Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1959 » August 1959 » Searmonan

Searmonan

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.

(Air a leantuinn bho t.d. 91.)

Ach tha E ‘n a chòmhnuidh mar an ceudna “Maille ris-san aig am bheil cridhe briste, a bheothachadh spiorad na’n iorasal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leonta.”

Tha iadsan a tha iorasal an spiorad a cur feum air comhfhurtachd bho Dhia agus cumail suas, fodh mhothachadh air cho peacach, neo-airidh, neo-thorach, agus cho eu-comasach gu spioradail ‘s a tha iad. Ann a bhi cuimhneachadh air peacadh, na fodh fhein-fhiosrachadh ‘s an am a tha lâthair air cumhachd a pheacaidh, na ann a’ meadhon deuchainean sonraicht’ dha’m bheil iad buailteach, feumaidh iad a bhi air an cumail bho mhi-mhisneach—ni nach eil idir ‘n charaid do ioraslachd—agus bho dhoilgheas an t-saoghail so a tha’g oibreachadh bàis. Agus is e’n Dia-san “Dia nan uile chomhfhurtachd,” a “tha toirt comhfhurtachd dhoibh-san uile a tha air an tilgeadh sios,” agus a tha leigheas luchd a chridhe bhriste. Cia cho luath agus a dh’fhàil-nicheadh an spiorad leointe fodh mhothachadh air ciont agus ann a bhi cuimhneachadh air na h-uile ni a bha air a dheanamh an aghaidh glòir neo-chriochnach agus gràs neo-chriochnach, mar a tigeadh fuas-gladh bho’n àirde, agus mar a leighiseadh an làmh a leon. Oir cha bhi an Tighearna “a cronachadh gu sior, agus cha bhi fearg orm an comhnuidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham agus na h-anamanaibh a rinn mi fein.” Am bheil iad ann a tha cur feum, cha’n ann air comhfhurtachd a bheir ni air bith saoghalta seachad, ach ni bheir dòchas agus mothachadh air tròcair ann a bhi maitheadh seachad? Is urrain an Tighearna am beothachadh, agus tha E ga’m beothachadh, le co-chur cumhachdach air a leithid de bhriathran riutha so, “Glan-aidh fuil Iosa Criosd a Mhic bho gach uile pheacadh.” “Is mise, mise fein, esan a dhubhas d’eu-ceartan as, air mo sgàth fein; agus do lochdan cha chum mi air chuimhne.” “Uime sin a ta mi ag ràdh riut, Gu bheil a peacanna a ta lionmhor, air a maitheadh.” “Far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro-mho a mheudaicheadh gràs.” Am bheil iad ann a tha cur feum air a bhi air an ath-bheothachadh fodh mhothachadh air cruas an cridheachan, cho beag drùghadh ‘s a tha ni sin a deanamh orra a bu chòr a ghnàth an cumail ann am fonn tais agus maoth? Is urrain an Tighearna an leithid sin ath-bheothachadh le focal a gheallaidh fein a chur dha’n ionnsuidh le cumhachd, agus an cuideachadh gu earbs’ ann air son a choilionadh :—” Bheir mi air falbh an cridhe cloiche as bhur feoil, agus bheir mi dhuibh cridhe feola.” Am bheil iad ann a tha cur feum air a bhi air an ath-bheothachadh fodh mhothachadh air bàsachadh spioradail (ni tha na fhoillseachadh duilich agus sòlaimte do leanamh Dhé) agus a tha, am feadh ‘s a tha iad air an ioraslachadh, cha mhòr air an cur fodha leis an fhoillseachadh, ‘n uair a tha iad ag ràdh, “Och nach robh mi mar anns na miosaibh a chaidh tharum, mar anns na làithibh air an do choimhid Dia mi.” Am bheil idir cumhachd beothachaidh anns a ghealladh, “Leighisidh mise an cùl-sleamhnachadh, gràdhaichidh mi iad gu saor; oir phìll mo choruich air falbh uaith?” Am bheil iad ann aig am bheil suidheachadh Phoile ‘n uair a thubhàirt e, “Tha mise feolmhor, air mo reic fodh’n a pheacadh;” “Oir a nì a bu mhiannach leam, cha’n e tha mi deanamh; ach a nì is fuathach leam, is e sin a tha mi deanamh;” “Och is duine truagh mi, co shaoras mi bho chorp a bhàis so?”—a stri anns gach seirbhis an deigh co-chùmtachd ris an lagh naomh agus spioradail, agus gidheadh gun a bhi ruigheachd air, ni-h-eadh, a reir coltais, a fàs, ni’s mo agus ni’s mo, ni’s neo-chùmtha ris; gun a bhi creidsinn mar a bu mhath leo, na ag ùrnuigh mar bu mhath leo, na a’ gràdhachadh mar bu mhath leo, ach eu-ceartan a toirt buaidh orra. Tha comhfhurtachd da’n leithidean sin far an d’thuair Pol i, “Uime sin, cha mhise ni’s motha a tha deanamh so ach am peacadh a tha gabhail còmhnuidh annam.” “Tha mi tort buidheachas do Dhia tre Iosa Crìosd ar Tigh-earna.” Na’m bheil iad ann a tha ullamh gu dhol fodha le tròm chudthrom deuchainn chruaidh—oir tha’n fheoil anmhuinn—na cheann gu’m bheil iad cho dall air làimh Dhé, na cheann gu’m bheil iad a faicinn corruich ‘s cha’n e gràdh ‘n a dheiligidhean naomha ruitha? Gidheadh tha E ga’n cumail suas. Cia lion dhe’ shluagh a dh’fheumadh fianuis a thoirt, ‘n uair shleamhnuich an cas gu’n do chum a thròcair suas iad. Tha E teagasg dhoibh fior ùmhlachadh do Athair nan spiorad; seadh, a bhàrr air sin, tha E nochdadh dhoibh a ghràdh ann a bhi measgachadh dhoibh a chupain shearbh, le bhi ga shineadh dhoibh leis a ghealladh, “Is leoir mo ghràs air do shon, agus tha mo neart air a dheanamh foirfe ann an anmhuinneachd.” “N uair a theid thu troimh na h-uigheachan, bithidh mise maillle riut; agus tre na h-aimhnichean, cha tig iad tharad; ‘n uair a shiubhlas tu troimh’n teine cha loisgear thu, ni mo ni an lasair greim ort.”

Mar so tha Dia a toirt comhfhurtachd Dha shluagh na’n uile àmhghairean, gus, ma dheireadh, an siab E air falbh gach deur bho’n suilean; agus gus an imich iad ann an culaidhean geal ann an saoghal is fearr, an innis iad do aon a cheile mu’n t-slighe air an do threoraich E iad, agus mar a rinn E gach ni gu maith.

Cha lean mi air a cho-chur choitchionn agus chudthromach a ghabhas a bhi air a dheanamh de’n chuspàir so; an solus a tha e air a chiallachadh a thilgeadh air cliu Iehobhah mar a tha E glòrmhor ann an naomhachd agus glòrmhor ann an gràs, an teagasg a tha E toirt dhuinn a thaobh ciod anns am bheil fior dhiadhachd a co-sheas-amh, ‘s e sin ioraslachd agus (gu h-araidh anns an t-saoghal so) bris-teachd spioraid, a tha a reir teagasg Chriosd ann an làithibh fheola, “Is beannaicht’ iadsan a tha bochd na’n spiorad, oir is leo-san riog-hachd neamh;” “Ge b’e neach leis an àill a bhi mòr ‘n ar measg bitheadh esan ‘n a òglach dhuibh uile;” agus, uime sin, an rabhadh, air am bheil feum cho mòr ‘n ar latha-ne, a tha sin a toirt ann an aghaidh diadhachd a tha deanamh air falbh le aithreachas agus le ioraslachadh air son peacaidh a tha fàs ni’s doimhne, air thaobh a chreidmhich a tha air gabhail ris agus air uchdmhacachd.

Ach dean-am gu sònraichte an cuspair so a cho-chur a thaobh sàcramaid na Suipeir:—

1. Mar òrdugh dha’m buin co-chomunn sònraichte ri Dia.

Agus mar sin tha e. ‘S e th’ann suidhe maille Ris aig a Bhòrd. Mar nach urrain ach a’ neach a tha briste ‘n a chridhe co-chomunn a bhi aig anns an t-soisgeul ri Slànuighear a tha air a bhruthadh, cha’n urrain ach an leithid sin co-chomunn a bhi aca Ris anns an t-sàcramaid. Mar is doimhne mothachadh air peacadh, ‘s ann is luachmhor a tha iocshlainte a chùmhnant’; mar is doimhne an ioraslachd ‘s ann is glòrmhor a tha gràs ann an sealladh an anama. A thuilleadh air sin, mar is moth a dh’ioraslaicheas an Tighearna E Fein ann a bhi toirt cleachdadh dha ghràs do-labhairt—agus ann an òrdugh air bith eile cha’n eil so air fhaicinn cho mòr ‘s a tha e air fhaicinn ann an òrdugh na Suipeir—is ann is àirde an gairm Dha shluagh gu bhi cur am brògan far an casan. Uime sin mas a bu mhath leibh fagasgachd do Dhia agus co-chomunn Ris ann ‘n a òrduighean Fein, iarraibh an deigh bristeadh agus ioraslachd spioraid; agus iarraibh e ann an dòigh an Tighearna, tre’n Spiorad Naomh a bhi toirt peacadh gu ‘ur cuimhne agus a nochdadh dhuibh peacadh ann an solus a chroinn-cheusaidh.

2. Mar òrdugh air son comhfhurtachd shònraicht’, tre’n a chuideachadh a tha e toirt seachad gu bhi faicinn glòir na h-aon iob-airt air son peacaidh, agus neo-chaocluidheachd a ghràidh a tha dol thar gach uile eolas; òrdugh air son comhfhurtachd, a chum ‘s gu’n imich neach ni’s dluithe maille ri Dia, agus gu bhi leantuin gu dòchasach agus gu beothail a’s deigh naomhachd.

Ma tha thu cur feum air fuasgladh bho bhi cur teagamh ‘n ad choir phearsanta anns an t-Slànuighear, a chum agus gu’n tugadh tu thu fein le oridhe air a shaoradh bho eagal a tha ga’d mharbhadh, thairis do’n obair mhòr a bhi ga’d ghlanadh fein; ma tha feum agad air comharradh bean-naicht’ air mhaith gu’m buin dhuit-sa an gealladh, “Cha bhi tigh-earnas aig a pheacadh thairis oirbh,” air chor agus ann an neart gràis agus ann an dòchas buaidh fhaotainn gu’m faod thu dhòl an ceann ‘n a comhraig ris a pheacadh a tha gabhail comhnuidh annad; ma tha thu, fodh mhothachadh goirt air cho neo-thorach agus cho neo-dhìleas ‘s a bha thu ‘s an am a chaidh seachad, ag iarraidh gu dìrachdach fhios a bhi agad cia mar a ghabhas tu bhi air do chumail ‘s an am ri teachd, cia mar a leanas tu ris an Tighearna, agus a dh’ath-cheannaicheas tu am fuigheal de’d bheatha ghoirid air son na h-obair sin nach gabh a bhi air a deanamh ‘s an uaigh; na, ma tha thu, fodh dheuchain ghoirt phearsanta, na aobhar bròin cràiteach, a cur feum air an t-sìth sin a tha Criosd a toirt seachad, a chùm agus gu’m bit-headh tu comasach ann am firinn agus bho fhein-fhiosrachadh a lab-hairt gu maith ma ainm agus mu shlighean, an sin cluinn guth an Tighearna ag ràdh, “Fosgail do bheul gu farsuinn agus lionaidd mise e;” agus gabh misneach gus do chridhe a dhòrtadh a mach ‘n a fhian-uìs, a chum agus gu’m foillsich Se E Fein dhuit air dhòigh eile ‘s a tha E deanamh do’n t-saoghal, agus gu’n toir E dhuit greimachadh air a leithid de dhòigh ris a chomhfhuirtachd làidir a dh’ullaich E do “oighreachaibh a gheallaidd,” agus gu’n lean thu, a dh’ionnsuidh na crìche, iadsan a tha, tre chreidimh agus fhoghaidean, a sealbhachadh nan geallaidean.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice