Leis an Urr. Iain Flavel
(Air a leantuinn bho t.d. 59)
(5) Tha bonn ag eirigh bho’n a gathan uamhasach aig Satan leis am bheil an t-anam gu mòr air a chur fodh bhreislich; leo so faodaidh mi fhaicinn ciod a ghné cridhe th’agam: an urrain gràs a bhi far am bheil iad so? Seadh faodaidh gràs a bhi far am bheil a leithid sin de smuaintean, ged nach urrain e bhi far am bheil iad a faotainn fasgadh, agus far am bheil iad air aontachadh leo. Am bheil thù glaodhaich a mach fodh’n eallach? Cuir do neo-aontachadh ‘n an aghaidh do neamh, dean strì gu bhi cumail suas smuaintean naomh agus urramach mu Dhia; an sin is e aineart agus cha’n e ùmhlachd thoileach do’n pheacadh a th’ann.
(6) ‘S e’m bonn mu dheireadh do’n a co-dhùnaidhean duilich so, an Tighearns a bhi fada tosdach, agus a reir coltas a diùltadh ar tagraidhean agus ar ‘n ùrnuighean a chaidh suas reidh ùine fhada. O, na’n robh suim aig Dia do’m anam, dh’eisdeadh E ri’m ghlaodh roimh so. Ach cha’n eil aon fhreagrachd agam bh’uath, uime sin cha’n eil còir agam ann. Ach stad anam theagmhaich.
Ceisd 1. Nach do thuislich iomadh naomh air a chloich so romhad-sa? “Thubhairt mise a’m dheifir, Ghearradh as mi o fhianuis do shùl: gidheadh dh’eisd thusa ri guth m’asluchaidh, ‘n uair a dh’eigh mi riut” (Salm xxxi: 22). Mar so tha’n eaglais ag ràdh, “Chomhdaich thu thu fein le neul, ionnas nach rachadh ùrnuigh troimhe” Tuir. iii: 44). “An sin thubhairt mi, Tha mi air mo thilgeadh a mach a fradharc do shùl: gidheadh seallaidh mi a ris ri do theampull naomh” (Ionah ii: 4). Agus nach fhaod thusa iomral a dheanamh ‘s a chùis so cho math riu-san?
Ceisd 2. Ged a tha Dia a bhi gabhail gràin agus a diùltadh ùrnuigh, ‘n a dhearbhadh air a bhi gabhail gràin do’n neach a tha’g ùrnuigh; an dàna leinn a cho-dhùnadh a’ ni so bho E bhi cur dàil ann a bhi freagrachd? Faodaidh Dia a bhi giùlain gu fada le shluagh taghta a tha glaodhaich Ris a latha agus a dh’oidhche. Lucas xviii: 7.
Ceisd 3. An urrain dhuit àicheadh nach eil cuid de chomh-arraidhean ga’n nochdadh fein ‘n ar ‘n anamaibh, eadhon am
feadh a thà Dia cur dàil ‘n a fhreagairt, a tha dearbhadh nach eil bhur ‘n ùrnuighean air an diùltadh Leis? Mar, 1. Ged nach eil freagairt a tighinn, gidheadh thà thù fathasd a cur romhad a bhi feitheamh: cha dàna leibh a ràdh mar an truaghan mi-dhiadhadh ud, “Thainig an teachdaire a nuas d’a ionnsuidh: agus thubhairt e, Feuch tha an t-olc so o’n Tighearna: c’ar son a dh’fheithinn-sa air an Tighearna na’s faide” (II Righ vi: 33). Is urrain dhuibh fathasd Dia a shaoradh agus fhìreanachadh, agus aobhar a thosdachd a’ leagadh oirbh fein. Mar so rinn Daibhidh, “O mo Dhia, gairmeam anns an la, ach cha fhreagair thù: agus anns an oidliche, ach cha’n eil fois agam. Ach tha thusa naomh, ann ad chomhnuidh far am bheil cliù Israeil” (Salm xxii: 2, 3). 2. Tha dàil ann am freagradh Dhé a toirt oirbh a bhi rannsachadh a stigh do’r cridheachaibh fein ciod iad na h-uile a tha’n sin a thà cur bacadh air bhur ‘n ùrnuighean. Mar so bha’n eaglais, “Mar an ceudna, trà ghlaodhas agus a dh’eigheas mi, tha e druideadh a mach m’ùrnuigh” (Tuir. iii: 8). Agus cia mar a tha so ag oibreachadh? Faodaidh sibh fhaicinn ann an rann 40, “Rannsaicheamaid agus dearbhamaid ar slighean, agus pilleadhmaid a ris a dh’ionnsuidh an Tighearna.” Seadh, uime sin, cha’n urrain sibh bh’uaithhe sin co-dhùnadh nach eil gràdh air bith aig Dia do’r ‘n anamaibh.
Agus mar so nochd mi dhuibh cia mar a chumadh sibh bhur cridheachan, ann an àm dorch agus teagmhach, bho chodhùnaidhean uamhasach sin an eas-creidimh. ‘N ar leigeadh Dia gu’n gabhadh cridhe mealta air bith misneachd dha fein bho’n na nithean sin; ‘s e ar bròn, ‘n uair a bheir sinn do naoimh agus do pheacaich an cuibhrionn cheart fein, thà gach aon dhiubh cho buailteach air a bhi gabhail dha’n ionnsuidh fein an nì sin a bhuineas do’n a neach eil.
Am 11. ‘S e’n aon àm deug sònraichte a tha gairm gu dichioll gu bhi gleidheadh bhur cridheachan, an t-àm, ‘n uair a thig fulung air son a chreidimh a dh’ionnsuidh àirde, an sin amhaircibh ri bhur cridheachan. ‘S e so toiseach thruaighean, Mata xxiv: 8-10. ‘N uair a dh’fhàsas fulungais air son a chreidimh teth, an sin is beannaichte esan nach faigh oilbheum ann an Criosd; an sin tha trioblaidean aig an àirde. 1. ‘N uair a threigeas agus a dh’fhàgas dlùth chàirdean agus daimhean duine e. Micah vii: 5, 6. II Tim. iv: 16. ‘N uair a tha duine an sàs ‘n a aonar. 2. ‘N uair a thig e gu bhi cathachadh gu fuil. Eabh. xii: 4. 3. ‘N uair a tha buairidhean air an cur fodh’r comhair ‘n ar fulungaisibh, Eabh. xi: 37. 4. ‘N uair a thionndaideas daoine a leth-taobh a tha ionraideach ann an aideachadh, agus a threigeas iad aobhar Chriosd, II Tim. ii: 18. 5. ‘N uair a dh’fholuicheas Dia aghaidh ann an àm nam fulungais, Ier. xvii: 17. 6. ‘N uair a bheir Satan
ionnsuidh oirne le bhuaíridhean làidir, gu bhi cur ann an amharus aobhar ar fulungais, na còir an anama ann an Criosd: a nis tha e duilich an cridhe a ghleidheadh bho bhi pilltinn air ais, agus na ceumaibh bho chlaonadh bho shlighibh Dhé. ‘S e’n aon cùis deug, uime sin, so:
Cuis 11. Cia mar a dh’fhaodas an cridhe bhi air a ghleidheadh bho philltinn air ais fodh na fulungais is mothá air son a chreidimh? Ma bheir searbhadas nam fulungais, aig àm air bith, air t-anam mì-thlachd a ghabhail do shlighe Dhé, agus smuaintean altrum a bhi ga treigsinn, socraich da chridhe fodh’n a bhuaireadh sin le bhi cur na h-ochd ceisdean a leanas ris.
Ceisd 1. Ciod e a’ masladh agus an t-eas-urram a dhòirteas mi air Criosd agus air a chreidimh, le bhi ga threigsinn aig a leithid so de dh’àm? Cuiridh so an ceill do’n t-saoghail uile, a dh’aindeoin cho mòr ‘s a rinn mì de dh’uaill anns na geallaidhean, gidheadh, ‘n uair a thig e dh’ionnsuidh na deuchainn, nach dàna leam nì chur an cunnart air firinn nan geallaidhean sin: agus cia mar a dh’fhosglas so beoil naimhdean gu toibheum a labhairt? O, b’fhearr dhomh nach d’rugadh riámh mi, na gu’m biodh an t-ainm urramach sin air a thoibheumachadh tromham-sa. An tòir mì buaidh do’n a mhuiintir neo-thimchioll-ghearta? An aobhraich mì subhachas an ifrinn? O, na’m biodh uibhir de luach agam air ainm Chriosd, agus a th’aig iomadh duine aingidh air ainm fein, cha’n fhuilinginn gu bràth fhaicinn air a rùsgadh do uibhir de thàmailt. An rachadh duslach agus luathre uaibhreach an cunnart bàis, seadh, ifrinn fein, a roghainn gu’m biodh smal air an ainmibh? Agus nach rachainn-sa an cunnart nì air bith gu bhi gleidheadh urram agus clì Chriosd?
Ceisd 2. An dàna leam mo choguis a thruailleadh a chùm m’fheoil a chaomhnadh? Co bheir comhfhurtachd dhomh ‘n uair a loiteas mo choguis mì? Ciod e chomhfhurtachd a th’ann am beatha, saorsa, na càirdean, ‘n uair a tha sìth air a toirt bho’n duine an leth a stigh? ‘N uair a bhagair Constantius làmh dheas Samosatenus a ghearradh dheth mar a cuireadh e ainm rì nì-eigin a bha’n aghaidh a choguis, thog e suas a dhà làimh ris an teachdaire a bha air a chur, ag ràdh, “I’aoaidh e na dhà a ghearradh dhìom a roghainn air gu’n deanain e: slàn le sìth, aoibhneas, comhfhurtachd, bho’n an latha sin a mach.” “An robh sìth aig Simri, a mharbh a mhaignhteir?” thubhairt Isebel. Mar sin thà mì’g ràdh an so, an d’thuair Iudas sìth? An robh sìth aig Spira? Agus am bl sìth agaibh-se ma ghluaiseas sibh ‘n an ceumaibh? O, thugaibh an aire ciod a thà sibh a deanamh.
Ceisd 3. Nach eil aobhar follaiseach Chriosd agus a chreidimh gu neo-chriochnach nì’s mothá na aobhar diomhair air bith a bhuiinneas dhomh fein? ‘S e nì iomraideach a tha air aithris mu
Terentius, ceannard a bh’aig Adrian an t-iompaire; chuir e athchuinge an lathair Adrian gu’m biodh aig na Criosduidhean teampull dhoibh sein, dealaichte ris na h-Arians: shrachd an t-iompaire an athchuinge, agus thilg e air falbh i, ag àithne dhà nì iarruidh air a shon sein, agus gu’m biodh e air a thoirt dhà. Gu h-iorasal chruinnich e na mirean suas a ris, ag ràdh ris, mar a biodh eisdeachd air a thoirt dhà ann an aobhar Dhé, nach iarradh e gu bràth nì air a shon sein. Seadh, eadhon Tully ged a b’aoi dhe’n a fineachan e, b’urrain e ràdh, nach gabhadh e eadhon neo-bhàsmhorachd sein, an aghaidh a cho-làitheadh. O, na’m biodh barrachd de spiorad follaiseach againn, cha bhiodh a leithid de spioradan gealtach againn.
(R’a leantuinn)