Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1960 » June 1960 » SEARMON XXI

SEARMON XXI

“Ag amharc ri Iosa.”—Eabh. xii. 2.

Air do’n Abstol, anns a chaibeidil a tha air thoiseach air an té so, soilleireachadh a dheanamh air cùmhachd a chreidimh a tha tearnadh an anama, tha e dol air adhart anns a chaibeidil so gu bhi ‘g earalachadh nan Criosduidhean Eabhrach gu bhi’g an leantuinn-san “a tha tre chreidibh agus fhoghaidean a sealbhachadh na’n geallaidhean.” Tha e coimeas beatha a Chriosduidh ri réis. Cha’n e th’ann am beatha a Chriosduidh aideachadh lòm agus furasda air ainm Chriosd. ‘S e th’ann a bhi leantuinn Chriosd ach obair chruaidh, far am bheil cruaidh-chàs ri bhi air fhulung agus còmhrag ri bhi air a chur; anns nach fheum an fheoil a bhi air a cùmhnadh, ach anns am feum sior fhein-àicheadh a bhi air a chleachdad; agus anns am feum buannachadh a bhi ann gus a chrioch. ‘S e th’ann strì air son crùn neo-thruailidh, turas bho bhaile an leir-sgrios, tre shaoghal a tha làn de bhuaireidhean agus aobharan deuchainn, a dh’ionnsuidh a bhaile neamhaidh. Tha’n creidmheach ann an Iosa air a ghairm gu bhi sealbhachadh sìth nach urrainn an saoghal a thoirt seachad, sìth a tha dol thar gach uile thuigse, ach tha’n dearbh shìth sin ri bhi air a sealbhachadh a mhàinn am feadh ‘s a tha e a còmhrag deagh chòmhrag a chreidimh, ni dh’fheumas e chumail suas gu uair a bhàis. Os bàrr, tha nithean a dh’fheumar a chur an dara taobh ma ruitheadh-mid a chùm ‘s gu’m faigheadh-mid;—’s e sin, “gach leth-trom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn.” Ge b’e ni sheasadh ‘s an rathad air a bhi leantuinn Chriosd mar an t-aon ni fheumail—ann an seadh sònraichte nithean an t-saoghail so agus a ghràdh—feumaidh e bhi air a leigeadh an dara taobh. Anns a h-uile suidheachadh feumaidh rioghachd Dhé agus fhìreantachd a bhi air iarruidh an toiseach, agus feumaidh fàs ann an gràs, mar ni a tha co-cheangailte ri glòir Dhé, a bhi ‘n a nì a tha ri bhi air iarruidh os ceann gach nì leis a chreidmheach ma tha e dol a dheanamh adhartas ann a’ naomhachd. Feumaidh “am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn” a bhi air a chur air chùl. Buinidh dha gach aon a’ nì ris am faod sinn a radh peacadh ar nàduir na ar suidheachadh, ni, anns an t-seadh is àirde a tha e gu maith aithne bhi againn air, agus an aghaidh a bhrisidhean a mach a dh’fheumas faire shònraichte a bhi againn air. Tha ann a’ mòran, mar an ceudna, peacadh àraidh, ni a thaobh suidhichidhean sònraichte, na altrumas sònraichte ann an làithean a’ neo-aithreachais, a dh’fhàs gu meudachd mhòr anns an anam, agus a dh’fheumas a bhi air an cur an leth-taobh a chùm an réis so a ruith; feumaidh iad a bhi cathachadh ris, feumaidh iad a bhi saothrachadh gu a cheusadh. Ach tha gu sònraichte peacadh ar nàduir a foillseachadh a chùmhachd ann an eas-creidimh—peacadh mu’m bheil an t-Abstol a labhàirt cho mòr anns an litir so, agus an aghaidh am bheil e, os ceann gach peacadh eile, a tabhàirt rabhadh dha bhràithrean—”droch cridh eas-creidmheach”:—feumaidh so a bhi air a chur an dara taobh, anns an t-seadh e bhi air a chumail fodha agus air a cheusadh. A ris, tha foghaidean feumail; a bhi leantuinn gu foghaideanach ann a bhi deanamh maith, foghaidean ann a bhi fulung gach deucainn agus àmhghair a tha’n cois a bhi leantuinn Chriosd. Oir bithidh gach neach a tha leantuinn Chriosd air a dhearbhadh a thaobh firinn a phrionnsabalan, agus a thaobh firinn a ghràis a th’ann; faodaidh e bhi air a ghairm gu bhi fulung—agus gu bhi fulung mòran; gu bhi dealachadh ris gach ni th’aig air thalamh, agus ri bheatha fein, air sgàth Chriosd agus an t-soisgeil; agus am feadh a tha mòran a faotainn oilbheum, am feadh a tha mòran a tarruing air ais agus a gabhail sgàth roimh’n chrann-cheusaidh, feumaidh esan a thogail suas agus a ghiulain an deigh Chriosd ma’s e agus gu’n leanadh se e.

Faodaidh e bhi air a ràdh, “‘S e iarratasan tròm agus mòr a th’annta so; co tha foghainteach air son no nithean so?” Seadh, tha bunaitean misnich ann. Tha, an toiseach, ni dh’fhaodadh-mid a ghairm “grùnd ional air son misnich,” gidheadh aon a tha ro phriseil—tha sinn “air ar cuartachadh le neul cho mòr a dh’fhianusean.” Tha e ‘n a ni a tha ‘g ùrachadh an anama a bhi faigheil an Abstoil dheachta a labhàirt mar so mu naoimh an t-Seann Tiomnuidh. Gu tric faodaidh sinn a bhi ullamh gu bhi smuainteachadh nach robh iad ach gann; agus bha iad gann ann an aimseiribh àraidh de’n Eaglais; gidheadh tha e labhàirt orra mar chuideachd mhòir, “neul de dh’fhianusean”—fianusean air son Dhé agus air son fhìrinn na’n latha ‘s na’n linn. Agus tha’e labhàirt orra mar a faotainn deagh theisteas tre chreidimh—mar a fianuseachadh dhuinn mu nàdur na réis mu’n a’ ni dh’fhaodas sùil a bhi againn ris ma leanas sinn an Tighearna gu h-iomlan, agus mu gu dé ghiùlaineas troimhe sinn; agus cha’n e mhàinn a fianuseachadh mu na nithean sin, ach ag amharc òirne, a nochadh co-fhaireachadh ruinn, agus mar sin cha’n e mhàinn ga’r beothachadh ach ga’r misneacadh, gu bhi leantuinn an cos-cheumaibh-san agus gu bhi ruith an dearbh reis bheannaicht.’ Agus cia cho cumhachdach ‘s a tha iad a beothachadh agus a misneachadh, ‘n uair a bheir sinn fa’n ear nach eil suidheachadh anns am bheil an Criosduidh air fhaotainn anns nach faigh e suidheachadh co-ionnan ris ‘n am measg-san a tha tre chreidimh agus fhogaidean a nis a sealbhachadh nan geallaidhean.

Ach ann ar ceann-teagaig tha againn ni dh’fheurnas sinn ainmeachadh mar am priomh mhisneachadh, cho maith ris a priomh sheoladh, agus am priomh thobar neart—”Ag amharc ri Iosa.” Cha’n e mhàinn gu’m bheil an cùrsa-réis air a chuartachadh le neul mòr de dh’fhianuisean, ach tha Criosd ag amharc air; tha a shùil gun chodal air a shluagh; tha e’g amharc orra leis an tlachd is mothà. Tha buaidh na muinntir a chaidh air thoiseach òirne anns an réis so, a dh’aindeoin ‘n an eagalan leis an robh mòran dhiubh air an sàruchadh, na duilgheadasan a bh’aca r’a choinneamh, an deuchainn theinntich tre an robh iad ann an iomadh suidheachadh air an toirt, ‘n a aobhar cumhachdach gu bhi fulung gu foghaideanach, agus gu bhi’g altrum dòchas an aghaidh dòchais; ach ‘s e làthaireachd agus neo-chaochluidheachd a Chuspair ghlòrmhor sin, ann a bhi’g amharc Ris, a ruith iad agus a thuair iad, is urra an creidmheach le dòchas gu’m bi esan mar an ceudna comasach air buannachadh air adhart agus buaidh a thoirt. Ma tha neul mòr de dh’fhianuisean a cuartachadh ceum a chreidmhich, ma tha sùilean nan spioradan glòraichte uile air mar bhràitheir a tha cathachadh agus a fulung, gidheadh ‘s ann an a bhi’g amharc ri Iosa a tha dòchas air a ghintinn air a shiubhal air a bhi comasach air a bhi ga’n leantuinn. Agus ma tha, a chùm an réis a ruith gu buadhach, e riatanach gu’n leigeadh an creidmheach dheth gach leth-trom agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh uime, is ann an a bhi’g amharc ri Iosa, agus anns an doigh so a mhàinn, a tha e air a dheanamh comasach air a bhi lùbadh a stigh ris na h-iarratais so.

(R’a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice