(Air a leantuinn bho t.d. 121)
II. Tha E coinneachadh ri t-fhalamhachdan uile, agus a deanamh ullachadh beannaichte air an son.
Is e àite an fhir a bhi coinneachadh ri uile fhalamhachdan a mhnatha, agus a bhi deanamh ullachadh air a son. Agus a’ nì a tha Criosd a deanamh air son a cheile; tha E deanamh “a reir a shaoibhreas ann an gloir.” Tha falamhachdan aca-san, agus tha lánachd Aige-san; tha feuman aca-san agus tha lánachd Aige-san; agus tha E toirt as a lánachd-san a dh’ionnsuidh am falamhachdan-san, agus gu saor a comphàrtachadh an dara aon ris an aon eile.
Gu firinneach tha sinn lán de fhalamhachdan dheth gach seorsa, falamhachdan anns an anam, agus falamhachdan anns a chorpa. Tha sinn “dòruinneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd.” Tais. iii, 17. Seadh, tha ar falamhachdan dhe leithid de ghné, agus a teannachadh cho mòr oirne, agus, maille ris a mhac struidheal, gu’m bheil sinn eadhon a bàsachadh le gort. Lucas xv, 17. Tha eadhon na naoimh fein ‘n an sluagh bochd agus ainniseach. Isaiah xli, 17. Nis, cia mar is urrain na falamhachdan sin a bhi air an lionadh? Is ann a mhàin le Criosd, agus a mhàin dùinn a stigh Ris agus lionaidh E na h-uile ni gu pailte. Bithidh e mhàin ‘n a latha pòsaidh eadar Criosd agus thusa, agus tha t-fhalamhachdan uile air an lionadh gu siorruidh. Is firinn e gu’m bheil Criosd ‘n a uile; is E’n Uile Mhòr E, mar a tha aon àraidh ag ràdh Ris, tha neamh agus talamh, ùine agus siorruidheachd, gràs agus glòir uile anns an aon Chriosd.
Tha E coinneachadh ri feuman spioradail a cheile. Am bheil thu ‘g iarruidh beath? “An ti aig am bheil Criosd tha beatha aige, I Eoin v. 12. Am bheil thu’g iarruidh gràs? Dùinn a stigh ri Criosd agus bheir E dhuit gràs, pailteas de ghràs. Eoin i, 16. Am bheil thu’g iarruidh sìth? Dùinn a stigh ri Criosd, agus bheir E dhuit sìth. Eoin xiv, 27. Am bheil thu’g iarruidh neart agus fireantachd; fireantachd air son t-fhireanachadh, agus neart air son naomhachadh agus ùmhlachd? Dùinn a stigh ri Criosd, ni Esan ann an am iomchuidh do lionadh le aoibhneas agus comhfhurtachd, bheir E comhfhurtachd do bhur cridheachan. II Tes. 16, 17.
Coinnichidh E ris gach uile fhalamhachdan bho’n leth a muigh a tha air a cheile, agus sin air son nach bi easbhuidh aon nì math oirre, Salm xxxiv, 10. Cha bhi easbhuidh aon nì math air bith oirre bho’n leth a muigh, ach na bhiodh na bu bhuannachdail dhoibh a bhi as eugmhais na gu’m faigheadh iad e. Is firinneach, gu’m faod iad, agus gu tric a bhitheas iad, as eugmhais a bhi air bheag comhfhurtachd bho’n leth a muigh; ach gidheadh tha aca ann an sin mòran ann am beagan, mòran gràidh, mòran beannachd, mòran de Chriosd agus de’n chùmhnant, agus uime sin tha’m beagan a tha aca, air a ràdh gu’r “fearr beagan aig an duine ionraic na saoibhreas mhòrain dhroch dhaoine.” Salm xxxvii, 16. Maille ri sin, a’ nì sin anns am bheil iad air an gearradh goirid ann an nithibh aimseireil, tha Criosd gu bitheanta dha dheanamh suas dhoibh ann a’ nithibh spioradail. Tha iad bochd anns an t-saoghal so, ach “saoibhir ann an creidimh, agus ‘n an oighreachan air an rioghachd, a gheall e doibh-san a ghràdhaicheas e.” Seumas ii, 5. Cha’n eil mòran aca anns na sruthain, ach tha barrachd aca anns an tobar; barrachd gràidh, agus co-chomunn nì’s mìlse ri Criosd. Ann am focal, ge b’e is urrain neamh agus talamh a thoirt seachad, cho fad ‘s a tha iad a cur feum air, bithidh e aca: “Bheir an Tighearna gràs agus glòir: cha chùm e maith air bith uatha-san a ghluaiseas gu h-ionraic.” Salm lxxxiv, 11.
O! co nach dùineadh a stigh ris a Chriosd so? Anam ca’r son a tha thù seasamh a mach bh’uaith? Am bheil aon ann is urrain t-fhalamhachd an a lionadh ach Esan? Am bheil aon ann is urrain beatha a thoirt dhuit, agus sìth, agus maitheanas, agus fireantachd, agus slàinte, ach Esan? Na, am b’fhearr leat bàsachadh ‘n a t-uireasbhuidhean na tighinn a dh’ ionnsuidh an Tobair so gu bhi air do lionadh? Am b’fhearr leat a dhol a dhìth ann a d’ bhochdainn na tighinn a dh’ionnsuidh an ionmhais so gu bhi air do dheanamh saoibhir?
III. Leighisidh E do lotan, agus leighisidh E do ghalairean uile.
Is E an Leigh dha cheile, agus a leithid de Leigh; is ged a bhiodh a chreuchd cho domhain ‘s a b’urrain dhìth bhi, agus an galair cho uamhasach ‘s a b’urrain dha bhi, gidheadh cha’n fhàilnich E ann a bhi ‘g oibreachadh leighis dhìth. O! cia mar a bu chòr dha so ‘ur tàladh dha Ionnsuidh. Tha againne, a mbuinntir mo ghràidh, ar lotan cho math ri ar falamhachdan, tha sinn làn ghalairean agus euslaintean anama. Is firinn e, “Bho bhonn na coise gu ruig an ceann, cha’n eil fallaineachd ann: ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhta: cha do theannaicheadh ri cheile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad.” Isaiah i, 6. Tha aig na naoimh fein an leointean, seadh, leointean a tha iomadh uair “lobhta, breun,” mar a tha Daibhidh ag radh, Salm xxxviii, 5.
Da-rìreadh, tha iad buailteach a bhi faotainn lotan as ùr gach latha, lotan ‘n an gràs, agus lotan ‘n an sìth; lotan ‘n an comhfhurtachdan, agus lotan ‘n an coguisibh; lotan a tha cràiteach goirt, agus a bhitheas aig amaibh a sileadh, mar gu’n sileadh iad a dh’ionnsuidh a bhàis leo. Seadh, ach ni Criosd an lotan uile a leughas: agus na dean ach dùnadh a stigh Ris ann an cùmhnanta pòsaidh, agus leighisidh E do lotan-sa mar an ceudna, ge b’e air bith cò thù. Is Esan an Samaritanach math sin aig am bheil ola agus fion, fhuil agus a Spiorad gu bhi dha’n dòrtadh ann an creuchdaibh a shluaigh a chùm a bhi dha’n leigheas. “Le a chreuchdaibh-san shlànuiicheadh sinne.” Isaiah liii, 5. Tha fhuil agus a Spiorad ‘n an iochd-shlàninte shònraichte, a leighiseas na lotan is doimhne, agus na galairean is marbhtaich. Tha cheile dha fhaotainn mar so; “Aisigidh e m’anam, treoraichidh e mì air slighe na fireantachd air sgàth ainme fein,” tha Daidhbhidh ag ràdh, Salm xxiii, 3. Bha anam buailteach do iomadh galair agus anmhuinneachd, ach dh’aisig Criosd air ais e bh’uatha uile. Am feum sinn a ràdh, “Nach eil iochd-shlàninte ann an Gilead? nach eil leigh an sin?” Is cinnteach gu’m bheil. Da-rìreadh cha’n eil aon ach Criosd agus fhuil is urrain ar lotan a leigheas.
O anam, c’ar son nach eil thu dùnadh a stigh Ris a chùm agus gu’m biodh tì air do leigheas? Nach eil do lotan breun? Nach eil iad ullamh gu droch fhaileadh a bhi dhiubh agus lobhadh? Agus mar a leighis Criosd iad air do shon, nach fheum thù gu do-sheachainte bàsachadh dhiubh, agus a dhòl a dhìth gu bràth? Nach fheum thu bhi fullung gearradh a mach bho Dhia, gearradh a mach bho Chriosd, gearradh a mach bho neamh agus gach uile gu bràth? Agus an urrain thù bhi giulain a leithid sin de ghearradh a mach? Am bi thu riaraichte bàsachadh agus a dhòl a dhìth gu bràth, a roghainn air tighinn a dh’ionnsuidh Chriosd air son leighis?