Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1960 » March 1960 » Searmonan

Searmonan

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.

(Air a leantuininn bho t.d. 311).

Feumaidh speis a bhi againn do uile àitheantan Chriosd, gu’n ni air bith a chumail air ais. “Ma bheir mi speis do eu-ceart a’ m’ chridhe, cha’n eisd an Tighearna ruim;” “An sin cha ghabh mi nàire, an uair a bheir mi speis do t’ àitheantan gu leir.” Feumaidh sinn, uime sin, iarruidh bho Dhia Fein eolas air àitheantan; oir feumaidh sinn a chumail air chuimhne gur e comharadh cho cìnteach a th’ann air cridhe nach eil ceart an làthair Dhé mar a h-eil sinn dùrachdach gu aithne a bhi againn air a thoil, agus a th’ann, le fios dhuinn, a toirt speis do’n olc. Agus tha lagh Dhé ro fharsuinn: tha àitheantan a ruigheachd a dh’ionnsuidh corp agus spiorad, gu bhi riaghladh ar smuaintean, ar briathraibh, agus ar gniomharaibh; a’ gabhail a stigh ar n’ùine uile air an talamh, a h-uile suidheachadh agus a h-uile daimh ‘s am bheil sinn. Tha iad ‘n an riaghailt iomlan bheannaicht’, a cur fodh’r comhair mar bu chòr do chùisean a bhi dhuinn ‘s an uaigneas, anns an teaghlach, ann an dleasdanasan làitheil ar gairm, agus mar bhuill do’n eaglais; cia mar a tha sinn gu bhi cur gu buil a chùm agus gu’n glòraicheadh-mid Dia, agus gu moladh-mid a shoigeul do mhuintir eile. Uime sin, deanamh strì agus saothair gu bhi feumail do eaglais Chriosd—feumail dha shlugh, feumail dha ar co-phaecaichibh. “Cha’n eil aon againn beo dha fein.” A dh’ionnsuidh so tha sibh air ‘ur gairm, a chùm agus gu’n cuireadh sibh an ceill feartan an Tì ghairm sibh a dorchas a chùm a sholuis iongantaich fein. “Tha aig a leithid sin de shaothair agus a leithid sin de mhiannaibh buaidh bheannaicht’ agus naomhachaidh. Tha e gu maith a bhi air ar gabhail a stigh ann an obair an Tighearn, a bhi faireachadh fodh fhiachaibh gu bhi saothrachadh agus ag ùrnuigh air son maith aim-seireil agus spioradail muintir eile. “Tha neach ann a sgaoleas, agus fàsaidh e nì’s saoibhre.” “Gu’m bu h-ann mar sin a dheal-raicheas ‘ur solus an làthair dhaoinne, chùm gu’m faic iad ‘ur deagh oibre, agus gu’n toir iad glòir do ‘ur n’Athair a ta air neamh.” “Uime sin, mo bhrathrean gràdhach,” a deir Pòl, ann a bhi sgriobhadh, cha’n ann a dh’ionnsuidh an luchd-teagaisg, ach a dh’ionnsuidh uile bhuill na h-eaglais, “bithibh-se daingean, neo-ghluasadach, a sior-mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhi agaibh nach eil ‘ur saothair diomhain anns an Tighearna.” Cha’n eil aon air bith nach gabh feum a bhi air a dheanamh dheth air son maith feadhon eile ma tha mhainn ìntinn aig air son na h-obair. ‘N uair a bha Dia a dol a chur suas a phàillean anns an fhàsach, thuair E obair do’n a neach is ìsle agus is diblidh anns a choimhthional, cho maith ris an neach a bu shaobheir agus a b’uaisle. Cha’n eil Criosdadh nach urrain nì air chor-eiginn a dheanamh, agus rud-eigin luachmhor, air son a bhi togail ionad-còmhnuidh an Tighearna.

‘S an àite mu dheireadh, ma leanas sinn naomhachd, feumaidh sinn a ghnàth a bhi feuchainn ri bhi beo os ceann an t-soaghail so tre chreidimh air nithibh siorruidh, agus a ghnàth ag amharc air son teachd an Tighearn. “Air dhuinn a bhi’g amharc,” thuirt Pòl, “cha’n ann air na nithean a tha ri’m faicinn, ach air na nithean nach eil ri’m faicinn : oir tha na nithean a chithear aimseireil; ach na nithean nach faicear, siorruidh.” “Uime sin, ma dh’eirich sibh maille ri Criosd, iarraighe na nithean a tha shuas, far am bheil Criosd ‘n a shuidh aig deas laimh Dhé. Suidhichibh ‘ur n-aignidhean air na nithean a tha shuas, agus cha’n ann air na nithean a tha air an talamh.” “Agus an dream a tha’g ràdh na nithean sin, tha iad a nochdadh gu soilleir gu’m bheil iad ag iarruidh dùthcha. Agus gu firinneach na’m bithidh iad cuimhneachail air an dùthaich sin as an d’thainig iad a mach, dh’fhaodadh iad am iomchuidh fhaigheal air pilleadh : ach a nis tha deigh aca air dùthaich is fhearr, eadon dùthaich neamhaidh; uime sin, cha nàr le Dia, gu’n goirear an Dia-san dheth : oir dh’ullaich e doibh baile.” “Uime sin, do bhrigh gu’m bi na nithean so uile air an sgaoleadh as a cheile, ciod a ghné dhaoinne bu choir a bhi annaibh, ann an caithe-beatha, agus diadhachd. Le suil a bhi agaibh ris, agus a’ luathachadh chùm teachd là Dhé.” O ‘s cìnnteach gur e caithe-beatha neach a bhi air neamh a tha ga abuchadh air son a bhi sealbhachadh neamh naomh. ‘S e bhi’g amharc air na nithean a tha siorruidh a tha táladh aignidhean neach bho’n t-soaghal, agus a tha’g aobhrachadh àmhghair a bhi air a meas na ni eutrom. Agus ‘s e bhi beo ann an sealladh dara teachd Chriosd a tha gleidheadh spiorad na faire anns gach neach a tha gràdhachadh a theachd, agus a tha beothachadh miann as deigh a theachd ‘n an cridheachan.

A nis treoraicheam gu h-aithghearr ‘ur n’ aire.

III. An t-aobhar sòlaimte leis am bheil an earail air a daingneachadh.

Tha iomadh aobhar luachmhor agus sòlaimte leis am bheil an Criosduidh air a chur thuige gu bhi’g iarruidh an deigh naomhachadh:—Croich Dhé ann a bhi g’ar taghadh ann an Criosd, “a chùm gu’m bitheadh-mid naomh;” croich Chriosd ann a bhi bàsachadh air son a shluaigh, “a chùm a bhi g’an saoradh bho gach uile eu-ceart,” a chùm agus gu’n cuireadh e’n eaglais an lèthair Athar “na h-eaglais ghloormhor, gun smal gun phreas gun nì air bith de’n leithidean sin;” gràdh an Spioraid, “na cuiribh doilgheas air an Spiorad Naomh;” tròcair Dhé dha’n anam, “Tha mi guidh oirbh, tre thròcairean Dhé, sibh a thoirt bhur cuirp na’m beo iobairt, naomha, thaitneach do Dhia, ni is e bhur seirbhís reusanta.” Ann an so ‘s e’n t-aobhar dhe’m bheil feum air a dheanamh, “As eugmhais naomhachd cha’n fhaic neach air bith an Tighearna.”

‘An Tighearn fhaicinn’, cha’n ann le sùil a chuirp—oir cha’n fhaca neach air bith mar so, agus cha’n urrain e fhaicinn, Esan a tha ‘n a spiorad,—ach le suil na h-inntinn air a glanadh bho thruaillidheachd a pheacaidh, air a saoradh bho’n doilleireachd seallaidh a tha air aobhrachadh leis, agus air a soillseachadh ann an eolas air òirdheirceas agus maise neo-chriochnach Dhé mar a tha E air fhoillseachadh ann an Criosd. ‘S e bhi faicinn an Tigheana mar so, a sealbhachadh a ghràidh agus a deanamh seirbhís Dhà, an sealladh is àirde a tha air a thoirt dhuinn ann am Focal Dhé air beannachd neamh. ‘S e ni beannaicht’ bhitheas ann dha’n a naoimh co-chomunn a bhi aca ri aon a cheile agus ris na h-ainglean naomh, co-chomunn neo-iomlan a tha iad a sealbhachadh ‘s an t-saoghal so a bhi air a dheanamh iomlan ann a’ neamh, fein-fhiosrachadh a bhi aca air aonachd cridhe ann an gràdh Dhé, ‘n a miann a bhi ga àrdachadh agus na’n gràdh do aon a cheile:—feumaidh so a bhi ‘n a ni beannaicht’. Ach ‘s e ‘n àrd-bheannachd agus an aon a tha crùnadh gach aon eile gu’m faic iad Dia, anns cho fad ‘s a tha’n inntinn comasach air a bhi gabhail a stigh òirdheirceas ghloormhor-san.

Nis, cha’n urrain am beannachd so a bhi air a sealbhachadh ach leis a mhuintir naomh;—agus sin air son iomadh aobhar. ‘S e th’anns an duine neo-naomhaichte ach duine nach d’thuair maithenas. Tha e fathasd fodh chiont a pheacaidh agus, uime sin, air a dhiteadh gu bhi fulung peanas a pheacaidh. Ge b’e cho uamhasach ‘s a tha na briathran—’s bochd nach robh iad na bu tric air smuainteachadh orra—bho bhilean iochdmhor an t-Slànughear tha na briathran so a teachd, “Imichibh bhuam a shluagh mallaichte, dh’ionnsuidh an teine shioruidh, a dh’ullaicheadh do’n diabhol agus da chuid ainglean.” Cha’n urrain an duine neo-naomhaichte an Tighearna fhaicinn, do-bhrìgh nach urrain olc comhnuidh a gabhail maille Ris-san a tha naomh. Aon uair is aithne dhuinn, nochd olc e fein ann an neamh ‘n uair a rinn cuid de’n fheachd neamhaidh ceannairc—agus bha sin air fhiosrachadh ann a’ momaint le comharraidhean air diomb Dhé. Ach tha h-uile aobhar againn a bhi co-dhùnadh nach foillsich se e fein gu bràth tuilleadh an sin. Cha’n urrain an duine neo-naomhaichte Dia fhaicinn, do-bhrìgh, na’m bu ni comasach dha bhi air a gabhail a stigh do neamh am feadh ‘s a tha e neo-naomhaichte, cha bu neamh, ach fior ifinn, a bhitheadh ann dha. Tha gràin aige do ùrnuigh, tha gràine aige do smuaintean air Dia, tha gràin aige do cho-chomunn ri Dia : cia mar a b’urrain e aoibhneas fhaotainn far am bheil Dia ‘n a uile anns na h-uile?

(R’a leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice