“Fanaibh annam-sa agus mise annaibh-se.” Eoin xv. 4.
Bha na briathran so an toiseach air an labhairt le Criosd ris an aon fhear deug, a bha “Ann-san” cha’n ann le aideachadh a mhàin ach da-rìreadh, agus ris an do labhair E beagan roimhe so a leithid so de bhriathran, “Na bitheadh ‘ur cridhe fodh thrioblaid: tha sibh a creidsinn ann an Dia, creidimh annam-sa mar an ceudna.” “Cha’n fhàg mi sibh ‘n a’r dilleachdainn: thig mi do ‘r n-ionnsuidh. Tamul beag fathasd agus cha’n fhaic an saoghal mi tuilleadh: ach chì sibhse mi: do bhrigh gu’m bheil mise beo bithidh sibhse beo mar an ceudna.” “Tha mi fàgail sìth agaibh, mo shith-sa tha mi toirt dhuibh: cha’n ann mar a bheir an saoghal a tha mise a toirt dhuibh. Na bitheadh ‘ur cridhe fodh thrioblaid, agus na bitheadh eagal air;” agus mu’n robh E air a ràdh (Air do Iudas am fàgail beagan roimhe sin), “Nis tha sibh glan, troimh an fhocal a labhair mi rìbh.”
Tha E deanamh feum de shamhla an fhionain agus na geugan gu bhi nochdadh a mach an t-aonadh a tha seasamh eadar Esan agus a shluagh. Tha’m fionan agus na geugan a deanamh suas aon chraobh; —tha Criosd agus a shluagh na’n aon. Gu soilleir, cha’n e aonadh bho’n leth a muigh a tha’n so, ni mothà ‘s e aonadh ann am beachdan agus ann am faireachadh a th’ann (oir, anns an t-seadh so, tha ‘n a h-ainglean naomh na’n aon ri Criosd). Ni mothà ‘s e aonadh ann an dàimh a th’ann, mar a tha eadar Fear-ionaid, agus iadsan a tha E seasamh ‘n an àite, na tha eadar Fear-urrais agus iadsan a tha E dol an urras orra. Tha so gu do-sheachainte air a ghabhail a stigh ann; ach tha e ni’s mothà na so uile. Is e’m priomh smuainte a tha’n so gu’m bheil an aon bheatha aca. Ma tha’n aon bheath a gabhail còmhnuidh anns an fhionan agus anns na geugan, mar sin is e’n aon bheath a tha gabhail còmhnuidh, ‘n a glòir do-labhairt agus ‘n a h-uile lànachd, anns an Dia-duine an t-Eadar-mheadhonair a tha mar an ceudna anns a chreidmheach is anmhuinn. Is e’n aon Spiorad, air a dhòrtadh air a Cheann agus air a ghabhail dha ionnsuidh gu’n tomhas, a tha ann an tomhas air a thabhairt dha shluagh, an toiseach a chùm am beothachadh, agus an sin gu còmhnuidh a ghabhail annta. Agus tha so sònraicht’ do shaorsa; cho sònraicht dhith agus a tha Criosd a bhi air fhoillseachadh ‘s an fheoil agus E bhi ‘n a Fhear-ionaid. Tha e gle fhìrinneach gur e naomhachd an t-aon ni anns na h-ainglean naomh agus a tha e anns na Criosduidhean; mar an ceudna tha e, a thaobh a nàduir, ann an Dia agus ‘n a chreutairean naomh. Ach
‘s e so a tha deanamh beatha sluagh Chriosd sònraichte, gur e’n Dia-duine a tobar; agus gur e a chumhachd a bhi toirt beatha a tha ga saoradh bho’n bhàs, agus a tha ga gleidheadh agus a toirt oirre bhi fàs bho ghràs gu glòir. Bh’uithe so tha ‘g eirigh taiceachadh sòn-raicht’ agus dlùth a tha aig sluagh Chriosd air Criosd, direach anns an tomhas anns am bheil an t-aonadh dlùth. Agus ann an so mar an ceudna tha an tearuinteachd bheannaicht anns gu’m bheil am beatha air a ceangal suas ‘n a bheatha-san: do-bhrìgh gu’m bheil Esan beo, bithidh iadsan beo mar an ceudna. Oir is e aonadh nach gabh a bhi air a sgaradh a tha’n so. Aon uair ‘s gu’m bheil e air a dheilbh tha e mairsinn gu bràth: cha’n urrain am bàs a bhriseadh; air latha na h-aiseirigh bithidh e air a dheanamh iomlan. Cha’n eil teagamh nach eil Criosd a labhairt air cuid de gheugaibh Ann-san a tha air an toirt air falbh, air an tilgeadh a mach agus air seargadh. Ach ‘s e tha’n so ach geugaibh, air dhoibh gu’n a bhi giulain toraidh a chùm coillontachd, a tha nochdadh, nach eil iad gu fìrinneach air an aonadh ris an Fhionan, agus nach eil iad a co-phàrtachadh dha bheatha agus dha reamhrachd: cha robh an t-aonadh diomhair air am bheil slàinte a tionndadh riabh air a dheanamhsuas eadar iad agus an Slànuighear, tre’n an Spiorad a bhi ga’m beothachadh agus an tighinn dha ionnsuidh-san air son beatha. Feumaidh sinn a bhi’n ar ‘n anamaibh beo, ‘n ar geugaibh beo de’n Fhionan bheo, a chùm agus gu’m bi an t-aonadh neo-sgaraichte.
Cha’n eil gu leoir a bhi ann an Criosd; feumaidh sinn fantuinn ann an Criosd. Mar nach eil gu leoir ann do pheacach fhios a bhi aig gur e Slànuighear coitchionn a th’ann an Criosd, na fios a bhi aig gu’n tig gach aon a bheir an t-Athair Dhà dha ionnsuidh; mar nach dean eolas air na nithean sin ach a dhìteadh a mheudachadh mar a tig e gu Criosd air son slàinte; mar sin cha mhotha tha gu leoir ann do’n chreidmheach fhios a bhi aig nach dean ni air bith a dhealachadh bho ghràdh Chriosd. Oir mar is e fìrin bheannaicht a th’ann gu’m bheil gràdh Chriosd neo-chaochluidheach, tha e cheart cho cinnteach gu’m bheil iadsan aig am bheil co-phàirt ann ag “oibreachadh a mach an slàinte fein,” agus nach eil iad a “pìlltinn air ais a chùm sgrìos.” Cha’n eil gach uile chùram agus iomgainn mu’n anam a fagail duine, aon uair agus gu’m bheil e tre ghràs ann an Criosd. Bu chòr da-rìreadh eagal roimh ‘n fheirg ri teachd a bhi air atharrachadh air falbh tre chreidimh ann am fuil na h-iobairt-reitich; ach feumaidh an aon chùram a bhi aige a bhi fantuinn ann an Criosd agus a bhi aige a bhi faotainn Chriosd. Agus cha’n urrain comhfhurtachd a bhi air a tarruig bho neo-chaochluidheachd a ghràidh mur eil mar so spàirn ann gu bhi “fantuinn Ann-san.” Feumaidh ar ceud chùram a bhi gu’n ruigeadh-mid air staid slàinte tre aonadh ri Criosd; feumaidh e bhi ‘n a chùram maireannach dhuinn ar slàinte a bhi air a h-adhartachadh agus a bheatha spioradail annain a bhi fàs tre fhein-fhiosrachadh làthail air cumhachd Chriosd mar a Bheatha.
(R’a leantuinn.)