Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1959 » July 1959 » Searmonan: Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D

Searmonan: Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D

(Air a leantuinn bho t.d. 57)

Bha ‘n duine urramach, an t-Ollamh Love, ag ràdh, Bha am ann ‘n uair, a thaobh foillseachadh glòir na Diadhachd, a dh’fhaodadh e da-rìreadh a bhi air a ràdh gu’n robh an talamh ni bu shaoibhire na neamh. ‘N uair a bha Iosa gu faicsinneach anns an t-saoghal so, bha ann ionmhas na bu luachmhoire na bha ri fhoatainn anns an neamh a b’airde. A leantuinn a mach an smuainte so, nach fhaod sinn a ràdh gu’n robh neamh air a dheanamh saoibhir os ceann na b’urrain inntinnean naoimh agus aingear a bhreithneachadh air thoiseach air e ghabhail àite, ‘n uair a chaidh Righ na Glòir, an deigh crioch a chur air obair ioraslachaidh, a steach an sin am measg buaidh-chaithream an fheachd neamhaidh:—”Togaibh, a gheatachan ‘ur cinn, agus bithibh air ‘ur togail suas, a dhorsaibh siorruidh; agus thig Righ na Glòir a steach.” Bha cuideachadh nuadh air a thoirt dhoibh gu Dia fhaicinn, anns an Uan a chaidh a mharbhadh; bha raoin ùr agus neo-chriochnach air a fosgladh suas, gu bhi air a siubhal gun sgios tre na h-àlaibh ri teachd, ann a bhi faotainn foillseachaidhean as ùr agus a sior-mheudachadh air saoibhreasan glòir iomlanachdan na Diadhachd mar a tha iad air am foillseachadh ann an obair na saorsa.

Tha Dia a gabhail tlachd ‘n a chreutairean naomha, obair a làimhe;—na h-ainglean a tha treun ann an neart a chùm E ‘n an ion-racas, agus a mhuinntir shaorta shuas a cheannaich E Dha Fein le leithid de luach. Tha E cumail co-chommunn riutha, agus tha iad ag imeachd maille Ris agus a deanamh seirbhis Dha. Agus ann an sin, tha ” abhainn fhior-ghlan a dh’uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a teachd a mach a Righ-chaithir Dhé, agus an Uain; ” agus ” ann am meadhon sràide na caithreach, agus air gach taobh de’n abhainn, bha craobh na beatha a’ giulain da ghné dheug toraidh, agus a toirt a toraidh uaipé gach uile mhios; agus bha duilleach na craoibhe chum leighis nan cinneach. Agus cha bhi mallachd air bith ann ni’s mothá: ach bithidh righ-chaithir Dhé agus an Uain innte: agus ni a sheirbhisich seirbhis dha.” ” Agus cha bhi oidhche an sin, agus cha’n eil feum aca air coinnil, no air solus na greine: oir bheir an Tighearna Dia solus daibh: agus rioghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.” An urrain dòchas a bhi againn a bhi air ar gabhail a stigh do’n aite ghlor-mhor sin, gu tàmh a ghabhail ann an tigh an Tighearn’ gu bràth? Bithidh a cheisd so, ann an tomhas àraidh, air a freagairt, le bhi toirt fa’n ear na briathran a leanas.

“Maille ris-san fòs a tha leonta agus iorasal ‘n a spiorad.“

Ciod e’n t-atharrachadh n’an cromadh sios a tha’n so bho’n àite àrd agus naomh. Gidheadh cha’n eil e cho iongantach ri tearnadh bho neamh gu talamh; oir tha ioraslachd Iehobhah a reir a mhòrachd; tha E comhdach feur na machrach; tha E cluinntinn na fithich òg ‘n uair a ghlaodhas iad; cha tuit an gealbhan a dh’ionnsuidh an làir as eugm hais; tha truaighe nan creutairean is tàireil a’ measg a chreutairean reusanta a gluasad iochd-san;—ach tha’n tearnadh anns an t-seadh so, bho’n ionad naomh a dh’ionnsuidh cridhe a pheacaich. Bhitheadh so na ni tuilleadh is mòr air son a bhi air a chreidsinn, mar bhitheadh gu’m bheil ni eile a b’iongantaiche fior, ‘s e sin, gu’n d’thainig an dara Pearsa anns an Diadhachd ghlormhòr a nuas bho neamh gu Betlehem, gu Calbharai, a chum agus gu’m b’ urrain Dia a ris àite-comhnuidh a bhi Aige ann an cridheachan dhaoine peacach. Chuir Dia an t-Athair E—’s ann a reir sin a bha ghràdh—agus thainig E ann an coslas feola peacach—a reir sin bha gràdh a Mhic—gu riarrachadh a thoirt air son ciont’ dhaoine, cionta a bha fògradh Dhé a mach as a chridhe; a chum agus gu’m bitheadh e a reir glòir agus naomhachd an Ti Ard agus Naomh a bhi cur a mach a chumhachd ann a bhi glanadh a chridhe agus ga ullachadh a ris gu bhi ‘n a theampull Dha Fein.

‘S e obair reite agus saoraich Dhé anns an fheoil an obair is mothá os ceann gach tomhas de oibríbh Dhé. Ach ‘s e ‘n obair is faisg oirre ann am meudachd agus ann an gràs, a tha air a foillseachadh (ged nach fhaic sinn i gus an tig sinn fodh a buaidh) obair an Spioraid Naoimh ann an cridhe salach, clachach, uaibhreach, a pheacaich, ga ath-nuadhachadh air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil e air a dheanamh freagarach gu Dia a ghabhail comhnuidh ann. ‘S e th’ann so ach obair anns am bheil ro-mheudachd cumhachd Dhé, cho maith ri ro-shaoibhreas a ghràis, gu glòrmhor air a foillseachadh. Bheir E’m brat-sgàile air falbh; bheir e’n cridhe cloiche air falbh; foillsichidh E dhuinn ‘n a lagh teinnteach fhìreantachd agus fhearg an aghaidh peacaidh; tha E leigeadh a stigh solus a lagha sin air na cridheachan againn; tha E ga thilgeadh air ais air gach nì a rinn sinn riabh; tha E ga’r deanamh mothachail air ealach do-labhairt ciont a pheacaidh. An sin fairichidh sinn Fhocal a bhi mar an teine agus an t-òrd a bhriseas a chreag ‘n a bloighdibh. Ach cha leoir so. Tha E foillseachadh dhuinn a ghràs, a ghràs ‘n a morachd, air a foillseachadh ‘n a Mhac—a cromadh bho’n àite àrd agus naomh gu bhi saoradh pheacach bho dhol sios do’n t-slochd. Tha E toirt oirne a bhi cluinn-tinn guth a ghràis sin—an gràs air an robh sinn a deanamh dìmeas—ag ràdh, “Thigeadh-mid a nis, agus tagradh-mid r’a cheile; ged robh ‘ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bithidh iad geal mar an sneachd: ged robh iad dearg mar chorcuir, bithidh iad mar olainn.” Is ann an sin a tha fior ioraslachd, mothachadh air cho tur neo-airidh ‘s a tha sinn, togradh gu sinn fein ioraslachd agus Dia àrdachadh, air oibreachadh anns a chridhe. Tha mothachadh air feum spioradail, air coinneachadh ris le foillseachadh air an lànachd a tha ann an Criosd, agus an t-eagal roimh fheirg air a thoirt air falbh le creidimh ann am fuil na réite; ach le fàs ann an eolas air Dia agus ann am fein-fhiosrachadh air a ghràs, agus le fàs ann an eolas air a pheacadh agus air plàigh a chridhe, tha fàs ann an ioraslachd. Esan a their, “Tha mi ni’s lugha na’n tì is lugha de na naoimh uile,” co-aontaichidh e ris a pheacach aig stòlchas Dhé ann a bhi’g ràdh mar an ceudna, “A Dhé dean tròcair ormsa a tha am pheacach.” Is ann de thròcairean an Tighearna a tha e nach eil sinn air ar caitheamh as, do-bhrigh nach eil fàilinn air a thròcair. Is e, uime sin, ioraslachd, fonr freagarach a chridhe ann an creutair a thuit ach gidheadh a tha air a shaoradh—sealladh air mòrachd, naomhachd, agus gràs Dhé, agus mothachadh air cho falamh, neo-airidh ‘s a tha e fein, ga threorachadh gu bhi’g ardachadh Dhé agus gu bhi deanamh uaill Ann-san a mhàin. Agus far am bheil ioraslachd ‘n a priomh chleachdadh a thaobh Dhé, bithidh ioraslachd a thaobh a cho-chreutairean agus a bhràithrean ‘s an Tighearna; cha’n e mhàin gu’m bheil gràdh a ghnàth maille ri gràs,—gràdh a treorachadh neach gu urram a thoirt do na h-uile dhaoine, ach gu h-araidh do na bràithrean—ach do bhrigh gur aithne do gach uile Chriosduidh na comainean fodh’m bheil e, a theachdan gearr, agus a pheacaidhean, mar nach aithne dha sin ann am muinntir eil.

Maille ri neach a tha dhe leithid sin de spiorad tha Dia a gabhail còmhnuidh. ‘S e toradh gràs Dhé Fein a tha ann an ioraslachd; tha e luachmhor na shealladh do-bhrigh sin. Tha mòran do Dhia air fhaicinn ann; ‘s e ‘n suidheachadh a tha deanamh dhaoine freagarach gu bhi cur luach air tròcair, gu bhi faicinn glòir an t-Slànughear, gu bhi cumail co-chomunn ri Dia agus ga mhealtuinn. Uime sin, tha sinn a leughadh, “Is iad na neamhan mo righ-chaithir, agus an talamh stòl mo chos: cia e an tigh a thogas sibh dhomhsa? agus cia e ionad mo chòmhnuidh? Oir na nithean so uile rinn mo làmh, agus na nith-ean so uile is leamsa, deir an Tighearna: ach air an fhear so amhair-cidh mi, eadhon air-san a tha bochd agus leonta ‘n a spiorad, agus a chriothnaicheas roimh m’ fhocal-sa.” “Tha mi ag ràdh ribh gu’n deachaidh am fear so sios da thigh air fhìreanachadh ni’s mo na’m fear ud eile; oir ge b’e neach a dh’ardaicheas e fein, islicheir e: agus ge b’e dh’islicheas e fein àrdaichear e.” “Bithibh air ‘ur sgeadachadh le ioraslachd: oir tha Dia cur an aghaidh na’n uaibhreach, ach a toirt gràis dhoibh-san a tha iorasal. Uime sin ioraslaichibh sibh fein fodh laimh chumhachdaich Dhé, chum ‘us gu’n àrdaich e sibh ann an am iomchuidh.” ‘S e aite còmhnuidh tlachdmhor do’n Tì àrd agus uasal a tha anns a chridhe air ioraslachadh, a cheart cho cinnteach ‘s a tha’n t-àite àrd agus naomh mar sin; tha so mar so, ged a tha peacadh a fantuinn anns a chridhe; oir tha peacadh anns a chridhe bhriste, agus bròn air a dheanamh thairis air, agus e air fhuathachadh, a toirt fianuis air peacadh, agus reite air a deanamh air a shon, agus e air a dhìteadh ann am bàs luachmhor Chriosd. Uime sin, is urrainn Dia naomh còmhnuidh a ghabhail maille ris-san a tha de spiorad iorasal, ged a tha e fathasd ‘n a pheacach.

Agus, dìreach anns an tomhas anns am bheil ioraslachd an Tighearna mar so air fhoillseachadh ann a bhi gabhail còmhnuidh ann an cridhe a pheacaich, anns an tomhas sin faodaidh sùil a bhi againn ri toraidhean mòr agus luachmhor. ‘N uair a thigeadh Dia gu bhi’n a dhuine faodaidh a chreutairean naomha amharc air son toraidhean a bhi leantuinn sin, a tha airidh air a leithid de fhoillseachadh agus a leithid de chosgus. ‘N uair a thig Dia naomha gu còmhnuidh a ghabhail ann an cridhe aon a tha fathasd ‘n a dhuine peacach, faodaidh sùil a bhi againn ri comhraidhean air a làthaireachd an sin, agus comhraidhean gu’m bheil obair mhòr air a deanamh Leis ann an sin. Agus ‘s e leithid sin a dh’obair a bhi faicealach air a chuilc bhrùite agus air an lion de’m bheil caol smùid gus am bheil breitheanas air fhoillseachadh chum buaidh; a bhi glanadh a chridhe ni’s moth a agus ni’s moth; a bhi gleidheadh an anama bho thuiteam air falbh; a bhi’g ullachadh a chridhe bhriste air son seirbhisean neamh naomh, agus air son a bhi ‘n a chòmhnuidh shiorruidh do Dhia tre a Spiorad.

(R’a leantuinn.)

A farmer who should delay preparing his land and sowing his seed until July, and then expect a fine crop of grain in August, would act as inconsistent as the man who puts off his preparation for Eternity until the close of life, and after death looks for the reward of heaven.—John Bate.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice