Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1969 » January 1969 » POSADH AN ANAMA RI CRIOSD Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672) (Air a leantuinn bho t.d. 252)

POSADH AN ANAMA RI CRIOSD Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672) (Air a leantuinn bho t.d. 252)

VII. Bheir E’n aire do’n cuisean uile agus cuiridh E air adhart iad.

Is e àite an fhir-phòsda an aire a thoirt agus a bhi cur air adhart cuisean a mhnatha, agus cùram gu nàdurra a ghabhail dh’ise agus dha’n a bhuineas dhith. Agus mar so tha e thaobh Chriosd: cuiridh E air adhart cuisean a shluaigh uile, agus sin air neamh, agus air an talamh, agus ‘n an anamaibh fein.

1. Bheir E’n aire agus cuiridh E air adhart dhoibh an cuisean uile air neamh.

Tha’n cuisean glé mhòr air neamh, tha an gnothuch ann an sin mòr; agus tha Criosd am Fear-pòsda a toirt an aire dha uile, agus dha chur air adhart dhoibh uile, agus sin gu dìleas. Da-rìreadh chaidh E’n sin le rùn a bhi giùlain air adhart an gnothuichean dhoibh; uime sin thà e air a ràdh nach deachaidh E stigh do’n ionad naomh làmh-dheanta, ach do neamh féin, gu bhi seasamh an làthair Dhé air an son. Eabh. ix. 24. Bh’uaithne so, mar an ceudna, tha e air a ràdh dha’n taobh gu’r E’m Fear-tagraidh maillle ris an Athair air an son, I. Eoin ii. 1. Tha E tagradh ris an Athair air an son. Am bheil tagradh aca r’a chur suas ris an Athair air son an tròcair so na’n tròcair ud eile? Tha E dha chur suas air an son: gabhaidh E an ùrnuighean, agus crathaidh E orra fhuil Féin, nì E cùbhraidh iad le deagh fhàile a thùis Féin, agus an sin bheir E dh’ionnsuidh an Athar iad le làimh Féin, Tais. viii. 3. Tha sinne ag ùrnuigh gle bhristeach, ach càirichidh E ar ‘n ùrnuighean, seadh, bitheanta, cha’n urrain sinn ùrnuigh a dheanamh; ‘n uair nach urrain sinn labhairt air ar son fein, labhraidh E air ar son, agus roghnaichidh E ar tagraidhean dhuinn. Am bheil coireachan agus casaidean air a thoirt a stigh ‘n an aghaidh, aon chuid le Satan, fear-casaid nam bràithrean, na lagh agus ceartas Dhé a tha gach latha air fhoireigneadh agus air a bhriseadh? Tha Criosd a tighinn ‘s an eadruiginn air an son, tha E freagairt na h-uile nì; tha E cronachadh Shatain, Sech. iii. 2. Anns a cheud àite thà sinn a factainn Iosuah ‘n a sheasamh an làthair aingeal an Tighearna, agus Satan ‘n a sheasamh aig a làimh dheis gu cur ‘n a aghaidh; agus aig rann 2, thà sinn a faotainn Chriosd a’ geur-chronachadh Shatain air son a chasaid: “Agus thuirt an Tighearna ri Satan, Gu’n deanadh an Tighearna do chronachadh, O Shatain; gu’n deanadh an Tighearna a roghnaich Ierusalem, do chronachadh: nach aithinne e so, air spionadh as an teine.” Agus mar a tha E cronachadh Shatain, mar sin thà E riarachadh lagh agus ceartas an Athar; mar sin thà e air a ràdh gu’m bheil E deanamh eadar-ghuidhe air an son, agus sin a chùm tilgeadh bun os ceann gach casaid is urrain lagh agus ceartas a chur a stigh ‘n an aghaidh, Rom. viii. 33, 34. An do pheacaich iad, agus am bheil iad a cur feum air maitheanas as ùr, am bheil iad a cur feum air gu’m biodh nithean air an cur ceart agus còmhnaidh eadar Dia agus iadsan as ùr? So, mar an ceudna, nì Criosd air an son; “Ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maillle ris an Athair, Iosa Criosd am firean: agus is esan an iobairt-reitich air son ar peacaidhean, agus cha’n ann air son ar peacaidhean-ne a mhàin, ach mar an ceudna air son peacaidhean an t-saoghail uils.” I. Eoin ii. 1, 2. Am feadh a tha iad, tre pheacadh agus tre bhuaireadh, a peacachadh air an talamh, tha Esan, a mach as a ghràdh mòr, a tagradh ris an Athair air an son ann a’ neamh: mar so tha E a cuimhneachadh an cuisean uile air an son ann a’ neamh.

2. Tha E cuimhneachadh agus a cur air adhart air an son an cuisean uile air an talamh.

Tha aig na naoimh an gnothuichean agus an cùraman a’ measg dhaoine air an talamh cho math ri an gnothuichean air neamh maillle ris an Athair; agus nì Criosd mar am Fear-pòsda na gnothuichean sin a chur air adhart dhoibh mar an ceudna. Da-rìreadh tha E ghnàth cuimhneachail orra, agus ag oibreachadh air an son gu bhi deanamh maith dhoibh agus gu bhi coilionadh gach nì a bhuineas dhoibh: uime sin tha E ‘g ràdh, “Thà m’Athair ag oibreachadh gus a nis, agus thà mise ag oibreachadh.” Eoin v. 17. Thà mì ghnàth ag oibreachadh a chùm bhur maith. Am bheil eucoir air a dheanamh orra agus iad air an geur-leanmhuinn le nàimhdean? Diolaidh E an eucoirean uile; uime sin thà e air a ràdh gu’m bheil E smachdachadh “rìghrean air an son.” Salm cv. 14. Agus ann an àite eile, gu’m bheil E tagradh an cuis an aghaidh a’ nàimhdean, agus nithean mar sin. Am bheil iad a cur feum air saorsa agus slàinte a mach as an trioblaidean agus an truaighean? Bheir E slàinte dha’n ionnsuidh Isaih 1 xiii. 9. Am bheil iad a cur feum air companas agus stiùradh tre an doilgheadasan agus am buairidhean ann am fasach an t-saoghail? Treoirichidh agus stiùraidh E iad; tha E treor-achadh Joseph mar threud. Salm ixxx. 1. Agus an àite eile: “Fior-theagaigsidh mì thù, agus nochdaidh mì dhuit an t-slighe air an tigeadh dhuit triall; seolaidh mì dhuit le m’shùil.” Salm xxxii. 8. Thà E dha’n giùlain tre an teannachaidhean agus an duilgheadasan uile; agus eadhon ‘n uair is mothà thà de choltas Air a bhi dha’n dì-chuimhneachadh, eadhon an sin tha E ghnàth cuimheachchail orra, agus air gach nì a bhuineas dhoibh: oir ghearr E iad air dearnaibh a làimhe, agus tha am ballachan ‘n a fhianuis a ghnàth; agus sin ged is tric a their iad, “Threig an Tighearna mì, agus rinn mo Thighearna mo dhì-chuimhneachadh.” Isaih xlix. 14.

3. Cuimhnichidh agus reitichidh E gach nì a bhuineas dhoibh ‘n an anamaibh fein.

Thà aig na naoimh iomadh nì mòr agus cudthromach rì bhi air an cuimhneachadh an taobh a stigh dhiubh, nithean anns am bheil riatanas mòr, agus n’an robh iad ri bhì air an reiteachadh agus air an cuimhneachadh leo fein, cha deanadh iad ach obair bhochd dheth. Ach O! nì Criosd am Fear-pòsda iad so uile a chuimhneachadh agus a reiteachadh dhoibh mar an ceudna air an son; Agus gu cinnteach cha’n urrain iad a dhol air seacharan ‘n a làimh-san. Tha E toirt dhoibh a Spiorad gu bhi’g oibreachadh an oibre uile annta, agus air an son. Tha E gabhail beachd air ciod e’n gràs, a’ neart, a chomhairle, a chomh-phàrtachd a thà iad a seasamh ann am feum air, agus le a Spiorad tha E frithealadh n’an uile dhoibh: uime sin thà e air a ràdh gu’m bheil E toirt dhoibh gràs agus tròcair “chùm cobhair ann an am feum.” Eabh. iv. 16. Lòn ’n a àm, agus a bhi araon ’n a Cheannard agus n’a Fhear-criochnachaidh an creidimh. Eabh. xii. 2. Thà E cuimhneachadh agus a toirt fa’n ear cia mar a tha’n obair mhòr a dol air adhart ’n an anamaibh, agus gabhaidh E cùram dhe a soirbheachadh agus a deanamh iomlan. O cia mar a bu chòr dha sa ar tarruig gu Criosd, agus ar misneachadh gu bhi gabhail ri taigseachan a ghràidh!

VIII. Thà E toirt dhoibh còir air beatha mhaireannach agus air glòir.

B’abhaist do na fir còir a tharruig suas air son a mnathan, a bha toirt seilbh dhoibh air a leithid so a dh’fhearuiinn agus oighreachdan. Mar sin tha Criosd a toirt còir dhà cheile ann a nì nach lugha na beatha shiorruidh agus beannachd. Tha E deanamh thairis còir mhòr dhoibh; glòir, cudthrom de glòir, “tròm chudthrom glòir,” II Cor. iv. 17, oighreachd nan naomh ’s an t-solus, Col. I. 12., oighreachd neo thruaillidh” I. Pead. i. 4. Rioghachd, rioghachd shiorruidh, rioghachd air a h-ullachadh mu’n do leagadh bunaitean an domhain, Mata xxv. 34. “Crùn na beatha,” Tais. ii. 10., “crùn fireantachd,” II Tim. iv. 8.; crùn glòir air nach tig smal, na sheargas. I Pead. v. 4. ’S e’n fhirinn a th’ann, tha E dha’n sgeadachadh le a shaoibhreas uile, ionmhasan, uraman, maillle ri uile shochoairean a thighe, leis gach nì a cheannaich E le fhuil, le uile bheannachdan a ghràidh, le uile ionmhasan neamh, maillle ri uile ghlòir na siorruidheachd. Gach nì a tha’s a ghealladh, gach nì a tha’s a chùmhnant, gach nì a thà an comhairle ghlòrmhor an taghaidh, gach nì a tha an làthair-eachd Dhé, ann an gnùis Dhé, is urrain broilleach Dhé a thoirt seachad; gach nì is urrain cridhe Dhé a thoirt, is urrain cridhe Dhé a dheilbh, is urrain cumhachd Dhé a thoirt air adhart, na’s urrain fuil Dhé a cheannach, ann an sin thà Criosd a toirt còir dha shluagh. O dhaoine, cia mòr a bu chòr dha so ar tarruig gu Criosd, agus ar misneachadh gu bhi gabhail ri taigseachan a ghràidh! An fhiach neamh agus beatha nì air bith? Am bheil uile ghlòir na siorruidheachd gu’n luach air bith? O. cà sibhse gu’m biodh Criosd toileach ’ur cur a stigh ann an so uile? Annaibh fein tha sibh a luidhe ann an uchd agus am broilleach ifrinn, ’n ’ur n’oighreachan air fearg agus diteadh, ann an cunnart gach tiota a bhi tuiteam anns an t-slochd ifrinneil: ach feuch! tha Criosd a tighinn dha’r n’ionnsuidh; agus ma ghabhas sibh Ris, bheir E dhuibh còir ann a’ beatha agus beannachd, còir na leithidean sin agus nach faca sùil, agus nach cuala cluas, agus nach d’thàinig e an cridhe duine a bhreithneachadh. I. Cor. ii. 9. Gabhaibh E, uime sin, thà mì guidhe oirbh, ann bhur dlùth ghlacaibh.

Mar so chì sibh, ann an tomhas, na nithean mòr a tha Criosd a deanamh air son a cheile: a nis an gabh sibh Ris, na nach gabh? Nach fhaod mì ràdh rìbh mar a thuirt Saul aig amaibh r’a sheirbhisich? “An toir mac Iese achaidhean agus fion-liosan, agus an dean e sibh uile ‘n ‘ur ceannardan air mhltean, agus ‘n’ur ceannardan air cheudan?” I Sam. xxii. 7. Mar sin, an toir peacadh, na an saoghal, na an lagh, ris am bheil sibh gu nadurra pòsda, a leithid de nithean mòr dhuibh ‘s a bheir Criosd? Am pàigh iad so bhur fiachan dhuibh, an coinnich iad ri’r feuman, an leighis iad bhur lotan dhuibh, agus an leithidean sin? An dean iad so bhur maith siorruidh cinnteach dhuibh, agus an dean iad sona sibh ‘s an t-saoghal ri teachd, mar a nì Criosd? Mo thruaigh! cha’n urrain iad aon dhiubh so a dheanamh dhuibh: O dùinnibh, dùinnibh uime sin ri Criosd, is urrain agus a tha toileach so uile a dheanamh dhuibh.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice