Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 277)
3. Gniomh striochdaidh agus ùmhlachaidh.
Mar ann an obair creidimh tha’n t-anam mar so a roghnachadh Chriosd agus a taiceachadh Air, mar so mar an ceudna tha e le Spiorad Dhé air a dheanamh gu toileach agus gun agadh air bith, a bhi dha liubhruigeadh fein Dhà, gu bhi air a riaghladh, air a stiùradh, agus air a chleachdadh Leis mar is àill Leis. Tha’n t-anam a nis dha chur fhein a mach as a chùmhachd agus a sheilbh fein, tha e dha chur fein thairis bh’uaithhe fein, agus tha e dha thoirt fein suas do chùmhachd agus do sheilbh Iosa Criosd, a chùm a bhi air a riaghladh, air a stiùradh, agus air a thearnadh Leis mar a chì E gu h-iomchuidh; nì is e gu ceart an gniomh creidimh sin ris an abair sinn striòcadh, agus sin tha’n a Sgriobturan gu tric a togail;
“Their am fear so, Is leis an Tighearn mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iacoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a laimh do an Tighearna, agus sloinnidh se e fein air ainm Israeil.” Isaiah xlv.5. ‘s e sin, bheir se e fein, na striòcaidh se e fein do’n Tighearna gu bhi Aige gu bràth, a chum a bhi dha’n cleachdadh.
Mar sin, “Thug siad iad fein air tùs do an Tighearna, agus ‘n a dheigh sin dhuinne a reir toile Dhé.” II. Cor. vii. 5.
Agus ann an Ephes. v. 24. tha e air a ràdh mu’n eaglais gu bheil i umhail do Chriosd. Tha chuis coltach ri bhi mar so — Air do iomadh cùmhnanta a dhol seachad gu bhi toirt air adhart a phòsaidh so eadar Criosd agus an t-anam, tha’n t-anam mu dheireadh, tre chòmhnadh an Spioraid Naoimh, air a thoirt gu saor gu bhi’g aontachadh a bhi gabhail Chriosd mar aon Cheann agus Fhear-pòsda, agus a bhi umhail Dhà anns na h-uile nì, gu bhi gu h-iomlan agus gu siorruidh a deanamh a thoile. Ie e chainnte a nis ri Criosd, a nì a labhair Ahab ri Benhadad, “A reir t-fhocail mo Tighearn a Righ, is leat mise, agus gach nì a tha agam.” I Righ xx. 4. A Thighearn Iosa, tha’n t-anam ag ràdh. Cha bhi mi beo air mo shon fein, agus chaith mi mo bheatha air mo shon fein, agus a chùm mo chriochan fein; ach a nis tha mì miannachadh a bhi leat-sa agus a bhi beo ann a’d’ thoil-sa, agus a chùm do chriochan-sa; gabh seilbh orm, saor mi, bi riaghladh thairis orm, treoirich mi, dean rium mar is àill leat; dean do thoil uile annam, tarruig sios mì agus cuir suas a’ nì is àill leat, bithidh mi, agus nì mi, agus fuilingidh mi a’ nì is àill leat mi bhi, agus a nì is aill leat mi dh’fhulung. Agus is e so gu ceart an gniomh creidimh sin, leis am bheil, sinn a dùnadh ri Criosd mar Thighearn agus mar Righ, oir is e so gu cinnteach fianuis na firinn a th’anns na dhà a tha dol air thoiseach; oir feumaidh sibh a thuigsinn ged tha ceud shealladh creidimh ag amharc ri Criosd mar Shlànughear, gidheadh tha e tighinn gu bhi’g amharc Air mar Tighearn agus mar Righ mar an ceudna. Mar a tha creidimh gu h-uile a taiceachadh air riarachadh Chriosd, mar sin tha e gu saor a cromadh do shlait rioghaill Chriosd; seadh, ‘n uair nach urcreidimh còir agradh ann an Criosd mar Shlànughear, gideadh aidichidh e Criosd mar Thighearn. Tha fhios agaibh mar a labhair Laban ri seirbhiseach Abraham ‘n uair a chunnaic e sealladh air na cluas-fhàinneanan agus na seudan a thug e da phiuthar, Rebecca, agus air cluinntean dha a chòmhradh rithe bh’uaithhe fein, thubhairt e, “Thig a steach, thusa a tha beannaichte o’n Tighearna; c’uime a sheasas tu a muigh? Oir dh’ullaich mise an tigh, agus àite do na càmhail.” Gen. xxiv. 31. Anns an doigh cheudna tha’n t-anam a labhairt ri Criosd, ‘n uair a gheibh e sealladh air an luachmhorachd a th’ Ann, agus am feum sin a tha aige-san Air. Thig a stigh, Aon bheannaichte an Tighearna, thig a stigh Aon bheannaichte an Tighearna, c’ar son a sheasas tu muigh? Tha àite agam Dhuit ann a’m’ thuigse, agus ann am thoile agus ann am aignuidhean; agus ‘s e mo mhiann gu’n sealbhaicheadh Tù na h-uile, agus gu’n riaghladh Tù na h-uile. Ann am focal, tha’n t-anam gu saor dha thoirt fein suas do riaghladh naomh agus spioradail Chriosd. Is e Criosd naomh a tha annad, tha e’g ràdh, a tha dol a riaghladh, agus tha mi dha mo liubhraigeadh fein suas Dhuit, cha bhi tighearna eil agam ach Thusa; gabh an righ-chathair uile a tha’n taobh a stigh dhiom Dhuit Fein, tha fios agam gu’m bheil do chuing na cuing a tha so-iomchair, agus tha mi miannachadh a bhi dha giùlain; is slat ro-chothromach slat do rioghachd-sa, agus tha mi miannachadh a bhi cromadh dhi; ‘s e do rioghachd-sa rioghachd fireantachd, sìth, agus aobhneas anns an Spiorad Naomh, agus tha mi bho mo chridhe a miannachadh a bhi tighinn fodh a cumhachd. Bu mhiann leam a bhi air mo naomhachadh cho math ri bhi air m’fhìreanachadh; tha mi miannachadh gu’m biodh do Spiorad a ceannsachadh mo thruaillidheachdan air mo shon, agus dha mo naomhachadh cho math ri t-fhuil gu bhi glanadh air falbh mo chionta air mo shon, agus dha mo dheanamh taingeil dhuit Fein. Agus is e so fosgladh nan geatachan agus togail suas nan dorsan siorruidh, gu bhi leigeil a stigh Chriosd Righ na Gloire. Salm xxiv. 7. Mar so, leis na trì sin, nithean da-rìreadh is iad gniomharan aonaidh mòr a chreidimh leis am bheil an Spiorad Naomh a deanamh an anam comasach air a bhi dùnadh a stigh ri Criosd ann an daimh agus ann an cumhnant pòsaidh.
V. Air bhi do’n anam mar so air a dheanamh comasach air a bhi creidsinn, agus mar sin a bhi dùnadh a stigh ri Criosd ann an cumhnanta posaidh, an sin, mar chrùn agus iomlanachd na h-uile, tha Spiorad beannaichte Dhé a togail aite còmhnuidh, agus a fuireach gu bràth anns an anam sin mar gheall agus ceangal siorruidh an aonaidh agus an daimh pòsaidh a tha eatorra.
Cha’n e mhàin gu’n tig an Spiorad milis mar charaid gu bhi reiteachadh air son a phòsaidh, agus mar an ceudna gu bhi ceangal an snaim phòsaidh eadar Criosd agus sinne; ach a thuilleadh air sin, air dha so a bhi air a dheanamh, tha e Fein a fuireach anns an anam mar chomharradh gràidh bho Chriosd Dhà, mar earlas air a phòsadh so, agus mar an geall siorruidh agus an daingneachadh air an aonadh phòsaidh agus an daimh so. Bh’uaithne so tha’n nì a tha aig an Abstol,
“Ach an tì a tha ceangailte ris an Tighearna, is aon spiorad ris e.” I. Cor. vi. 17.
Aon spiorad ris an Tighearna tha e ceangailte Ris; an Spiorad sin a cheangail e ri Criosd, tha e fuireach araon annsan agus ann an Criosd, air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil Aige-san agus aca-san an aon Spiorad a gabhail còmhnuidh annta; gidheadh leis an eadar-dhealachadh so, tha E gabhail còmhnuidh ann an Criosda gun tomhas, annaine ann an tomhas; ann an Criosd, do-bhrigh an aonaidh phearsanta, annaine le a thiodhlacan agus a ghràsan; ann an Criosd mar an Ceann, annaine mar na buill, agus so, gu dearbh, a nì a tha deanamh an aonaidh so cho laidir agus cho eucomasach a bhi air a bhriseadh, agus nach gabh e gu bràth a bhi air a bhriseadh: seadh, cha’n e mhàin gu’m bheil e fantuinn anns an anam mar gheall agus mar bhann an aonaidh so, ach mar an ceudna gu bhi’g uidheamachadh agus a sgeadachadh an anama le gràs, agus dha dheanamh ullamh gu bhi coilionadh a phòsaidh shuas. Tha fhios agaibh ‘n uair a chunnaic seirbhiseach Abraham gu’n d’aontaich Rebecca a bhi ‘n a bean do Isaac, ann an sin thug e dhi “seudan airgid agus seudan òir, agus aodach,” Gen. xxiv. 53. Mar sin air do Spiorad beannaichte Dhé aonta an anama a chosnadh gu bhi pòsda ri Criosd, agus an snaim pòsaidh a bhi air a cheangal catorra, a nis tha e gabhail còmhnuidh anns an anam gu bhi dha uidheamachadh agus dha sgeadachadh; nis tha E toirt dha seudan òir agus airgid, dha uidheamachadh agus dha dheanamh maiseach leis gach uile ghràs diadhaidh agus neamhaidh. Tha E gabhail còmhnuidh ann mar thobar agus mar fhuaran nach gabh a bhi air a thraoghadh de gach gràs agus gach togradh gràsmhor, gus an cuir e gu sàbhailte ann an gairdeanan agus am broilleach Fhear-pòsda shuas. Mar so, tha mu dheireadh, an daimh pòsaidh air a dheanamh suas eadar Criosd agus an t-anam. Agus, O! cia cho beannaichte agus a tha’n t-anam a tha mar so air a phòsadh Ris. Faodaidh mi ràdh r’a leithid sin a dh’anam, Beannaichte gu’n robh ‘n latha air an d’rugadh thu; beannaichte gu’n robh a bhrù a ghiùlain thu agus na ciochan a dheothail thu:
An soisgeul beannaichte a dh’fhoillsich an Criosd milis so dhuit, agus an Spiorad beannaichte a cheangail an snaim sona so eadar Esan agus thusa.
(R’a leantuinn)