Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1958 » September 1958 » Sermons by Rev. Charles C. Macintosh, D.D. (Continued from p. 121)

Sermons by Rev. Charles C. Macintosh, D.D. (Continued from p. 121)

Tha dà shealladh ri bhi air a ghabhail air beannachd sìth ri Dia. An toiseach, tha Dia ann an sìth ris a chreidmheach tre fhuil a Mhic. Tha fearg Dhé a gabhail comhnuidh air an eas-croidmheach. “Cha’n eil a nis diteadh sam bith do’n dream sin a tha ann an Iosa Criosd.” An nì nach b’urrain nì air bith eil a dheanamh rinn fuil a chruinn cheusaidh. Thug ì riarchadh do cheartas Dhé agus rinn ì sìth; agus ‘n uair a chleachdas am peacach creidimh oirre air son saorsa agus reite ri Dia, tha fearg Dhé mar am Breitheamh air a tìonndadh air falbh bh’uaith, do bhrigh gu’n robh an fhearg air a dòrtadh a mach air an Fhear-urras, agus a reir suidheachadh Dhé, tha an nì a dh’fhuilling am Fear-urras agus a riaraich E air a mheas do’n a pheacach a dh’earbas ann-san. Uime sin, leis an aon tlachd leis am bheil Dia ag amharc air iobairt a Mhic, tha E ‘g amharc air a pheacach a tha’g earbsa innte agus a tha tagradh a h-eifeachd. Tha E tighinn gu bhi dha mar Dhia na sìth, agus tha E deanamh cùmhnanta sìth ris. Agus is e so sochair choitchionn nan creidmheach ‘n a uile lànachd. Ged a dh’fhaodas iad ann an tomhas farsuinn co-roinn a bhi aca anns na fiosraichidhean searbh a tha cur an ceill gu’m bheil comh-strì aig an Tighearn ris an talamh, ged a dh’fhaodadh aig amaibh gu’m bi E comh-strì riutha ann an rathad a bhitheadh e coltach ris gu’n robh am peacaidhean gun a bhi air am maitheadh, gidheadh tha E ann an sìth iomlan riutha mar nach peacaicheadh iad riath, agus tha a ghràdh siorruidh a luidhe orra le tlachd. Bhuinneadh dhuinn strì a dheanamh gu eolas a ghabhail air so mar “oighreachd” gach duine a tha air fhìreanachadh. Cha leig sinn a leas eagal a bhi oirn’ gu’m bì sinn a beathachadh dòchas dàna le bhi deanamh greim air firinn a tha gabhail a stigh ann iomlanachd riarchaidh Chriosd, saoibhreas gràdh an Athar, agus tearuinteachd a shluaigh cùmhnant.

Gidheadh, anns an dara h-aite, faodaidh sinn so uile smuain-teachadh a bhi fior mu neach, ach mar eil dòigh air choir-eigin aig air greim a dheanamh air an t-sochair, bonn-dòchais air choir-eigin air a chòir ann, a tha ga mholadh fein da bhreith-neachadh mar ni tha cinnteach agus tearuinte, na foillseachadh air choir-eigin air cliù Dhé mar Dhia na sìth, freagarach dha fheum air a leithid de bheannachd, cha bhi sìth mhothachail na chinnteach ‘n a anam. Tha mi toirt fa’n ear, uime sin, gu’m bheil so a gabhail a stigh ann sìth mhothachail, na sìth coguis. Cha’n e mhàin gu’m bheil Dia ann an sìth ris, fhearg air a tìonndadh air falbh; ach gu’m bheil sìth aig a thaobh Dhé, eagal roimh fheirg air a toirt air falbh, agus so a reir tomhas agus cleachdadh a chreidimh.

Cha’n eil aon duine, bitheadh e cho mì-chùramach agus cho saoghalta ‘s a dh’fhaodas a bhith, ma dh’aidicheas e gu’m bheil Dia ann a bheir gu breitheanas sinn, nach fheum mar an ceudna aideachadh gu’m bheil sìth ri Dia aig bun. fior shonas. Agus, abradh daoinne na thogras iad, cha’n eil aon duine nach innis a choguis dha, gus an teid aig air a losgadh mar le iarunn dearg, gur e peacach a th’ann, gu’m bheil Dia mi-riaraichte leis do-bhrìgh peacadh, agus, mar sin, mar a bi a chomh-strì eadar e agus a Chruithrear air a reiteachadh roimh’n bhàs, gur uamhasach an coinneachadh a bhitheas aig ris a Bhreitheamh. Ann am meadhon gach di-chuimhne air Dia, a mhì-dhiadhachd agus an saoghaltachd a tha gabhail ait mu’r tìmchioll, gach uile oidhearp dhuilich gu bhi folach bh’uatha fein meudachd na comh-strì, tha sin a gabhail oirne fein a ràdh na’m bitheadh cridheachan gach neach is aithne dhuinn air am fosgladh suas dhuinn, bhitheadh an dà nì so air am faotainn a bhi fior; bhitheadh iad air an dearbhadh a thaobh na’n creutairean is neo-mhothachail dhe ar co-chreutairean. Agus ann am meadhon gach oidhearp—toradh an dà fhaireachadh so—gu ruigheachd air fois agus sìth ann an rathad eile seach rathad Dhé; co dhiubh ‘s ann le bhi’g earbsa ann an oibrìbh math, tograidean, na rùinntean, mar a tha mòran a deanamh; le bhi dol a dh’ionnsuidh coimhead nithean bho’n leth a muigh, trasgaidhean, mi-chaomhnadh a chuirp na saothair mhòr ann an obair na slàinte; na ann a bhi cur dàil air son an am a tha làthair ann a bhi smuainteachadh air a ghnothuch, anns an dòchas mhealta gu’n dean iad sìth ri Dia ma’m faigh iad bàs; na le bhi gabhail fasgadh ann am beachdan mearachdach air tròcair Dhé, mar gu’m feumadh an tròcair sin mu dheireadh seasamh eatorra agus peanas, bithidh e air fhaotainn mar an ceudna nach bi sìth coguis air fhaotainn ann an aon dhe na slighean sin. Cha’n eil mi’g ràdh sìth shuidhichte shàsachaidh, ach a leithid de shìth agus a mholas i fein do’n a choguis mar fhiar shìth ‘n uair a tha solus lagh naomh Dhé air a leigeil a stigh air a choguis. Faodaidh an solus sin a bhi air a dhùnadh a mach, beachdan mearachdach air an lagh a bhi air an altrum, leth-bhreac ùr dheth, freagarach do shuidhichidhean agus thruaillidheachdan an duine, bhi air a dheanamh suas, agus mar sin an cridhe bhi air a mhealladh agus fasgaidhean breige a bhi air an crochadh riutha; Ach ma tha lagh Dhé an ni a tha na Sgriobturan ag ràdh a thà e ‘n a agartasan agus ‘n a bhagraidhean—agus tha reusan agus coguis dhaoine fein aginnse, na’n eisdeadh iad ris na tha iad ag ràdh, gu’m feum e bhi mar sin, do bhrìgh nach bitheadh lagh air bith eil airidh air mòrachd nam Flaithenas—agus ma tha daimh an duine ris an lagh agus ri Fear-tabhairt an lagh an ni tha na Sgriobturan ag ràdh, cha’n urrain sìth fhirinneach a bhi air a faotainn ann an dòigh eil ach anns an dòigh a dheilbh Dia, anns am bheil ullachadh air son àrdachadh an lagha ‘n uair a tha sìth air a labhairt ris a pheacach. O, uime sin, cia cho duilich ‘s a tha e a bhi’ gabhail ri sìth nach eil ach ‘n a sìth an aineolais agus a diùltadh gu toileach na firinn a thaobh lagh an Tì is Airde.

‘N uair a tha’n fhìrinn a tòiseachadh air a bhi air a gabhail a stigh; ‘n uair a tha’n Spiorad Naomh a glacadh aire a pheacaich, ag aobhrachadh a bhi dol fodha ‘n a chridhe cho uile-riatanach ‘s a tha e bhi ann an sìth ri Dia, a thionndaidheas e inntinn air falbh bho bheachdan an t-saoghail air a leithid de fhìrinnean mòr agus uamhasach ri Dia, peacadh, siorruidheachd, agus a shocraicheas e inntinn air fianuis an Fhocail air na nithean sin, gu h-àraidh air fhianuis a thaobh còirichean Dhé, mòrachd an Lagha, agus a staid fein mar pheacach agus mar nàmhaid, an sin, ge b’e tuilleadh a dh’fhaodas a bhi aige gu bhi tarruig aire, gu bhi’g agradh a chùruman agus aignidhean, fairichidh mar nach d’fhairich e riamh roimhe gu’m bheil “aon ni feumail.” Agus an sin, ann am fròigean a spioraid fein, ‘n a choguis, a choguis a tha air a dùsgadh, agus a tha lùbadh do uachdaranachd dhligheach lagh Dhé, tha aige fianuis air a thruaigh mar fodh dhiteadh, fear-cuimhneachaidh d’ripeil agus cunbhalach air a pheachaidhean a chaidh seachad agus a dhi-chuimhnich e, fear-casaid nach caomhain, agus nach urrain e chur ‘n a thosd, do-bhrigh gu’m bheil e tagradh air son an Dé sin air an d’ rinn e cho fada tàire, agus mar an ceudna fianuis air cho eu-comasach ‘s a tha e dhà bhi faotainn maitheanas agus fois ach ‘n a leithid de dhòigh agus a choinnicheas ri uile agartasan an lagha, agus a riaraicheas gu h-iomlan ceartas Dhé. Is e so a bhuaidh air a choguis a tha aig teachd lagh naomh Dhé, ‘n a cho-chur leis an Spiorad Naomh; agus, uime sin, ‘s i cheisd a tha’m peacach a tha air a dhùsgadh ag iarruidh a bhi air a freagairt dha, “Cia mar is urrain ferg Dhé bhi air a tionndadh air falbh? Cia mar is urrain dhòmh-sa bhi air mo shaoradh bho chionnt a pheacaidh? Am bheil slighe ann? agus ma tha, ciod i? Ciod a ni e? Ciod a dh’fheuchas e? Co ‘n taobh a thionndaidheas e air son fuasglaidh? ” Dh’fhaodadh gu’n robh e roimh a gabhail fois ann an ath-leasachadh bho’n leth a muigh, na bhi coimhlionadh dleasdanasan, na ‘n a aithreachas fein. Cha’n urrain e so a dheanamh a nis. Ciod e’m feum a tha ‘n so uile gu bhi toirt air falbh peacadh an anama? Ged a bhitheadh e comasach air ùmhlachd iomlan a thoirt do’n lagh air son am ri teachd, cia mar is urrain e nì dheanamh air son na’m peacaidhean a chaidh seachad, a tha sgriobhta ann an leabhar Dhé, agus ann an leabhar na coguis mar an ceudna? Thainig e gu bhi’ gabhail eolas air an fhìrinn shòlaimte—thainig e gu bhi’ gabhail a stigh mar fhìrinn agus cha’n ann mar ni seachad air an fhìrinn—gu’m feum e cùntas a thoirt as gach aon pheacadh agus gach aon dhiubh bhi air deiligeadh riutha le ceartas Dhé. Ged a bhitheadh e comasach air e fein a dheanamh glan, ged bheireadh e air fein Dia a ghràdhachadh ‘s an am ri teachd, dh’fheumadh cùntas a bhi air a dheanamh air son an am a chaidh seachad. Ach cha’n eil uile oidheirpean agus strithean gu bhi’ glanadh anama gu feum eile ach a bhi foillseachadh dha ni’s motha neart a thruaillidheachd agus cho mòr ‘s a tha e air a shalach; air chor agus ged a b’urrain e smuainteachadh an t-am a chaidh seachad a bhi air a dhubhadh a mach le bhi toirt cleachdadh do fhiar thròcair, gun ullachadh iongantach a bhi air a dheanamh a dh’atharraicheadh a dhaimh ris an lagh, ciod e’n dòchas a b’urrain a bhi aig air son an am ri teachd? Tha e faicinn Dhé uile gu leir ‘n a uamhas: cia mar is urrain a chridhe dhol a mach gu bhi ga ghràdhachadh? Tha coguis chasaideach ga leantuinn a dh’ionnsuidh a ghlùinnean agus a dh’ionnsuidh gàch oidheirp a bheir e air dleasdanas naomh: cia mar is urrain a chridhe bhi aig a bhi’g iarruidh fior-ghloine, eadhon ged nach bitheadh e thaobh nithean eile cho eu-dochasach le oidheirpean air bith a chuireadhesan air adhart, am feadh a tha e air a bhruthadh sios le ciont? Mar is motha ghabhas e do dh’eolas air ceartas naomh Dhé, is ann is lugha tha de chridhe aig air son oidheirp air bith gu bhi glanadh anama; gus, mu dheireadh, a tha e toirt thairis a strithean agus a shaothairean agus a tha e ga leigeil fein sios aig stòl-chos Tròcair Ard-uachdaranail.

(R’a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice