(Air a leantuinn bho t.d. vol. lxii., page 372)
- ‘S e aithreachas, pilltinn an anama ri Dia mar Fhois agus a chuibhrionn shiorruidh. Tha e cur neach ri àireamh seirbhisich agus luchd-aoraiddh Dhé. Is e tòiseachadh beatha nuadh agus bheannaicht’—beatha sith ann a’meadhon deuchainn, beatha naomhachd, beatha thorach a tha glòrachadh Dhé, oideachail do’n eaglais, agus, gu tric, saoibhir ann am beannachdan do mhuinntrir eile. ‘S e th’ann pilltinn bho gach uile pheacadh. An robh am peacach aithreachail ‘n a dhuine mi-chùramach, neo-umhaileach, mi-naomh? Cha’n eil e mar sin ni’s moth: tha e ‘n a fhear-eagail agus ‘n a fhear-aoraiddh air Dia anns an uaigneas, ‘n a theaghlach, agus anns an fhollais. An robh e ‘n a mhisgear, ‘n a fhear-neoghlòin, ‘n a neach a bha deanamh dìmeas air a Bhiobull, ‘n a dhuine sanntach? an robh e ‘n a dhuine féin-fhireanta? na ‘n a dhuine fearach agus dioghaltach? ‘S e th’ann a nis stiubhart Dhé; tha e ‘n a chreutair nuadh ‘n a smuaintean, ‘n a mhiannaibh, ‘n a chrioachaibh, agus anns gach uile dhaimh ‘s a bheatha so. ‘S e th’ann tionndadh gu Dia gu a ghnùis iarruidh, agus gu gluasad maille Ris. Ma bha e ‘n a dhuine mi-mhoralta, na mi-naomh bithidh an t-atharrachadh ni’s comharaichte, agus bheir an Eaglais glòir do Dhià air a shon. Bheir e nis a mach toraidhean iomchuidh an aithreachais; agus tòisichidh e bhi beo da-rìreadh ann an neart gràis, a chùm glòir Dhé agus ‘n a siorruidheachd. Tha aithne ann an neamh air meud agus beannachd an atharrachaidh, agus tha gairdeachas an sin.
Cia cho eadar-dhealaicht’, uime sin, ‘s a tha neamh, bho’n a bheachd a th’ aig mòran air. Cha’n eil neamh eile ann ach an neamh a ni gairdeachas thairis air a pheacach aithreachail; agus ma theid sinn a steach ann gu bràth, feumaidh sinn a bhi air ar deanamh freagarach air son na h-obair a tha gabhail àite ann, feumaidh sinn co-fhaireachadh a bhi againn ri a luchd-aiteachaidh, ‘n a miannaibh, agus ‘n a ‘n aobhneas; oir neo cha bu neamh dhuinn e. Feumaidh sinn fein a bhi ‘n ar cuspàirean fior aithreachais.
Chi sinn an so aon ni, an ath rud dha’n slàinte féin agus oideachadh na h-eaglais, a bu chòr a bhi ‘n a chùram, cha’n e mhàin air ministeirean Chriosd, ach mar an ceudna air a shluagh, ‘s e sin, iompachadh pheacach. Agus esan a dh’iompaicheas peacach bho sheacharan a shlighe, saoraiddh e anam bho’n bhàs, agus folaichidh e moran lochdan. Tha sinn a fòghlum mar an ceudna—agus na cailleadh-mid sealladh air—luachmhorachd aon anam ann an sealladh Dhé, aon pheacach, ge b’e air bith co e. Feoraicheadh-mid dhinn féin an toireadh e barrachd aoibhneis dhuinn fòghlum gu’n robh aon dheth ar càirdean is dluithe air iompachadh gu Dia na gu’m bithidh nithean maith na beatha so air am frasadha a nuas air. Cha’n eil mi ag ràdh, ged a b’urrain-mid a ràdh gu’n toireadh iompachadh a leithid sin do neach barrachd aoibhneis dhuinn, gu’m bu chor dhuinn sin, ann féin, a ghabhail ‘n a dhearbhadh gu leoir air ar ‘n iompachadh fein, ach is ni cinnteach, mar a h-urrain sinn so a ràdh, gur e comharadh cinnteach e gu’m bheil sinn ann an staid neo-iompaichte. Agus nach fheud e bhi gu’m bheil moran de luchd-aideachaidh air diadhachd, nach b’urrain gu h-onarach a cheisd a fhreagairt ann an rathad a bhi cur iompachadh air thoiseach air saoibhreas. O! cia an-iochdmhor a bhi ròghnachadh air son caraid gràdhach agus co-pheacach a bhi’n tràth-so a sealbhachadh sòlas saoghalta agus gach tiota a bhi fosgailte do sgrìos siorruidh, air thoiseach air féin-fhiosrachadh do ghràs a dh’fhuasgladh aignidhean bho’n t-saoghal, ach a dh’ullaicheadh e air son a bhi glòrachadh Dhe air thalamh agus a bhi ga sheilbheachadh troimh’n t-siorruidh-eachd. Agus gidheadh the e nàdura do dhaoine an t-saoghal so a bhi deanamh dìmeas air mothachadh cùramach mu nithibh siorruidh a tha ghnàth leantuin fior aithreachas, do bhrigh gu’m bheil iad a gealtuin do anamaibh an dlùth chàirdean, an ni tha iad a gealtuin do’n anamaibh féin, gu’m faod iad aithreachas a dheanamh ‘s an am ri teachd ‘n uair a chailleas nithean maith na beatha so am blas. Tha gliocas an t-saoghal so ‘n a aimeadachd le Dia.
Ciod e’n cronachadh a tha air a thoirt anns an earann so do fhuachd ann a bhi’g iarruidh iompachadh pheacach—mian-naibh fuar, ùrnuighean fuar, labhairt fuar ann an nithibh a bhuineas do’n sìth. Ciod e’n dûrachd shòlaimte agus dhruigh-teach a bhuineas do mhinisteirealachd an t-soisgeil anns am bheil daoine air an gairm gu aithreachas agus impidh air a chur orra gu bhi réidh ri Dia.
Ciod e’n gairm a tha air a thoirt an so do’n a neo-iompaicht! Cia lion iad a th’ann, a reir am beachd orra fein, “aig nach eil feum air aithreachas.” Gu’n deonaicheadh an Tighearna an lorgachadh a mach, agus fhocal a chur dhachaidh orra. Cia mar a tha feum air aithreachas air a chur fodh’r comhair ‘s an earann so, a mheudachd, agus a luachmhorachd. Ciod e’n guth solaimte, tagrachail, leis am bheil na h-ainglean agus a mhuinntr shaorta a labhairt ri peacaich gun Chriosd. Ach O! os ceann na h-uile ni, ciod e’n guth tha tighinn bho’n Righ-chathair. “Mar is beo mi, deir an Tighearn Dia, cha’n eil tlachd air bith agam ann am bàs an aingidh; ach gu’m pilleadh an t-aingidh bho shlighe agus gu’m bitheadh e beo: pillibh, pillibh, bho ‘ur droch shlighibh, car son a bhàsaicheas sibh, O. thigh Israel? “Mar a dean sibh aithreachas sgriosair sibh uile mar an ceudna.” “Thigibh a nis, agus tagramaid ri cheile, deir an Tighearn: ged a’ robh ‘ur peacaidh mar an sgàrlaid bithidh iad geal mar shneachd; ged a robh aid dearg mar a chorcuir, bithidh iad mar olainn.” Seadh, agus na’m faigheadh na briathran sin a mach peacach a bha roimhe so mi-chùramach agus neo-bhriste; agus na’m bitheadh e nis air fhaotainn an làthair Dhé a caoidh air a shon fein air son a pheacaidh, agus a glaodhaich air son trocair agus air son cridhe nuadh, cha b’fhada gus an ruigeadh a’nagheachd neamh, agus bhitheadh aoibhneas an sin. Gu’n deonaichadh an Tighearn an trocair mhòr so air sgàth ainme Féin.