Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. 89.)
Gu bhi co-chur na thubhairt sinn. Cha’n eil sinn a nis a dol a stigh ‘n a lânachd ann an iomradh air a chreidimh a tha cho luachmhor, agus a tha “chum ternadh an anama;” gidheadh thugadh-mid fa’n ear nach e th’ann a bhi mhàin a cur aonta lòm ri firinnean Focal Dhé, mar a dh’fliaodadh a bhi air a thoirt do ni air bith ann an eachdraidh, na ann an speurad-aireachd; ach ‘s e th’ann aonta thoirt dhoibh mar thirinnean Dhé air fianuis Dhé, agus ‘s e th’ann ach a leithid de chreidsinn na’n luachmhorachd agus a threoraicheas neach gu a chridhe thosgladh a chùm an gabhail, agus a bhi toirt cuireadh dhoibh gu oibreachadh na’n lânachd. Cha’n e lârach air an inntinn a tha’n so; cha’n e creidimh a th’ann a tha taiceachadh air faireachadh, na a tha air a thoirt gu bith le bhi dusgadh ghluasadan aineolacn; ach creidimh a tha taiceachadh gu h-uile air fianuis Dhé ‘n a Fhocal; air a chumail an riaghailt, ann na chleachdadh, leis an Fhocal; agus ni’s laige na ni’s làidir ‘n a chleachdadh, dìreach anns an tomhas anns am bhoil fianuis Dhé air a faicinn agus air a gabhail a stigh. A ris, cha’n e ni a th’ann a tha gu tur neo-thuigsinneach ann na nàdur. Is e prionnsabal a rugadh, air neamh a th’ann, buaidh solus Dhé bhi air a thoirt seachad, agus beatha Dhé bhi air a comhphàrtachadh, ach gidheadh am prionnsabal is reusanta dhe gach uile phrionnsabal; a leithid de ghabhail gu cridhe firinn agus mòrachd firinnean saoghal nan spiorad air a leithid de dhòigh agus nach urrain neach deiligeadh riutha mar gu’m b’e faoin-sgeulachdan a bh’annta, ach a dh’fheumas neach spàirn a dheanamh gu fiosrachadh, gu bhi giulain a mach agus gu bhi foillseachadh an uile bhuanhan.
Bitheadh Criosduidhean ag iarruidh a bhi fàs ann an eolas air feum agus oirdheirceas a “chreidimh luachmhor,” agus bitheadh iad air a’ misneachadh gu cleachdadh a thoirt dha, gu Criosd a ghlòrachadh le bhi tilgeadh gach eallach Air-san — eallach a pheacaiddh, na h-àmhghair, agus ceum cumhann an dleasdanais. Tha bhunait a seasamh ged a dh’fhaodadh sibhse a bhi air ar luasgadh. Feumaidh creidimh a bhi air a dhearbhadh.
Ach tha Criosd a guidhe nach failnicheadh e. Am bheil peacadh ga’d shàrachadh,— cuimhneachadh a pheacaidh, na mothachadh air peacadh a tha làthair? Is Esan an Tighearna, t-Fhireantachd agus do Shith. Am bheil thu air do shàrachadh le inntinn dhorch? Is Esan Solus ‘anamaibh dorch. Na’m bheil cridhe cruaidh agad? Maile Ris-san tha Spiorad nan gràs agus nan athchuinge. Am bheil thu lag? Ann-san tha neart siorruidh. Am bheil thu bochd? Maile Ris-san tha saoibhreas do-rannsaicht. Am bheil thu neo-sheasmhach, agus am bheil agad cridhe cealgach? Gidheadh tha Esan a fantainn dileas, agus gheall E gràs gu bhi’g aiseag air ais. Thoir glòir do Chriosd le bhi toirt Dhà t-oibríbh uile ri’n deanamh annad. Tha E’n Ti ceudna ‘s a bha E ‘n uair a thug E Daibhidh as “an t-slochd uamhann;” ‘n uair a ghleidh E Peadad bho dhofodha; ‘n uair a thug E Pol gu bhi’g ràdh, “Is urrain mi na h-uile ni a dhearnamh tre Chriosd a neartaicheas mi.”
Ach am bheil an creidimh so agad-sa? Mur eil, thig gu bhi comhpàrtachadh dheth. Tha “focal a chreidimh” air a shearmonachadh dhuit-sa; tha Cuspàir a chreidimh air a churfodh do chomhair; Tha E labhairt riut-sa na dearbh bhriathran gràsmhor a labhair E ri peacaich ‘s na h-amaibh a chaidh seachad, agus ga do chuireadh a dh’ionnsuidh na h-aon dòchasann; tha E ‘g iarruidh ort gabhail Ris mar t-uile a chùm gu’n dean E na h-uile ni air do shon. Thig gu Criosd, agus bithidh do staid air a h-atharrachadh, agus bithidh do chridhe air atharrachadh, agus na nithean a tha thu nis a meas na’m “buannachd” measaidh tu iad “nan call ‘air son Chriosd.” Agus cha bhi thu ni’s fhaide gun Chuspàir is fh’iaich a bhi ann am bith air a shon, na cuspàir a tha air a chriochnachadh le ùine agus leis an uaigh; ach bithidh Cuspàir glòrmhor agad air son a bhi annam bith air a shon — a chùm a bhi ruigheachd air naomhachd agus air neamh. “An ti a chreideas ann-san cha ditear e.” “An ti a chreideas anns a Mhac tha bheatha mhaireannach aige; ach an ti nach creid anns a Mhac cha’n fhaic e beatha, ach tha fearg Dhè a gabhail comhnuidh air.”