Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. 312)
“Thubhaint e ris, Beathaich mo chaoraich.” Tha Iosa ag athnuadhachaidh an òrduigh, ach a mhàinn tha E ga dheanamh ni’s farsuing; Beathaich mo threud—na h-uain agus na caoraich. Ann an so bu mhath leam sibh a nochdadh bhur gràidh dhomh. Thoir rabhadh agus cuir air am faiceal iad air eagal ‘s gu’n tuit iad a reir t-eiseimpleir-sa. Tha thù nis air t-iompachadh, neartaich do bhràithrean.
Thubhaint e ris an treas uair, A Shimoin, a mhic Ionais, an toil leat mise’? Bu mhath le Iosa Peadar a chumail air chùimhne, a ghnàth a chumail air chùimhne, an tròcair iongantach leis an d’fhios-raiceadh e ann e bhi air a thoirt air ais agus maitheanas a bhi air a thoirt dhà, a chùm agus gu’m bitheadh, mar gu’m bitheadh, carraig-chùimhne air a cur suas ann an so, a dh’ionnsuidh am faodadh e amharc air ais aig gach ceum dhe thuras; agus cha’n urrain sinn teagamh a bhi againn far am bheil e nis, fodh chomhair righ-chathair Dhé, nach bi e bitheanta ag amharc air ais a chum an am so, agus tre bhi’g amharc air, a cruinneachadh spionnadh ùr gu bhi seinn an òrain, “Dhà-san a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn bho ar peacaidhean ‘n a fhuil fein.”
“Bha Peadar duilich air son gu’n d’thubhaint e ris an treas uair, Am bheil gràdh agad dhomh-sa?” Dh’fhairich e gu’n do thoill e nach bitheadh earbsa air a chur ann. Cia cho soilleir ‘s a bha’n oidhche anns an d’àicheadh e Criosd an làthair fodh chomhair inntinn. Ma theid sinn air seacharan bho Chriosd, faodaidh suil a bhi againn gu’m bithear an-earbsach as ar gràdh. Bithidh ar coguisean fein an-earbsach asainn; bithidh focal Dhé air gach taobh-duilleig dheth ga ar treorachadh gu bhi an-earbsach asainn fein. Ach an urrain sinn a ràdh maille ri Peadar, “Thighearn is aithne dhuit na h-uile nithean; is aithne dhuit gur a toil leam thu?” Is aithne dhuit ar peacaidhean uile agus ar ‘n amaideachd; Tha fios agad gu’m bheil annain na dh’islicheadh gu ifrinn sinn; is aithne dhuit gu’m bheil gach dleas-danas air a thruailleadh le ar peacaidhean, seadh, gu’m bheil sinn uile gu leir gràineil;—ach ‘s aithne dhuit mar an ceudna gur e na nithean sin ar bròn agus ar nàire; tha sinn ag osnaich agus fodh uallaich fodh ar truaillidheachdan; oir dh’iarradh-mid Thusa a ghràdhachadh le cridheachaibh glan gu d’ùrachdach. O meudaich an t-sradag ghràidh so. Cuir a nuas bho neamh an teine sin a bheothaicheadh ar cridheachan gu bhi n’an làn-iobairt loisgte. O luathaich air an am ‘n uair, tre do thròcair neo-chriochnach, nach bi air fhaotainn annain aon smuaint fhuar mu do thimchioll-sa gu bràth.
“Thubhaint Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.” Am bheil e mar so? An sin beathaich mo chaoraich:—mar sin faodaidh tu bhi faotainn fosgladh a mach dha do dhluth-cheangal rium-sa; agus “a
mheud ‘s gu’n d’rinn sibh e dha’n neach is lugha dhiubh so mo bhràithrean-sa, rinn sibh dhòmh-sa e.” “Beathaich mo chaoraich: “—treoraich iad gu cluainntibh m’Fhocail-sa, dion iad bho’n a madaidh-alluidh ghionach; gabh cùram dhiubh; agus ‘n uair a thig mise, an t-Ard Bhuachaile, gheibh thusa, a Pheadair, crùn glòir nach searg as.
Tha so a labhairt air mhodh sònraicht’ ri ministeirean, ach tha e labhairt mar an ceudne ris gach anam fa leth.
Tha againn ann an so air fhoillseachadh dhuinn cridhe Chriosd, Uan Dhé, macanta agus iorasal, gidheadh eudmhor. Tha Esan a tha rannsachadh na’n cridheachan a nis ag ràdh ris gach aon againn, “Am bheill gràdh agad dhòmh-sa?” Am bheil gràdh againn Dhà? Is droch comharadh e ma tha sinn ag iarruidh a cheisd a sheachnadh. Am bheil ar clòsaidean le na dleasdanasan air an dearmad, am bheil ar cridheachan le an ana-miannaibh air an sàsachadh a freagairt nach eil gràdh againn Dhà? Na’m bheil sinn fodh mhothachadh domhain air ceilg ar cridheachan, anns a cheud àite ag ràdh, Thighearna rannsaich agus feuch sinn? An fhaid so tha chùis gu math. thugadh-mid, uime sin, a cheisd dhachaidh leinn, agus ann an sin ruigeadh-mid ar ‘n anamaibh do sgrùdadh Focal Dhé, ni is e inneal Chriosd gu bhi rannsachadh a chridhe. Ma tha gràdh agad do’n Fhear-shaoraidh, faodaidh suil a bhi agad gu’n dealruich E air obair Fein, gu’n dean E aithnichre dhuit e, agus gu’n toir E comhladar beannaicht’ dhuit ann a bhi ga ghabhail a stigh. Mar eil gràdh agad Dhà, ‘s cinnteach gur fearr dùsgadh gu mothachadh air a sin a nis, na am folach a bhi air a spionadh dhiot aig a chathair bhreitheanais.
Tha gu leoir ann dha nach leig mi leas fheorach am bheil gràdh aca do Chriosd. Tha’n cion sùim dha lagh, cho suarach ‘s a tha iad a cur ùrnuigh agus co-chomunn Ris, a nochdadh nach eil gràdh do Chriosd na’n cridheachan. Cuimhnichibh gu’m bheil focal eil sgriobhta, “Mar eil gràdh aig neach do’n Tighearn Iosa Criosd bitheadh e Anatema Maranata”—’s e sin, bitheadh e mallaichte gu latha a bhreitheanais; bitheadh mallachd Dhé gu siorruidh air. Mar eil gràdh aig do Chriosd, abradh an cruthachadh uile, “Anatema Maranata.” An urrain aon againn a bhinn sin a chur ann an suarachas? O gu’n tugadh Dia air falbh an cridhe cloiche.
Bho chathair tròcair tha Criosd a nis a labhairt ris gach aon agaibh, “Am bheil gràdh agad Dhòmh-sa?”—Dhòmh-sa a tha nì’s maisiche na clann nan daoine, neach is mì dealradh glòir an Athar agus fior iomhaigh a phearsa, a leig sios mo bheatha a chùm gu’m bitheadh aig peacaich mar a tha sibhse ann, a bheatha shiorruidh, agus a tha air son bhliadhnaichan a seasamh agus a bualadh aig dorus bhur cridheachan. Cha’n urrain sibh gu’n teagamh sibh fein a reusanachadh a stigh ann a bhi gràdhachadh Criosd, neo-chriochnach mais-each agus airidh agus mar a tha E air a bhi air a gràdhachadh. Ni mothà tha sibhse ri bhi a cumail air ais bh’uaithhe-san, a dhiult agus a loit sibh, gus am faigh sibh ‘ur cridheachan ann an gràdh Dhà; oir an sin cha tigeadh sibh gu bràth dha ionnsuidh. Ach mar chaora
chaillte tha sibh ri tighinn dha ionnsuidh mar Bluachaile ‘ur ‘n anamaibh, a chùm gu’n aiseig E air ais agus gu’n ath-nuadhaich E sibh. Fodh theagasg a Spioraid fein tha sibh ri bhi creidsinn a ghràidh iongantaich do pheacaich mar a tha sibhse agus mise; agus an gràdh sin, ‘n uair a ghabhair a stigh e agus a tha e air a thoirt dhachaidh air neach, bheir e buaidh, leaghaidh e, agus tarruigidh e sibh.
* * *