Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. 274)
“Thubhàirt Iosa ris, Beathaich m’uain.” Tha’m Buachaile Mòr anns na briathran sin a seulachadh maitheanas Pheadair. A mhàin cuimhnicheadh-mid gur ann ri Peadar air a dheanamh reidh agus fodh bhuaidh aithreachais a bha na briathran so air an labhàirt. Cha’n eil a leithid de nì agus maitheanas air a shealbhachadh dealaichte ri aithreachas. Ach ged nach do dhubh tuiteam Pheadair ainm a mach a leabhar na beatha, nach do chuir e a bith abstolachd? Cha do chuir; thubhàirt Iosa ris, “Beathaich m’uain.”
“M’naín.” Cia cho gràdhach ‘s a tha na briathran. Agus bho bheul, mar an ceudna, Uan Naomh Dhé. Ann an so tha air a ghabhail a stigh na h-uile taiseachadh agus gràdh a dh’fhaodas bochdainn cainnt’ a cheadachadh. Ach co iad uain Chriosd? Cha’n e ògridh a tha neo-iompaicht’—eadhon ged a bhitheadh iad an taobh a stigh crò a muigh na h-eaglais, agus ainm Chriosd air a chur orra, ma tha iad fathasd neo-iompaicht; ged is ann a mach a teaghlaichean a shluagh a tha’n Tighearn air mhodh sònraicht’ a cruinneachadh anamaibh dha ionnsuidh Fein, agus ged a tha eaglaisean, ministeirean, agus pàrantan, air an òrduchadh le cùramaibh sòlaimte faire a dheanamh thairis air an òige, agus seirbhis an t-Slànuighear ghràdhaich a mholadh dhoibh. Agus cha’n e iadsan a thog an t-aideachadh air son a cheud uair gur a leis an Tighearn iad, mur eil an t-aideachadh ‘n a aideachadh fior; mur a robh iad riamh air an dùsgadh gu bhi faireachadh gu’m bheil aon ni feumail, mur do theich iad riamh gu Criosd air son dìdean, agus mur do thionndaidh iad riamh bho’n an t-saoghal gu fois a ghabhail ann an Criosd mar an cuibhrionn. Ach ‘s e th’annta Criosduidhean òg, na a bha bho chionn ghoirid air an iompachadh. Gu h-àiridh tha iad a gabhail a stigh Criosduidhean òg gràdhach, ògridh dhiadhaidh na clann, a tha dìreach air a dhol a stigh air a gheata chumhann agus a tha tòiseachadh air a bhi gabhail eolaire air firinnean agus glòiribh an t-saoghal spioradail. Tha iad a gabhail a stigh iadsan, an deigh dhoibh foghlum, ann an tomhas cràiteach, ni’s mothà na ni’s lugha, cia cho peacach agus cho caillte ‘s a tha iad, a tha air tòiseachadh air dòchas altrum ann a bhi creidsinn ann an Iosa gu’m bheil E comasach agus deonach a bhi tearnadh a dh’ionnsuidh a chuid is fhaid a mach; a chunnaic uibhù de Chriosd anns an Fhocal agus gu’n d’rìnneadh E ‘n a Alpha agus ‘n a Omega am miannaibh, an dòchas, agus an crioachaibh—a bhi Aige-san, a leantuin, a ghràdhachadh, agus seirbhis a dheanamh Dhà; ach aig am bheil an leointean, na leointean a bha air an aobhrachadh le mothachadh air peacadh, gun a bhi gu h-iomlan air an leigheas, na tha ullamh, ma bheanair gun fhaiceal riutha, air tòiseachadh air sileadh as ùr. Tha iad a gabhail a stigh iadsan, ged nach eil ach beagan aca ri ràdh a thaobh am fein-fhiosrachadh, agus ged a dh’fhaodadh iad a bhi gle aineolach air iomadh firinn mhòr, a thuair, an deigh gach càis, an cridhe a chur ceart ri Dia, an cridhe a tha gràdhachadh ainm agus a lagh, a latha, agus fhocal, eaglais, agus a shluagh. Tha iad ga’n gabhail-san a stigh, air dhoibh blasad air gràsmhorachd an Tighearn, agus aig nach eil cridhe gu dhol an ceann dleasdanas air bith gun mhothachadh air a làthaireachd-san ga’n cumail suas, a tha ullamh gu bhi co-dhùnadh ma thàirngeas Fear an Gràidh air ais air son aon mhionaid, gu’m bheil gach ni air a chall; aig am bheil fathasd ri fhoghluim sgiathan a chreidimh a sgaoladh a mach, agus tolladh troimh gach uile neul a tha tighinn eadar iad agus Criosd neo-fhaicsinneach ach a tha maireannach. ‘S e so iadsan a tha’n dà chuid neo-fhoghlumaicht’ ann an oibreachadh an cridheachan fein agus ann an duiligheadasan beatha a Chriosduidh, agus a tha mar sin ullamh air a bhi air an leagadh sios le buairidhean, na tuiteam na’n creich do innleachdan seolta an fhir-thuarasdail. ‘S e so iadsan anns am bheil coslasan iomhaigh an t-Slànughear bheannaicht’ coltach ri naoidhean, far am bheil mòran gu bhi gluasad gràidh agus truas, agus mòran mar an ceudna a tha’g agradh stiuradh glic, breithneachail, agus maoth. Mar sin tha uain Chriosd. Tha iad gràdhach ‘n a shealladh; agus rinn E ullachadh gu bhi ga’m beathachadh le biadh a tha iomchuidh air an son. Tha maith na h-eaglais ga agradh; oir ma theid na h-uain a dhì, tha dòchas na h-eaglais air a chall. Dh’ullaich E cluaintean glas air an son, agus dh’aithe E Dhà sheirbhisich fhaicinn gu’m bi iad air am beathachadh gu dìchiollach agus gu caomh. ‘S e mhàin iadsan aig am bheil gràdh Dhà, agus a tha air an gairm le a ghràs, a tha air an cleachdadh agus air a cheadachadh dhoibh leis Fein a bhi deanamh obair-san. Cha’n urrain ach anamaibh iompaicht’ a bhi tuigsinn cor iompachain. Agus ‘s e so an dearbhadh is mothair air gràdh a tha E miannachadh bho sheirbhisich, gu’n cuireadh siad iad fein a mach gu bhi cosnadha anamaibh, agus ‘n uair a tha iad air an cosnadha, a bhi gabhail cùram gu caomh dhiùbh agus a bhi ga’m beathachadh. Is truagh do’n bhuachaile thuarasdail a tha sgapadh na’n uan. Agus is olc a dh’eireas e eadhon do’n bhuachaile aineolach, ged a bhitheadh e onarach, a tha ga’n iomain ‘n uair a bu chòr dha bhi ga’n treorachadh, a tha toirt biadh làidir dhoibh an àite baine, na bhitheas a cur na’n tosda an eagalan le bhi teagasg dhoibh fein-fhoghainteachd.
Am measair e neonach, uime sin, gu’m bitheadh a leithid so do àithne air a toirt do Pheadar, dian agus bras mar a bha e? Sguiridh ar ‘n ioghnadh ma bheir sinn fa’n ear a bhuaidh a bh’aig air Peadar an t-eolas a thuair e air fein agus am fein-fhiosrachadh air gràs Dhé a r’thàinig air. Dh’fhàs e ann an ioraslachd agus ann an cion-earbsa ann fein. Bha a choguis, air a glanadh bho pheacadh, maoth. Bha a cheud-fathan spioradail air an geurachadh gus am peacadh fhaicinn far nach rachadh aig cuid eil air fhaicinn. Dh’fhoghllum e mu innleachdan Shàtain agus mealltaireachd a chridh fein. Bha e air a lionadh le nàire ann a bhi smuainteachadh air a pheacadh fein, air chor agus gu’n d’fhairich e, ma’s b’urrain e cronachadh a dheanamh air muinntir eile, gu’n robh feum aig air a dheanamh air fein gun chaomhnadh. Rinn fein-fhiosrachadh air tròcair a thaiseachadh agus a chiùnachadh, agus lion e a chridhe le foghaidean agus le caomhalachd. Cha’n eil neach is ullamh air a bhi giùlain uallach brathar, ni’s maillle ga dhiteadh, ni’s mothair aig an dachaidh ann a bhi deilgeadh ris a chridhe bhriste, na iadsan a dh’fhairich cia cho mòr agus a tha namhath Chriosd dhoibh fein.
Bha mar sin cridhe aig Peadar air son a bhi beathachadh uain Chriosd, agus freagarachd shònraicht’ air a shon. An do choinnich e aon aca a bròn fodh’n a ghearaing gu’n do threig an Tighearn e gu buileach? Dh’innseadh Peadar dha earbsa “ann an ainm an Tigh-earn, agus leigeadh e a thaic air a Dhia:—’ An di-chuimhnich mathair leanabh a ciche, gu’n iochd a dheanamh air mac a cùim? faodaidd eadhon so àit a ghabhail, ach cha di-chuimhnich mise thusa.’ ” Am fac e aon eile a leigeil a thaic le miann thairis air a bhalla a bha mu thimchioll nan cluaintean glas a dh’ionnsuidh slighean toirmisgte sòlasan saoghalta? Ruitheadh Peadar a chùm a tharruig bho’n chun-nart. Am fac e neach eile ga thoileachadh fein anns an smuaint dhiamhain gu’n d’thàinig e gu bhi ni bu ghlice na a luchd-teagaig? Dh’àithneadh Peadar dhà seasamh anns na seann ròidean agus feit-heamh air teagasg fallain. Am fac e neach eile a seasamh daingean ann an aon oisean de raoin na fìrinn agus a dúnadh a mach a chuid eile dhith? Bheireadh Peadar rabhadh dha gu’n robh e toirt gu bith euslain spioradail, agus a cheana a nochdadh comharaidhean càil neo-fhallain. Agus an do choinnich aon eile e leis a ghearain mhul-adach gu’n robh aingidheachdan a toirt buaidh air, gu’n robh ùrnuig-hean gun luach, gu’n robh a chridhe seacharanach agus gun a bhi air a chumail, aignuidhean cho caochlaideach, a ghràdh cho fuar, agus gu’n robh e ‘n a bheachd fein mar neach a bha bualadh an adhair? Threoraicheadh Peadar a shùilean ga ionnsuidh-san nach briste a chuilc bhrùite, ‘s nach mìch a chaol smùid, agus a comhar-achadh a mach crann ceusaidd, fìreantachd, agus eadar-ghuidhe Chriosd, dh’àithneadh e dhà a chas a chur an sin, agus tearuinteachd fhaireachadh air nach toir gach uile thruailidheachd agus chionta buaidh, agus a bhi “làidir anns a ghràs sin a tha ann an Iosa Criosd.” Agus an do choinnich neach eile ris fathasd aig an robh gearain a bha eadhon ni bu türsaich, gu’n do pheacaich e cho mòr ‘s nach ruig-eadh tròcair air? Theireadh Peadar, Thuair mise tròcair; agus annam-sa feuch eisimpleir air fad-fhulungas Dhé, agus foghlum gun chrioch a chur roimh ‘n ghràs agus roimh’n luach sin a tha neo-chriochnach. “Thubhairt e ris, a rithisd an dara uair, A Shimoin, a mhic Ionais, an toil leat mise.” Tha e mar gu’n abradh e, nach e ceist shòlaimte a tha mi feorach dhiot? Cia cho aineamh ‘s a tha iad a tha’g aide-achadh gu’m bheil gràdh aca dhomh. Agus dhe’n a bheagan sin, cia cho lionmhor ‘s a tha iad nach eil fìrinneach anns a chùis so, na tha ga’m mealladh fein leis an smuaint gu’m bheil gràdh aca dhomh, am feadh, na’m faigheadh iad maitheanas bh’uam, cha’n eil sùim aca dha’m ainm na dha’m urram. Thoir fa’n ear mar an ceudna, am bheil gràdh, dùrachdach, seasmhach, a leithid de ghràdh ‘s a tha freagarach air son abstol agus buachaile, co-shìnte ri bhi ga’m àicheadh-sa? Smuaintich air a so gu maith, a Pheadair. Cha’n e gu’m bitheadh Iosa air son Pheadair a bhi cur an teagamh fìrinn a ghràidh; ach gu cinnteach bha E miannachadh, air son maith agus feumalachd Pheadair, gu’m bitheadh fathasd an tuilleadh rannsachadh cridhe ann. Agus gabhadh-mid a cheisd dha’r ‘n ionnsuidh fein. Am bheil aon againn ag aideachadh a bhi gràdhachadh Chriosd, a tha pilltinn air ais bho bhi ga aideachadh gu fìrinneach am fianuis dhaoine? An urrain sinn am a smuainteachadh anns an do chleachd sinn sinn fein mar gu’m bitheadh nàire againn dhe shoisgeul, a shlighean, a shluagh; na, ma dh’aidich sinn E, a rinn an t-aideachadh sin cho furasda do dh’fhuil agus do dh’fheoil le bhi ga dheanamh ann an spiorad feirg, agus fein-uail. An sin faodaidh sinn rannsachadh am bheil so co-shìnnte ri gràdh neo-chealgach Dhà-san. Ma gheibh sinn gu’m bheil e co-shìnnte ri tomhas bochd de ghràdh, gheibh sinn a mach gu cinnteach mar an ceudna nach eil gràdh againn mar bu chòr a bhi againn.
(R’a leantuinn.)