(Air a leantuinn bho t.d. 60)
VII. Am bheil sibh air son neach a tha fodh mhòr-mheas, aon air am bheil luach mòr agus a tha gràdaichte?
Dh’iarradh anam onarach so; agus air son so cha’n eil aon coltach ri Criosd. Mar nach eil aon ann cho caoibhneil agus cho gràdhach Ris, cha’n eil aon air am bheil uibhir de luach agus a thà cha gràdach Ris. Tha E air a ghràdhachadh leo-san uile is fhiach an gràdh a bhi aig neach. Tha E àrd ann an luach agus air a ghràdhachadh le a naoimh, araon air neamh agus air an talamh. Tha na naoimh air neamh dha ghràdhachadh agus a deanamh aoradh Dhà; is e roinn dhe’n sonas a bhi dha ghràdhachadh, agus a bhi gabhail tlachd Ann gu siorruidh; agus tha na naoimh air thalamh dha ghràdhachadh agus a cur luadh Air os ceann gach cuspair eile; Is E Aon-ghràdhaichte an anama. Cia cho tric ‘s a their a cheile Ris, Fear mo ghràidh; agus a h-aon-ghràdhach! agus an tràth so ‘s a rithisd, tha i cur an ceill gu’m bheil i tinn le gràdh Dhà; tha a tlachd Ann; is E da-rìreadh “miann nan uile chinneach.” Hag. ii. 7. ‘S e sin r’a ràdh, “Dhuibhse uime sin a chraideas tha e luachmhor.” I. Pead. ii. 7. Tha na naoimh a gràdhachadh agus a cur luach air Criosd os ceann gach solas nàdurra a tha bho’n chreutair, os ceann athair ‘us màthair, fear na bean, agus clann, tighean agus fearuinn, agus an leithidean sin; an uibhir so tha air a thoirt fodh’r comhair ann a’ Mata x. 37, agus xix. 29. Tha iad dha ghràdhachadh agus a cur luach Air os ceann gach nì air an d’ràinig iad ann an nithibh spioradail, dha meas mar aolach air son Chriosd. Phil. iii. 8. Tha iad dha ghràdhachadh agus a cur luach Air os ceann am beatha, air dhoibh a bhi ullamh gu bàsachadh air a shon, Gniomh. xxi. 13. Tais xii. 11. O cia cho luachmhor ‘s a tha Chriosd do no naoimh? Tha E mar an ceudna ann an luach agus air a ghràdhachadh leis na h-inglean naomh: is E cuspair mòr an gràidh agus an tlachd, ar sin tha e air a ràdh gu’m bheil E air fhaicinn le ainglean, ‘s a sin, a bhi air a ghràdhachadh agus tlachd a bhi air a ghabhail ann le ainglean. I Tim. iii. 16. Tha na h-inglean beannaichte a faicinn ann an Criosd na tha dha’n lionadh le gràdh Dhà agus tlachd Ann, Tais. v. 12, seadh, nì a tha ni’s mothà na so uile, tha E gu neo-chriochnach luachmhor agus air a ghràdhachadh is Dia an t-Athair mar an ceudna: tha’n Dia beannaichte a faicinn ann an Criosd, nì a tha Dha dheanamh gu neo-chriochnach ghràdhach agus luachmhor agus tlachdmhor agus ion-mhiannaichte ‘n a shùil, agus dha anam: araon mar Mhac, agus mar an ceudna mar Eadar-mheadh onair, tha E gu neo-chriochnach gràdhach agus tlachdmhor dha’n Athair. Agus mar is E Mac Dhé, Mac an Athar, mar a tha’n t-Abstol dha chur, mar sin is E tlachd anama an Athar, agus mar sin bha E bho’n uile shiorruidheadh; an uibhir so tha E Fein ag innse dhuinn. Gnàth. viii. 30. Mar sin is E dlùth-chompanach neo-chriochnach agus shiorruidh an Athar neo-chriochnach agus shiorruidh. Mar sin tha e air a ràdh gu’m bheil E ann an uchd an Athar, agus mar a Mhac bha E bho shiorruidheadh, Eoin i. 16. Nis is e’n t-uchd àite taimh a ghràidh; agus tha bhi ann an uchd an Athar, a cur an ceill an gràdh làidir, teth, agus dlùth a th’aig an Athair Dhà: seadh, mar an t-eadar-mheadhonair, tha gràdh an Athar Dhà, Eoin iii. 35. Seadh tha E dha ghràdhachadh le gràdh taghta, agus àrd, le gràdh a tha toirt barrachd air na h-uile nì, ann an oirdheirceas thaghta, agus a bhuaidh is milse; gràdh air am bheil dearbh iomhaigh glòir shònraichte: uime sin tha E air ainmeachadh am Fear-gràidh, Ephes. i. 6, “Rinn e sinn taitneach ann a Mhac gràdhach.” ‘s e sin, an Criosd, a tha ro-ghràdhach do Dhia. Uime sin tha Dia Dha ghairm a Mhac gràdhach, “Is e so mo Mhac Gràdhach, anns am bheil mo mhòr thlachd.” Mata iii. 17. Seadh, tha E air a ghairm Mac a Ghràidh, Col. i. 13. Seadh, tha’n t-Athair dha ghairm an Tì anns am bheil thlachd anama; “Feuch m’oglach, a chumas mi suas; m’aon taghta, anns am bheil thlachd aig m’anam.” Isaiah xlii. 1. Ciod a their mi? Tha gràdh aig Dia Dhà Fein gu neo-chriochnach, agus ‘n a dheigh Fein tha gràdh Aige do Chriosd, agus tha E gabhail thlachd Ann. Tha e fior, gu’m bheil gràdh Aige do oibre a làmh uile mar a tha iad ‘n an oibre a làimhe; gu h-àraidh do chreutairean reusanta; agus ‘n am measg tha gràdh sònraichte Aige da naoimh agus do na h-ainglìbh naomh; ach tha gràdh Aige do Chriosd ann an tomhas do-labhairt os an ceann uile. Is E dha-rìreadh a Neach is e a cheud ghràdh, a neach is mothà a th’air a ghràdhachadh, agus a neach is doimhne a tha air a ghràdhachadh dhiubh uile. Tha Dia, mar a tha na sgoileirean ag ràdh, a gràdhachadh dearbh fheoil, na nàdur daonnachd Chriosd, ni’s mothà na’n a h-ainglean uile. Ann am focal, tha E dha ghràdhachadh air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil E air eigneachadh Leis, agus cha’n urrain E ach a bhi gràdhachadh na h-uile neach a th’Ann, na ann an daimh Ris ann an cùmhnanta; agus sin ged a tha iad uile gu leir duaichnidh annta fein. Nis fhearaibh, nach gràdhaich sibh agus nach gabh sibh Ris-san an Aon ghràdhach so, aon a tha mar so luachmhor agus gràdhaichte le naoimh, le ainglibh, agus le Dia an t-Athair? Agus leigibh dhomh a ràdh, Aon nach eil air fhuathachadh agus air a dhìmeas ach le diabhuill agus daoinibh diabhlaidh? duin a stigh Ris, agus bithidh E beo gu bràth mar t-Fhear-pòsda, mar sin bithidh tusa beo gu bràth mar a chéile-san. O co nach gabhadh r’a leithid sin de neach? Anam, ma dhiùltas tì Esan a tha na naoimh uile agus na h-ainglìbh a gràdhachadh, a moladh, agus a deanamh aoraidh Dhà, an sin na biodh sùil agad còmhnuidh a ghabhail maillle riutha ann a bhi dha shealbhachadh, ach cùntais a bhi còmhnuidh maillle ri diabhuill agus spioradan caillte ann an ifrinn gu siorruidh. Ma dhiùltas tu Esan a tha’n t-Athair a gràdhachadh agus a gabhail thlachd Ann, an sin biodh sùil agad a bhi air do dhiùltadh Leis-san agus leis an Athair gu siorruidh; ach anam, bi air do cho-eigneachadh a bhi dha ghràdhachadh mar an ceudna.
VIII. Am bheil thu air-son neo-bhàsmhorachd, air son neach a dh’fheumas a bhi ann a’ bith gu siorruidh?
Tha so, air a chur ris a chuid eile, ion-mhiannaichte; agus air son so, cha’n eil aon cosmhuil ri Criosd. Seadh, cha’n eil aon ach Criosd; is Esan, agus Esan a mhàin, am Fear-pòsda nach bàsuich gu bràth; tha’m fear-pòsda is fearr anns an t-saoghal so bàsmhor, agus faodaidh e t-fhàgail aig am air bith; ach tha Criosd neo-bhàsmhor, is E’n Righ neo-bhàsmhor agus siorruidh, I Tim. i. 17, agus is ann Aige-san a mhàin a tha neo-bhàsmhorachd, I Tim. vi. 16. Is Esan a mhàin a tha beo gu bràth; “Agus, feuch, tha mì beo gu saoghal nan saoghal, Amen.” tha E’g ràdh. Tais. i. 18. Cha’n fhàg E gu bràth thù ann an suidheachadh aonaranach bannt rachais; seadh, cha’n e mhàin gu’m bheil E Fein beo gu bràth, ach a thùilleadh air sin tha E toirt orra-san uile a tha’n an céile Aige a bhi beo gu bràth mar an ceudna. Mar so tha sibh a faotainn an an Eoin xi. 25, 26, “Is mise an aiseirigh, agus a bheatha,” agus tha E’g ràdh, mar an ceudna, “Agus ge b’e neach a tha beo, agus a creidsinn annam-sa, cha’n fhaigh e bàs am feasda.” O ciod e’m Fear-pòsda a tha beo gu bràth E Fein, agus a bheir dha chéile a bhi beo gu bràth mar an ceudna; bheir E dha chéile uile a leithid de bheatha agus nach bàsaich i gu bràth, beatha neo-bhàsmhor. Ann am focal, duin a stigh Ris, agus bithidh E beo gu bràth mar t-Fhear-pòsda, mar sin bithidh tusa beo gu bràth mar a chéile-san. O co nach gabhadh r’a leithid sin de neach? Anam, ma ghabhas tì Ris, biodh fhios agad, tha E beo gu bràth gu bhi dha do ghràdhachadh, gu bhi dha do chomhfhurtachadh, gu bhi toirt tlachd dhuit, gu bhi dha do dheanamh sona Ann Fein agus maillle Ris Fein; ach ma dhiùltas tì E, biodh fhios agad, gu’m bheil E beo gu bràth gu bhi dha do pheanasachadh, gu bhi leagadh fearg agus dioghaltas ort, agus gu bhi dha do dheanamh iomlan truagh; ach O na diùlt E.
Mar so nochd mi beagan dheth ciod e’n gné Fear-pòsda a tha ann an Criosd do chéile; agus air na h-uile a labhair mi, theirinn ribh, mar a thuirt a chéile ri nigheanan Ierusalem, “Is e so fear mo ghràidh sa, agus is e so mo charaid.” Dan v. 16. Is e so Esan a tha dha thaigse Fein dha bhur gràdh; is cinnteach nach e neach iosal na tàireil a th’ ann, ach aon a tha gu neo-chriochnach ion-mhiannaichte. Nis, ciod a tha sibh ag ràdh? An gabh sibh Ris na nach gabh? Faodaidh a bhi gur e so an taigse mu dheireadh a ni E gu bràth air Fein dhuibh; faodaidh e bhi gu’m feum an t-aonadh a bhi air a dheanamh a nis, na nach bi gu bràth; uime sin dùinibh a stigh Ris a nis, gabhaibh Ris a nis air a chumhachan Fein, Aon a tha gu cinnteach airidh air gabhail Ris air gach aon chor.
(R’a leantuinn)