Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1958 » August 1958 » Searmon xiv.: “Uime sin air dhuinn a bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearn Iosa Criosd.” Ròm. v. 1

Searmon xiv.: “Uime sin air dhuinn a bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearn Iosa Criosd.” Ròm. v. 1

Air do’n Abstol teagasg fireanachaidh a pheacaich ann an sealladh Dhè tre chreidimh ann an Criosd as eugmhais oibríbh an lagha, a shuidheachadh agus a mhineachadh, tha e dol air adhart ann an toiseach na caibideil so gu bhi fosgladh suas beannachd staid fireantachd.

Cuimhnicheadh-mid ciod a tha air a chiallachadh le neach a bhi air fhireanachadh. ‘S e th’ann a fireanachadh ach a bhi deanamh, a bhi meas, agus a bhi gairm pheacach fireanta, na n’an seasamh gu ceart ann an daimh ri Lagh Dhé; cha’n e mhàin ga’n saoradh bho’n bhinn ditidh a tha ceangailte ri briseadh an lagha, ach a bhi toirt dhà còir air a bheatha a tha na duais ùmhlachd. Cha’n e th’ann an so, uime sin, atharrachadh ann an suidheachadh inntinn a pheacaich a thaobh an Lagh agus am Fear-tabhairt lagha, ach ‘s e th’ann atharrachadh anns an daimh anns am bheil e a seasamh do’n Lagh agus do’n Fhear-tabhairt lagha. Cha’n e leithid de dh’atharrachadh cridhe th’ann, agus nach eil e ni’s fhaide a fuathachadh ach a gràdhachadh an Lagh naomh agus am Fear-tabhairt lagha fireanta; ach ‘s e th’ann a leithid de dh’atharrachadh ‘n a staid agus ‘n a sheasamh a thaobh an Lagha, agus nach eil an Lagh ni’s fhaide ag amharc le feirg air mar fhear-brisidh, agus a seirm a bhagraidhean uamhasach ‘n a aghaidh, ach ‘s ann, air an laimh eile, a tha e’g amharc air le leithid de bhàigh agus ged nach peacaidheadh e riamh, agus, a bhar air so, ga mheas mar neach aig am bheil còir air a dhuaisean gràsmhor. ‘N uair a dh’fhireanaicheas Dia am peacach, cha’n e mhàin gu’m bheil E ga shaoradh bho dhìteadh, ach tha E toirt dha còir air beatha shiorruidh.

Cumadh-mid mar an ceudna ‘n ar cuimhne dòigh an fhireanachaidh. Tha sinn air ar fireanachadh gu saor le gràs Dhé; air bhi da so ‘n a ghniomh na tròcair is fior-gnloine; gun ni anns an duine, air beachd a ghabhail air ann fein, gu Dia a ghluasad gus a bheannachd so a bhuileachadh air, ach a thruaigh agus fheum air,—air bhi do’n pheacach a tha air fhireanachadh, na dhuine mi-dhiadhaidh. Tha sinn air ar fireanachadh “tre’n t-saorsa a th’ann an Iosa Criosd,” na le “fuil Chriosd,” na le “fhireantachd Dhé;” air bhi do’n ghniomh so a sruthadh bho fhireant’achd neo-thruaillich agus ghloirmhor, cho maith ri bho ghràs; air bhi do Dhia ceart ‘n uair a dh’fhireanaicheas E, do bhrigh gu’m bheil E fireanachadh a pheacaich air bunait na h-iobairt-reite a tha iomlan agus fireantachd shiorruidh an Fhair-urrais, a Mhac gràdhach. Tha sinn air ar fireanachadh “tre chreidimh.” Cuimhnicheadh-mid mar an ceudna nàdur creidimh fireanachaidh, dleasdanas a pheacaich agus gniomh a pheacaich, gidheadh toradh gràs Dhé:—gur e th’ann ach creidsinn gu toileach le co-chur ri neach fein air fianuis Dhé mu thimchioll a Mhic; agus ann an gnothach mòr ar fireanachaidh gu’m bheil e calg-dhìreach an aghaidh uile “oibrìbh an lagha.” Cha’n ann mar obair, ach mar an ni sin nach dean obair ach a thaicicheas air obair neach eile, a tha e air fhireanachadh. Tha glòir Dhé agus ar comhfhurtachd-ne a coinneachadh anns an dòigh nuadh agus iongantach so air gabhail ruinn. Tha gach uail air a druideadh a mach. Tha’n duine air ioraslachadh, do brigh gu’m bheil feum aig air a bhi air ioraslachadh; ach tha e air a thogail suas agus air àrdachadh ann am fireantachd Dhé.

Feudaiddh e bhi air a ràdh gu’m bheil gach uile bheannachd eile a leantuinn ann an cois fireanachaidh. Ach feumaidh sinn eadar-dhealachadh a chur eadad còir air na beannachdan, na barantas gu bhi deanamh greim orra, agus a bhi ga’n sealbhachadh gu faireachail. Is aon ni Dia bhi gràsmhor do’n a chreidmheach; an creidmheach a tha mothachail air so, agus an t-aoibhneas a tha’g eirigh bh’uaithhe sin is ni eil e. Aig an dearbh am tha beannachdan sìth, dòchas, aoibhneas na’n adhnitheadh a bhuineas do mhothachadh agus do thein-fhioer-achadh pearsanta. Tha sinn, uime sin, a co-dhùnadh gu’m bheil a bhi deanamh aoibhneas annta a dol an cuideachd na a leantuinn fireanachadh tre chreidimh.

Ged nach dean fireanachadh, gniomh Dhé “Breitheamh nan uile,” ann fein, buaidh a thoirt air nàdur an neach a tha air fhireanachadh, didheadh is ann an co-cheangal do-sgaraichte ri creidimh a tha e air fhireanachadh; agus tha creidimh dhe leithid de ghnè agus nach urrain e cleachdadh fhaotainn air a Chuspair ghloirmhor gun feartan àraidh a bhi ga leantuinn a tha a reir a Chuspair agus a reir a nàduir: agus dh’òrduich Dia cuisean anns an t-soisgeul air a leithid de dhòigh, ann na dhòigh, labhairt sìth ri peacaich, agus am feadh a bheir an fhirinn a thaobh doigh gabhail ri peacaich le Dia, ‘n uair a ghabhair rithe, a nuas am peacach, agus a dhùineas e stigh e ri taiceachadh ann an simplidheadh air trocair àrd-uachdair-anail Dhé ann an Crìosd, agus earbsa shìmplidh ann am fuil Chrìosd, tha e mar an ceudna a toirt gu bith sìth agus dòchas, agus aoibhneas, mar, ann na lànachd, a tha e air fhosgladh suas fodh chomhair agus air fhaicinn leis.

Cha’n eil teagamh nach fheum na briathran so bhi air an cleachdadh gu faicealach. Tha nithean ann a tha mach a riaghailt:—nithean a bhuineas do shuidheachadh sònraicht’ cuirp na inntinn; suidhichidhean anns am bheil deiligeadh sònraict’ aig Dia ris an anam, ‘n uair a chi E feumail, le suil ri bhi daingneachadh an anam agus a toirt dha sìth shuidhichte air a cheann mu dheireadh, a bhi ga chumail iosal agus a ceadachadh dha bhi gu goirt air bhuaireadh, mar a bha Haliburton agus Bunain, na bhi cumail a leithid de shealladh air a pheacaidean fodh chomhair intinn— a toirt air a bhi sealbhachadh a pheacaidean—agus a bhacas am fein-fhiosrachadh, ach ann an tomhas beag, air an t-sìth a tìa sruthadh a stigh air an anam bho’n a chrann-cheusaidd. Oir cha’n fheum sinn a bhi di-chuimhneachadh gur e th’ann an Dia ach Athair a tha deiligeadh ann an gliocas neo-chriochnach r’a shluagh ann a bhi ga’n ullachadh le eagnuidheachd nach bi fois air ann ‘s an t-saoghal so, agus a freagairt a dheiligidhean ris gach aon aca a reir an nàduir, agus an suidheachadh bho’n leth a muigh, an obair a tha air a sonrachadh dhoibh ‘s an t-saoghal, agus a ghloir a tha air a h-ullachadh dhoibh an deigh so. Ni moth a dh’fheumas sin a dhi-chuimhneachadh, air son a h-uile sealladh spioradail air an fhirinn, agus uime sin air son gach buaidh a th’aig an fhirinn, co-dhu a tha sin aoibhneach na brònach, tha iad cho mòr a ghnàth an crochadh air gràs an Spioraid a bhi’g oibreachadh annta agus a tha iad an crochadh air air son a bhi gabhail riutha do ghnàth ann an cleachdadh a thròcair dha’n taobh.

Leis na nithean sin a tha mach a riaghailt, na a cumail nan nithean sin ‘n ar sealladh, tha barantas againn a bhi co-dhùnadh gu’m bheil a leithid sin de bheannachdan ‘s a tha’n t-Abtol ag aireamh anns a chaibideil so air greim a dheanamh oirre agus air an sealbhachadh a reir tomhas a chreidimh,—creidimh a tha’g amharc air Dia anns a chliu anns am bheil E air fhoillseachadh anns an t-soisgeul, mar an Ti a tha ceart agus a dh’fhìreanaicheas an ti a chreideas ann an losa.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice