Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1959 » January 1959 » Searmonan

Searmonan

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tóisich, D.D.
Searmon xvi.
“An sin an deigh dhoibh an dínnear a ghabhail, thubhaint Iosa ri Simon Peadar, A Shimoin mhc Ionais, am bheil barrachd gráidh ágad dhomh-sa orra sin? Thubhaint e ris, Tha, a Thighearn; tha fios agad gur toigh leam thu. Thubhaint e ris, Beathaich m’uain. Thubhaint e ris a ris an dara uair, A Shimoin a mhc Ionais, an toigh leat mise? Thubhaint e ris, Seadh, a Thighearn; tha fios agad gur toigh leam thu. Thubhaint e ris, Beathaich mo chaoraich. Thubhaint e ris an treas uair, A Shimoin mhc Ionais, an toigh leat mise? Bha Peadar doilich a chionn gu’n d’thubhaint e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhaint e ris, A Thighearn, is aithne dhuit na h-uile nithe; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhaint Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.” Eoin xxi. 15-17. (Faic mar an ceudna Marc. xiv. 26-31, 66-72).

Mar is ann air son na h-Eaglais a bha Criosd beo agus a thuair E báis, mar sin is ann air a son a dh’eirich E rithisd. Chuir E’n dara taobh greadhnachas righ-chathair ghlórmhor Athar, agus thainig E do dhúthaich fad as, a chúm gu’n coisneadh E agus gu’n cean-naicheadh E a saorsa agus a fuasgladh. Bha a ghrádh dhith dhe leithid de ghnè agus nach b’urrain uisgeachan mórán bhuaíridhean na tuiltean ámhghairean na fearg an Athar a mhúchadh, Air son an aoibhneis a chuireadh roimhe ann an saorsa iomlan na h-Eaglais, dh’fhuilg E’n crann-ceusaiddh; air a son-se tháinig E gu bhi umhail a dh’ionnsuidh a bháis; agus ‘n a ioraslachd uile, rinn sealladh fad as dhe’n a cheile mhaiseach agus shaorta so, a Spiorad aoibhneach, agus giúlain se E gu buadhach troimhe. Mar a thuair E báis air son a cionta, mar sin dh’eirich E ris a chúm a fíreanachadh. Ma tha E nis aig deas láimh an Athar, is ann a chúm ‘s gu’n deanadh E eadar-ghuidhe air a son. Ma tha na h-uile cumhachd air neamh agus air talamh aig, is ann a chúm agus gu’n toireadh e beatha mhairecannach dh’ise air son an do leig E sios a bheatha. Agus mar nach b’urrain an goimh bu ghèire dhe fhulungasaibh toirt air a bhi meas na cean-nachd tuilleadh ‘us daor, mar sin rinn E gáirdeachas ann an croich-nachadh na’m fulungasaibh sin, gu sónraicht’ do-bhrigh leo gu’n tugadh gu iomlanachd saorsa na h-Eaglais.

Ma chitheadh-mid gu ceart a steach do chridhe Chriosd, beach-daicheadh-mid Air air látha na h-aiserigh. Bhris E dorsan a phriosain agus thainig E mach ‘n a Fhear-buaidh; sheas E mar Ceann sao ghail a bha air a shaoradh: chreach E uachdaranachdan agus cumhachdan; bhafadachd air feachd neamh air son a dhol suas a chúm gu’n tuiteadh iad sios agus gu’n deanadh iad aoradh Dhá;—agus cia mar a bha’n úine air a caitheamh Leis? Feuch E an toiseach a frithealadh comhfhurtachd da dheisciobuil bochd brónach—Muire Magdalen. Faic E ris a fhiol-lseachadh aineolas agus a daingneachadh creidimh lag an dithis luchd turais gu Emáus—a cómhradh riutha gus an robh’n cridhe a lasadh an taobh a stigh dhiubh. An sin chi sinn E ga fhiol-lseachadh Fein do Chèphas; bha esan a dh’áicheadh E air a chomharachadh a mach air son a taghal ghrásmhor so, mar neach a bha gu sónraicht’ a cur feum air dearbhadh a thoirt dha gu’n robh e fathasd air a ghearradh air cridhe Chriosd. ‘N a dheigh sin nochd Se E Fein dha dheisciobuil ‘s iad cruinn an ceann a cheile, agus a dh’aindeoin an aineolais, agus a maille cridhe gu bhi creidsinn, a dh’aindeoin an treigsinn Air ann an uair a chruaidh-ghleachd agus ámhghair, chuir E fáilte orra le “Sith dhuibh.” Ann an so tha foillseachadh air a thoirt dhuinn air cridhe Chriosd, a ghrádh agus a thrus dha shluagh, eud air son na nithean a tha chúm a’ maith, a rún suidhichte a bhi ga’n saoradh, agus E bhi cur roimhe nach bitheadh aon dhiubh air an call, agus nach spionadh neach air bith as a laimh iad. Agus tha Iosa Criosd an Ti ceudna, an dé, an diugh, agus gu siorruidh.

Ach thugadh-mid an aire gu sónraicht’ do’n earrann a tha fodh’r comhair. Agus na’m faigheadh-mid a dhol a stigh dha brígh, chit-headh-mid ni-eigin de chridhe Chriosd, agus ni-eigin da’r cridhe fein. Chi sinn an so Buachail mór na’n caorach a deiligeadh ri caora chaidh air seacharan—ach gu’n teagamh aon de chaoraich Chriosd, agus uime sin air a pilleadh air ais—aon a bhit-headh gu’n teagamh fada roimhe so air a h-itheadh leis na maduidh-allaidh mar a bhitheadh gu’n d’rinn Criostd faire thairis oirre agus gu’n a dhion E i. Bu shoitheadh taghta Peadar; agus uime sinn ann a bhi ga dhain-gneachadh bha losa a cur lárach a chül-sleamhnachaidh agus aiseag air ais air a chridhe, agus a deiligeadh ris air a leithid de dhóigh, agus gu’m faigheadh an eaglais air fad buannachd dheth.

Tha cúis Pheadair, aig amaibh, gu garg air a laimhseachadh. Tha mórán a deiligeadh ri sealladh duilich an áicheadh a rinn e air Criostd mar gu’m bitheadh e air a chur air stól gu bhi air a chomharachadh a mach mar fhear-brath agus mar ghealtair, leis gach neach a ghabhas seachad. Ach ‘n uair a dh-amhairceas iad air, agus a dhíteas iad tuiteam Pheadair, bhitheadh e gu maith na’m feoraich-eadh iad am bheil na nach eil am beatha fein ‘n a áicheadh air Criostd a tha sior dhol air adhart; an d’tháinig, na nach d’tháinig, co-roinn gu bhi aca ann am beannachadh Pheadair, “Is beannaicht’ thu Shimoin mhic Iona; oir cha d’fhoillsich feoil agus fuil sin dhuit-sa, ach m’Athair-sa a ta air neamh;” an d’tháinig na nach d’tháinig an cridheachan fein gu bhi cur an ceill ceisd agus aideachadh Pheadair, “A Thigearna, co dh’ionnsuidh a theid sinn? agad-sa tha briathran na beatha maireanaich;” agus ma tháinig iad gu bhi faicinn meud-achd a pheacaidh, an d’tháinig iad gu dol a stigh a bhi aca ann an searbhadas a bhróin thairis air. Cha’n e gu’m bu dána leam labhairt gu h-eutrom mu pheacadh Pheadair; ach tha e cunnartach a bhi beachdachadh air tuiteaman agus anmhuineachdan naoimh Dhé gun spéis do bheatha an creidimh agus an úmhlachd, agus gu h-áraidh gu’n spéis do’n aithreachas dhomhain a tha leantuinn an toirt air ais agus am fiosrachadh air trócair;—a bhi tolladh a stigh na’m peacaidhean agus an coireachan, am feadh agus a tha truaillidheachdan ar cridheachan fein gun a bhi air an rannsachadh leinn. Tha sinn uime sin an cunnart a bhi tarruig púinnsean bho leithid de earrann phríseal de fhocal Dhé rithe so, ma tha sinn rairacht’ le bhi toirt gu bhi beachdachadh oirre cridhe cruaidh gun a bhi air úmhlachadh.

“Ged a gheibheadh na h-uile oilbheum annad, cha’n fhaigh mise.” Mar so labhair Peadar, cha’n ann an cealgaireachd—air dha fios a bhi aige gu’n robh grádh aige do Chriosd—ach gun a bhi smuainteachadh air a laigse, agus gun a bhi gabhail gu cridhe mealltaireachd a pheacaidh agus innleachdan agus cùmhachd Shátain. Labhair e cho muinghineach ‘s ged a b’e fhear-coimhead fein; agus cha’n e mhain sin, ach chuir e’n ceill, ann an tosdachd na ann an teicheadh na h-uile neach eile a bha’g aideachadh ainm Chriosd, gu’m bitheadh esan air fhaotainn díleas. Cha b’ioghnadh ged a shleamhnuich a chas. Agus mar sin bithidh e ghnàth dha ar taobh-ne. ‘N uair a chailleas sinn sealladh air mealltaireachd ar cridheachan, tha sinn a call sealladh air tigh soluis feumail, agus tha sinn air ar fàgail gu ar rathad a stiuradh ann an dorchadas, am meadhon sgeirean agus beo-ghainmhich; agus faodaiddh gu’r e’n toradh, treigsinn credimh, meadh-bhlàthachd spioraid, na gluasad fuasgailte na mi-chùramach am fianuis an t-saoghail, tre’m bheil na naimhdean air an toirt gu bhi labhairt toibheum, sluagh Dhé air an leon, agus gu’n troimh-loit sinn sinn fein le iomadh bròn. Tha so ‘n a dhiomhaireachd dhoibh-san aig nach eil ach coltas diadhachd; ach cha’n eil e mar sin dhoibh-san dha’n aithne mealltaireachd an cridheachan fein, agus dha’n aithne gu’m bheil aca gach latha ri cathachadh ris an uamh-bheist ioma-cheannach sin, am peacadh, agus aig am bheil fios gu’m feum iad gràs bacaiddh agus gràs cumail suas gus an deanamh comasach air seasamh roimhe. Agus cia mar a ghiùlain Peadar e fein ‘n uair a sguir e bhi’g ràdh, “A Thighearn teasruig mi?” Fodh chomhair rabhadh sòlaimte agus soilleir Chriosd, fodh chomhair uail agus a rùn a chuir e’n ceill, dh’àicheadh e a Mhaighstir: “Cha’n aithne dhomh an duine.” Dh’àicheadh e trì uairean E. Chuir e mallachadh ri áicheadh, mar nach bitheadh a choguis a cheana luchdaich-te gu leoir le cionta. Cia cho drùighteach ‘s a tha e ann an aon de’n bhuidhinn bhig sin a thagh Criosd a mach as an t-saoghail, agus dha’n d’ fhosgaill agus dha’n d’fhoillsich E dhearbh chridhe. Cia cho drùighteach ‘s a tha e ann an neach nach robh ‘n a fhear-brath aig a chridhe;—gu’m b’urrain a leithid de dh’aingidheachd còmhnuidh a ghabhail ann am broilleach deisciobuil. Ciod e’n t-aobhar ioras-lachaidh dhùinn uile gu’r e so an luigheachd a tha Criosd a faotainn bho’n a neach is fearr dhinn. Agus cia cho soilleir ‘s a tha e foillseachadh na fìrinn gu’m bheil gràdh Chriosd saor, saoibhir, agus uile gu leir neo-thoillteanach.

“Thionndaidh an Tighearn, agus dh’amhairc E air Peadar.” O ‘s cìnnteach gu’n d’ullaich Se E Fein air son a leithid sin de luigheachd, agus ged a choinnich si E ann am fior dhoimhneachd fhulungais, cha robh buaidh air a thoirt Air leatha; bha i neo-fhoghainteach gus a ghràdh atharrachadh. Nochdadh E eadhon an sin mar a dh’eirich a chridhe os a ceann uile; agus, mar air a chrann-cheusaidh a chruinnich E stigh peacach mi-choltach Dhà chrò, mar sin ann an talla a bhreitheanais tharruing E air ais deisciobuil a bha dol air seacharan. “Dh’amhairc e air Peadar.” Co is urrain innse ciall agus cumhachd an t-sealtuin sin. Chaidh e mar shaghead gu cridhe Pheadair, agus “chaidh e mach agus ghuil e gu goirt.”

Gu’n oidheirp a dheanamh air dol a stigh ‘n a fhaireachaidhean ann an ùrachd a bhròin, amhairceadh-mid air beagan uime an deigh sin, fodh shùil rannsachail an Tì a rinn e áicheadh. “Shimoin a mhic Ionais an toil leat mise ni’s mothà na iad sin?” Tha e mar gu’n abradh an Tighearn ris, “Tha fhios agad na h-aideachaidhean mòr air gràdh a rinneadh leat, agus mar a bha iad sin air an leantuin le bhi ga’m àicheadh; am bheil thu ‘g ràdh fathasd, cha’n e mhàin gu’m bheil grádh agad dhomh, ach gu’m bheil do ghràdh a toirt barrachd ann an tomhas air gràdh do bhràithrean?”

“Thubhàirt Peadar ris, Seadh, a Thighearn, tha fios agad gur a toil leam thu.” Cha’n e tuilleadh Peadar fein-mhuinghineach, uaill-leil, a tha labhàirt, ach Peadar air ioraslachadh agus a chridhe air a bhriseadh, a tha labhàirt. Dh’fhoghllum e leasan do dh’ioraslachd. Dh’fhoghllum e mealltaireachd a chridhe fein. Bha ro-pheacaichead a pheacaidh a ghnàth fodh chomhair inntinn, air chor agus gu’n d’thàinig ruthadh ‘n a eudann ann a bhi cuimhneachadh uamhar truagh agus a dhànadais, agus an àite a bhi ga mheas fein a seasamh a mach air thoiseach ann an creidimh agus agus ann an gràdh, bha e nis ga mheas fein ‘n a neach nach b’airidh a bhi air a ghairm ‘n a dheiscioibuil, a faireachadh na’m bitheadh e air a cheadachadh dha a ris a “Thighearn agus a Mhaighstir” a ràdh ri Criosd, gu’m bu mhiorbhuil tròcair a bh’ann. Gidheadh fathasd bha e faireachadh gu’n robh grádh aige Dhà; gu’n robh Criosd ‘n a shealladh ni bu ghràdh-aich na gach ni eile comhla; gu’n robh, as eugmhais-san, an saoghal uile gun dealbh agus falamh. Bha fios aige nach robh ceannaire, air am b’fhiosrach e, an aghaidh a Thighearn, a faotainn fasgaidh ‘n a chridhe; agus ma bha leithid sin de dh’Achan gu’n amhrus air fho-lach an sin, gu’m b’e a mhiann gu’n tarruingeadh Criosd a mach e agus gu’m marbhadh Se e fodh a chomhair. B’aithne dha mar an ceudna gu’n d’rinn e bròn air son a pheacaidh mar nach d’ rinn e riamh bròn air son calltachd agus deuchain shaoghalta: agus ann an sealladh so bha e comasach air sealtuinn air Criosd anns an eudann agus a ràdh, “Thighearn tha fios agad gu’m bheil gràdh agam dhuit.” Thog e chùis gu Fear-rannsachadh na’n cridheachan, agus dh’fhàg e Aig-san a ràdh mar a robh e mar sin.

Ann an fhreagairt so faodaidh sinn mar an ceudna fhaicinn oibreachadh Spiorad na h-uchdmhacachd. Dh’fhairich e cia cho domhain ‘s a pheacaich e; air dhà Criosd a thilgeadh uaithe, cia cho ceart ‘s a dh’fhaodadh Criosd esan a thilgeadh bh’uaith; gidheadh, cha d’ fhuadaich E air falbh e, ni-motha a thug e air ceisd Chriosd a sheachnadh; threoraich se e gu e fein a thilgeadh ann an gàirdeanan an Tighearn Iosa anns an dearbh spiorad anns an do threoraicheadh Daibhidh gu a ràdh, “Tuiteam ann an làimh an Tighearn, oir tha a thròcairean mòr.” “Seadh, a Thighearn, tha fios agad gur a toil leam thu.” Peadar sona, a b’urrain mar so a chùis a thogail a dh’ionnsuidh an Fhir-shaoraidh uile-leirsinneach gu’m b’ E Fear a Ghràidh.

(R’a leantuin.)

O give thanks unto the Lord, for he is good: For His mercy endureth for ever. (Psalm, cvii, v. 1.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice