Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1958 » June 1958 » Searmonan. Searmon xiii. Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D. “… An creidimh luachmhor ceudne ruinne.” II Pead. i. 1

Searmonan. Searmon xiii. Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D. “… An creidimh luachmhor ceudne ruinne.” II Pead. i. 1

Tha dà fhirinn air an cur an ceill anns na briathran so, a dh’feuchas mi, le comhnadh Dhé, a shoilleireachadh dhuibh; luachmhorachd a chreidimh, agus mar a tha e dhe’n aon nàdur anns na creidmhich uile.

1. A thaobh a luachmhorachd, bheachdaichinn an toiseach air Ughdar.

‘S e àithne Dhé dhuinne “gu’n creideadh-mid ann an ainm a Mhic Iosa Criosd”; ‘S e ar dleasdanas sòlaimte gu’n toireadh-mid ùmhlachd do’n àithne so; agus ‘s e creidimh ar gniomh-ne, cleachdadh ar ‘n inntinnibh agus ar cridheachaibh. Ach ‘s ann a tha comas a bhi toirt cleachdadh dhoibh mar so bho Dhia. ‘S e th’anns an t-soillseachadh spioradail agus an togradh naomh a tha air a ghabhail a stigh le creidimh toradh oibreachadh gràsmhor an Spioraid Naoimh air an inntinn agus air a chridhe. Thugaibh fa’n ear gu h-àraidh na briathran sin, “Oir thiodhlaiceadh dhuibhse air son Chriosd, cha’n e mhàin creidsinn ann, ach mar an ceudna fulung air a shon,” ann an co-cheangal ris na briathran a tha dol air thoiseach agus a leantuinn ar ceann-teagaisg; “dhoibhsan a thuair an creidimh luachmhor ceudna ruinne, tre fhireantachd ar Dé agus ar Slànuighear Iosa Criosd.” ‘S e sin, is e creidimh tiodhlac Dhé, agus ‘s ann air sgàth Chriosd a tha e air a thoirt seachad. ‘S e th’ann a bhi’g àicheadh na firinn so, gu foilleasach ‘n a ann an suspainn, ach a bhi’g àicheadh obair an Spioraid Naoimh, agus a bhi tilgeadh bun os ceann soisgeul Chriosd. Tha mhuiintir a tha teagasg dhaoinne gur urrain iad creidsinn uatha fein, na creidsinn ‘n uair a thogras iad fein, ga’n treorachadh air an t-slighe gu sgrios. Cha’n urrain sin a bhi tuilleadh ‘us amhrusach mu’n teagasg a tha fàgail a mach feum air cumhachd an Spioraid Naoimh gu bhi’g oibreachadh creidimh anns a chridhe, na a dh’fhagas a mach an fhirinn sin, gu’m bheil gach uile bheannachd spioradail—creidimh, cho cinnteach ri maithenas—nan nithean a bha air an cosnadh le fuil no fireantachd Dhé ar Slànuighear, agus air an deanamh thairis leis an Athair ‘n a ghràs àrd-uachdaranail. Mar eil ni’n còr ann an creidimh ach a bhi toirt cleachdadh do’n a reusan bochd truailte, air firinn Dhé, an sin tha e da-rìreadh gun luach air bith, bho’n talamh, talmhaidh. Ach ma’s e solus neamhaidh e, air a lasadh ‘s an taobh a stigh le Athair na soillse, ma’s e obair shònraichte Dhé e, toradh an dearbh ghràs sin a ghluais E gu Aon Ghin Mhic a chur gu bhi ‘n a Shlàn-uighear an t-saoghail, agus toradh a bhi cur a mach ro-mheud a mhòr chumhachd do ar taobh-ne a tha creidsinn, an sin tha e luachmhor os ceann na ghabhas cùntas. Ann a bhi’g oidheirpeachadh a bhi cluintinn guth Mhic Dhé, agus a bhi tighinn da ionnsuidh air son beatha, mur eil, ann a bhi mothail air an eallach is truime de na h-uile callach, agus a phlàigh is mothá de gach plàigh leis am bheil mi air mo shàrachadh, cridhe eas-creidmheach, misneach air bith agam gu bhi’g amharc Ris air son saorsa bho’n eallach so, agus mo tharruig ga ionnsuidh Fein, an sin cha’n eil soisgeul na dòchas air mo shon. Ach ma tha barantas agam a ràdh, “Cuidich le mo mhi-chreidimh, saor mi bho’n aon so is mothá agus is marbhtaich dhe mo pheacaidhean, meudaich mo chreidimh, saor mi bho’n a h-uile a th’anns a pheacadh,” an sin is e so an soisgeul a tha mi cur feum air, agus anns am bheil beothachadh, cumail suas, agus cumhachd tarruig.

2. Tha bunait a nochdadh cho luachmhor ‘s a tha e.

Dìreach a reir meudachd na’n nithean a tha air an gabhail a stigh le bhi creidsinn an t-soisgeil, a reir sin tha e riatanach gu’m bitheadh bunait chinnteach aig ar muinghin nach e “faoin-sgeulachd a dhealbhadh gu h-innleachdach” a th’ann. Nis, is e bunait a chreidimh gur e h-anns an t-soisgeul fianuis Dhé. Anns an t-seadh is fhaide mach faodaidh, da-rìreadh, e bhi air a ràdh gur e bunait creidimh iomlanachdaibh ghlòrmhor agus neo-chaochluidheachd an Dé Mhòr; tha creidimh, uime sin, a taiceachadh air Ughdar gach bith—bunait na firinn, na h-oirdeirceis, agus a chumhachd. Ach ‘s e a dhlùth-bhunait fianuis Dhé. Cha’n eil e taiceachadh air fianuis duine, air aon duine naomh, na buidhean air bith do dhaoinne matha a tha buailteach do thuitem. Cha’n eil mi creidsinn a chionn gu’m bheil an Eaglais a creidsinn. Cha bhitheadh an sin ach bunait bhochd chaochluidheach gu bhi taiceachadh dòchas neach oirre air son na siorruidheachd. Ni mothá tha mo chreidimh a taiceachadh air an dearbh-shoilleireachd air an d’r’thàinig mi an deigh a bhi rannsachadh fianuisean a chreidimh Chriosdail, gur ann bho Dhia a tha e; ged a tha’n dearbh-shoilleireachd so, ‘n a àite fein, na ni robh mhòr, agus a tha do ghnàth a leantuinn rannsachadh onarach agus suidhichte na’m fianuisean sin. Cha’n eil e taiceachadh air gu’n d’r’thàinig mi co-dhùnadh a tha ga’m a shàsachadh gu’m bheil na teagasgan a th’anns a Bhiobull airidh air Dia, mar nach eil teagasgan air bith eile: ged a tha’n co-dhùnadh so na ni ro mhòr, agus a deanamh cuideachadh mar an ceudna. Cha’n eil mi creidsinn do bhrigh gu’n d’thug mo bhreithneachadh binn gu’n robh mi riarachta le teagasgan an t-soisgeil. Ni moth a creidimh a taiceachadh air faireachaidhean agus cleachdaidh ‘s an taobh a stigh. Cha’n eil mi a faicinn na a faireachadh, agus uime sin, tha mi a creidsinn. Cha’n eil mi a faotainn cridhe maith ‘s an taobh a stigh air bonn am bitheadh sùil agam ri tròcair. Cha’n eil mi ga’m fhaotain fein ullaichte air son Chriosd, agus air a bhonn so, ann an co-cheangal ris na rinn Criosd tha mi’g amharc air son slàinte. Cha’n eil mi faotainn cridhe maith ‘s an taobh a stigh ga’m a mhisneachadh gu teachd dlùth do Dhia. Cha’n eil faireachadh roimh laimh agam air a thròcair gu dànachd a thoirt dhomh gu earbsa ann: ach fodh thròm-chudthrom ciont agus truaigh, tha mi teachd dlùth do Dhia air barantas lòm Fhocail Fein.

Tha creidimh a taiceachadh air fianuis Dhé, “Mar so deir an Tighearna.” Tha creidimh a faotainn cleachdadh, ‘n uair a tha Dia air aithneachadh mar a labhairt ‘n a Fhocal Fein. Uaithe sin tha ri fhaicinn luachmhorachd bharraichte na firinn gu’m bheil na Sgriobturan Naomh air an deacadh. Tha daoine a tha labhairt mu’n timchioll fein mar luchd-teagaisg Chriosdail, a saothrachadh ‘n ar latha-ne, ann an tomhas ni’s moth na ni’s lugha, gu foilleasach, anns an obair anns an robh, ann an ginealaichibh roimhe so, luchd-aicheadh gu foilleasach a caithemh an neart, ‘s e sin, a bhi cladach fodh chreidimh na h-eaglais a thaobh firinn nan Sgriobturan Naomh mar fhoillseachadh sgriobhta Dhé air a thoil a chùm ar slàinte. Mar e’m Biobull leabhar Dhé Fein, air a sgriobhadh le daoine naomh mar a bha iad air an glasad leis an Spiord Naomh, an sin cha’n eil bunait neo-thuiteamach ann air son a chreidimh. Mar a h-e gu firinneach Focal firinneach agus cìnteach Dhé e air son ar slàinte, air chor agus gu’m faod sinn agus gu’m bu chòr dhuinn sinn fein a thoirt thairis gu neo-chealgach dha threorachadh a chùm agus gu’m bithidh-mid air ar soillseachadh, air ar comhfhurtachadh agus air ar deilbh leis, an sin tha bunaitean ar dòchais air an toirt air falbh. Do bhrigh gu’m bheil earrannan ann a tha daoine a connsachadh mu’n timchioll, agus eadar-dhealachadh leughaidh air cuid de earrannan, agus do bhrigh gu’m bheil nithean eile air am fagail gu bhi ga’r dearbhadh, tha daoine a tha toirt fuath do theagasgan ioraslaichadh a chruiinn-cheusaidh a tòiseachadh an t-seann obair a bhi cathachadh an aghaidh Focal Dhé. Ach Esan a rinn faire thairis air cho iongantach agus a ghleidh e Dha Eaglais anns na ginealachabh a chaidh seachad ni E faire thairis air fhathasd; agus, gun bhuaidh bhi air a thoirt orra le leithid sin de chonnsachaidhean agus de mhilleadh cliu, thig anamaibh air am bheil tart air son slàinte, fathasd a chùm uisgeachabh beo-san, a dh’òl. Bheir Dia air a ghuth cumhachdach agus drùighteach a bhi air a chluinntinn ‘n a Fhocal Fein. Bheir E air a pheacach mhi-chùramach a chluinntinn ‘n a leithid so de chainnt, “Is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithean a tha sgiobhta ann an leabhar an lagha chùm an deanamh.” “Is e tuarasdal a pheacaidh am bàs;” “marbh ann am peacaidhean agus ann an eu-ceartan:” agus mar sin beothaichidh E a choguis, ceannsaichidh E calmachd a chridhe, agus faisgidh E bh’uaithne an glaoth, “Ciod a ni mi chùm gu’m bi mi air mo thearnadh?” Agus bheir E do’n a pheacach iomagaineach a ghuth a chluinntinn ‘n a leithid de chainnt iongantaich ri so, “Mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha’n eil tlachd air bith agam ann am bàs an aingidh; ach gu’m pilleadh an t-aingidh bho shlighe, agus gu’m bitheadh e beo; pillibh, pillibh, bho ur droch shlighean; oir car son a bhàsaicheadh sibh, O thigh Israel?” “Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal gu’n d’ thug e Aon-ghin Mhic Fein chùm ‘us ge b’e neach a chreideas ann nach sgriosair e ach gu’m bi a bheatha shiorruidh aig;” “Glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhic sinn bho gach uile pheacadh;” “An tì a thig ga’m ionnsuidh-sa cha tilg mi air chor air bith a mach e;” agus tre a leithid sin de bhriathran oibrichidh E dòchas ‘n a thròcair, agus bheir E gu bith creidimh luachmhor.

Nis, tha creidimh, anns an t-seadh so, mar a taiceachadh air fianuis Dhé, luachmhor; oir tha e cur urram air Dia le bhi creidsinn Fhocal a dh’aideoin gach mi-choltas ann am breithneachadh, sealladh, agus faireachadh, agus mar sin a seulachadh ciont agus aimeadeas air an eas-creidimh sin leis an d’fhalbh an duine bho Dhia an toiseach. B’e cainnt a Bhuaireadair, “Cha’n fhaigh sibh gu cinnteach bàs.” Chreid ar ceud sinnsear e, agus rinn iad breugaire do Dhia am feadh a bha iad air an cuartachadh leis na fianuisean agus air an liondh le fein-fhiosrachadh air a ghloir agus oirdheirceas, agus fhìrinn, agus a mhaithneas. Air an laimh eile, ri aghaidh coguis chiontaich, agus a dh’ aideoin cion eolas air tròcair Dhé, gabhaidh creidimh ri Focal Dhé agus bheir e gloir Dha mar an Dia dha nach comasach breug a dheanamh. Am bheil thu mothacail air t-fheum air tròcair, air sìth, air glanadh; agus gidheadh tha thu cumail air ais bho Dhia gus am faigh thu ni-eigin annad fein a bheir misneach dhuit gu tighinn am fagus Dha? Faodaidh tu amharc an taobh a stigh dhiot fein; ach ma tha Dia a nochdadh dhuit do chridhe agus do bheatha ann an solus na firinn, cha’n fhaigh thu ni an sin ach truaillidheachd. Ach thig air bonn fianuis Iehobhah. “Thigibh a nis agus tagradh-mid ri cheile, deir an Tighearna; ged robh ‘ur peacaidhean mar sgàrlaid, bithidh iad geal mar shneachd; ged robh iad dearg mar chorcuir, bithidh iad mar olainn.” “Mise, mise fein, esan a dhubhas t-eu-ceartan as air mo sgath fein, agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne.” “Is beannaichte iadsan nach fhac agus a chreid.”

Tha creidimh luachmhor, uime sin, do bhrìgh e bhi taiceachadh air bunait a tha ni’s daingean na’n a neamhan, cha’n urrain e bhi air a chur gu nàire. Faodaidh gach dòchas eile seargadh; ach gus am fàilnich Dia, gus an sguir Criosd a bhi comasach agus toileach air a gheallaidd-ean uile a choimhlonadh do’n a pheacach a tha creidsinn, gus an sguir a leithid de nì agus firinn a bhi ‘s a chruiinne-cé, cha chuirear air cùl dòchas an chreidimh. Am bheil thu toileach Dia a ghabhail air fhocal? Uime sin, na bitheadh eagal ort; na leig le meudachd nan nithean mòr a tha air a ghealtuinn, air an cur taobh ri taobh ri do neo-airidheachd, toirt ortsa focal gràis Dhé a chur ann an amhrus. Is iongantach, da-rìreadh gu’m bitheadh na briathran sin, “Is e tuarasdal a pheacaidh am bàs,” air an leantuin leis na briathran, “Is e saor-thiodhlc Dhé a bheatha mhaireannach tre Iosa Criosd ar Tighearna;” ach cha’n e slighean Dhé slighean an duine. An robh thu feuchainn ri bhi toirt dhachaidh ga’d ionnsuidh fein a leithid sin de bhrathran mor? Am bheil thu faotainn cruaidh so a dheanamh? Gidheadh an aghaidh dòchais, creid ann an dòchas. Esan a “bheothaicheas na mairbh, agus a ghaireas na nithean nach eil ann mar gu’m bitheadh iad ann,” is urrain E ann an am ionchuidh t-anam a thoirt a dh’ionnsuidh ionad saoibhir, agus do dheanamh comasach air aoibhneas a dheanamh ann an dòchas glòir Dhé.

3. Tha Cuspair a chreidimh luachmhor.

Air do chreidimh a bhi aige mar bhunait focal na fianuis Dhé, tha e dol a mach gu dearbh a dh’ionnsuidh uile rùn fhoillsichte Dhé, ach ni’s sònraichte a dh’ionnsuidh na firinn co-cheangailte ri suidheachadh caillte an duine agus slighe na slàinte tre Iosa Criosd, ach gu sònraicht’ a dh’ionnsuidh Chriosd E Fein. Cha’n e tròcair Dhé dealaichte ri Criosd, na eadhon fireantachd Chriosd dealaichte ri Criosd, ach Criosd E Fein. Cha’n e, uime sin, cuspair a chreidimh an fhìrinn lòm, dh’aideoin cho luachmhor ‘s a dh’fhaodas an fhìrinn sin a bhi, ach, ‘n a phriomh chleachdadh sònraicht, ‘s e am Focal do-sheachaint’, an Fhìrinn bheo, Criosd E Fein, Cuspair a chreidimh. Is e nàdur a chreidimh, no mar is fearr a chur, dòigh Dhé ann an deilgeadh gu slàinteil ri peacach, a bhi ga threorachadh a mach bh’uaithne fein a dh’ionnsuidh Chriosd anns an t-soisgeul. An taobh a stigh cha’n eil e faotainn ach ciont, dorchadas, truagh; ach, air a threorachadh le fianuis Dhé, tha e dol a mach a dh’ionnsuidh Chriosd. Tha Dia ag ràdh, “Is e so mo Mhac gràdhach anns am bheil no mhòr thlachd;” “Feuch Uan Dhé, a tha toirt air falbh peacadh an t-saoghail;” “Fosgail do bheul agus lionaidh mise e;” “Tha m’Athair a toirt dhuibh an arain fhior ‘o neamh.” ‘S e tha’m peacach, air fhalbhachadh dheth fein ag iarruidh ach na choinnicheas ri uile fheuman a spioraid neo-bhàsmhor, luchdaichte le peacadh, fodh chomhair siorrudheachd—na choinnicheas ri chiont, ri fhadachd as bho Dhia, a lomnochduidh spioradail, agus a thruaillidheachd, agus a bhochdainn. An taobh so do Chriosd iarruidh e so gu diomhain. Ach, air a threorachadh le focal agus Spiorad Dhé, tha e faicinn Iosa—tha Grian na Fireantachd a briseadh a mach air oidhche de bhròn agus de dhorchas. Tha e faicinn Aon a tha ‘g aonadh glòir na Diadhachd agus mise na daonnachd ‘n a Phearsa iongantach; Aon a tha air a chur air leth gu bhi ‘n a Fhear-saoraidh anamaibh caillte, air a nochdadh anns an t-saoghal agus ag oibrechadh a mach saorsa; neo-chriochnach an glòir, an toillteanas, an tròcair, ann an cumhachd gu tearnadh; gu h-iomlan freagarach dha fheuman uile agus dha mhiannaibh; agus a dh’aindeoin gach peacadh a chaidh seachad agus gach truaillidheachd agus neo-airidheachd a tha lathair, ga chuireadh gu gabhail Ris mar a Shlàn-uighear. Agus le uile chridhe tha e gabhail Chriosd, agus a gabhail Ris mar a chiud fein.

(R’a leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice