Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1968 » December 1968 » POSADH AN ANAMA RI CRIOSD

POSADH AN ANAMA RI CRIOSD

Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 217)

2. Thug E buaidh air an fhéin air an son.

‘S e’n fhéin cho math ris a pheacadh ar namely mharbhtach. ‘S e so, da-rìreadh, namely a tha ro-dhlùth, agus anabharrach duilich a marbhadh; ‘s e so namely a tha sinn tuilleadh ‘us mall, iomadh uair, gu bhi marbhadh, agus gidheadh namely a nì call duilich oirne agus air ar sonas. Bithidh mì bitteanta a smuainteachadh air cainnte diadhair naomh agus foghlumaichtc; “O,” a deir e, “na’m bithinn am mhaighsteir air an iodhal tighe so mì féin, mo thoil féin, mo chuid féin, mo gheiread, mo chreideas, mo shocair, cia cho beannaichte ‘s a bhithinn! O tha sinn a cur feum air a bhi air ar saoradh bh’uainn féin, ni’s mothá na bho ‘n an glaodhaich a mach,” O’n iodhal bhreun mì féin! cuin a chi mì thù gu h-iomlan air do thilgeadh a mach, agus Criosd gu h-iomlan air a chur ‘n a t-àite!” Agus co aig am bheil eolas air bith orra féin nach faigh aobhar gu bhi glaodhaich a mach air an dòigh cheudna? O an féin so, an fhéin bhreun so, cia cho mòr an namely i! Seadh, ach thug Criosd buaidh oirre: agus le bhi dùnadh a stigh Ris, gheibh thù a lion beag ‘us beag i bàsachadh agus a tuiteam fodhad. Thuair Pol mar so e, “Tha mì air mo cheusadh maillle ri Criosd: gidheadh tha mì beo; ach cha mhise, ach Criosd a tha beo annam: agus a’ bheatha a tha mì nis a caitheamh ‘s an fheoil, tha mì g’a caitheamh tre chreidimh Mhic Dhé, a ghràdhaich mì, agus a thug e fein air mo shon.” Gal. ii. 20. Bha “mì” aige, an fhéin a bha riaghladh; ach tre Chriosd bha i air a ceusadh agus air a marbhadh air a shon, agus ‘n a fhear-buaidh thairis oirre.

3. Thug E buaidh air an t-saoghal air an son:

gabh an saoghal fodh bheachd air bith a thogras thù, agus tha e anns an dòigh so, na anns an dòigh ud eile, na namhaid do na naomh; daoine an t-saogail, na nithean an t-saoghail, gruaim an t-saoghail, brosgalan an t-saoghail, tha iad uile, air dòigh air chor-eigin, a cath ‘n an aghaidh, agus ‘n an naimhdean dhoibh. Tha’n saoghal, cho math ris a pheacadh agus an fhéin, ‘n a namhaid dhoibh, ach cheannsaich Criosd so mar an ceudna, agus thug E buaidh air dhoibh; dh’innis E’n uibhir so dhoibh a chùm an comhfhurtachd fodh’n a trioblaidean a tha iad ri bhi coinneachadh ris bh’uaith’. “Ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t-saoghal.” Eoin xvi. 33. Tha E’g ràdh, nì a tha gabhail a stigh ann, gu’m bheil an saoghal ‘n a namhaid dhuibh, ach ‘s e namhaid air an deachaidh buaidh a thoirt a th’ann; nì e trioblaid dhuibh agus cuiridh e’n ar ‘n aghaidh, ach cha bhi e comasach air do ciùradh, oir thug Mise buaidh air dhuibh. Agus mar a thug E buaidh air dhuinne mar sin nì E comasach sinne, air dhuinn dùnadh a stigh Ris tre chreidimh, buaidh a thoirt air an t-saoghal; mar sin tha I Eoin v. 4. “Agus is i so a bhuaidh a bhuadhaicheas air an t-saoghal, eadhon ar creidimh-ne.” Cha’n urrain an saoghal a ghnàth a bhi’n sàs anns na naoimh.

4. Thug E buaidh air an diabhol, seadh air a h-uile diabhol ann an ifrinn air an son.

‘S e namhaid nan naomh a th’anns an diabhol, agus da-rìreadh namhaid ro-chumhachdach; an namhaid a tha “mar leomhan beuchdach, ag imeachd mu’n cuairt a’ sireadh co dh’fhaodas e shlugadh suas.” I Pead. v. 8. Tha e seolta, cumhachdach, gamhlasach, an-iodhdmhor, agus ‘n a namhaid nach gabh a bhi air a sgitheachadh: ach cumhachdach ‘s mar a tha e, thug Criosd buaidh air air an son; uime sin tha e air a ràdh gu’n do sgrios E’n diabhol; ghabh E co-roinn de dh’fheoil agus de dh’fhuil, “chùm tre’n a bhàs gu’n claoidheadh e esan aig am cumhachd a bhàis, ‘s e sin, an diabhol.” Eabh. ii. 14, agus gu’n do chreach E uachdaranachdan agus cumsachdan, agus gu’n d’rinn E ball-sampuil dhiubh gu follaiseach air a chrann, a deanamh buaidh-chaithread os an ceann. Col. ii. 15, dha’n tarruing aig rothan a charbaid; mar a b’abhaist a bhi air a dheanamh aig amaibh le luchd-buaidh ris a mhuiintir air an d’thug iad buaidh. ‘S e suim so, gu’n d’thug E buaidh gu h-iomlan agus gu glòrmhor thairis air uile dhiabhuil ifrinn air son nan creidmheach: thug E buaidh orra eadhon a dh’ionnsuidh buaidh-chaithread. Thug Criosd buaidh air an diabhol air son a chéile uile, a thaobh a riaghladh, a rioghachadh, agus a chumhachd gu bhi toirt òrdan, agus bheir E, agus tha E toirt buaidh air mu dheireadh, agus sin gu bràth, a thaobh a bhuaireadh, a shàruchadh, agus a chumhachd gu bhi mealladh. “Agus bruthaidh Dia na sithe Satan fodh ‘ur casan gu h-aithghearr.” Rom. xvi. 20. An ùine ghoirid, anam, cha sàruich an diabhol thu nì’s mothà, cha chuir e dragh ort nì’s, mothà, cha chuir e campar ort nì’s mothà le a bhuaireidhean.

5. Tug E buaidh air a bhàs air an son.

‘S e nàmhaid a th’anns a bhàs, agus is e a’ nàmhaid dheireannach a tha gu bhi air a sgrìos; Mar sin tha’n t-Abstol ag innse dhuinn. I. Cor. xv. 26, agus, ann fein, air a mheas ‘n a nàmhaid eagalach, is e “righ nan uamhas,” Iob xviii. 14. Ach thug Criosd buaidh air an nàmhaid sin air son a chuid fein uile; thug E air falbh a chumhachd uile gu bhi marbhadh, a ghath agus a mhallachd, ionnan ‘s gu’m faod iad buaidh-chaithream a thogail gu naomha thairis air, agus a dheanamh ‘n a mhasladh. Rinn an t-Abstol so; “Shluigeadh suas,” tha e’g ràdh. ” am bàs le buaidh. O bhàis, c’ait am bheil do ghath? O uaigh, c’àite am bheil do bhuaidh? Is am peacadh gath a bhàis: agus is e neart a pheacaidd an lagh: ach buidheachas do Dhia, a tha toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearn Iosa Criosd.” I. Cor. xv. 54-57. O ciod e’n iollach-bhuaidh a tha e deanamh an so thairis air a bhàs tre’n a bhuaidh a thuair Criosd thairis air dhà! Gu cinnteach tha’n nàmhaid so cho mòr air a bhuaidh fhaotainn thairis air Leis-san dhoibh, agus gu’m bheil e air tighinn da-rìreadh gu bhi ‘n a charaid dhoibh; agus faodaidd iad. ‘n uair a tha iad ann an spiorad ceart, a ghabhail ‘n an glacaibh mar sin, agus fadachd a bhi orra air a shon. Thug Criosd le a bhàs an gath as a bhàs, agus air sheol eigin thug E air a bhàs sguir a bhi’n a bhàs. Mar so thug Criosd buaidh air uile nàimhdean a shluaigh, agus air dhoibh a bhi air an deanamh ‘n an aon Ris ann an cùmhnanta pòsaidh, is e a bhuaidhean-san am buaidhean-san; agus tha iad ‘n an luchdbuaidh thairis air na h-uile nì, Ann-san; agus O cia cho milis agus cho misneachail agus a tha so! agus cia mar a bu chòr dhà anamaibh a chosnadh gu bhi dùnadh a stigh Ris! Anam bhochd, thà thù dha t-fhaicinn fein air do chuartachadh le nàimhdean, thà thu air do chruaidh-theannachadh air gach laimh; thà legionan do dh’anamiannaibh agus do dhiabhoil dlùth, maillè ris an fhéin, am bàs, agus an saoghal, agus a seasamh a mach ‘a d’ aighaidh; agus thà thù bitteanta a glaodhaich a mach, mar a bha Daibhidh ann an seadh eile, “Agus thà mise an diugh anmhunn ged a tha mì ùngta am righ; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon.” II. Sam. iii. 39. seadh, thà thù ullamh gu ràdh mu’n timchioll mar a thuirt esan aig amaibh, ‘n a eas-creidimh, mu Shaul, “A nis tuitidh mi là éigin an laimh Shauil.” I. Sam. xxvii. 1. Mo thruaighe cha’n eil annam ach creutair lag gu’n seadh, agus thà mì euomasach air a bhi greimeachadh ris an aon is lugha dhe mo nàimhdean uile; agus cia mar uime sin a sheasas mi an aghaidh mo nàimhdean uile? Gu cinnteach theid mo sgrios leo mu dheireadh. Uime sin, anam, biodh fios agad air son do mhisneachaidh, gu’m bheil do nàimhdean uile air buaidh a thoirt orra le Criosd, agus ged a tha iad tuilleadh ‘us làidir air do shonsa, gidheadh cha’n eil iad tuilleadh ‘us làidir air son Chriosd gu greimeachadh riutha, agus dha do dheanamh-sa ‘n a t-fhear-buaidh thairis orra. ‘N uair a chunnaic òglach an fhàidh ciod e’n fheachd mhòr agus chumhachdach a chuartach am baile, ghlaodh e mach, “Mo thruaigh, a mhaighsteir! cionnas a nì sinn?” agus ciod e freagradh a mhaighsteir dhà? “Na biodh eagal ort; oir is lionmhoire iad a thà leinne na iadsan a thà leo-san.” II. Righ. vi. 15, 16. Uime sin, anam bhochd, ‘n uair a bheir thù fa’n ear ciod e na nàimhdean mòr agus cumhachdach a thà dha do chuartachadh air gach laimh, thà thù glaothaich a mach ri aon as deigh son: Mo thruaigh, a dhuine, ciod a nì mì? Ach theirinn riut mar a thuirt am faidh r’a òglach; Na biodh eagal ort, tha barrachd maillle riut-sa ‘s a tha leo-san; Thè Criosd maillle riutsa, gu bhi cath agus a toirt buaidh air na h-uile air do shon-sa; uime sin, bì misneachail, thoir thù fein suas Dhà; agus tha bhuaidh leat-sa gu siorruidh thairis air a pheacadh, an fhéin, an saoghal, am bàs, an diabhol. O, co aige nach biodh a leithid so do dh’Fhear-pòsda?

(R’a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice