Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1968 » February 1968 » POSADH AN ANAMA RI CRIOSD

POSADH AN ANAMA RI CRIOSD

Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)

(Air a leantuinn bho t.d. 277)

3. Gniomh stroichdaidh agus ùmhlachaidh.

Mar ann an obair creidimh tha’n t-anam mar so a roghnachadh Chriosd agus a taiceachadh Air, mar so mar an ceudna tha e le Spiorad Dhé air a dheanamh gu toileach agus gun agadh air bith, a bhi dha liubhruideadh fein Dhà, gu bhi air a riaghladh, air a stiùradh, agus air a chleachdadadh Leis mar is àill Leis. Tha’n t-anam a nis dha chur fhein a mach as a chûmhachd agus a sheilbh fein, tha e dha chur fein thairis bh’uaithhe fein, agus tha e dha thoirt fein suas do chûmhachd agus do sheilbh Iosa Criosd, a chûm a bhi air a riaghladh, air a stiùradh, agus air a thearnadh Leis mar a chì E gu h-iomchuidh; nì is e gu ceart an gniomh creidimh sin ris an abair sinn striòcadh, agus sin tha’n a Sgriobturan gu tric a togail; “Their am fear so, Is leis an Tighearn mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iacoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a laimh do an Tighearna, agus sloinnidh se e fein air ainm Israeil.” Isaiah xlv.5. ‘s e sin, bheir se e fein, na striòcaidh se e fein do’n Tighearna gu bhi Aige gu bràth, a chum a bhi dha’n cleachdadh. Mar sin, “Thug siad iad fein air tûs do an Tighearna, agus ‘n a dheigh sin dhuinne a reir toile Dhé.” II. Cor. vii. 5. Agus ann an Ephes. v. 24. tha e air a ràdh mu’n eaglais gu bheil i umhail do Chriosd. Tha chùis coltach ri bhi mar so — Air do iomadh cùmhnanta a dhòl seachad gu bhi toirt air adhart a phòsaidh so eadar Criosd agus an t-anam, tha’n t-anam mu dhcireadh, tre chòmhnadh an Spioraid Naoimh, air a thoirt gu saor gu bhi’g aontachadh a bhi gabhail Chriosd mar aon Cheann agus Fhear-pòsda, agus a bhi umhail Dhà anns na h-uile nì, gu bhi gu h-iomlan agus gu siorruidh a deanamh a thoile. Ie e chainnte a nis ri Criosd, a nì a labhair Ahab ri Benhadad, “A reir t-fhocail mo Tighearn a Righ, is leat mise, agus gach nì a tha agam.” I Righ xx. 4. A Thighearn Iosa, tha’n t-anam ag ràdh. Cha bhi mi beo air mo shon fein, agus chaith mi mo bheatha air mo shon fein, agus a chûm mo chriochan fein; ach a nis tha mi miannachadh a bhi leat-sa agus a bhi beo ann a’d’ thoil-sa, agus a chûm do chriochan-sa; gabh seilbh orm, saor mi, bi riaghladh thairis orm, treoirich mi, dean rium mar is àill leat; dean do thoil uile annam, tarruig sios mi agus cuir suas a’ nì is àill leat, bithidh mi, agus nì mi, agus fuilingidh mi a’ nì is àill leat mi bhi, agus a nì is àill leat mi dh’fhulung. Agus is e so gu ceart an gniomh creidimh sin, leis am bheil, sinn a dùnadh ri Criosd mar Thighearn agus mar Righ, oir is e so gu cinnteach fianuis na firinn a th’anns na dhà a tha dol air thoiseach; oir feumaidh sibh a thuigsinn ged tha ceud shealladh creidimh ag amharc ri Criosd mar Shlànughear, gidheadh tha e tighinn gu bhi’g amharc Air mar Tighearn agus mar Righ mar an ceudna. Mar a tha creidimh gu h-uile a taiceachadh air riarachadh Chriosd, mar sin tha e gu saor a cromadh do shlait rioghail Chriosd; seadh, ‘n uair nach urcreidimh còir agradh ann an Criosd mar Shlànughear, gideadh aidichidh e Criosd mar Thighearn. Tha fhios agaibh mar a labhair Laban ri seirbhiseach Abraham ‘n uair a chunnaic e sealladh air na cluas-fhàinneanan agus na seudan a thug e da phiuthar, Rebecca, agus air cluinncean dha a chòmhradh riithe bh’uaithhe fein, thubhairt e, “Thig a steach, thusa a tha beannaichte o’n Tighearna; c’uime a sheasas tu a muigh? Oir dh’ullaich mise an tigh, agus àite do na càmhail.” Gen. xxiv. 31. Anns an doigh cheudna tha’n t-anam a labhairt ri Criosd, ‘n uair a gheibh e sealladh air an luachmhorachd a th’ Ann, agus am feum sin a tha aige-san Air. Thig a stigh, Aon bheannaichte an Tighearna, thig a stigh Aon bheannaichte an Tighearna, c’ar son a sheasas tu muigh? Tha àite agam Dhuit ann a’m’ thuigse, agus ann am thoile agus ann am aignuidhean; agus ‘s e mo mhiann gu’n sealbhaicheadh Tù na h-uile, agus gu’n riaghladh Tù na h-uile. Ann am focal, tha’n t-anam gu saor dha thoirt fein suas do riaghladh naomh agus spioradail Chriosd. Is e Criosd naomh a tha annad, tha e’g ràdh, a tha dol a riaghladh, agus tha mì dha mo liubhraigeadh fein suas Dhuit, cha bhi tighearna eil agam ach Thusa; gabh an righ-chathair uile a tha’n taobh a stigh dhiom Dhuit Fein, tha fios agam gu’m bheil do chuing na cuing a tha so-iomchair, agus tha mi miannachadh a bhi dha giùlain; is slat ro-chothromach slat do rioghachd-sa, agus tha mi miannachadh a bhi cromadh dhi; ‘s e do rioghachd-sa rioghachd fireantachd, sìth, agus aobhneas anns an Spiorad Naomh, agus tha mi bho mo chridhe a miannachadh a bhi tighinn fodh a cumhachd. Bu mhiann leam a bhi air mo naomhachadh cho math ri bhi air m’fhìreanachadh; tha mi miannachadh gu’m biodh do Spiorad a ceannsachadh mo thruaillidheachdan air mo shon, agus dha mo naomhachadh cho math ri t-fhuil gu bhi glanadh air falbh mo chionta air mo shon, agus dha mo dheanamh taingeil dhuit Fein. Agus is e so fosgladh nan geatachan agus togail suas nan dorsan siorruidh, gu bhi leigeil a stigh Chriosd Righ na Gloire. Salm xxiv. 7. Mar so, leis na trì sin, nithean da-rìreadh is iad gniomharan aonaidh mòr a chreidimh leis am bheil an Spiorad Naomh a deanamh an anam comasach air a bhi dùnadh a stigh ri Criosd ann an daimh agus ann an cumhnant pòsaidh.

V. Air bhi do’n anam mar so air a dheanamh comasach air a bhi creidsinn, agus mar sin a bhi dùnadh a stigh ri Criosd ann an cumhnanta posaidh, an sin, mar chrùn agus iomlanachd na h-uile, tha Spiorad beannaichte Dhé a togail aite càmhnuidh, agus a fuireach gu bràth anns an anam sin mar gheall agus ceangal siorruidh an aonaidh agus an daimh pòsaidh a tha eatorra.

Cha’n e mhàin gu’n tig an Spiorad milis mar charaid gu bhi reiteachadh air son a pòsaidh, agus mar an ceudna gu bhi ceangal an snaim pòsaidh eadar Criosd agus sinne; ach a thuilleadh air sin, air dha so a bhi air a dheanamh, tha e Fein a fuireach anns an anam mar chomharradh gràidh bho Chriosd Dhà, mar earlas air a pòsadh so, agus mar an geall siorruidh agus an daingneachadh air an aonadh pòsaidh agus an daimh so. Bh’uaithne so tha’n nì a tha aig an Abstol, “Ach an tì a tha ceangailte ris an Tighearna, is aon spiorad ris e.” I. Cor. vi. 17. Aon spiorad ris an Tighearna tha e ceangailte Ris; an Spiorad sin a cheangail e ri Criosd, tha e fuireach araon annsan agus ann an Criosd, air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil Aige-san agus aca-san an aon Spiorad a gabhail còmhnuidh annta; gidheadh leis an eadar-dhealachadh so, tha E gabhail còmhnuidh ann an Criosda gun tomhas, annaine ann an tomhas; ann an Criosd, do-bhrìgh an aonaidh phearsanta, annaine le a thiodhlacan agus a ghràsan; ann an Criosd mar an Ceann, annaine mar na buill, agus so, gu dearbh, a nì a tha deanamh an aonaidh so cho laidir agus cho eucomasach a bhi air a bhriseadh, agus nach gabh e gu bràth a bhi air a bhriseadh: seadh, cha’n e mhàin gu’m bheil e fantuinn anns an anam mar gheall agus mar bhann an aonaidh so. ach mar an ceudna gu bhi’g uidheamachadh agus a sgeadachadh an anama le gràs, agus dha dheanamh ullamh gu bhi coilionadh a phòsaidh shuas. Tha fhios agaibh ‘n uair a chunnaic seirbhiseach Abrahaim gu’n d’aontaich Rebecca a bhi ‘n a bean do Isaac, ann an sin thug e dhi “seudan airgid agus seudan òir, agus aodach,” Gen. xxiv. 53. Mar sin air do Spiorad beannaichte Dhé aonta an anama a chosnadh gu bhi pòsda ri Criosd, agus an snaim pòsaidh a bhi air a cheangal eatorra, a nis tha e gabhail còmhnuidh anns an anam gu bhi dha uidhneamachadh agus dha sgeadachadh; nis tha E toirt dha seudan òir agus airgid, dha uidheamachadh agus dha dheanamh maiseach leis gach uile ghràs diadhaidh agus neamhaidh. Tha E gabhail còmhnuidh ann mar thobar agus mar fluaran nach gabh a bhi air a thraoghadh de gach gràs agus gach togradh gràsmhor, gus an cuir e gu sàbhailte ann an gairdeanan agus am broilleach Fhear-pòsda shuas. Mar so, tha mu dheireadh, an daimh pòsaidh air a dheanamh suas eadar Criosd agus an t-anam. Agus, O! cia cho beannaichte agus a tha’n t-anam a tha mar so air a phòsadh Ris. Faodaidh mi ràdh r’a leithid sin a dh’anam, Beannaichte gu’n robh ‘n latha air an d’rugadh thu; beannaichte gu’n robh a bhrù a ghiùlain thu agus na ciochan a dheothail thu: an soisgeul beannaichte a dh’fhoillsich an Criosd milis so dhuit, agus an Spiorad beannaichte a cheangail an snaim sona so eadar Esan agus thusa.

(R’a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice