‘S fheudar aideachadh, ‘n uair a thàinig am Focal san fheoil nach d’thàinig caochladh no atharrachadh air an dà nàdur: cha d’ atharraich an Diadhachd gu daonnachd, ‘s cha mhotha a dh’ iompaicheadh daonnachd chùm Diadhachd; ach dh’ fhuirich iad le chéile eadar-dhealaichte ‘n am buaidhibh mar a bha iad. Ged nach eil e comasach dhuinne a thuigsinn cionnas a tha an dà nàdur a co-aontachadh ‘s an aon phearsa, gidheadh cha’n e mhàin gu bheil an fhìrinn so air a teagasg dhuinn gu soilleir ann am focal Dé; ach tha e follaiseach dhuinn ann an uile eachdraidh Criosd. Beachdaich gu suidhichte air Iosa Criosd, agus mothaichidh tu soilleir ‘n a phearsa Dia agus duine. Ann-san cha do chaill an Dia a bheag d’ a Dhiadhachd, agus cha’n eil an duine air chor air bith air a dhealachadh o fhiar dhaonnachd. An àm a bhreith chì thu’n “duine” air a gheur-leanmhuinn le Herod, agus anns a cheart am chì thu daoiné glice na h-àirde an ear a toirt aoraidh Dha mar “Dhia.” An am a bhaistidh le Eoin, chì thu’n “duine” a teachd a nios o Iordan, agus an “Dia” air a ghairm o neamh le guth an Athar shiorruidh, ag ràdh, “S e so Mac mo ghràidh anns am bheil mo mhor thlachd.” Anns an luing, chì thu’n “duine” air a chlaoichd, agus ‘n a throm-shuain, agus “Dia” a tha smachdachadh na gaoithe agus na fairge, ‘s a chuir gu tosd iad le aon fhoical. Aig uaigh Lasaruis chì thu’n “duine” a sileadh nan deur, agus “Dia” a thug a charaid a bha ceithir laithean marbh, le focal a chumhachd chùm beatha. Ann an gàradh Ghetsemane chì thu’n “duine” air a ghlacadh leis na saighdearaibh, agus “Dia” a tha le anail a bheoil a bualadh nan saighdearan dalma sin gu làr. Air a chrann-cheusaidh chì thu’n “duine” a bàsachadh, agus “Dia” a tha san àm sin a toirt air an domhain criothnachadh, air chor ‘s gun do ghluais an talamh, gu’n d’thàinig dorchadas air aghaidh nan speur, gu’n do dhiùlt a ghrian a solus, gu’n do sgoilt na creagan, agus gu’n robh an saoghal air fad fodh uamhas, mar gu’m bitheadh e air a dhùsgadh gu mothachadh le bàs a Chuithear agus Fhear-saoraichd.