraicht’, a toirt glòir do Dhia mar Fear-tabhairt Lágha cothromach, agus air an aobhar so mar an ceudna tha “gàirdeachas air neamh air son aon pheacach a ni aithreachas.” Rinn Dia na h-uile ni air a shon Féin—na neamhan agus an talamh, an cruthachadh neo-reusanta agus reusanta—a chùm a bhi foillseachadh a chliù. Tha sinn air ar gairm, uime sin, gu bhi deanamh na h-uile chùm glòir Dhé. Is e so an ni a tha’n Criosduidh ag iarruidh ged a tha e ghnàth a tighinn gearr air. Cha’n eil tighinn gearr air ann an neamh. Agus ann an sin tha iad a meas luachmhorachd na h-uile ni leis an tomhas anns am bheil e foillseachadh glòir Dhé. Tha e soilleir gur e’n aon dòigh anns an urrain creutairean reusanta Dia ‘ghlòrachadh, a bhi toirt cleachdadh do thograidhean freagarach dha thaobh, mar tha urram, gràdh, agus earbsa, agus ann a bhi foillseachadh nan togradhean sin anns gach, dòigh cheart agus shuidhichte—ga aideachadh agus a toirt Dhá glòir. Anns an rathad so tha bithibh naomh a glòrachadh Dhé. Agus ‘nuair a thig creutairean reusanta Dhé gearr air a bhi deanamh so, agus a tha iad air an treigsinn le Dia gu siorruidh, an sin tha E foillseachadh a chorruich ann a bhi ga’n sgrios, agus mar sin a gabhail glòir dha ainm mòr Féin. ‘Nis, ciod e tha sònraicht’ anns an rathad anns am bheil peacach aithreachail a glòrachadh Dhé? Cha’n eil ann ach naoidhean ann an gràs; cha’n eil ach siol togradhean gràsmhor ‘n a chridhe; cha’n eil ann ach briseadh na maidne anns a chridhe. An urrain esan Dia ‘ghlòrachadh mar a ni spioradan fiorghlan? Cha dàna leinn, agus cha’n abair sinn gu’n dean iad sin. Gidheadh tha ni-eiginn sònraicht’ ‘n a shuidheachadh agus ‘n a fhaireachaidhean a bu mhath a dhùisgeadh ioghnadh bithibh naomh, mar a tha iad ‘n an cusparean tlachd Iehobbah Féin. “Gu deimhin chuala mi Ephraim a caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh nach do chleachd a chuing: pill thusa mi agus bi mi air mo philleadh: oir is tu an Tighearn mo Dhia. Gu deimhin an deigh dhomh bhi air mo philleadh, ghabh mi aithreachas; agus an deigh dhomh bhi air mo theagasg, bhuail mi air mo leis: bha náire orm, seadh fos geur-amhladh, a chionn gu’n do ghiulain mi masladh m’oige. Nach e Ephraim mo mhac caomh? nach leanabh ro thaitneach e? oir o’n uair ‘s an do labhair mi ‘n a aghaidh, tha mi gu d’urachdach ga chuimhneachadh fathasd: uime sin tha iomairt ann am chom air a shon: ni mi gu deimhin trócair air, deir an Tighearna.”
Co e am peacach aithreachail? Is aon e, cadhon an dé, aig an robh a chridhe air a lionadh le saoghaltachd, feinealachd, uamhar, eas-creidimh, agus naimhdeas an aghaidh Dhé, agus a sheas a mach ann an ceannaire ‘n a aghaidh-san—agus so uile, faodaiddh e bhi, fodh chleoca deisciobuill: ach a nis tha pheacaidhean air a shealbhachadh; cha’n eil comhdach aig air an son; bha bheath uile chaidh seachad ‘n a peacadh; tha a shannt, aicheadh air Dia, a mhi-naomhachd, a neo-thaingearachd, a chion gráidh do Chriosd, agus a pheacaidhean eile gun áireamh, air greim a dheanamh air, air chor agus nach urrainn e cheann a thogail. Bhris e’n Lagh a tha naomh, agus cothromach, agus maith. Is ann an aghaidh Dhé a pheacaich e—an Cruithear, am Fear-cumail suas, am Fear-tabhairt lagh, an Dia fad-fhulungach, am Fear-saoraidh. Agus le so uile, tha chridhe olc, agus anabarrach aingidh. Faic mar tha’m Focal, am Biobull a bha roimhe air a dhimeas, a toirt air a ghlúinean bualadh ‘n a cheile. Faodaiddh tu so fhaicinn: ach cha’n urrain suil duine fhaicinn mar a tha sholus a dealradh a stigh do’n a fróigean is dorcha anns a chridhe; mar a tha theine a caitheamh fhein-fhirecantachd-san; mar a tha chlaidheamh a marbhadh dòchas meallta. Tha e ga dhíteadh fein; tha e gabhail gráin dheth fein; tha c’g aideachadh Dhé bhi ceart ged a thilgeadh E esan gu siorruidh as a shealladh. Oir buinidh so do fhir aithreachas: cha’n e mhain doilghios, na mothachadh air olcas a pheacaidh mar ni a tha toirt truagh ‘n a lorg (mar sin bha aithreachas Iudais); cha’n e mhain brón air son peacaidh do bhrigh gu’m bheil dòchas againn gu’n do mhaith Dia, no gu maith, E ar peacaidhean (faodaiddh a leithid sin do bhrón a bhi’n lorg grádh do’n a pheacadh agus seasanh a mach an aghaidh árd-uachdaranachd Dhé); ach a bhi faicinn glóir buadh ceartais Dhé, mar a tha sin air fhoillseachadh ann an agartasan agus ann am peanasan a Lagh-san, agus a bhi’g aontachadh ri ceartas na’m peanasan sin, ged a bhitheadh iad air an cur an gniomh an aghaidh an anama. Cha’n eil mi ‘g rádh gu’m bi’n creutair toileach a bhi air a dhíteadh—nar leigeadh Dia gu’n abrainn sin—ach a leithid so a dh’aideachadh air gu’m bheil am Fear-tabhairt Lagha cothromach.
‘Nis, nach eil ni air chor-eigin sònraicht’ ‘n a leithid so de staid inntinn? Ciod e’n t-atharrachadh, ciod e’n tilgeadh bun os ceann a tha’n so? Cia mar a tha cùmhachd gràs Dhé ri fhaicinn agus ri mholadh ann. Nach eil ni air chor-eigin sònraicht’ anns an fhanuis a tha’m peacach aithreachail a toirt do naomhachd agus do cheartas an Fhir-tabhairt Lagha?—gu’n aonadh E fiosrachadh air nádur uamhasach a pheacaidh dha’m bheil iadsan a tha iomlan naomh na’n coigich, ri aontachadh ann an ceartas an Lagha dha’m bheil iadsan a tha caillte nan coigich: gu’n aonadh E mothachadh air uamhas a bhi toirt oilbheum do Dhia ri urram Dhà mar an Dia da’m buin dioghaltas, seadh, a leithid a dh’urram ‘s nach gabhadh a bhi air a chleachdadh mar a b’e bh’ann Dia a tha fuathachadh agus a dh’fheumas a bhi peanasachadh peacaidh: gu’n aonadh E mothachadh air neo-airidheachd neo-chriochnach air toilteanas d’tidh aig lámhan Dhé, ri bhi dlùth-leantuin ris an Tighearna agus a bhi’g amharc Ris air son trócair: (oir gu cinnteach cha’n eil mi’g rádh gu’m bi flor aontachadh cridhe ann an ceartas Dhé, a faotainn cleachdadh dealaicht’ ri foillseachadh, a dh’aideoin cho fann, air an fhirinn gu’m bheil “maithenas maille Ris.”
- Tha aithreachas a glòrachadh tròcair Dhé. Is e aon de thoraidhean crann-ceusaidh Chriosd, agus do bhrigh sin, “tha aoibhneas air neamh air son aon pheacach a ni aithreachas.” Cha’n urrain sinn bhi tuigsinn Dia a gairm a pheacach gu aithreachas gun a bhi deanamh aithnichte dha a thròcair ann a bhi maithdeach, ni moth a is urrain sinn a thuigsinn peacach a cleachdadh fior aithreachas gun ni-eigin de mhothachadh air tròcair Dhé ann an Criosd. ‘S e glòir Dhé air mhodh sònraicht’, gu’m bheil E “tròcairach agus gràsmhor;” gu’m bheil E toirt cleachdadh do thròcair air an talamh tre fhuil a Mhic. Is ann a stigh an so is miann leis na h-ainglean agus leis a mhuiintir shaorta amharc, am feadh ‘s a tha iad a seinn, “Is àiridh an t-Uan a chaidh a mharbhadh.” Is e a on de thoraidhean a bhàis phrìseil sin gu’m bheil an “t-aingidh” air a ghairm gu bhi “treigsinn a shlighe agus an duine eucorach a smuaintean:” agus ‘s e aon dheth thoraidhean, ‘nuair a chithear am bàs so ‘n a ghloir agus a dh’fhairichear e ‘n a chumhachd, gu’n toir am peacach cleachdadh do fhor aithreachas. Ni an Lagh peacadh aithnichte, agus ann an lamhan an Spioraid Naoimh bheir e dearbha-shoilleireachd mu pheacadh, a dùsgadh na coguis, a briseadh sios dalmachd agus a toirt a nuas uamhar a chridhe, gus a toirt a mach anns a pheacach fein-dhiteadh agus eu-dòchas ni air bith a dheanamh air son e féin a thearnadh; ach cha’n urrain e gu bràth fior bhròn air son a pheacaidh, na fuath dha a thoirt seachad; agus dealaichte ris an t-soisgeul, threoraicheadh e gu tur eu-dòchas. Agus, feumail ‘s mar a tha a theagasg, that na leasan an sòlaimte a tha e teagasg air am fòghlum nì’s soilleir ‘nuair tha ‘n t-anam air a threorachadh bho Shliabh Shinai gu Calbharai. Gabhabh mar eisimpleir, naomhachd agus ceartas Dhé: tha a’ lagh teinnteach a foillseachadh glòir nam buadhan sin; ach cia nì’s moth a tha iad a dealrachadh ann am bruthadh agus ann an cur fodh àmhghair Mac Dhé Féin? tha’n co-cheangal a dh’feumas a bhi air fhaicinn eadar peacadh agus peanas, air am faicinn ann am bagraidhean an lagha, agus ‘n ‘a ‘n cur an gnìomh an aghaidh luchd deanamh na h-aingidheachd, ach cia nì’s moth a tha sin air fhaicinn anns nach b’urrain Esan a bhi air a chaomhnadh. Tha olcas a pheacaidh air fhaicinn anns an Lagh, ach, cia nì’s moth ann an gràs an Athar agus a Mhic, ann am fulungais losa. Tha’m peacadh an aghaidh a leithid sin de Dhia. Faodaidh, agus bheir, an lagh air aideachadh gu’m bheil e peacach; ach aig a chrann-cheusaidh fairichidh e nàire dhiadhaidh gu’m b’urrain e easaontas a chòmhdaich. Bheir an lagh dha dearbh-shoilleireachd gur e peacach a th’ann; ach is e gràdh a chruiinn-cheusaidh a dh’fhoillsicheas dha cho tàireil agus cho nàimhdeil ‘s a tha pheacaidhean. Bheir an lagh dha dearbh-shoilleireachd gu’m bheil e ‘n a luidh gun chuideachadh ann an làmhan Dhé ard-uachdaranail, ach fairichidh e teicheadh aig bho a làthaireachd; bheir an crann-ceusaidh air gu h-onarach aideachadh gu’m bheil e toilltean an ifrinn is iochdreach, ach, gidheadh taruigidh se e a dh’ionnsuidh an Dé sin dha’n tug e oilbheum, agus a b’urrain ann am priobadh na sùla a thilgeadh an sin. Faodaidh an Lagh deoir shearbh a bhròin fhasgadh bh’uaithne thairis air aimideas, agus a chuthach, agus a chiont ann a bhi treigsinn a thròcair féin; ach aig a chrann-cheusaidh bithidh tobraichean anama air am fosgladh, agus ni e bròn thairis air e bhi lot Tighearn na Glòir. Faodaidh an lagh toirt air a bhi faicinn co-chùmtachd ri iomhaigh Dhé ion-mhiannaicht; ach aig a chrann-cheusaidh, am feadh a tha e’g ùrnuigh, “Bi tròcaireach do mo neo-fhìreantachd,” glaothaidh e leis an dùrachd cheudna, “Cruthaich anam cridhe glan a Dhé, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a stigh dhiom.” ‘S ann an sin, aig crann-ceusaidh Chriosd, a tha aithreachas an toiseach ag eirigh suas: ‘s ann an sin a tha’n creidmheach a toirt cleachdadh dha. ‘S e obair a th’ann nach urrain co-chruinneachadh eile do chumhachd a thoirt gu buil ach sin a tha coinneachadh aig a chrann-ceusaidh. Nis, ma’s urrain eadhon na naoimh air thalamh a ràdh, “Na’r leigeadh Dia gu’n deanain-sa uaill ach ann an crann-ceusaiddh ar Tighearn Iosa Criosd; “ma tha iad a miannachadh, na’m b’urrain iad ruigheachd air a bhi air an cumail fodh a chumhachd ioraslaichaidh, beothachaidh, agus cruthatharrachaidh, ma tha iad a miannachadh a bhuaidh air feadh an t-saoghail ann an iompachadh nan uile chinneach; ciod e’n t-aoibhneas a bhitheas air fhaireachadh ann a foillseachadh a chumhachd tearnaidh leo-san a tha’g amharc air a ghloir gun sgàile, a tha faicinn gnùis an Uain, Solus agus Glòir neamh. Gu sònraicht’ ciod e’n t-aoibhneas a bhitheas air fhaireachadh leo-san dha’n robh E ‘n a chùmhachd Dhé chum slàinte. Nach bi an inntinnean tric a dol air ais a dh’ionnsuidh an am shònraicht’ na’n eachdraidh ‘n uair a dh’fhairich iad an toiseach a chumhachd tarruig, agus ‘n uair, air dhoibh fhaotainn a ceannsachadh an cridheachan cruaidh, a thainig iad gu bhi creidsinn nach robh ni air bith tuilleadh ‘us cruaidh air a shon? (R’a leantuin).