Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1959 » November 1959 » — Searmonan

— Searmonan

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.

(Air a leantuinn bho t.d. 187).

Oidheirpicheadh-mid a nis co-chur a chuspair so.

1. Nach e so is eigin a bhi’n a cainnte aig a Chriosduidh, “Co thuigeas a sheacharain?”

Co thuigeas a sheacharain ann an aghaidh Pearsa Diadhaidh, cha’n ann a mhàinn ann an làithibh ain-eolais, ach bho’n a thuair e tròcair. Co thug luigheachd Dha a reir a ghràis a dh’fhoillsich E? Co esan, aig an robh a choguis a ghnàth maoth, agus aig an robh cridhe a ghnàth ‘n a dhuig agus ri faire, agus air a lionadh le mothachadh do-labhairt air taignealachd? Nach fhaod cuid againn a a bhi cuimhneachadh amanaibh sònraicht’ ‘n uair a bha sinn ciontach de bhi cur doilgheis Air, mar a th’ann le peacadh foil-leasach, gidheadh le ar fuachd, ar leisg, ar feinealachd, ar neo-thain-gealachd, ar di-chuimhne air bòidean a bha air an deanamh ann an trioblaid na aig bòrd comanaichidh, ar dì-chuimhne air amaibh soil-leir anns an deachaidh an Tighearna a steach os ar leth ‘n uair a thubhairt sinn “tha mo chos air sleamhnachadh,” agus a chùm a thròcair suas sinn, ar beag mothachaidh air luachmhorachd Chriosd, ar ‘n oidheirpean anmhuinn agus neo-sheasmhach air a bhi’g iarruidh slàinte muinntir eile? Co ach Esan a tha neo-chaochluidheach a b’urrain giulain leinn? Ciod e’n t-aobhar mòr a bhi’g àrdachadh fad-fhoghaidean an Spioraid Naoimh. Agus ciod e’ ghairm a tha’n so gu bhi’g aideachadh agus a bròn thairis air ar peacidhean, gu bhi’g asluchadh tròcair agus gràs gu bhi leigheas ar cùl-sleamhnachaidhean agus ga’r cumail bho’n olc.

2. Am bheil aon ann a nis ris am bheil mi labhairt, a dh’fheumas amharc air ais gu am ‘n uair a bha e gu maith dha a bhi teachd dlùth do Dhia, ‘n uair a bha e gabhail tlachd ann an ùrnuigh, agus a chun-naic e luachmhorachd anns a Bhiobull nach gabhadh a bhi air ìnse,

‘n uair a dh’fhairich e air a leagail air leis an Tighearna a bhi gleidheadh a chridhe, agus a bhi beo chùm glòir Chriosd, ‘n uair a dh’fhairich e luachmhorachd tìm agus a bha e ‘g iarruidh co-chomunn gach là ri Slàuighear nach robh ri fhaicinn; ach thàinig am buaireadair, agus thàinig an saoghal, agus thàinig ana-miannaibh nithean eile, agus bha e ni b’aineamh ‘n a chlòsaid, thuair e ni bu lugha agus ni bu lugha de thèm air son an Fhocail agus beachd-smuainteachadh;—agus an sin thàinig caochladh duilich thairis air an duine an leth a stigh; cha robh Criosd ni b’ fhaide ‘n a Chriosd a bha làthair agus a bha luachmhor, ach na chuspair fad as; thàinig an urnuigh, “Tog orm solus do ghnùis” gu àite a thoirt do’n ghlaodh dhuilich, “Co nochdas dhuinn ni maith air bith?” Ach dhùisg an Tighearna e, le Fhocal, an fhaide so, gu’m bheil e nis ‘n a dhuine mì-thoilichte agus truagh, ag ràdh, “O nach robh e dhòmhsa mar anns an miosan a dh’ fhalbh.” A charaid, ma tha na làithean sin gu bràth gu pilleadh, ma tha thu gu fios a bhi agad nach robh thu ‘n uair sin ga d’ mhealladh fein, feumaidh am pilleadh sin a bhi air a thoirt mu’n cuairt ann an co-cheangal ri thu bhi ga d’ chleachdadh fein mar a bha Daibhidh ‘n uair a thubhairt e, “Dean tròcair orm a Dhé, a reir do choibhneas-gràidh; a reir lionmhorachd do chaomh-throcairean, dubh as m’ eusaontas.” “Na tilg mi o d’ shealladh, agus na toir do Spiorad Naomh uam.” Bi air chrith roimh’n smaint a dhol a dh’ionnsuidh Bòrd an Tighearna am feadh a tha peacadh a cur dealachadh eadar thu agus Dia. Ach na toir cadal do d’ shuilbh, na suain do d’ rosgaibh gus am bi sin a rinn an dealachadh air a thoirt air falbh. Is urrain fuil Chriosd a ghlanadh air falbh. Is urrain Spiorad Chriosd do chridhe a dheanamh brùite.

3. Tha’n Spiorad Naomh, air am bheil gu bitheanta doilgheas air a chur le a shluagh, air seasamh ‘n a aghaidh agus air a chràdh le peacaich.

Tha E strì riutha, oir is e Spiorad iochdmhor agus gràdhach a tha Ann. Agus tha iad a seasamh ‘n a aghaidh; oir tha iad a roghnachadh bàis, agus a cur cùl rì’n tròcair fein, agus cha tig iad a dh’ionnsuidh Chriosd air son beatha. Tha E stri ris a mhuintir neo-aithreachail, ‘n uair a tha E toirt dlùth dhoibh àithne shòlmaicht’ agus a ghairm gu aithreachas, “Pillibh, pillibh, car son a bhàsaicheas sibh?” “Mar a dean sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.” Tha iad a seasamh ‘n a aghaidh ‘n uair a tha iad a lean-tuinn cho mi-chùramach agus cho neo-mhothachail agus ged a b’e faoin-sgeul a bh’ann an ifrinn, na mar gu’m b’urrain da’n chridhe fulung, na da’n làmhan a bhi làidir, anns na làithibh anns am buin an Tighearna riutha. Tha E strì riutha ‘n uair a dhùisgeas E suas a choguis gus a freagairt a thoirt do’n Fhocal air chor agus gu’n crithnich iad ann a bhi creidsinn mu bhreithenas ri teachd. Tha iad a seasamh ‘n a aghaidh ‘n uair a their iad, mar a their mòran, “Imich romhad an tràth so; ‘n uair a bhitheas am iomchuidh agam cuiridh mi fios ort.” Tha E strì riutha eadhon nì’s cumbachaich fat-hasd ‘n uair a tha E toirt gle dhlùth fireantachd agus slàinte Chriosd, agus a tha E toirt orra a thuigsinn gu’m bheil an siorruidheachd a tionndadh air an gabhail Ris na an diùltadh air Slànuighear a tha air a thairgse. Tha iad a seasamh ‘n a aghaidh ‘n uair, ann a bhi rogh-nachadh an t-saoghail agus am peacadh roimh Chriosd, tha iad a buannachadh ann a bhi gu’n Chriosd agus fodh bhuaidh an eas-creidimh.

Mo cho-phaeacach, na seas an aghaidh Spiorad maith an Tighearn. Tha E strì riut, dò-bhrigh nach eil tlachd air bith aig ‘n a d’ bhàs, do-bhrigh gu’m bheil Slànuighear luachmhor ann ris an aonadh E thù, agus bu mhaith Leis aithne a thoirt dhuit air a ghràs agus a ghràdh. Tha E strì riut do-bhrigh gu’m bheil E toileach a dhol a stigh do d’ chridhe, gus a ghlanadh, gu còmhnuidh a ghabhail ann mar an Comhfhurtair. O, na cuir ‘n a aghaidh; oir cha bhi E ghnàth a strì. Faodaidh E do thilgeadh air falbh gu bràth, agus t-fhàgail, mar a dh’ fhàgadh muintir eile, gu bhi uile gu leir air an cruadhachadh le mealltaireachd a pheacaidh, gu bhi gluasad mi-chùramach a dh’ionnsuidh na crìche a reir gnàth an t-saoghail so, na dùsgadh suas mu dheireadh gu bhi faotainn a mach gu’m bheil e tuilleadh ‘s anmoch, agus gu’m bheil an doras dùinte. Na cruadhaichibh bhur cridhe. Na ma chanas tò gu’m bheil e tuilleadh ‘us làidir air do shon (bu mhaith gu’m fairicheadh tu so gu ceart, gu’m fairicheadh tu t-fheum air neart uile-chumhachdach an Spioraid Naoimh) an sin bhitheadh aithne agad mar a tha Criosd saor, gu’m bheil Spiorad Chriosd saor mar an ceudna. Tha E toileach a bhi dhuit ‘n a Fhear-athnuadhachaidh agus ‘n Fhear-naomhachaidh, a chùm do shaoradh bho’n a chridhe chloiche. “Cia fhad, a dhaoinn baoghalta a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? agus a ghabhas luch-fochaid tlachd ‘n am fochaid, agus a bheir amadain fuath do eolas? Pillibh rì’m achmhasan: feuch dòirtidh mi mach mo spiorad dhuibh; ni mi aithnichte mo bhriathra dhuibh.” Amhaircibh suas ri Dia, uime sin, troimh’n Eadar-mheadhonair, agus deanamh ùrnuigh, ùrnuigh air son an Spioraid Naoimh; oir tha e a reir a thoil a Spiorad a thoirt seachad.

Na, ma ghabhas sibh an soisgeul ann an cumadh eile, tha aig Iosa, a thàinig a thearnadh a mhùintir a bha caillte, a thuair bàs air son pheacach, a tha air ardachadh ‘n a Cheannard agus ‘n a Shlùnuighear, an Spiorad Naomha ‘n a uile lânachd, gus a thoirt seachad. Amhaircibh, uime sin, Ris, a tha cho ullamh gu bhi’g eisdeachd glaodh peacach a tha dol a dhìth a chùm an Spioraid Naoimh a chur, ‘s a bha E ann an laithibh fheola gu bhi’g eisdeachd gach glaodh eigin, agus ga fhoillseachadh Fein mar an Ti a tha lân iochd.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice