Caib. vii. A tha nochdadh ciod e ghné Fear-posda a th’ann an Criosd, agus cho freagarach ‘s a thà E gu bhi dha dheanamh Fein gràdhach do dh’anamaibh, agus dha dheanamh ion-mhiannaichte ann an aonadh pòsaidh.
“Ciod e fear do ghràidh-sa seach fear-gràidh eile, gu’n do chuir thù mar so mar fhiachaibh oirne?” the nigheanan Ierusalem a feorach do’n cheile. Dàn v. 9. Anns an dearbh dhoigh faodaidh cuid a ràdh ruinn; Cò, na ciod e’n Criosd so, gu’n bheil thù dha choiteachadh oirne gu bhi air ar pòsadh Ris? Ciod a th’ann gu bhi dha dheanamh ion-mhiannaicht’ dhuinn? ” Cò, na ciod E? Gu cinnteach cha’n urrain dhomh innse, cha mhotha a b’urrain dhomh ged robh agam teanga dhaoine agus aingeal; agus cha mhòr nach eil eagal orm labhairt air, air eagal gu’n dorchaich mi a ghloir an àite a bhi dha foillseachadh. So tha mi cinnteach as, is e, mar a tha neach a labhairt uime, araon ioghnadh na talmhuinn agus ioghnadh neamh; agus tha h-uile nì Ann, agus sin ann an iomlanachd neo-chriochnacha bu chòr a dheanamh tlachdmhor do dh’anamaibh, agus air son am biodh iad taingeil ann an daimh pòsaidh. Amhairc, uime sin, Air, agus gabh beachd Air car tiota, agus faic am bheil nì air bith a mhiannaicheadh tì ‘n a leithid so de dhaimh a tha dhìth Air-san. Cuiridh mi so nì’s farsuing fodh do chomhair anns na cinn a leanas.
1. Am bheil thù air son àite seasamh agus mòrachd?
Tha so a dol fada a’ measg dhaoine agus tha e deanamh iomadh pòsaidh. Air son so cha’n eil aon cosmhuil ri Criosd, cha’n eil aon cho mòr, cho glòrmhor, cha’n eil aon cho urramach Ris. Guidheam ort gabh beachd Air air son tamull; a thaobh a shinnsearachd thainig E mach bho Dhia, ‘s e sin, tre ghinealach siorruidh, agus is E Mac siorruidh an Athar shiorruidh. Eoin xvi. 28. Gabh beachd Air ‘n a Phearsa, agus cha’n fhaic thù nì an sin ach mòrachd; oir cha’n aon eil E ach an Dia-duine, agus tha Aige uile oirdheireasan an dà nàduir ann an aon phearsa. Is E Emmanuel, agus tha E maille ruinn, Dia ‘n ar nàdur. Mata i. 23. Is E Dia, Eabh. i. 8. An Dia fior, I Eoin v. 20. An Dia mòr, Titus ii. 13. An Dia cumhachdach, Isaiah ix. 6. Dia os ceann nan uile, na’n Dia is ro-àirde, Rom. ix. 5. Dia co-ionnan ris an Athair, aig am bheil an aon suspainn Ris, agus an aon iomlanachd do-sheachainte Ann a tha aig an Athair ann Fein; is E dealradh glòir an Athar E agus fior iomhaigh a phearsa, Phil. ii. 6. Aon anns am bheil mòrachd, dealradh, agus soillseachadh na glòir so dha foillseachadh. Aon anns an do ghearr an t-Athair a mach uile oirdheirceasan siorruidh. Eabh. i. 3. Tha beagan de ghathan beag de ghloir Dhé a dealrachadh a mach ann an naoimh agus ann an aingeil; ach ann an Criosd tha lánachd, dealradh, agus soillseachadh na glòir so dha foillseachadh. Gabh beachd Air ‘n a dhreuchd agus a dhaimh ris an t-seasamh a tha E, eadhon an so, air àrdachadh dha ionnsuidh: is Righ E, Righ mòr, “Righ nan righrean, agus Tighearn nan Tighearnan.” Tais. xix. 16. Righ nan naomh. Tais. xv. 3. Righ nan cinneach, Ier. 7. Righ na glòire, Salm xxiv. 7. Is E Ceann gach uile uachdaranachd agus chumhachd; agus is e’n glòir-san gu’m bheil a leithid de Cheann aca. Col. ii. 10. Is E dlùth champanach Tighearn nan sluagh, Sech. xiii. 7. Is E cheud-ghin Dhé E, nì’s àirde na righrean na talmhuinn, Salm lxxxix. 27. Tha E air a chur ‘n a shuidh aig deas laimh Dhé, Ephes. i. 20. Tha E air a dheanamh nì’s àirde na na neamhan, Eabh. vii. 26. A’ measg nan uile neach, agus anns na h-uile nì, co dhiubh ‘s ann air neamh na air talamh, tha àrd-cheannas Aige, Col. i. 18. Tha mhòrachd dhe leithid de ghné agus gu’m bheil an cruthachadh uile ceangailte a bhi toirt ùmhlachd Dhà, agus cha’n eil na h-ainglean fein an taobh a mach dhe so; “Agus deanadh uile ainglean Dhé aoradh dha,” tha’n t-Athair ag ràdh, Eabh. i. 6. “Air an aobhar sin dh’ardaich Dia e gu ro àrd mar an ceudna, agus thug e dha ainm os ceann gach uile ainme: chùm do ainm losa gu’n lùbadh gach glùn, de nithnean a tha air neamh, agus de nithean a tha fo’n talamh, Phil. ii. 9, 10. ‘s e sin, feumaidh ainglean cho math ri daoine aoradh a thoirt Dhà, agus, da rìreadh a bhi diùltadh so Dhà thionndadh a ainglean gu diabhuil. Tha E ri bhi air a ghràd-hachadh, eagal a bhi roimhe, a bhi creidsinn Ann, ùmhlachd a thoirt Dhà, ùrnuigh a bhi air a deanamh Ris, a bhi air a mholadh, tlachd a ghabhail Ann, agus a bhi mûirneach ann an sealladh na’n uile. Tha’n aon urram ri bhi Aige, ‘s a th’aig an Athair. “Chùm gu’n tugadh na h-uile dhaoine urran do’n Mhac, amhuil a tha iad a toirt urraim do’n Athair. An tì mach eil a toirt urraim do’n Mhac, cha’n eil e toirt urraim do’n Athair a chuir uaith’ e.” Roin v. 23. Ciod a their mi? Tha tighearnas àrd-uachdaranail agus cothrom a bhi frithealadh a nach ‘n a laimh araon gràs agus glòir;” Agus mar a tha an t-Athair a’ dùsgadh, agus a beothachadh nam marbh, is amhuil sin a tha am Mac a beothachadh an dream is àill leis.” Eoin. v. 21. Their E ri aon. Mair bea, agus bithidh a beo, agus a chuid eile dhe’n a maribh cha bhi iad beo. Tha iuchraichean a bhàis agus ifrinn Aige, Tais. i. 18. Tha riaghladh an t-saoghail uile Aige na laimh: “Shocraich an Tighearna a righ-chathair anns na neamhan; agus tha a rioghachd a riaghladh os ceann nan uile.” Salm ciii. 19. Tha E ann an làn-sheilbh air rioghachd os ceann a chruthachaidh, air do’n uile bhreitheanas a bhi air a chur ‘n a laimh. Eoin v. 22. Agus O! cho glòrmhor agus a tha E anns na h-uile dheth. Glòrmhor ‘n a righ-chathair a tha aig deas-laimh Dhé. Eabh. i. 3. Glòrmhor ‘n a thighearnas, nì is e uile chumhachd air neamh agus air talamh. Mata xviii. 18. Glòrmhor ‘n a shlait riaghlaidh nì is e slat chothromach. Salm xlv. 6. Glòrmhor ‘n a luchd-frithealaidh, nì is deich mìle do mhuinntir naomh, eadhon milte de ainglean. Daniel vii. 10. Glòrmhor ‘n a dhòigh riaghlaidh, làn gràis agus millseachd dha shluagh, làn uamhais agus mòralachd dha nainh-dean, air da shaighdean bhi geur ‘n n cridheachan. Salm xlv. 5. Agus mar a tha E riaghladh na h-uile a nis, mar sin bheir E breith air na h-uile mu dheireadh; agus feumaidh na h-uile seasamh na tuiteam, a bhi beo na bhi marbh, a bhi air an tear-nadh na bhi air na damanadh gu siorruidh, a reir na binn a bheir E mach orra. Gniomh. xvii. 31. Rom. xiv. 10. O cia cho mòr ‘s a tha’n Tighearna so! agus cia cho airidh ‘s a tha E air a bhi air gabhail Ris leinne! O dhaoine, an diúlt sibh an cuspair cho mór agus cho glòrmhor so ‘n uair a tha E nochdadh a gràidh dhuibh? Na’m faiceadh sibh prionnsa mór dha thairgse fein do dhiol-deirichd ann an luideagan air an dùn aolaich, ghabhadh sibh ioghnadh i bhi dha mheas suarach, agus a bhi toirt air feitheamh àm an deigh àm air a son; gidheadh, tha Pearsa a tha gu neo-chriochnach ni’s mothá a tha feitheamh ribhse, agus ag iarruidh bhur gràdh; agus an toir sibh Air fathasd feitheamh? an diúlt sibh e? An sin biodh ioghnadh oirbh thairis air neo-thaingelachd ghràineil.
(R’a leantuinn)