Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d.378)
II. Am bheil sibh air son saoibhreas agus ionmhasan?
Is e so a’ nì is cudthromaich leis a chuid is motha; air son so cha’n eil aon coltach ri Criosd. Tha saobhreas cho math ri mòrachd Aige gu bhi dha mholadh dhuibh; “Tha beartas agus urram maillle riumsa; saoibhreas maireannach agus fireantachd.” Gnàth. viii. 18. Seadh, agus tha a shaoibhreas dhe’n a chu uid is fearr; is e saoibhreas spioradail a tha Aige, ionmhasan neamh, Mata vi. 20. Saoibhreasan beatha agus gràidh, sìth agus maitheanas, gràs agus glòir, agus saoibhreasan ann an glòir. Agus O ciod e na nithean bochd a tha ann an saoibhreasan an t-saoghail so ann an coimeas riutha! Tha Aige-san fior shaoibhresan. Lucas xvi. 11. Tha saoibhreasan an t-saoghail-sa ‘n an saoibhreasan a tha air uachdar, ach a’ nì is Leis-san is saoibhreasan iad anns am bheil suspainn. “A chùm gu’n toir mì orra-san le’n ionmhuinn mì maoin a shealbhachadh; agus lionaidh mì an ionmhasan.” ‘Gnàth. viii. 21. Tha saoibhreasan an t-saoghail so diamhain, cha’n eil iadsan mar sin. Gnàth. xxiii. 5. Tha saoibhreasan Chriosd ‘n a nì anns am bheil seadh, is e saoibhreasan a th’annta a tha buan-mhaireannach; “Tha beartas agus urram maillle riumsa; saoibhreas maireannach agus fireantachd.” Gnàth. viii. 18. Tha saoibhreasan an t-saoghail so ‘n an nithean a tha dol as an t-sealladh agus neo-chìnnteach. I Tim. vi. 17. Nis faodaidh sinn a bhi dha mealtuinn, ach gu b-obunn tha iad air falbh agus a dol as an t-sealladh; ach saoibhreas Chriosd is saoibhreas siorruidh e air son anam siorruidh. Agus mar a tha shaoibhreasan mar so dhe’n a chuid is fearr, mar sin tha pailteas Aige dhiubh; tha shaoibhreas neo-chriochnach agus nach gabh a bhi air a rannsachadh: “Dhòmhsa,” tha Pòl ag ràdh, “as lugha na’n tì as lugha de na naoimh uile thugadh an gràs so, saoibhreas Chriosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach.” Ephes. iii. 2. Is E “Oighre nan uile nithean.” Eabh. i. 2. Is Leis uile ionmhasan neamh agus na talmhuinn: tha gach uile iomlanachd a gabhail còmhnuidh Ann, Col. i. 19, eadhon uile iomlanachd na Diadhachd; tha Dia slàn a gabhail còmhnuidh Ann, tha gu leoir Aige gu bhi deanamh suas ar ‘n uile fhalamhachd, agus gu bhi freagairt ar ‘n uile mhiannaibh. Am bheil sinn ag iarruidh gràis? Tha E làn gràis. Eoin i. 14. Am bheil sinn ag iarruidh beatha? Maillle Ris-san tha tobar na beatha. Salm xxxvi. 9. Am bheil sinn ag iarruidh saorsa, saorsa bho’n a pheacadh, bho’n a bhàs, bho ifrinn, bho fheirg? Maillle Ris-san tha saorsa phailte. Salm cxxx. 7. Am bheil sinn ag iarruidh sìth? tha E toirt seachad sìth. “Mo shìth-sa tha mì toirt dhuibh.” Eoin xiv. 27. Am bheil sinn ag iarruidh fireantachd? Choilion E gach uile fhireantachd. Tha E air tighinn mar “Iehobhah ar fireantachd-ne.” Ier. xxiii. 6. Nis an cuir sibh air chùl an Tighearna saoibhir so? Tha sibh bochd, agus truagh, agus lomnochd; agus nach gabh sibh ris a Chriosd saoibhir so, a tha dha thaigse Fein, maillle r’a uile shaoibhreas dhuibh? O cia cho ceart, uime sin, a theid sibh a dhìth gu bràth! O gu’n robh anam miannach trom an so an diugh, a bhiodh air a thogail suas le saoibhreas Chriosd!
III. Am bheil thù air son fiadhlaidheachd, air son spiorad uasal agus còir?
Tha so ionmhiannaichte ‘n a leithid de dhàimh, agus thà mòran a ruith as a dheigh. Air son so mar an ceudna cha’n eil aon coltach ri Criosd, is E Tighearna fiadhlaidh a th’ann, de spiorad uasal agus còir, cho maith ri bhi saoibhir. Is iomadh fear aig am bheil saoibhreas gu leoir, ach aig am bheil mar an ceudna spiorad suarach, cumhann, agus sanntach; agus mar sin is a gle bheag a th’aig a mhnaoi dhe’n t-saoibhreas; ach tha aig Criosd cridhe uasal, suairc, fiadhlaidheachd; cha’n e mhàin gu’m bheil E saoibhir, ach tha E toileach a bhi caitheamh uile shaoibhreasan agus ionmhasan air a chéile. Le uile ionmhasan a ghraidh agus a ghràis, le uile ionmhasan fhireantachd agus a chomhfurtachdan, dh’iarradh E bhi dha’n lionadh gu pailte, gu pailte dha’n comhfurtachadh, gu pailte dha’n deanamh saoibhir gu bràth. Ciod e’n spiorad còir dha’n taobh a tha E cur an ceill, ‘n uair a tha E ‘g ràdh, “Ithibh, a chàirdean; òlaibh, seadh, òlaibh gu pailte, a luchd mo ghràidh.” Dàn v. 1. Mar gu’n canadh E, Tha gu leoir agam, neo-chriochnach gu leoir air bhur son, agus bu mhaith leam gu leoir a bhi agaibh-se; bu mhaith leam gu’m biodh leoir bhur ‘n anama agaibh dheth gach uile mhaith. Bu mhath Leis gu’m biodh gràsan làn, aoibhneasàn làn comhfurtachdan làn, agus làn-aoibhneasàn aca gu bràth. “Na nithean sin labhair mi ruibh, chùm gu’m bi ‘ur n-aoibhneas làn.” Eoin xvi. 24. Rùnaich E gu’m biodh a leithid de shonas, a leithid de ghradh agus a leithid de dh’fhailte aca Ris-san ann an uchd an Athar, Eoin xvii. 26, agus mar an ceudna a leithid de ghràs agus de naomhachd, Eoin xvii. 22. O ciod e’n cridhe uasal, còir, agus fiadhlaidheachd a th’aig an Tighearna mhilis so dha chéile! Anam, nach tarruig e thù agus nach tâlaidh e thù dha ionnsuidh? Cha sàsuich nì E goirid air iad a bhi comphartachadh maillle Ris ann ‘n a bheannachd Fein. Anam, ma dhiùltas tì an Tighearna saoibhir so biodh fhios agad gu’m bheil ionmhasan do fheirg Aige agus do dhioghaltas mar an ceudna, a dhòirteas E gu pailte ort gu bràth.
IV. Am bheil sibh air son gliocas agus eolas?
Tha gliocas agus eolas a deanamh neach gràdhaichte agus ion-mhiannaichte; is e da-rìreadh aon de na h-oirdeirceasan agus na h-ionlanachdan is àirde as urra a bhi aig neach. Air son so mar an ceudna, cha’n eil aon cosmhuil ri Criosd; is E “cumhachd Dhé agus gliocas Dhé,” I Cor. i. 24. Tha gliocas neo-chriochnach an Dia shiorruidh a dealradh a mach troimhe; seadh, Annsan tha “uile ionmhasan a ghliocais agus an eolais folaichte,” Col. ii. 3, nì dh’fhaodas a bhi air a thuigsinn a thaobh naomhachd a nàduir agus fireantachd a bheatha, air Dhà aithne bhi Aige air na h-uile nì, cho math ris gach nì is feuch aithne bhi air, a bhi Aige ann Fein. Is E’n aon Dia glice, Jud. 25. Cha’n eil fior ghliocas ach Ann-san, agus cha’n eil fior ghliocas ri fhaotainn ach troimhe-san, agus bh’uaithe-san. Tha E tric air ainmeachadh anns na Sgriobturan Gliocas, gu bhi comharrachadh a mach an gliocas neo-chriochnach a tha Annsan. Is aithne Dhà gach neach agus gach nì, is aithne Dhà’n t-Athair, agus sin, mar is aithne dha’n Athair E. Eoin x. 15. Is aithne Dhà innntinn agus toil an Athar; uime sin, tha e air a ràdh gu’m bheil E ann an uchd an Athar, nì is e ionad comhnuidh a dhiom-haireachdan cho math ri a ghràdh. Eoin i. 18. Is aithne Dhà uile chomhairlean agus rùntean an Athar a bha bho shean a thaobh an duine; uime sin tha sinn a leughadh a thaobh leabhar beatha an uain, agus ainmeanan sgriobhta ann. Tais. xiii. 8. Is aithne Dhà uile oibre Dhé an Athar; “Is ionmhuinn leis an Athair am Mac, agus tha e foillseachadh dhà nan uile nithean a tha e fein a deanamh: agus foillsichidh e dhà oibre as mothà na iad so, air chor ‘us gu’m bi iongantas oirbhse.” Eoin v. 20. Is aithne Dhà buadhan agus iomlanachd Dhé, agus is ann Dhà-san a mhàin dha’n aithne sin, Mata xi. 27. Eoin vi. 46. Is aithne Dhà focal Dhé air fad, oir is E Fein am Facal, Eoin i. 1. Bha e air beachdachadh air le aon, nach b’aithne do na h-aingeil fein uile fhoclaibh Dhé, ach is aithne do Chriosd iad uile. Agus mar is aithne Dhà mar so Dia agus uile nithibh Dhé, mar so mar an ceudna is aithne Dhà’n duine agus uile nithibh an duine. Is aithne Dhà na h-uile dhaoine agus ciod a tha annta. Eoin ii. 24, 25. Is aithne Dhà staid, fonnan, Smuaintean, criochan, comhairlean, slighean, feuman, uallaichean, agus buairidhean nan uile. Ann am focal, tha E neo-chriochnach ann an gliocas, agus ann a comhairle, agus is aithne Dhà gu h-iomlan, mar a chuireas E air adhart a ghloir Fein, agus cia car a chuireas E dion, a teàrnas, agus a bheir E comphartachadh da chéile, agus a ghiulaineas E air adhart a sonas anns an doigh is fearr. O có aige nach biodh a leithid sin de dh’ Fhear-pòsda! Anam, ma dhiùltas tì E, biodh fhios agad gu’n cog a ghliocas ‘n a t-aghaidh; agus is aithne Dhà cia mar a dhamanas agus a sgrìosas E gu siorruidh.
(R’a leantuinn)