Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tóisich, D.D.
Searmon xv.
Gheibhir moran do theagasg ann a bhi gabhail beachd air a cho-cheangal anns am bheil na briathran so air an toirt a stigh leis an Fhear-shaoraiddh. Chuir E’n cèill truaigh an aghaidh Chorasin agus Bhetsaida. Bha chuid bu mhotha dhe oibríbh cumhachdach air an deanamh ‘s na bailtean so; gidheadh far am bu mhotha bu chor dhúinn súil a bhi againn gu’m bitheadh a chuid bu mhotha de thoradh air a thoirt a mach, cha mhór gu’n robh ni. Agus mar sin chuir am Fear-saoraiddh an cèill am binn, ag rádh, anns an latha mhór gu’m bitheadh iad air am faotainn ni bu chionntaich na Tírus agus Sidon, agus eadhon Sodom, agus gu’m faigheadh iad an díteadh a bu mhotha. Aig an dearbh am thug E buidheachas gu’m fac’ E maith ‘n a shuilean a dheanamh aithnichte gu sláinteil do leanabaiddh diomhair-eachdan a rioghachd, am feadh ‘s a bha iad folaicht’ bho dhaoinibh eagnuidh agus tuigseach. An sin, a síneadh a mach gairdeanan a thrócair, thug E cuireadh dhoibh-san uile a tha ri saoithir agus foidh throm uallach, tighinn dha ionnsuidh-san air son fois. Uime sin tha na trí nithean so maraon fior: gu’n bheil sgrios dhaoine bh’uatha fein, gu’m bheil an slainte bho Dhia, agus gur e th’ann an Criosd ach Slanuighear saor, a dh’ionnsuidh am bheil na h-uile co-ionnan air an gairm gu tighinn. Faodaiddh sinn fhaotainn duilich—bu chór dhomh rádh eucomasach—anns an t-saoghal so a thuigsinn an co-chórdadh iomlan a tha eadar árd-uachdaranachd ghlórmhor an Tí a tha deanamh trócair air an neach air an dean E trócair agus cho iomlan saor agus a tha’n soisgeul, agus ar cor-ne mar chreutairean saor, agus cho tur cúnntachail ‘s a tha sinn a thaobh gabhail Ris. Gidheadh ‘s e fírin nan Sgriobturan a tha anns gach ni dhiubh sin; agus ‘s e bhur gliocas gabhail riutha mar bho bhilibh Dhe: dh’ fhaodadh e bhi ‘n a mheadhon gu ‘ur gleidheadh bho mhearachd mharbhtach so a dheanamh; ‘s e sláinte bhur ‘n anama sibh fein úmhlachadh dh’am buaidh; a chúm gu’m bitheadh mothachadh air ciont’ neo-aithreachais ag oibreachadh eagal freagarach annaibh, a chúm gu’m bitheadh foillseachadh air ard-uachdaranachd Dhè ga ‘ur táladh bho gach uile earbsa annaibh fein na ann an gairdean feolmhor, agus gu’m bitheadh foillseachadh air gràs Chriosd ga ‘ur tarruing a chúm an t-Slanuighear.
Tha’n cuireadh a tha air a thoirt seachad le Iosa anns an earrann bheannaichte dhe’m bheil ar ceann-teagaisg ‘n a cho-dhunadh de thrí seorsaibh: “Thigibh a m’ionnsuidh-sa”; “Gabhaibh mo chuing-sa oirbh”; agus “foghluamaibh uam.” Cha’n eil e coltach a bhi gu mórán mugha co-dhuibh a ghabhas sinn na trí, air an gabhail comhla, mar a bhi toirt fodh’r comhair, mar a dh’fhaodas sinn a rádh, gniomh iomlan a chreidimh—a gabhail Chriosd air son na sláinte uile—na a cumail a mach creidimh maille ri cuid dhe’n a tha ga leantuin, agus maille ri thoraidhean. Ach faodaidh sinn beachdachadh air an Fhear-shaoraidh, anns a cheud aon dhe’n a cuiridhean so mar air a chur fodh’r comhair ‘n a mhaise ‘n a Shagart, mar is urrain fhuil luachmhor-san peacadh a ghlanadh air falbh; anns an dara h-áite, a mhaise mar Righ agus mar Mhaighstir; anns an treas áite, mar Fháidh agus mar Fhear-teagaisg; agus mar sin a coinneachadh ri uile fhalamhachdan agus fheuman a pheacaich a tha’g iarruidh sláinte, agus ris gach suidheachadh air am bheil a shluagh mothachail am feadh ‘s a tha iad ‘s an t-saoghal so. Ach mar nach bu leor so uile, tha geallaidhean agus co-eignichidhean air an síneadh a mach do chloinn nan daoine a chúm an tarruig gu seirbhís Chriosd agus an co-eigneachadh gu bhi’g aontachadh ris na cuiridhean grásmhor so. An toiseach tha E toirt suaimhneas; ‘s an dara h-áite, tha E macanta agus iorasal; ‘s an treas áite, tha chúing so-iomchuir agus uallach aotrom. Bheir E suaimhneas. Ann a bhi tighinn dha ionnsuidh mar an Sagart tha eallach na ciont a tuiteam dhiubh, tha neoil dhorchá na corruich air an sgapadh. Ann a bhi tighinn ga ionnsuidh mar an Righ agus a gabhail a chúing orra, tha iad a faotainn suaimhneas bho dhiomhanas a bhi’g iarruidh sonais anns an t-saoghal agus anns a pheacadh; agus ann a bhi tighinn dha ionnsuidh mar am Fáidh, tha iad a faotainn suaimhneas bho dhorchadas agus aineolas staid náduir. Tha’n duine gu h-iomlan a faotainn suaimhneas. Tha choguis a faotainn suaimhneas ‘n a fhuil; tha na h-aigndhean a faotainn suaimhneas ann a bhi togail a chúing a tha so-iomchuir; agus tha’n tuigse a faotainn suaimhneas ann an cínnteachd agus oirdheirceas na’m firinnean a the E teagasg. An sin, tha E “macanta agus iorasal ann an oridhe.” Cha’n eil E deanamh táire air a bhi teagasg na’n creutairean is bochda, is salaiche, agus is ro-aineolaich; ni mothá tha E air a sgitheachadh le’n aineolas; Cha’n eil E air a ghraineachadh (ann a bhi ga rádh le urram) le’n aineolas bhrúideeil, cho mall-chridheach ‘s a tha iad ga’n nochdadh fein gu bhi creidsinn agus a’ gabhail fhírin. Mar sin tha E misneachadh na’m bochd agus a mhuinntir aineolach gu bhi tighinn agus a foghlum bh’uaithé, a cur ris a sin, le uile mhórachd agus ughdaras, “agus gheibh sibh fois do ‘ur ‘n anamaibh.” Mu dheireadh, tha eadhon a chúing so-iomchuir, agus tha uallach aotrom. ‘S e so ar cuspair sónraicht.
I. Cha’n e ciall so gu’m bheil cúing Chriosd…
Cha’n e ciall so gu’m bheil cúing Chriosd gu mi-chúramach na gu neo-shuimeil air a giúlain le dheiscibuil; na nach eil E ‘g iarruidh agus a gairm gu cleachdadh uile spionnadh an anamaibh; nach eil iad ga fhaireachadh ‘n a ghnothuch sólaimte agus cudthromach, agus (na’n robh e air fhágail aig an neart fein) na ghnothuch duilich. Ach tha e air a chaillachadh gu’m fairich iad e, ‘n a nádur, taitneach agus aoibhneach, agus mar sin gu h-áridh ann a bhi ga choimeas ri cúing an t-saoghail agus a pheacaidh. Nis, faodaidh nach bi e duilich beachdachadh air, ann an cuid dhe sheadhan, mar ni so-iomchuir. Tha e taitneach fios a bhi aig neach, na dóchas a bhi aig, gu’m bheil a pheacaidhean air a’ maitheadh; tha e taitneach beachd-smuainteachadh air macantas an Fhir-shaoraiddh, iochd agus ioraslaichd. Gidheadh cia mar is urrain a chuing sin a bhi so-iomchuir ‘n uair is e cuibhrionn do-sheachainte dhith fein-aicheadh, ar crann-ceusaidh a thogail agus Chriosd a leantuinn ‘s an t-slighe aith-leathann?
Tha i so-iomchuir, anns a cheud áite, do-bhrigh gur e cúing Chriosd a th’innne. Is i a Chuing-san i is E ar Tighearn le cóir, a tha gu neo-chriochnach airidh air grádh a chridh gu h-iomlan agus seirbhis ar n’ uile bhith, aig am bheil cóirichean Fear-saoraiddh, cho maith ri e bhi ‘n a Chruithear, a tha naomh, a tha grásmhor, an Tí is e’n Dia uile-fhoghainteach, dha’m bheil ainglean Dhè uile a toirt aoraiddh. Is i cúing an Tí i mu’n d’thubhairt a ro-ruithear, dha’m b’aithne a ghlóir, nach robh e airidh air bar-iall a bhróige fhuasgladh; mu’n d’thubhairt aon eile dhe sheirbhisich, gu’n do mheas e a mhasladh, dh’aindeoin ciod a dhfhuilingeadh e ann a bhi’g aideachadh ainm, saoibhreas ni bu mhotha na ionmhas na h-Eiphit. Ma’s a h-urram e bhi deanamh seirbhis do na ríghrean talmhaidd is fhearr agus is motha, ciod e’n t-urram a th’ann seirbhis a dheanamh Dhá-san is e Rígh nan ríghrean, Tighearna nan tighearnan, agus aig an dearbh am Caraid agus Bráithear a shluaigh. ‘S an dara h-áire is e cúinge na saorsa a th’innne. Iadsan a tha ga giúlain is e muinntir shaorta a th’annta, a bha air an saoradh le saorsa mhór. Tha iad air am beannachadh le saorsa bho bhinn dítidh an lagh naomha a bha ga’n ceangal thairis do’n bhás shiorruidh; Tha iad air am beannachadh le saorsa bho thruaillidheachd a pheacaidh, dha’n robh iad aon uair a deanamh seirbhis gus, ann an solus a chruiinne-chèusaiddh, am fac iad olcas agus a thruaillidheachd; maillle ri saorsa bho ain-tighearnas Shátain, a bha iad aon uair air an treorachadh ann am braighdeanas aig a thoile; air am beannachadh le saorsa bho an droch shaoghail a ta láthair, dha’n robh iad aon uair ag aoradh gus ann an solus ceudna a chruiinne-chèusaiddh, a chunnaic iad a dhiomhanas, agus air dhoibh an Rígh fhaicinn ‘n a mhais, dh’fhoghllum iad a bhi miannachadh as deigh dúthaich is fearr. ‘S e th’ann an seirbhisich Chriosd, uime sin, ach a dhaoine a tha air an saoradh; air an ceannach le luach, tha iad a gabhail a chuing orra; air chor agus gur e th’anns a chuing ach comharadh air saorsa. ‘S an treas áite, tha cúing Chriosd so-iomchuir, do bhrigh gur ann ‘n a cúing gbráidh. Tha i co-sheasamh gu mór ann an cleachdadh gráidh do Shlánuighear nach fac iad. Cha’n e mháinn gu’m bheil iad a gabhail tlachd ann an lagh Dhè anns an duine an leth a stigh, ach tha iad ga’m faireachadh fein fodh na comanean is mothha agus is grádhaich gu Esan a ghrádhachadh a ghrádhaich iadsan an toiseach agus a thug E Fein air an son. ‘S e grádh an Fhir-shaoraiddh a dh’ionnsuidh a bháis, a chrioch mhór gu dílseachd ‘n a sheirbhis; “tha grádh Chriosd ga’r co-eigneachadh.” A rís, is i chúing anns am bheil toiseach co-chúmaidh ris an íntinn a bha ann an Iosa Criosd—an íntinn iorasal, mhacanta, ghrádhach, fèin-áicheel, fèin-chosruigeil, a bha ann an Iosa Criosd. Tha a sheirbheisean uile air an deilbh gu bhi toirt mu’n cuairt na criche so, gu bhi ga’r co-chumadh ni’s mothha ri Criosd. Agus tha millseachd agus síth neamhaidh ann a bhi toirt cleachdaidh do na h-iarratasan so—anns an dearbh mhiann agus thart as an dèigh. ‘S an áite mu dheireadh, tha cúing an Fhir-saoraiddh so-iomchuir do bhrigh gur ann ‘n a neart Fèin a tha i air a giúlain: oir cha’n eil fior-ghabhail na cúing ann ach ann an neart a “ghráis sin a tha ann an Iosa Criosd.” Na’n robh e air iarruidh air sluagh Chriosd a dhol ‘n a ‘n neart fein, ‘n an robh e air áithne dhoibh fás ann an grás ‘n an neart fein, rachadh iad gu luath sios fodh’n uallach sin. Ach ‘n uair a tha E ga’n gairm gu a chúing-san a thogail, tha E cur a Spioraid an taobh a stigh dhiubh: agus dh’fhág E gealladh an Spioraid, a chúm ‘n a sholus agus ‘n a neart gu’n leanadh iad Criosd. Agus cha’n e mháin gu’m bheil mar so ullachadh air a dheanamh air son croichaibh coitcheann beatha a Chriosduidh, ach mar an ceudna air son uile croichaibh sónraicht’. Tha geallaidhean ro-luachmhor, díleas, agus cinnteach, freagarach dha’n a h-uile cor agus dha ‘n a h-uile suidheachadh anns an urrain iad a bhi air an our anns an t-saoghal so. “Theid mo láthaireachd leat, agus bheir mi fois dhuit.” “Mar do láithean is amhluidh bhitheas do neart.” “Is leoir mo ghrás-sa dhuit: oir a ta mo chumhachd air a dheanamh foir fe ann an anmhuinneachd.” Mar is an am fíreantachd Chriosd a tha’n creidmheach a seasamh, agus mar a tha gach uile ghrás a sruthadh ga ionnsuidh tre eadar-ghuidhe-san, mar sin is e shochair gu’m faod e aig gach am a dhol da ionnsuidh air bonn obair chriochnaicht-san air son grás gu cobhair ann an am feum.
Ach faodaidh gu’n abair neach, cia mar is urrain an fhírinn so—gu’m bheil cuing Chriosd so-iomchuir—a bhi co-shinnte ris gu’m bheil beath a Chriosduidh, air dhith a bhi ‘n a beatha anns am bheil mór fhulungas agus fèin-áicheadh, a bhi cur fodh’r comhair geata na beatha a bhi cumhann agus an t-slighe caol? Dh’fhaodadh gu’m bitheadh e gu leoir so a ffreagairt ann an cainnt Phóil nach “airidh fulungais na h-aimsir a ta láthair bhi air an coimeas ris a ghloír a dh’fhoillsichear annainn,” agus gu’m bheil cleachdadh an dóchais sin leis am bheil creidmhich air an tearnadh, barrachd agus gu leoir gu bhi seasamh a mach an aghaidh fulungais air bith a tha láthair anns an t-slighe. Ach a thuilleadh air a so. Cha’n eil cuibhrionn air bith dheth na fulungasaibh a tha air a shonrachadh do Chriosduidhean ann a bhi deanamh seirbhis do Chriosd anns an t-saoghal so, nach eil feumail, le súil ri an leas spioradail agus am feumalachd air son na beatha a tha láthair agus an sonus siorruidh. Tha so air a dheanamh dearbh-ta dhoibh leis an Tighearna, agus tha beagan do dh’fhèin-fhiosrachadh aca air. An e comhrag ris a pheacadh a tha’g aobhrachadh (mar tha fios againn a thaobh fèin-fhiosrachadh Phóil) fulungas dolabhairt? Le so tha’n Criosduidh ni’s mothá agus ni’s mothá air ullachadh gu bhi cúnntas ciod e’n t-sláinte mhór a tha ann an sláinte naomh. N’an e ‘n cómhrag ri a naimhdean spioradail? Tha e mar so a tighinn gu bhi fás ni’s eolaich air co-fhaireachadh an Ard-Shagairt a “bhuaireadh ‘s na h-uile nithibh air an dóigh cheudna ruinne, ach as eugmhais peacaidh.” N’an e cómhrag ri deuchainnean de sheorsachan eile? Tha Pól ag rádh, “Ma dh’fhuilingeas sinn maille ris rioghichidh sinn maille ris mar an ceudna.” N’am bitheadh an creidmheach beo a reir a shoichairean, chitheadh e grádh sónraicht’ anns na ceumaibh a bu duiliche dhe a shlighe.
Ach faodaidh e bhi air a rádh a rithisd, “Nach eil Criosduidhean bitheanta duilich agus brónach? Nach eil iad a ghnáth a gearain air dorchadas agus daorsa? Tha e fior, gu’m bi Criosduidhean bitheanta a toirt deuchainn orra fein le a’ neo-dhísleachd, an cion gluasad a rèir an aideachaidh, na an eas-creidimh. Bithidh iad a brosnachadh Dhè gu bhi ga’n smachdachadh; bithidh iad a toirt dorchadas agus daorsa air an spioradan fein. Agus tha aobhar a ghnáth aig Criosduidhean a bhi brón thairis air a pheacadh, agus tha iad bitheanta air an crádh do bhrigh peacaidhean dhaoine eile. Tha cuid ann a bheireadh iad leo gu neamh, ach cha’n eisd iad ris a chuireadh. “Thig thusa maille ruinne, agus ní sinn maith dhuit; oir labhair an Tigharna maith a thaobh Israeil.” Ach na choinnich thu riamh ri Criosduidh a bha gearain gu’n robh tuilleadh ‘s a chóir do eagal an Tighearn air; tuilleadh ‘s a chóir do ghrádh do Chriosd, na tuilleadh ‘s a chóir do cho-chomunn ri Dia? Ciod e tha ga dheanamh duilich? Nach e air son cho beag ‘s a tha e sealbhachadh dhe’n a nithean sin, agus cho beag ‘s a tha dhe’n a cho-chomunn neamhaidh so ‘n a fhèin-fhiosrachadh? Agus nach e so an fhianuis is fearr agus is criochaichte dhe’n a h-uile fianuis eile cho so-iomchuir ‘s a tha cúing Chriosd agus cho eutrom agus a tha uallach?
Gidheadh faodaidh neach a rádh fathasd, “Cha’n urrrain dhomh a thuigsinn cia mar is urrain a leithid so de bheachd air beatha a Chriosduidh a lorgachadh? Nach ann a dh’ionnsuidh a leithid de staid cridhe agus a tha cur bhreug air an Dia bheannaicht’, agus ag rádh mu’n Fhear-shaoraidh gur E Maighstir cruaidh a th’ann? O na smuaintich gu’m bheil mi cleachdadh cainnte ro-chruidh ‘n uair a chanas mi gur e sin an staid cridhe a tha rioghachadh ann an ifrinn.
(R’a leantuinn)
Literary Notices.
After Bishops—What?
This is the title of a pamphlet by Rev. M. Campbell, M.A., Resolis, Conon, Ross-shire. A sub title reads “the New Peril.” It extends to 16 pages and can be had from the author free, on receipt of a 3d. stamp. The ecclesiastical occasion for the writing of this pamphlet has been the agitation by Church of Scotland leaders for outward and formal union with the Church of England. The author traces the activities of present-day Churchmen, confronted with the threat of nuclear warfare, in their search for One World—One Church. He points out that these men have no thought of calling the people to repentance. Their aim from the Church of Scotland outward is to ultimately join up with Rome—the man of Sin. But let readers procure the pamphlet for themselves and be assisted to discern some of the signs of the dark times in which we live.
Why Mass Vestments,
by Rev. Donald Hill, M.A., The Rectory, Whinburgh, Dereham, Norfolk. This substantial pamphlet of 23 pages, is “an examination of the present attempt to make Mass Vestments lawful in the Church of England; and a short enquiry relating to their history at the time of the Reformation and since.” There is a Foreward by Rev. C. Sydney Carter, M.A., Litt.D., The price is 1/- per copy. This is only one of the causes of agitation and dismay to evangelical Christians in the Church of England at the present time. But readers who sympathise with evangelical Protestants in the Church of England, will find facts and exposures in this pamphlet which will increase their sympathy for those who are fighting against the inroads of popery in England. The wearing of a cassock, surplice, scarf or stole in the discharge of ministerial duties (priestly functions) seem to be a great matter of concern to Archbishops and bishops and High-Anglican clergy. We wonder what the Apostles would have to say of such unscriptural, childish nonsense, in the professed Christian Church.
Conspiracy, Confusion, Crisis in the Church of England.
This is a large pamphlet of 28 pages, by the Rev. Arthur J. Brown, L.Th., of Blackburn, and is issued by the Protestant Truth Society, 184 Fleet Street, London, E.C.4, in conjunction with the Rev. A. J. Brown. Price 1/-, postage 4d. extra. This pamphlet gives an authoritative insight into the lawlessness, from the ecclesiastical point of view, which obtains in the Church of England today. It tells that from 1906, such as prayers belonging to the Canon of the Mass, Reservation of the Sacrament, the veneration of images and roods, etc., etc., have been practised without let or hinderance. It reveals that there are communities with their Abbots, Priors, Superiors, Monks and Nuns, and so on, in the Church of England. This pamphlet is indeed an ordered, well substantiated indictment of the Church of England leaders and rulers. Church of Scotland people with the least pretensions to attachment to Scriptural order and Presbyterian principles, should read this pamphlet, and see where their own leaders are leading them.