(Air a leantuinn bho t.d. 59)
Mar is e Cuspair mòr a chreidimh Criosd Fein, mar sin, is e’n ni sin ann an Criosd air am bheil e an toiseach gu sònraicht, a greimeachadh, a dhreuchd Shagartail—ann am briathran eile, freagarachd Chriosd mar an t-Urras a tha deanamh reite agus ag eadar-ghuidhe, air son a shuidheachadh truagh mar duine neo-fhireanta air a dhiteadh. Ach, mar a tha creidimh ag amharc ri Criosd Fein, mar sin tha e socrachadh air na h-uile a th’ann an Criosd—Criosd mar Eadar-mheadhonair, Fàidh, Sagart, Righ, Lighiche, Buachaile. Tha e tighinn le ciont an anama dh’ionnsuidh fuil na reite, chùm gu’m faigh e sith air son na coguis; le a lomnochuidh spioradail, chùm gu’m bitheadh e air a chòmhdaich le trusgan fiorghlan fhireantachd-san; le a dhorchas, chùm, air dha bhi air ùngadh le shàbh-shùl-san, gu’m faiceadh e; le a thruaillidheachd, a chùm, tre a ghràs-san, gu’m bitheadh e air a dheanamh glan; le a neo-airidheachd, a tha e’g aideachadh air a bhi air a ghairm ‘n a mhaic, gu’m bitheadh e air a chur air aireamh na cloinne; le fhalamhachd de na h-uile mhaitheas agus shìth, gu’m bitheadh e air a lionadh a mach as a lànachd-san. Agus mar sin tha e teagasg do’n anam a ràdh, “Thuair mi Aon a bheir beatha do pheacaich mharbh, agus a bheir dhoibh e ni’s ro phailte; a tha na ‘ uile anns na h-uile.’ Tha mi aineolach agus dorch, ach Ann-san tha air am folach uile ionmhasan a ghliocais agus an eolais, agus tha e comasach air mo dheanamh glic a chùm slàinte. Tha mi toillteanach air diteadh siorruidh: ach ghiulain Esan mo ‘ pheacaidean ‘n a chorp fein air a chrann,’ agus Ann-san tha mi air m’fhireanachadh agus air gabhail rium. Tha mi air mo thruailleadh agus salach, ach ‘s urrain Esan mo naomhachadh gu h-iomlan; tha mi bochd ach tha Aig-san saoibhreas nach gabh a bhi air a rannsachadh. Tha mi dubh, agus suarach, agus neo-airidh air uibhir agus mo shùilean a thogail suas gu neamh; ach ‘s e m’Fhear-saoraich Dealradh agus Glòir Neamh, agus Ann-san tha mi eadhon a nis a suidhe ann an ionadaibh neamhaidh.”
Cia cho luachmhor ‘s a tha creidimh air a thort fa’n ear ‘s an t-suidheachadh so. Tha e fior gur e Cuspair a chrèidimh a tha cho glòrmhor, agus feumair smuainteachadh air creidimh a mhàin mar an ni sin a tha cur an anama ann an laimh Chriosd; gidheadh nach fhaod sinn a ràdh, “Creidimh sona, luachmhor, a tha cuartachadh agus a gabhail ‘n a ghlacaibh Pearsa cho glòrmhor—Esan nach urrain neamh na neamhan a chumail, Miann nan uile Chinneach, Gràdh an Athar, Cuspair-aoraich nan aingeal, Caraich nam peacach, an Caraich dearbhta a thug E fein air an son, an Caraíd is dluithe a leanas na bráthair; creidimh sona a deanamh greim air a lethid sin de Shlànughear.
4. Tha luachmhorachd a chreidimh air a nochdadh ‘n a bhuaidhean na ‘n a oibreachadh,— an ni a tha ceangailt ris, na a leantuinn e bhi faotainn cleachdadh; agus cha ni eile so ach sláinte an anama.
Agus tha sláinte co-cheangailte ri creidimh ann an rathad nach eil i ceangailte ri grás air bith eile — ri aithreachas, na grádh, na fein-áicheadh; do bhrigh gur ann le creidimh a tha sinn air ar ‘n aonadh ri Críosd, tre’m bheil sinn air ar fireanachadh agus air ar naomhachadh. Uime sin, tha e air a rádh, “Tre ghrás tha sibh air ‘ur tearnadh, tre chreidimh.” Uime sin, is e beatha a Chriosduidh beatha a chreidimh, agus ‘s e gluasad agus cómhrag a Chriosduidh, gluasad agus cómhrag a chreidimh. Oir cha’n e mháin gur ann le creidimh a tha sinn air ar fireanachadh, dealaichte ri aithreachas agus grádh, ach tha aig creidimh árd-cheannas a’ measg nan grásan uile ann a bhi giulain air adhart naomhachadh a Chriosduidh.
Uime sin, ‘s e bhítheadh ann an dol a stigh ‘n a lánachd ann an iomradh air oibríbh creidimh sláinteil, ach a bhi dol a stigh ann an iomradh air beatha a Chriosduidh, agus gluasad a Chriosduidh tre shaoghal an dorchadais agus a chath so, gu saoghal an t-soluis agus na fois.
Beachdaicheadh-mid air beagan de phriomh chleachdaidhean agus a thoraídean.
Bheir e sith dh’ionnsuidh na coguis.
Tha chuid is mothla de dhaoine neo-mhothachail, na cha smuaintich iad air cumhachd na coguis,— gu bheil (fodh láimh bacaídh Dhé) ar sith uile ‘n a lámhan-se, agus gu bheil i cumhachdach gu leoir gu neamh na ifrinn a dheanamh ‘s an taobh a stigh. B’urrain Càin na Iudas innse dhuinn mu a cumhachd gu bhi casaíd agus a diteadh. Agus b’urrain esan a bha air deiligeadh ris gu sláinteil le Spiorad Dhé innse dhuinn cho neo-eufachdach ‘s a tha h-uile ni ach fuil Chriosd gu bhi cur tosd air a casaídean, agus mu’n a chiunas neamhaidh agus an fhois a tha leantuinn co-chur na fala sin. ‘N uair a tha choguis gu mór air a dùsgadh mar sheirbhiseach lagh Dhé anns a chridhe is diomhain an oidheirp a bhi cur tosd air a guth le aon ni dhe na nithean cumanta a tha daoine a cleachdadh gu bhi ga cur na támh. Faodaídh rúinteán gu bhi deanamh ni’s fearr, na aithreachas a dheanamh, na bhi’g amharc ri trócair Dhé dealaicht’ ri fireantachd Chriosd a cur na támh ‘n uair nach eil i air a stiúradh ‘n a casaídean le Spiorad Dhé a tha toirt dearbh-shoilleireachd; ach tha iad gu tur air an diúltadh leatha ‘n uair, fodh stiúradh an Spioraid, a tha i deanamh casaíd air an anam air son a pheacaídh, agus ag agradh air freagaírt air son a pheacaidh. An sin, cha’n urrain ni tosc a chur oirre ach fuil luachmhor Uan Dhé a tha gun smal air a dòrtadh air son maitheanas peacaidh mhòran. Leis an fhuil so tha ceartas Dhé riaraicht’; air bonn a dòrtaidh tha mathanas làn agus saor air a chur an ceill do pheacaich. Tha creidimh a cur an ceill na firinn do’n a choguis, gu’n glan ” fuil losa Criosd a Mhic sinn bho gach uile pheacadh.” Tha choguis ag aideanchadh firinn an tagraidh. Tha na gaothan agus na tuinn na’n tàmh agus tha feath mòr ann. Agus mar is e’n creidmh tre’m bheil sinn a faotainn maitheanas peacaidh a tha toirt sith a dh’ionnsuidh na coguis an toiseach, mar sin is ann tre shior chleachdadh a chreidimh air fuil Chriosd a tha sith air a gleidheadh, agus a tha choguis air a cumail glan, na air a cumail glan bho latha gu latha.
Tha e glanadh a chridhe.
Gach neach a tha da-rìreadh ann an gnothuch diadhachd fairichidh e fheum air an cridhe bhi air a ghlanadh bho pheacadh, chum agus gu’m faiceadh e Dia. Agus ‘s iomadh iad na dòighean a ghabhas daoine gu bhi glanadh an cridheanchan bho pheacadh, ‘s iomadh na diomhanasan breugach a tha iad a leantuinn am feadh ‘s a tha iad ag iarruidh na crioch mhòr so. Ach cha’n urrain sinn sinn fein le ar reusanachadh, na ar sgiùrsadh, na le ar trasgadh, na ar n’ùrnuighean, a thoirt a stigh do’n atharrachadh cridhe so. ‘S e creidimh a mhàin, mar inneal, a ni so; le sùil a thoirt air bàs Chriosd, an sealladh a tha air a thoirt air peacadh ann am bàs Chriosd, a chrioch air son an do bhàsaich Criosd, gràdh Chriosd ann a bhi bàsachadh, buaidh Chriosd thairis air a pheacadh. ‘S ann mar so a tha’n cridhe air ioraslachadh, air a leaghadh, air a thionndadh bho’n a pheacadh agus air a tharruing gu Dia.
Bheir e buaidh air an t-saoghal, leis a ghreim dhaigean a ghabhas e air fianuis Dhé a thacbh diomhanas an t-saoghail, agus an sealladh a bheir e do’n anam air an dùthaich is fearr.
Tha e gleidheadh an anama le bhi ga earbsa ri gleidheadh Chriosd. Tha e do ghnàth a tarruig beathachadh a lànachd Chriosd gu bhi togail suas an anama ann an naomhachd. Tha e toirt coimheadachd do’n anam tre fhàsach an t-saoghail so air slighe chumhann na h-ioraslachd, an fhein-àicheadh, na còmhraig, agus an taiceachidh, gus an ruig e Iordan, gus an gabh e slàn deireannach leis — co dhiubh mar an creidimh a thearnas. “A faotainn crich ‘ur creidimh, eadhon slàinte bhur ‘n anama.”
II. Anns an dara h-àite, tha ar ceann-teagaig a cur an ceill dhuinn mar a tha creidimh dhe’n aon nàdur anns na creidmich uile.
Tha ” aon chreidimh ” aca mar is aon chorp iad, ‘a measg gach eadar-dhealachadh coslas a dh’fhaodas creidimh a chur uime—is tha iad sin lionmhor. Mar eisimpleir: 1. Tha creidimh anns a chumantas an toiseach mar ghràinne de shiol mustard; feumaidh e fàs; agus tha eadar-dhealachadh mòr eadar creidimh an leinibh agus creidimh an duine tha air teachd gu làn inbhe. An sin, 2. Faodaidh eadar-dhealachadh mòr a bhi measg chreidimheach a thaobh an eolas air nithibh Dhé; ged nach eil neart na amhuinneachd an creidimh gu h-uile a reir tomhas an eolais. 3. Faodaidh creidimh a bhi làidir ann an aon, agus nì’s lugha na nì’s laige ann an aon eile. Bha Abraham “làidir ann an creidimh.” An aghaidh gach ni a dh’fhaodadh a bhi bho’n leth a muigh agus gach faireachadh, agus ged a dhearbh Dia e le dàil a chur ann an comhlionadh a gheallaidh, “cha do chuir e an amhrus gealladh Dhé le mi-chreidimh.” Bha Iob làidir ann an creidimh. Bha leac an teinntean aige lòm, bha e air fhagail gu tur falamh, bha chorp fodh ghalair cràiteach, dh’fheuchadh a chàirdean a thoirt air a chreidsinn gu’m bu chealgair e; seadh, bha saighdean an Uile-chumhachdaich an taobh a stigh dheth, ag òl suas brigh a spioraid:—gidheadh thubhairt e, “Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as.” Bha creidimh làidir anns a cheannard-cheud:chaidh e seachad air coslas Chriosd bho’n leth a muigh, ball-direach a dh’ionnsuidh a chumhachd Dhiaidhaidh, agus cha b’aithne dha teagamh:—”A mhàin abair am focal, agus slànaichear m’òglach.” Bha e làidir anns a bhean bho Chanàin; cha ghabhaidh i bhi air a cur air falbh bho Chriosd, eadhon air bhi do choltas gruaim air, gus an do bheannaich E i. A ris, bha e lag anns na deisciobuil, agus ann am Peadar. A ris, 4. Tha creidimh Eaglais an t-Seann Tiomnuidh eadar-dhealaicht ri creidimh Eaglais an Tiomnuidh Nuaidh, a thaobh ‘s gur e bh’ann ach creidimh a bha faotainn cleachdadh air Slànuighear a chaidh a ghealltuinn ach nach d’fhoillsicheadh fàthasd, am feadh gur e th’ann an creidimh na muinntir eile ach ni bha faotainn cleachdadh air Slànuighear a thàinig, a chriochnaich an obair, agus a tha nis air deas làimh Dhé. Dh’fheumadh na seallaidhean a bha aig creidmhich an t-Seann Tiomnuidh, a bha iad a faotainn tre’n a ghealladh, tre’n a sgàilibh, agus na samhlaidhean, a bhi na bu dorcha na seallaidhean creidmhich an Tiomnuidh Nuaidh, a nis do bhrigh gu’n robh diomhaireachd ghlòrmhor Dhé ri bhi air a foillseachadh anns an fheoil, air a foillseachadh ‘n a lànachd; ged nach eil sinn a ciallachadh gu’m faodadh an creidimh a bhi na bu laige, ‘n a ni bu lugha cumhachd mar phrlonnsabal ùmblachd agus toirt thairis orra fein do Dhia. Agus mar an ceudna, 5. ‘N a measg-san eadhon aig am bheil an T-aon fhoillseachadh iomlan air toil Dhé, buill Eaglais Chriosd a nis air an talamh—agus tha sinn ga’m meas sin mar iadsan uile a tha cumail an Ceann, a tha creidsinn ann an staid chaillte an duine thaobh náduir, ann an saorsa tre fhuil Chriosd, agus ann an ath-ghinnhuinn tre Spiorad Chriosd (cha dâna leinn a meas mar a buintean do’n eaglais iadsan a tha’g àicheadh diadhachd Chriosd agus obair an Spioraid Naoimh, ni mo tha sinn a meas Pápanachd mar ni bhuineas do Chriosd ged nach eil teagamh againn nach eil a chuid fein aig an Tighearn anns a chomunn thruailidh sin) eadhon na’m measg-san tha, cha’n e mhain eadar-dhealachadh beachd air puingean creidimh agus riaghlaidh, ach faodaidh eadar-dhealachaidh beachd a bhi a thaobh nádur a chreidimh luachmhor fein, cuid ni’s mothá agus cuid ni’s lugha a reir focal Dhé, agus fein-fhiosrachadh Criosdail ni’s mothá na ni’s lugha ann an co-reite ris na tha sgríobhta mu fhein-fhiosrachadh an neul de fhianuisean.
Agus gidheadh, na’n smuainticheadh-mid air buill as gach eadar-dhealachadh Eaglais, na communn Criosdail a bhi cruinn cuideachd, agus miorbhuil latha na caingis a bhi air a deanamh as úr, agus ministeirean a bhitheadh air an teagasg leis an Spiorad Naomh a labháirt riutha air Pearsa iongantach agus obair Chriosd, mu an earbsa, an t-aoradh, an grádh, agus an t-seirbhís a bhuineas Dha, agus an dealachadh bho’n an t-saoghal, agus an grádh bráthaireil a tha ciatach dhoibh-san uile is Leis, chitheadh neach gu’n robh aca uile — Gearmailtich, no Frangaich, Cafraich, Luchd-áiteachaidh Tir na deigh, Sineich, na luchdáiteachaidh Eileanan na Mara mu Dheas — an “creidimh luachmhor ceudna,” agus gu’n robh iad dhe’n aon inntinn agus dhe’n aon chridhe a thaobh nan ceithir nithean a dh’ainmich sinn a tha deanamh creidimh “luachmhor.” Cha’n fhaigheadh-mid gu’n ‘toireadh aon aca a ghloir dhá fein air son e bhi n a chreidmheach:—”Tre ghràs Dhé is mi an ni is mi.” Gheibheadh-mid anns gach aon aca an aon urram do Fhocal an Dé bheo mar an riaghailt creidimh agus ùmhlachd, agus an aon mheas anabarrach air losa Criosd. Gheibheadh-mid mar chuspairean an aon ghràidh, air an ceannach leis an aon luach, air an teagasg leis an aon Spiorad, buill do’n aon chorpa, gu’n robh an aon chreidimh agus an aon ghràdh aca, agus na h-aon chòmhragaibh agus bhuaíridhean; agus gu’n robh iad a triall na h-aon slighe, agus gu’n robh iad a dol troimh’n aon ullachadh air son seirbhís an àite far, air dhoibh a bhi faicinn sùil do bhrigh gu’m bi iad a faicinn Chriosd mar a tha E, agus do bhrigh gu’m bi iad coltach Ris-san, aonaidh iad mar le aon chridhe ann a bhi’g rádh, “Is airidh an t-Uan a chaidh a mharbhadh air cumhachd, agus ‘saoibhreas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus glòir, agus beannachd fhaotainn.”
(R’a leantuinn.)