Leis an Urr. Iain Flavel
(Air a leantuinn bho t.d. 218)
(7) Faodaidh e do chridhe a shuidheachadh, ma bheir thu fa’n ear, anns na trioblaidean so gu’m bheil Dia an ceann na h-obair sin agus na’m faiceadh tu a crioch, dheanadh t-anam gairdeachas. Tha sinne, na creutairean bochd a tha sinn ann, ann an ceo le mòran aineolais, agus gu’n sinn comasach air a bhi faicinn mar a tha freasdal an sònraicht’ ag oibreachadh a chùm crioch Dhé; agus, uime sin, coltach ri Israel anns an fhàsach, tha sinn tric a gearain, a chionn gu’m bheil Freasdal ga’r treorachadh ann am fasach làn ulthartaich, far am bheil sinn fosgailt’ do iomadh teanndachd; gidheadh ged a bha E ‘s an am sin ga’n treoir-achadh, agus a tha E nis ga’r treorachadh-ne, ‘s an t-shlighe cheart, gu baile taimh. Na’m b’urrain dhuit ach fhaicinn mar a bha Dia, ‘n a chomhairle dhiomhair, gu mionaideach a leagadh sios uile innleachd do shlàinte, eadhon a dh’ionnsuidh a mheadhon agus an suidheachadh is lugha—Leis an dòigh so, agus leis na meadhonan so, bithidh a leithid so do neach air a thearnadh, agus
cha’n ann le meadhon eile; a leithid so do dh’aireamh àmhghairean tha mi suidheachadh air son an duine so, aig a leithid so a dh’ám, agus ‘n a leithid so a dh’ordugh; tachraidh iad dha ‘s an dòigh so, agus mar so oibrichidh iad air a shon:—na’m b’urrain dhuit, tha mi’g ràdh, ach a bhi faicinn an co-chòrdugh cliùtaich a th’ann am fiosrachaidhean Dhé, an daimh anns am bheil iad a seasamh do aon a cheile, maille ris an spéis choitchionn agus a bhuaidh a th’aca uile a chùm na criche dheireannaich; dhe’n a h-uile suidheachadh anns an t-saoghal, ròghnaicheadh tu an suidheachadh anns am bheil thu nis, n’am biodh saorsa agad gu bhi deanamh do roghainn fein. Tha Freasdal Dhé, coltach ri mir innleachdach, air a deanamh suas de mhile snàthainn, ‘n uair a tha iad air leth bho cheile cha’n aithne dhuinn ciod a dheanadh-maid dheth, ach, air an cur r’a cheile, agus air am fuaigheal r’a cheile gu h-òrdail, tha iad do’n t-sùil mar eachdraidh mhaiseach. Tha Dia ag oibreachadh na h-uile ni a reir comhairle a thoil Fein, air chor agus gu’n d’òrduich comhairle Dhé so mar an rathad is fearr gu bhi toirt mu’n cuairt do shlàinte-sa. Tha aig a leithid so do neach cridhe uaimbreach, shuidhich mi’n uibhir so de fhreasdalan ioraslachidh dhà: tha aig a leithid so de neach cridhe talamhaidh, shuidhich mi dhà an uibhir so de fhreasdalan a tha’g oibreachadh gu bochdainn. Na’m faiceadh tu so, cha leiginn a leas an còr a ràdh gu bhi cumail taic ris a chridhe is lugha misneach.
(8) Dheanadh e mòran gu bhi socrachadh bhur cridheachan, a bhi toirt fa’n ear, le bhi ri gearain agus mi-thoillichte gu’m bheil sibh a deanamh barrachd croin dhuibh fein na’ b’urrain na h-àmhghairean fodh’m bheil sibh ‘n ar luidh a dheanamh. ‘S e ‘ur mi-thoileachas fein a tha cur gath ‘n ‘ur trioblaidean, ‘s e sibh fein a tha deanamh bhur ‘n uallach tròm, le bhi gleachd fodha. N’am b’urrain sibh luidh gu sàmhach fodh laimh Dhé, bhitheadh bhur suidheachadh gu mòr na b’fhurasda agus na bu mhillse ‘n a tha e: is e cion foghaidean a tha toirt air Dia an tuilleadh bhuilean a leagadh, mar a ni athair air leanamh eas-umhail nach gabh ri smachdachadh.
A bhàrr air so, tha e deanamh an anama ml-fhreagarach gu bhi’g ùrnuigh thairis air a thrioblaidean, na bhi gabhail a stigh mothachadh a mhaith a tha Dia a ciallachadh leo. ‘S e th’ann an àmhghairean ach achdmhuinn-leighis, a tha furasda a shlugadh ‘n uair a thà i air a pasgadh suas ann am foghaidean agus striochdadh seimh; ach ‘s ann a bhitheas ml-fhogaidean a cagnadh na h-achdmhuinn-leigis, agus mar sin a nì e’n t-anam searbh. Tilgidh Dia air falbh cuid de chomhfhurtachdan a chunnaic E a dheanadh cron dhuit, agus tilgidh tusa air falbh do shìth as a dheigh. Tilgidh E saighead a dh’fhanas ‘n ‘ur ‘n
aodach, nach robh riamh air a chiallaachadh chùm cron dhuibh, ach a chùm eagal a chur oirbh roimb’n pheacadh: agus cuiridh sìbhse air adhart i a chùm lotadh bhur dearbh chridheachan le cion misnich agus mi-thoileachas.
(9) ‘S an àite mu dheireadh, mar a dean so a chùis, ach a bhitheas do chridhe, cosmhail ri Ràchail, fathasd a diùltadh comhfhurtachd, na bhi air a chiùnachadh, an sin thoir fa’n ear aon ni eile, nì, ma bhitheas e air a thoirt fa’n ear gu suidhichte, gu’n teagamh a nì an obair; coimeas an suidheachadh anns am bheil thù nis, agus a thà thù cho mi-riaraichte leis, ris an t-suidheachadh anns am bheil cuid eile, agus anns am bheil thù fein a toillinn a bhi, Tha cuid eile a beucadh ann an lasraichean, a sgiamhail fodh shlait an dioghaltais, agus ‘n am measg thoill mise a bhi. O m’anam. an e so ifrinn? Am bheil mo shuidheachadh cho olc ri suidheachadh na muinntir dhamnaichte? O ciod a bheireadh milltean a tha nis ann an ifrinn a chùm iomlaid a dheanamh rium? ‘S e’n eisimpleir shònraichte a tha’n t-Ollamh Taylor a toirt dhuinn mu Dhiuc Conde: “Leugh mi,” tha e’g radh, “mu Dhiuc Conde, ‘n uair a chaidh e stigh gu saor-thoileach ann an cruaidh-chàs bochdainn air son a chreidimh, gu’m facas e aon latha le aon de thighearnan na h-Eadailt, a ghuidh air ann an truas dhà, a bhi ni bu chùramaich a thaobh a phearsa, Fhreagair an Diuc còir, Urramaich, na bi fodh thrioblaid, agus na bi smuainteachadh gu’m bheil mì air dhroch càradh, oir tha mi cur teachdaire air thoiseach orm, a tha’g ullachadh m’àite fuirich, agus a ghabhas cùram gu’m bi mì faotainn uidheachd rioghail. Dh’fheoirich an tighearna dheth co’n teachdaire a bha’n sin; fhreagaire e, Eolas orm fein, agus a bhi toirt fa’n ear ciod a tha mi toilltinn air son mo pheacaidean, nì is e pianntaibh siorruidh; agus leis an eolas so, ‘n uair a ruigeas mi m’àite fuirich, a dh’aindeoin cho beag ullachaidh ‘s a gheibh mi ann, tha mi ghnàth smuainteachadh gu’m bheil e ni’s fearr na thà mì toilltinn.” “C’ar son a dheanadh duine beo gearain?” Agus mar so faodaidh an cridhe a bhi air a ghleidheadh bho mhi-mhisneach, agus fannachadh fodh thrioblaid.
Am 3. ‘S e’n treas àm a tha gairm air son barrachd agus dlohioll àbhaisteach gu bhi gleidheadh a chridhe, àm trioblaidean Shion. ‘N uair a tha’n eaglais, mar an long ‘s an robh Criosd agus a dheisciobuil, air a geur-leanmhuinn, agus ullamh gu dhol fodha ann an tuinn na geur-leanmhuinn; an sin tha anamaibh sluagh Dhé ullamh gu dhol fodha, agus a bhi air an long-bhriseadh mar an ceudna, air stuadhaibh an eagalan fein. Tha mi’g aideachadh gu’m bheil a chuid is mothà de dhaoibh a cur ni’s mothà de dh’fheum, anns an t-suidheachadh so, air an spor na air an t-srian, agus, gidheadh, suidhidh cuid sios gu ro-mhòr
fodh chudthrom le mothachadh air trioblaidean na h-eaglais. Chosg call na h-aire do sheann Eli a bheath; thug an suidheachadh duilich ‘s an robh Jerusalem air gnuis Nehemiah chòir atharrachadh ann am measg uile shòlasan agus chomhfhurtachdan na cuirt. Neh. ii. 2. Ah! tha so a tighinn dlùth air cridheachan treibhidheireach.
Ach ged a tha Dia a ceadachadh, seadh, ag àithne na mothachidhean is caithrisicheadh air na truaighean sin, agus ‘n a leithid sin de latha a gairm gu bròn, gul, agus crioslachadh le eudach-saic, Isaiah xxii. 12, agus a bagradh gu geur air a mhuinntir neo-mhothachail, Amos vi. 1, gidheadh ciod e cho toileach ‘s a tha E a bhi ga’r faicinn ‘n ar suidhe, mar Elijah muladach, fodh chraoibh aiteil, a glaodhaich, Ah! Thighearna Dhé. is leoir e, thoir air falbh mo mheatha mar an ceudna. I. Righ xix. 4. Ni-h-eadh a luchd-caoinidh Shion faodaidh sibh a bhi; ach a bhi ‘n ‘ur luchd pianaidh oirbh fein cha’n fhaod sibh a bhi; a bhi gearain ri Dia faodaidh sibh a bhi, ach a bhi gearain air Dia, ged a b’ann a mhàin le giùlain neo-iomchuidh, agus le cainnte bhur gniomharan, cha’n fhaod sibh a bhi.
(R’a leantuinn)