(Air a leantuinn bho t.d. 249)
- Gniomh earbsa agus taiceachadh. Mar ann an obair creidimh tha’n t-anam, le Spiorad Dhé, air a thoirt gu bhi roghnachadh Chriosd; mar so, mar an ceudna, tha e air a thoirt gu bhi’g earbsa agus a taiceachadh Air air son na h-uile gràs, fireantachd, agus slàinte. Nis tha e togail air Criosd, ag acrachadh air Criosd, a socrachadh agus ag earbsa ann an Criosd air son beatha agus sith, air son gach gràs air an talamh agus glòir ann a’ neamh. Tha e leagadh uile chudthrom a shlàinte air; tha e’g earbsa uile chùisean uile Ris, a fàgail a h-uile nì air, tha sùil aige ris na h-uile nì bh’uaithne. Ri so tha’n a Sgriobturan aig amaibh ag ràdh, a bhi’g earbsa ann an Criosd, Ephes. i. 12., aig amaibh a bhi taiceachadh air Criosd, Dàn viii. 5., Aig amaibh a cur dòchas ann an Criosd, I. Cor. vi. 19. Agus anns an t-seadh so tha Criosd air a ghairm ar dòchas, I. Tim. i. 1. Ar dòchas, ‘s e sin Cuspair ar dòchas agus ar ‘n earbsa, a thaobh beatha agus slàinte. Cha’n eil dòchas aig an anam ann fein, na anns a’ chreutair, na anns an lagh ‘n a cheud chùmhanta, na ann a nì air bith air neamh na air an talamh an taobh so do Chriosd. Amhairceadh e’n siud na’n so, a dh’ionnsuidh so na siud, ach cha’n fhaigh e bonn daingean dha dhòchas, na bunait gu bhi socrachadh orra air son beatha agus slàinte; ach an sin tha e tionndadh a shùil air Criosd, agus an sin chì e grùnd pailt air son dòchas; that e’g amharc Air air a chrann cheusaiddh, agus an sin tha dòchas; tha e’g amharc Air a bâsachadh, agus an sin tha dòchas; tha e’g amharc Air ag eirigh agus a dol suas, a suidh aig deas-laimh an Athar agus a deanamh eadar-ghuidhe air ar son, agus tha dòchas an sin; tha e’g amharc air eifeachd neo-chriochnach fhala, eifeachd neo-chriochnach a Spioraid, lânachd neo-chriochnach a ghràis, farsuinneachd neo-chriochnach a ghràidh, saorsachd agus dillseachd neo-chriochnach a gheallaidh; agus annta sin tha e faicinn bonn neo-chriochnach dòchas agus earbsa, agus a reir sin tha e tilgeadh agus a fagail a h-uile nì Air-san. Ann an so tha mi togail, tha e’g ràdh, ann an so gabhaidh mi fois; air a so crochaidh agus taicichidh mì, ann an so bithidh mi beo; seadh, agus ma bhàsaicheas mi, bàsaichidh mì’n so. Is e a chainte ri Criosd a nis an nì bh’aig an t-salmadair ri Dia ann an suidheachadh eile, “Agus a nis ciod ris am feitheam, a Thighearna? Tha mo dhòchas annad-sa.” Salm xxxix. 7. ‘S e tha’n so ach a bhi tilgeadh ar ‘n acair an taobh a stigh do’n roinn-bhrat. Eabh. ix. 6. Agus, gu dearbh, tha e thaobh anamaibh bochd iomadh uair mar a tha e thaobh dhaoine aig muir; tha’n doinnean ag eirigh, tha na tuinn dha’n togail fein suas, agus a bualadh orre, tha iad ullamh gus a dhol fodha aig mionaid air bith, agus tha’n anamaibh a leaghadh do bhrigh dubhachas; ach mu dheireadh tha iad a tilgeadh an acair, agus tha iad aig fois: mar sin tha anamaibh bochd fodh stoirmean peacadh, cionnta, agus fearg, air an call, a reir am beachd fein, gach momainte: ach mu dheireadh tha iad a leagadh acair dòchais air Criosd, agus tha iad a gabhail fois Ann-san. Na’m bheil e dha’n taobh mar a tha e thaobh a cholomain, ‘nuair a bha i’n toiseach air a cur a mach as an airce, cha d’thuair i fois do bhonn a coise; ach mu dheireadh phill i do’n airce, agus an sin thuair i fois. Gen. viii. 8, 9. Mar sin cha’n fhaigh an t-anam bochd fois an àite air bith ach ann an Criosd. Is i so a chainnte anns a ghniomh creidimh so: Tha mi ‘n am a chreutair bochd, cailte, peacach, truagh, agus cha’n eil ach aon dorus aig am faod mi sùil a bhi agam ri fuasgladh, agus ‘s e sin Criosd, agus aig an dorus so luidhidh mi agus feithidh mi; tha fios agam gu’m bheil E comasach air mo chuideachadh, oir is urrain E tearnadh a dh’ionnsuidh a chuid is fhaide a mach; agus gu cinnteach tha iochd aige, iochd mòr, a thaobh pheacach; is E’n t-Ard shagart tròcaireach. Tha e fior mu thimchioll, mar a thubhairt iad uair eigin mu righrean Israel, Feuch, chuala sinn gu’m bheil iad trocaireach, faodaidh gu’n gleidh iad sinn beo. Seadh, dh’aithne E dhomh amharc Ris agus a bhi air mo thearnadh: agus tha E cuireadh iadsan uile a tha ri saoithir agus fodh throm uallach tighinn dha ionnsuidh, agus tha E gealltuinn fois dhoibh. C’ar son, uime sin, nach gabhainn fois agus nach earbuinn ann? Tha e fior gu’r e peacach mòr a tha annam, ach is E Slànuighear ni’s cumhachdaich a tha Ann-san. An do pheacaich mi chum a cheum is fhaide a mach? Tha Esan riaraichte a chum a cheum is fhaide a mach. Ciod a their mi? Gu firinneach cha’n eil annam ach bàs, ach is E Criosd a bheath; tha mì a’m dhorchadas, ach is E Criosd solus; is peacadh mi, ach is E Criosd naomhachd; Is cionnta mi, ach is E Criosd fireantachd; tha mì falamh agus a’ ‘m neo-ni, ach is E Criosd lânachd agus foghainteachd; bhris mi’n lagh, ach choimhlion Criosd an lagh; agus tha bheatha gu neo-chriochnach comasach gu bhi slugadh suas mo bhàs; a sholus gu bhi cur as do’m dhorchadas, a naomhachd gu bhi cur as do’m pheacadh; fhìreantachd gu bhi cur as do’m chionnta; a lânachd gu bhi cur as do’m fhalamhachd; Air-san, uime sin, taicichidh mì, bithidh mì beo, agus bithidh dòchus agam. Tha e fior gu’m bheil mi tur neo-airidh air beatha, air gràs, air deagh-ghean air bith; ach tha Criosd a deanamh na h-uile nì air son peacaich gu saor, tha E tearnadh gu saor, tha E toirt maitheanas gu saor, tha E tearnadh gu saor; ge b’e air bith cho salach agus cho neo-airidh ‘s mar a tha mi, gidheadh gabhaidh mi fois agus taicichidh mi Air-san; co aig tha fios nach tilg E sùil ghràidh orm? Is e so an gniomh gràidh sin a tha air a chumail fodh’r comhair; “Gu cinnteach, deir neach, anns an Tighearna tha agam fireantachd agus neart: d’a ionnsuidh-san thig iad; bithidh iadsan uile air an narachadh air am bheil corruich ‘n a aghaidh.” Isaiah xlv. 24. Cha’n eil aon chuid fireantachd na neart agam annam fein, ach tha na h-uile fhireantachd agus neart agam ann an Criosd; Gach uile fhireantachd air son maithcanas agus fireanachadh, agus gach uile neart air son naomhachd agus naomhachadh. ‘S e so a’ nì ris am bheil an t-Abstol ag ràdh a bhi deanamh aoibhneas ann an Iosa Criosd, agus gu’n a bhi deanamh muinghinn anns an fheoil. Phil. iii. 3.
Gu bhi tarruig a dh’ionnsuidh co-dhùnadh air a cheann so. Ge b’e taobh a sheallas an t-anam an taobh so do Chriosd, cha’n eil e coinneachadh ri nì ach mì-mhisneach. Ma dh’amhairceas e ris fein, ann an sin cha’n fhaic e ach peacadh agus cionta, duibhre agus duaichnidheachd; ‘n a chridhe cha’n fhaic e ach tobar peacaidh, doimhne de pheacadh, dearbh ifrinn de pheacadh agus do aingidheachd; ‘n a bheatha gheibh e uile do-àireamh, peacaidhean corcuir agus sgàrlaid, ag amharc air anns an aodann. Seadh, cha’n eil a dhleasdanasan fein gu’n pheacadh; eadhon annta sin tha’m pailteas uamhar foirmealachd, eas-creidimh, agus an scorsa sin; tha fhireantachd mar luideig shalaich, Isaiah lviv. 6. Ma dh’amhairceas e ris an lagh, ann an sin tha e leughadh bàs agus diteadh anns gach focal dheth; ann an sin tha e dha fhaotainn fein fodh’n a mhallach; ann an sin cha’n eil e faotainn ach eagal, agus “duibhre, agus dorchadais, agus doinnin.” Eabh. xii. 18. Ma dh’ amhairceas e ri ceartas, gheibh e an sin an claidheamh lasrach, dha chumail bho chraoibh na beatha, bho gach uile shonas; tha sin air fhoillseachadh le gnùis fheargach agus ghruamach, ag iarraidh riarachadh, mar bhuadh a bha gu neo-chriochnach a faotainn eucoir. Ach a nis ann a’ meadhon na mì-mhisneachaidhean so uile, tha’n t-anam bochd mu dheireadh a faotainn sealladh air Criosd, anns am bheil e faotainn misneach an deigh gach cuis. Tha e, mar gu’m b’cadh, a faotainn sealladh air tir ann an stoirm, agus a faotainn Ann-san bunait gu fois dha spiorad sgith; Ann-san tha e faicinn a’ nì ni reite ri Dia, a riaricheas ceartas, a fhreagras uile agartasan an lagh, gu h-iomlan dha shaoradh bho pheacadh agus bho chionta, agus dha dheanamh an dà chuid naomh agus sona gu bràth; agus, a reir sin, tha e taiceachadh agus dha thilgeadh fein Air, a rùnachadh ma gheibh e bàs, gu’m bàsaich e a taiceachadh mar so, air an Fhear gràidh so.
(R’a leantuinn)