Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1959 » October 1959 » Searmonan. Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D

Searmonan. Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D

A ris, ‘s e th’anns an earail so ach aon anns am bheil neart a ghabhas a bhi air fhaireachadh leis a Chriosduidh agus cha’n ann le neach air bith eil. Tha creidmhich mothachail air neart na h-impidh so. Tha’n cridheachan comasach air a bhi’g a thuigsinn. Bha iad air an toirt beo do nàdur iongantach gràdh na Trianaid agus na comainean fodh ‘m bheil iad, a tha’g eirigh bh’uaith. ‘S e th’anns a nàdur nuadh a thuair iad ach nàdur air am bheil eagal a bhi deanamh mi-fheum do mhaitheas agus a bhi peacachadh an aghaidh gràidh. Tha ni’s moth a do eagal aca roimh so na roimh aon fhulungas aimseireil. Cha leoir leo gu’m bitheadh seorsa de dhòchas maith aca a bhi air an saoradh bho ifrinn. ‘S e so na tha’n cridhe nàdurra ag iarruidh; ach cha bu dòchas aoibhneach a bhitheadh an so do’n Chriosduidh—cha bu dòchas idir e—mar a b’urrain e maille ris a bhi’g altrum dòchais gu’m bitheadh e air a dheanamh comasach a bhi’ gràdhachadh agus a bhi glòrachadh Dhé. ‘S e so an ni a tha e gu h-àraidh ag iarruidh. Ach O, ‘n uair a tha gràs ann an cleachdadh, theid a leithid so de dh’earail gu cridhe a Chriosduidh—gu cridhe a chridhe—” Na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomha Dhé.”

Gidheadh faodaidh creidmhich doilgheas a chur air an Spiorad Naomh, agus doilgheas a chur air a dh’ionnsuidh a chridhe. Faodaidh iad tuiteam ann am peacadh, agus mi-chliù a thoirt air an aideachadh. Agus faodaidh Criosduidhean a tha’g aideachadh, long-bhriseadh a dheanamh air a chreidimh agus air coguis mhaith. Ciod e, ma tà, nàdur a pheacaidh so? Cha’n e lathaireachd a pheacaidh anns a chridhe a tha cur doilgheas air Spiorad Dhé. ‘S e firinn iongantach a th’ann nach eil eas-urram air a chur Air ann a bhi’ gabhail còmhnuidh ann an cridhe anns am bheil peacadh—peacadh air son an robh reite air a deanamh, peacadh an aghaidh an robh binn bàis air a toirt a mach, peacadh a bha air a mharbhadh, ach gidheadh peacadh. Tha leithid de ghloir anns a chrann-cheusaidd ‘s nach eil eas-urram air a chur air an Spiorad Naomh ann a bhi’ gabhail còmhnuidh an sin. Ni mothà ‘s e mothachadh domhain agus goirt air cumhachd a pheacaidh a tha cur doilgheas air. ‘S e so aon de dhearbh thoraidean a ghràis, aon de na nithean sin anns am bheil a thlachd, gu’m bitheadh osnaidhean an anama air an cluinntinn. “Co shaoras mi bho chorp a bhàis so?”

Ach faodaidh doilgheas a bhi air a chur air an Spiorad Naomha (ni’s foilleisich na ni’s diomhair) an toiseach le a bhi toirt àite do pheacadh—na peacaidhean air am bheil iomradh air a dheanamh ‘s a cho-theagasg, agus a leithidean sin. Is e Spiorad na Naomhachd a th’ann. Nis, cha’n eil sinn ri bhi tuigsinn gu’r urrain an Criosduidh a bhi beo ann an cleachdaidhean aon de na peacaidhean sin a tha air an ainmeachadh, na peacadh aithnichte eile, air a leithid de dhòigh gu’m faodadh e gu cothromach a bhi air ainmeachadh ‘n a dhuine neo-ghlan, dioghaltach, na sanntach. Tha ni calg-dhìreach an aghaidh sin air a ràdh; “oir tha fios agaibh air so, nach eil aig fear-striopachais air bith, no aig neach neo-ghlan, no aig duine sanntach, (a tha ‘n a fhear-iodhal-aoraidd) oighearachd ann an rioghachd Chriosd agus Dhé. Na mealladh neach air bith sibh le briathran diomhain: oir air son na nithean sin tha ferg Dhé a teachd air cloinn na h-eas-umhlachd.” Ach tha e gu soilleir air a ghabhail a stigh gu’m bheil an Criosduidh ann an cunnart tuiteam ann an aon air bith dhe’n a peacaidhean sin aig am air bith: agus ma thachras gu’n dean e sin, tre dhearmad a bhi gleidheadh a chridhe na tre neart buaireadh obann; ma tha e coltach ri bhi cur uime a ris an seann duine a chuir e dheth; ma bheir e ainneart do dhleasdanas naomh na firinn, na ma bhitheas e ciontach de ghniomh eas-onarach; ma thig cainnt thruailidh air bith a mach as a bheul; an deigh dha toiseachadh air eolas a ghabhail air Uan Dhé, ma tharlas dha bhi’g altrum spiorad neo-mhaitheil an aghaidh bràthair a thug oilbheum; ma thuiteas e ann a’ mì-stuamachd, na ann am peacadh salach na neo-ghloine—peacadh a tha air mhodh sònraicht’ an aghaidh nàdur Dhé—an sin, am feadh a tha e truailleadh a choguis, a toirt bàis air a spiorad, agus (ma’s e peacadh foilleiseach a bh’ann) a tha e toirt sgannal do aobhar Chriosd, tha e cur doilgheas air an Spiorad Naomh a dh’ionnsuidh a chridhe. O, cia cho suarach ‘s a tha e a bhi mar so a toirt luigheachd do Spiorad Maith an Tighearna? Thugadh a’ neach ‘n ar measg a shaolas a bhi ‘n a sheasamh an aire ma’s tuit e.

Tha’n Spiorad Naomh a faotainn doilgheis tre’n a chreidmheach a bhi toirt aoidheachd do ni air bith a tha mi-fhreagarach a bhi’n lâthair a leithid so do dh’Aoidh. Na’m bitheadh neach air aoidheachd againn a bhitheadh airidh air an urram a b’ àirde, cia iomagaineach a bhitheadh-mid gu bhi seachnadh nì air bith air am bitheadh coslas eas-urram na a dh’aobhraicheadh faireachadh neo-thaitneach, ged, na’m bitheadh e fada os ar ceann ann an inbhe, a dh’fhaodadh-mid a bhi faireachadh ‘n a lâthair nì air chor-eigin de chuing. Cha’n eil cuing air a deilbh an lâthair a Chomhfhurtair; far am bheil Esan, tha saorsa an sin: ach tha eagal naomh ann a fhreagras dànachd leinibh. An e firinn a th’ann gu’m bheil Esan, Spiorad na Naomhachd, a gabhail comhnuidh ‘n a shluagh?—an truail sinn teampull Dhé? An e Spiorad a ghràidh E?—an altrum sinn faireachaidhean farmad agus mi-rùn ‘n a lâthair? An E Spiorad na saorsa ghràsmhor, agus an gabh sinn a stigh ‘n a sheirbhis mar gu’m b’i bh’innte ach trailléal-achd agus daorsa, na mar nach b’e bh’innte ach toiseach neamh? Am bheil sinn mar so a toirt luigheachd do Spiorad an Tighearna? An robh E riamh dhuinn ‘n a fhàsach na ‘n a thìr an dorchadais?

Tha doilgheas air a chur Air le mì-thaingéalachd agus cion suim, le cion mothachadh domhain air na comainean fodh’m bheil sinn Dha ghràidh agus Dha ghràs. Na’m bitheadh duine bochd truagh ann dha’n robh math air a dheanamh le neach dha’n robh fuath aige agus a bha e meas mar a nàmhaid; na’m bitheadh tre oidheirpean fior-ghlan agus fein-àicheil a leithid sin de neach air a shaoradh bho bhochdainn, nàire, na bàs; agus ma bha aobhar aig a’ neach a rinn maith dha a bhi’g aithneachadh, nn deigh gach càis, nach robh sràdag de fhior thaingéalachd ‘n a chridhe, nach pianadh sin e, agus ni bu ghoirte anns an tomhas anns an robh maothalachd fhaireachaidhean fein agus uaisleachd a phrionnsabalan ga’n nochdadh fein? Co’s urrain a thomhas na comainean fodh’m bheil an creidmheach do ghràs agus do ghràidh an Spioraid Naoimh, a thaghail air ‘n uair a bha e ‘n a nàmhaid, a bheothaich e ‘n uair a bha e marbh ann am peacaidhean agus ann an eu-ceartan, a nigh e le ionnlaid na h-ath-ghinmuinn, a nochd dha gràidh Dhé ann an Criosd, agus a thug dha bhi blasad air gràsmhorachd an Tighearn? ‘S cinnteach gu’m b’e faireachadh, os ceann a h-uile faireachadh eile, a bu chòr a bhi’n uachdar ann an cridhe a Chriosduidh, faireachadh taingéalachd—mothachadh air na comainean fodh’m bheil e, agus faireachadh mòr-ioghnadh ann a bhi beachdachadh air gràs Dhé. Agus mar a ghabh sinn beachd air a cheana, tha so fior a thaobh a Chriosduidh. Tha gràidh an Spioraid Naoimh iongantach ‘n a shealladh, mar a tha gràidh an Athar agus a Mhic. Ach O, na’n cailleadh e ann an tomhas mòr a’ mothachadh so air na comainean so fodh’m bheil e; agus na’n tigeadh cuisean gu so, gu’m bitheadh e air fhaotainn a cuartachadh dleasdanasan naomh agus gu chleachdadh fein ann an seirbhisean naomh am feadh ‘s a tha chridhe fuar agus a tha e riarachd’ gu’m bitheadh e mar sin, nach eil a bhi cur doilgheas air an Spiorad Naomh an so?

A ris, tha’n Spiorad Naomh a faigheal doilgheis le cion suim, air taobh a shluaigh, a bhi co-aontachadh le a rùn mòr a bhi’ gabhail còmhnuidh anns a chridhe. ‘S e’n rùn sin a bhi ga’n cumail ‘n an dùisg, dùrachdach, saothrachail ann a bhi faire air a pheacadh, agus ann a bhi leantuin naomhachd. ‘N uair a ni sinn sochairean luachmhor na’n cluasaig, an àite a bhi faigheil annta brosnachadh agus misneacadh gu bhi dichiollach; ‘n uair a bheir sinn àite do mhoais, leisg, agus cion-faire, mar nach bitheadh e air a ràdh, “Na coidlibh mar dhream eile;” “Gach ni gheibh do làmh ri dheanamh, dean e le’d uile dhichioll;” “Deanamh faire agus ùrnuigh, chum ‘s nach tuit sibh ann am buaireadh;” an sin tha sinn a cur doilgheas air an Spiorad Naomh.

Tha doilgheas air a chur air an Spiorad Naomh ‘n uair a tha ghluasadan agus iarratasan beannaicht’ air an cur suarach. ‘N uair a thig E gu bhi gluasad an anama gu bhi’g eisdeachd ri guth Iosa, “Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhana-charaid, mo chalaman, mo bhean choimhlionta: oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiamhan le braonaibh na h-oidhche,” agus ‘n uair, an àite a ràdh, “Guth mo Ghraídh,” a their sinn, “Chuir mi dhiom mo thrusgan: cionnas a chuireas mi orm e? dh’ionnlaid mi mo chasan: cionnas a shalaicheas mi iad?” na ‘n uair, an deigh Dha analachadh gu gràsmhor air an anam (faodaidh e bhi aig am òrduigh) mar a bha e air a dheonachadh do’n dithis luchd-turais air a t-slighe gu Emmaus, ‘n uair a labhair an Coigreach riutha gus an do las an cridheachan annta,—’n uair, an deigh chur am farsuingeachd cridhe ann an obair Dhé, seal-ladh àraidh agus fein-fhiosrachadh air glòir a chrùinne-cheusaiddh, nach eil sinn a co-eigneachadh Iosa gu fantuinn maille ruinn, ach a tha buaidh air a thoirt oirne leis a chridhe mhall, chealgach, agus cùraman an t-saoghail gu bhi leigeil Leis E Fein a tharruig air ais—O, nach eil sinn a cur doilgheis air an Spiorad Naomh?

Aon uair eile, tha sinn a cur doilgheas Air ‘n uair nach eil sinn ga chleachdadh gu bhi deanamh obair Fein annain mar Fhear-glòrachaidh Chriosd. Co dhe na naoimh, gu’n teagamh, nach eil a tighinn gearr an an so? Ach tha da pheacadh shonraicht’ dha’m bheil slugadh Dhé buailteach: cion mothachaidh air am feum air, agus tart an deigh, gràs an Spiorad (cuin a bu chòr do’n a Chriosduidh a bhi as eugmhais a leithid sin de mhothachadh air feum agus air tart?) agus cion earbsa ann an cumhachd agus ann an gràdh an Spioraid. Agus, uime sin, ‘s e beagan a dh’iarras sinn agus ‘s e beagan a bhitheas sùil againn ri fhaotainn bh’uaith-e-san a tha comasach air a dheanamh “fada os ceann ni’s aithne dhuiinn iarraidh na smuainteachadh.”

Tha iomadh tomhas anns a pheacadh so, mar a tha iomadh tomhas claonaidh ann an leanabh Dhé; agus tha iomadh tomhas anns a chud-throm leis am bheil Spiorad nan gràs a foillseachadh a mhì-thlachd naomh. Tha so air a dheanamh ann a bhi tarruig air ais gach uile chomhfhurtachd—tha so a ghnàth a leantuin a bhi toirt speis do’n pheacadh anns a chridhe; tha seargadh air gràsan an anama; agus tha bhi toirt air falbh an Spioraid Naomha gu h-uile agus gu h-iomlan. Tha e fior nach tachair so do aon air bith Dha shluagh; ach cha’n urrain comharadh is cinntiche a bhi ann air staid gun ghràs, na bhi cumail greim air a leithid sin de dhòchas am feadh a tha’n t-anam a leantuin ris a pheacadh, agus nach eil e deanamh strì gu bhi air a shaoradh bho gach uile pheacadh.

O, na’m b’e gu’n tachradh dhomh gu’m bheil mi labhairt ri Criosduidh òg a tha air tighinn gu aithne bhi aig air guth a Bhuachaille, luachmhorachd gealladh air cridhe nuadh, luachmhorachd cuirtean tigh Dhé agus òrduighean, agus slighe na naomhachd, thoiream eairail dha—na’m bitheadh e air son fianuis a Bhiobuill a bhi aig air a bhi ‘n a fhior Chriosduidh, aon dhiubh-san a tha air an naomhachadh; mar a bitheadh e air son a bhi air àireamh an sgaoth nach eil ach a mhàinn na’n luchd-aideachaidh air ainm Chriosd; na’n leanadh e cos-cheumaibh an treud agus gu’n deanadh e ni air chor-eigin air son crioch mhòr na beatha, glòir an Fhir-shaoraidh—comhairlicheam dha a bhi’g iarruidh, mar os ceann na neamhnaidean is luachmhora, coguis mhaoth, coguis air a deanamh agus air a cumail maoth ann a’ meadhon gach nì a tha’g oibreachadh gu bàs agus truaillidheachd dha’m bheil e fosgailte, agus tuilleadh eagail a bhi air roimh bhi call a cheud ghràdh na fulungais aimseireil air bith.

(R’a leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice