Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
Air a leantuininn bho t.d.
V. Am bheil thu air son maise? Tarruigidh so mórán, ach air son so cha’n eil aon ann cosmhuil ri Criosd. Air son maise agus tlachdmhorachd, tha E gu neo-chriochnach os ceann dhaoine agus ainglean. Tha sinn a leughadh mu Mhaois gu’n robh e anabharach tlachdmhor; agus mu Dhaidhbhidh gu’n robh e ruiteach, agus ‘n a ghùis sgiambhach; agus tha Josephus ag ràdh mu aon dhiubh gu’n robh a h-uile neach a chunnaic e fodh mhòr-iognnadh agus air an tarruig le a mhaise. Ach ciod e bha’n a maise ann an coimeas ri Criosd? Na’n robh a’ maise, agus maille r’a maise-san, maise dhaoine agus ainglean air an cur cuideachd, cha bhiodh ann ach neo-ni ann an coimeas ri maise Chriosd: cha bhiodh e uibhir ri solus na coinneal is lugha fodh chomhair solus na greine mu mheadhon latha. Tha E “Sgiamhach agus glòrmhor,” Isaiah iv. 2. An robh Maois maiseach? Tha Criosd gu neo-chriochnach ni’s maisiche; tha E ni’s maisiche na “clann nan daoine.” Salm xlv. 2. Agus na’n robh sùilean agad gu bhi faicinn a mhaise, cha b’urrain thu gu’n a bhi fodh mhòr ioghnadh dha thaobh, agus air do tharruig leis. An robh Daibhidh ruiteach le gnùis sgiamhach aige? Faic ciod a tha a chéile ag ràdh mu Chriosd. “Tha fear mo ghràidh-sa geal agus dearg, sònruichte am measg dheich mile.” Dàn. v. 10., ni a tha nochdadh iomlanachd a mhaise; agus uime sin tha i dha cho-dhùnadh uile le so (air dhith labhairt mu mhaise gach pàirt dheth) “tha e uile gu leir ionmhuinn,” rann 16, na tha E uile ghràdhach, Mar gu’n abradh i, Ciod a tha mì deanamh? Cha’n eil crioch air a mhaise agus a shuaicceantas; Cha’n eil nì Ann ach nì tha gràdhach; agus cha’n eil nì gràdhach ach na tha Ann-san; ni mothà tha nì air bith anns a chruthachadh uile aig am bheil maise agus sgéimh gu leoir ann gu bhi’n a sgàile agus na choslas air a mhaise agus air a sgéimh-san, “O ghrian mhaiseach,” arsa Rutherford, “agus a ghealach sgiamhach, agus a reultan àluinn, agus a bhlàthaibh taitneach, a ròsaibh cùbhraidh, a lilidhibh taitneach; ach O, tha Criosd deich mile uair deich mile ni’s maisiche na iad uile. Mo thruaighe rinn mi eucoir Air,” tha e’g ràdh, “ann a bhi deanamh samhladh Dheth anns an ddigh so: O ghrian dhubh agus a ghealach! Ach O an Tighearna Iosa Maiseach. O bhlàthan dubh, a lilidhibh agus a ròsan dubh! Ach O’n Tighearna Iosa Maiseach, maiseach, eadhon os ceann na h-uile maiseach! O neamhan dubh, ach O Criosd maisach! O ainglean dubh, ach O gu barraichte maiseach an Tighearna Iosa!” A dh’aon fhocal, tha diadhairean a toirt fa’n ear gu’m bheil nì eigin ann an Criosd ni’s taitniche na slàinte, agus da-rìreadh tha na maisean a tha tàladh a chridhe, na h-oirdheirceasan a th’g eigneachadh anama ann an Pearsa an aon-ghràdhach so, a tha gu neo-chriochnach thairis air slàinte fein. Is E dealrachadh, agus foillseachadh a mach glòir an Athar, Eabh. i. 3. O cà nach biodh air an eigneachadh le a mhais? Chuir sealladh beag agus iomradh Air nigheanan Ierusalem gu bhi dha iarruidh, Dàn. vi. 1. Agus am bì buaidh air bith aig oirbhse, a chùm a bhi dha’r tarruing agus dha’r tàladh dha ionnsuidh? Am bheil aon cho maiseach agus cho sgiamhach a cur an ceill a ghràidh do leithid do chreutairean dubh agus neo-mhaiseach ‘s a tha sibhse agus mise, agus an diùlt sinn E? An diùlt sinn an Tighearna gràdhach so? O gu’n tarruigeadh a mhaise sinn.
VI. Am bheil thù air son gràdh cho math ri maise? Air son nàdur milis, coibhneil, agus gràdhach? Tha so ionmhiannaichte do’n a h-uile: air son so cha’n eil aon cosmhuil ri Criosd: tha E de nàdur milis, gràdhach, maoth, agus tlachdmhor. Da-rìreadh is E Fhein gràdh: “Is gràdh Dia; agus an tì a tha fantuinn ann an gràdh than e’n a chòmhnuidh ann an Dia, agus Dia ann-san.” I. Eoin iv. 16. Tha a ghràdh da chéile a gabhail a stigh ann gach tomhas, àirde, leud, doimhne Ann; seadh, tha e dol thar gach uile eolas, Ephes. iii. 19, nì a tha nochdadh meudachd agus eucomas a bhi tomhas a ghràidh-san. Mar gu’n abradh e mu thimchioll; Tha e ni’s àirde na neamh, agus ni’s doimhne na’n cuan; tha e ni’s leatha na’n talamh, agus ni’s fhaide na tìm uile, a mairsinn tre’n t-siorruidheachd; seadh, tha e dol os ceann eolais. Tha dà nì a tha dol os ceann ar ‘n eolais; ar peacaidhean, agus gràdh Chriosd: tha’n aon cho mòr, tha’n aon eile gu h-iomlan gun chrioch gun ghrùnd. Ged a bhiodh aig duine gach foghlom gu bhi dha mholadh, gidheadh ma tha e de nàdur greannach crosda, searbh, tha so dha dheanamh mì-thaitneach air son an daimh so; ach ri uile iomlanachdan, chuir Criosd so riubha, gu’m bheil E gu neo-chriochnach gràdhach cho math ri bhi maiseach, agus de nàdur ro choibhneil, agus maoth r’a chéile. Uime sin, tha sinn a leughadh anns na Sgriobturan mu a ghràdh, a choibhneas, a mhacantas, uaisle, agus an leithidean sin; gach aon a comharachadh a mach millseachd chiatach agus thlachdmhor a nàduir. Ghuil E os ceann a naimhdean, eadhon iadsan a dhiùlt E mu dheireadh. Lucas xix. 41, 42. Seadh, bha coibhneas Ann a thaobh a luchd-morta, agus rinn E ùrnuigh air an son, agus sin, ‘n uair a bha iad dha mhorta; seadh, agus ghiùlain ùrnuigh mòran aca do neamh, Lucas xxiii. 34. O ciod e’n gràdh, ciod e’n caoibhneas, uime sin, a dh’fheumas a bhi Aige da chéile? Esan aig am bheil gràdh dha naimhdean, agus a leithid de ghràdh, ciod e’n gràdh a dh’fheumas a bhi Aige dha chàirdean! ‘S e beachd milis a th’aig aon dhe na seanairean air an earrann mu dheireadh a dh’ainmich sinn: “Athair maith dhoibh, oir cha’n eil fhios aca ciod a tha iad a deanamh.” “S e tha’n so,” tha e’g ràdh, “focal a tha freagairt an Fhocail shiorruidh, tha E ‘g ùrnuigh cha’n e mhàin air an son-san a tha dha gheur- leanmhuinn agus dha mhaslachadh, ach eadhon air son a mhortaírean, a tagradh uile sheasamh maille ris an Athair air an son; mar gu’m biodh E’g ràdh, Athair, tha mì guidhe ort, leis a ghràdh athaireil a th’agad dhòmhsa, agus leis am bheil sinn ‘n ar ‘n aon, eisd rium as leth mo mhortaírean; ann a bhi toirt maitheanas dhoibh, gabh ri gràdh do Mhic, a chùm gu’n d’thoireadh tì maitheanas da naimhdean.” O ciod e’n caoibhneas a tha so a foillseachadh. Ann am focal, tha a ghràdh mar chuan aig nach eil aon chuid oir na grùnd, ni motha is urrain E ach a bhi coibhneil r’a chuid Fein. Da-rìreadh, tha lagh a choibhnis ‘n a bhilibh (mar a tha e air a ràdh mu’n deagh bhean, Gnàth. xxxi. 26) seadh, agus ‘n a chridhe agus ‘n a ghiùlain mar an ceudna; tha E uile làn de ghràdh. O gu’n tarruigeadh a ghràdh sibh! ‘S cinnteach nach eil gràdh ann coltach ri a ghràdh-san, cha’n eil aon cho làn, cha’n eil aon cho saor, cha’n eil aon cho milis, cha’n eil aon cho torach, cha’n eil aon a tha’g eigneachadh coltach Ris, cha’n eil aon cho maireannach; far am bheil Esan a’ gràdhachadh cha’n fhàilnich a ghràdh gu bràth, ni motha is urrain e bhi air a bhriseadh dheth; “Co sgaras sinn o ghràdh Chriosd,” tha’n t-Abstol ag ràdh, “An dean trioblaid, no àmhghair, no geur-leanmhuinn, no gorta, no lomnochuidh, no cunnart, no claidheamh? . . . . Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha làthair, no nithean a tha ri teachd, no àirde, no doimbne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhé a tha ann an Iosa Criosd ar Tighearna.” Rom. viii. 35, 38, 39. Agus tha mì smuainteachadh, tha duine diadhaidh ag ràdh, gu’n d’thubhairt a ghràdh neo-chaoclaidheach rium, tha mì toirt dùlan dhuit mo bhriseadh na m’atharrachadh. O fhearaibh, innsidh anamaibh aig am bheil fein-fhiosrachadh dhuibh cia cho milis, cho math, agus cho saoibhir agus a tha gràdh Chriosd. Innsidh iad dhuibh gu’n dean aon sealladh, aon bblas dheth, neamh anns an anam, gu’n bheil e ni’s fearr na fion. Dàn i. 2. Agus an diùlt sibhse E agus a ghràdh mar an ceudna? An doirt sibh tarcuis air a leithid de chaoibhneas? O ciod e cho ceart, uime sin, agus a theid sibh a dhith fodh a choruich! tha fearg Ann cho math ri gràdh; fearg air son a naimhdean, cho math ri gràdh air son a chéile; agus tha fhearg cho teth agus cho uamhasach agus a tha ghràdh cho milisagus cho comhfhurtail; seadh, tionndaidh a ghràdh, ma bhios e air a dhiùltadh leibh, gu feirg, agus cha’n eil fearg ann cosmhuil ri toradh gràidh a bhi air a mhi-ghnàthachadh: O uime sin, dùinibh a stigh ri Criosd an diugh.
(R’a Leantuinn)