- Och mar tha mi fhein air m’fhagail,
Le doigh mo nadur a ghnath ga’m bhuaireadh,
Is saighdean Shatain ann am chridhe saigte,
‘S nach faigh mi fath air an tar mi uaidhe. - ‘S ma ni mi innseadh ma dhoighean m’inntinn,
Tha mi cinnteach gur mi bhios truagh dheth,
Bi mi na’m ghnath-fhacail anns’ an aite,
‘S na’m chuis ghaire do’n na tha mu’n cuairt dhomh. - Nuair theid mi dh’urnuigh bi e cho dluth dhomh,
Chan aill’ leis gu lub mi mo ghlun air uairibh,
B’fhearr leis mo thionndadh gu bhi n a’m dhrungair,
‘S mi dh’fhalbh na’m umaiddh a dh’ionnsuidh truaighe. - Ma bhios mi bronach thig e cho seolta,
Is their e “Bhronain” bu cherr dhuit gluasad,
Is falbh le comhlan do’n tigh-osda,
A sheinn na’n orain ‘s a bh’ol na cuaiche. - A Dhe mo shainnte deonaich de’d ghras dhomh,
Na bheireadh a mhain mi gach la gu stuamachd,
Cuir gean do ghraiddh ann am chridhe a thamh,
Gus nach sgar amhghair na’m bas mi bh’uatsa. - Tha clann nan daoine gu tur an daorsa,
Aig dia an t-saoghail sa claonadh uaitsa,
Tha iad daonnan dol troimh an t-saoghal,
Gun deidh air saorsa, gun ghaol air suaimhneas. - ‘S ged tha’n fheoil cho ciochrach, sa h-anamiannan,
‘S as-creidimh ‘g iarraidh bhi dion ga m’ bhuaireadh,
O’n dh-fluiling Criosda ‘s gu’n tug E dioladh,
Bi shluagh gu siorruidh bho dhion is suaimhneas.
John Macleod.