(Air a leantuinn bho t.d. 315)
II. Is ann mar so a tha cridhe Chriosd, agus mar so air a shuidheachadh air pòsadh ri peacaich, gu’m bheil E gu ‘ur milis dha ioraslachadh Fein a chum an tâladh, agus a tagradh riutha air son an gràidh agus an gabhail Ris. Na’m faiceadh sibh duine leis an
uile dhùrachd agus thagradh ag oidheirpeachadh a bhi cosnadh oigh agus a nochdadh a gràidh dhith, dha leantuinn latha an deigh latha le taigseachan agus tagraidhean as ùr, nach tigeadh sibh a dh’ionnsuidh a cho-dhunaidh gu’n robh a chridhe gu mòr air a shuidheachadh air pòsadh rithe. Agus nach eil e mar so maille ris an Tighearn Iosa a thaobh pheacaich bhochd? Nach eil E dha’n tàladh, agus a nochdadh a ghràidh dhoibh, agus sin leis an uile dhùrachd agus thagradh drèiteach, dhà’n leantuinn le taigseachan agus tagraidhean as ùr bho latha gu latha? A nis, tha E coinneachadh riutha aig an òrdugh so, agus an sin tha E dha’n tàladh agus a nochdadh a ghràidh dhoibh; a ris, tha E coinneachadh riutha aig an àrd-ùrlar ud agus an sin tha E dha’n tàladh agus a nochdadh a ghràidh dhoibh. A ris, tha E cur a theachdairean, agus leo-san tha E dha’n tàladh, agus a nochdadh a ghràidh dhoibh: a ris, tha E cur a Spioraid, agus Leis-san tha E dha’n tàladh agus a nochdadh a ghràidh dhoibh. Mar so tha E anns gach dòigh, aig gach uile chothrom, dha’n tàladh. Agus ann a bhi da’n tàladh, cia cho dùrachdach ‘s a tha E dha’n gairm agus dha’n cuireadh dh’a ionnsuidh Fein! Cha’n e taigse fhuar, na gluasad fann a tha E deanamh dh’an ionnsuidh, ach tha E gluasad agus a taigse, a gairm agus a cuireadh leis an uile dhùrachd agus thagradh; “Hò gach neach air am bheil tart, thigibh-se chùm nan uisgeachan;” Isaiah lv. 1. Agus a ris, “Tha’n Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an ti a chluinneas, Thig. Agus an neach air am bheil tart, thigeadh e. Agus ge b’e neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.” Tais. xxii. 17.
Cia cho làidir ‘s a tha E tagradh agus a reusanachadh a ghnothuich riutha! Tha Criosd, cha’n e mhàin a gairm agus a cuireadh, ach tha E mar an ceudna a tagradh agus a reusanachadh ri peacaich anns a chùis, agus sin anns an dòigh is milse agus leis na h-argumaidean is cudthromaich ‘s urrainn a bhi; “Hò gach neach air am bheil tart, thigibh-se chùm nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgiod, thigibh ceannaichibh, agus ithibh; Seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgiod agus gun luach, fion agus bainne. C’ar son a tha sibh a’ caitheadh airgiod air nì nach aran? Agus ‘ur saothair air nì nach sàsuich? Eisdibh le deach aire riumsa, agus ithibh a nì a tha maith; agus gabhadh ‘ur n’ anam toilinntinn ann an cuilm shòghmhor. Aomaibh ‘ur cluas, agus thigibh a m’ionnsuidh-sa; eisdibh agus mairidh ar n’ anam beo; agus nì mì ribh coimheangal siorruidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.” Isaiah lv. 1-3. Agus a ris, “Pillibh, pillibh. o ‘ur droch shlighibh, c’ar son a bhàsaicheas, sibh, O thigh Israel?” Esec. xxxiii. 11. Cha’n eil tlachd air bith agam ‘nur damnadh, ach bu roghnaiche leam gu’n tigeadh sibh ‘a m’ionnsuidh agus gu’m biodh sibh beo. C’ar son a bhàsaicheadh sibh? Nach fhearr
beatha no bàs? Nach fhearr neamh no ifrinn? Nach fhearr gràdh na ana-miann? nach eil sòlasan mo làthaireachd-sa, a tha gu siorruidh aig mo dheas-laimh. ni’s fearr na sòlasan a pheacaidh, nach eil ach re seal, seal goirid? C’ar son a bhàsaicheadh sibh? Nach eil ioc-shlàinte ann an Gilead? nach eil lèigh an sin? Nach eil Mise comasach air tearnadh a dh’ionnsuidh a cheum is fhaide mach? Agus nach eil mo ghairdeanan fosgailte farsuinn gu bhi gabhail ribh? Nach d’fhuair mise bàs air son an dearbh chrich so, gu’m biodh sibh-se beo? Amhaircibh, ann an so tha m’fhuill, ann an so tha mo lotan; feuchaibh mi anns a gharadh, agus faicibh mi dòrtadh m’fhola air bhur son. Faicibh mi air a chrann agus faicibh mi dòrtadh m’fhola, seadh, a dòrtadh m’fhola gu bàs air bhur son; agus an sin am faigh sibh bho ‘ur cridhe mo dhiùltadh ni’s fhaide? A dh’aon fhocal, nach cailleadh sibh ‘ur n-uile chostas agus ‘ur n-uile shaoithir? Am biodh sibh air son a bhi mealtuinn maith, a’ maith is fearr, a’ maith is mò tha bheir de shàsuchadh? Am bheil ‘ur n-inntinn a chum beatha, agus am bu mhaith leibh ‘ur ‘n anamaibh a bhi beo bu bràth? Am bheil inntinn air bith agaibh a chum mo chùmhnanta, agus uile shaibhreasan agus ionmhasan a chùmhanta sin? an sin gabhaibh rium agus ri mo ghràdh, anns am bi agaibh na h-uile nì.
Cia cho milis ‘s a tha E leaghadh, agus cia cho tais ‘s a tha innigh a gluasad dh’an ionnsuidh agus thairis orra! Tha E tighinn dh’an ionnsuidh, cha’n e mhàin le cuiridhean air a bhilean, ach mar an ceudna le deòir ‘na shùilean, agus truas maoth ‘na chridhe, gu làidir ag oibreachadh dh’an ionnsuidh. Nis tha E gul, an sin tha E’g osnaich; nis tha E deanamh osna, an sin a’ silleadh deur; agus so uile gu bhi ‘g an tàladh dh’a Ionnsuidh Fein. “A Ierusalem, a Ierusalem, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear a t’ionnsuidh, cia minic a b’aill leam do chlann a chruinneachadh r’a chéile, mar a chruinnicheas cearc a h-eoin fo a sgiathan, agus cha b’aill leibhse.” Mata xxiii. 37. Tha bhi’g ainmeachadh an ainm da uair a nochdadh doimhne a ghràidh agus a thruais dhoibh. Agus smuaintichidh mi gu’m bheil mi faicinn cia cho maoth ‘s a tha cridhe mo Thighearna gràdhach agus a tha E leaghadh agus eadhon a sileadh fola thairis air a chaithir mhì-chreidmheach so, agus tha so a’ gabhail a stigh ann uile pheacaich mhì-chreidmheach dha bheil E dha thairgse Féin; tha E air a leaghadh gu deòir air an son, mar tha e agaibh ann an Lùcas xix. 41, 42. Ann a Mata tha E mhàin ag osnaich, ann an Lùcas tha E’n da chuid a gul agus ag osnaich: tha againn ann an so Aoibhneas na talmhuinn uile a’ gul agus ag osnaich, agus sin thairis air Ierusalem, a chaithir fhuileachdach, caithir a bha dòrtadh fuil nan naomh, agus caithir a bha tartmhor an deigh ‘fhuil Féin, caithir a bha làn de aingidheachd, làn de dhìmeas air a shoisgeul, a ghràs, agus a shlàinte.
Cia cho saor agus cho follaiseach agus a tha E dha fhoill-
seachadh agus dha thairgse Féin dhoibh! An tairgse a tha Criosd a deanamh air Féin cha’n eil crioch orra, ach ‘s e th’innte ach tairgse a tha coitchionn agus farsuinn do’n a h-uile; ni mò tha ‘s e tairgse a th’innte a tha air cùmhachan cruaidh agus geur; ach air cùmhachan gràis agus gràidh; “Seallaibh rium-sa, agus bithibh air ‘ur tearnadh, uile iomalla na talmhuinn; oir is mise Dia, agus cha’n eil atharrachadh ann.” Isaiah xlv. 22. “Ho! gach neach air am bheil tart, thigibh-se chùm nan uisgeachan.” Isaiah lv. 1. “Thigibh a m’ionnsuidh-sa, sìbhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.” Mata xi. 28. “Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e a m’ ionnsuidh-sa, agus òladh e.” Eoin vii. 37. “Feuch, tha mì a’m sheasamh aig an dorus agus a bualadh: ma dh’eisdeas neach sam bith ri m’ ghuth, agus gu’m fosgail e’n dorus, thig mì a steach da ionnsuidh, agus gabhidh mi mo shuipeir maille ris, agus esan maille rium-sa.” Tais. iii. 20. Agus a ris. “Agus ge b’e neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.” Tais. xxii. 17. Gabhaibh beachd, na h-uile, gach aon dhiubh, gach neach leis an àill, a dh’aindeoin cho salach agus cho peacach, a dh’ aindeoin cho dubh agus cho leithsgeulach, ged a bhiodh e’n a namhaid cho uamhasach dhomh agus dha mo ghloir. Is cinnteach, is cinnteach, mar a biodh a chridhe gu mòr anns a gnothuch cha tairgeadh Se E Féin cho saor agus cho neo-chriochnach.
Cia cho gràdhach ‘s a tha E tagradh agus a cur ìmpidh orra! Cha’n urrainn an leanabh maoth agus critheanach a bhi ni’s mò a tagradh agus a cur ìmpidh air an Athair so air am bheil campar air a chur, a chaomhnadh agus a bhi air a dheanamh rèidh ris, na tha Criosd ag asluchadh agus a tha tagradh ri peacaich a tha toirt oilbheum Dhà a bhi air am pòsadh Ris, agus a bhi air an deanamh sona Leis gu bràth; “Uime sin is teachdairean sinn air son Chriosd,” a deir an t-Abstol, “mar gu’n cuireadh Dia ìmpidh leinne: tha sinn a guidh oirbh as uchd Chriosd, bithibh reidh ri Dia.” II. Cor. v. 20. Gabh beachd tha’n so ùrnuigh agus asluchadh, Tighearn na glòir, mar gu’m b’eadh, air a ghlùinean, ri peacaich bhochd, a tagradh riutha a bhi gabhail Ris agus r’a ghràdh; “Tha sinn a guidh oirbh as uchd Chriosd;” ‘s e sin, cha’n e sinne, ach Criosd troimhinn, a tha’g ùrnuigh agus ag asluchadh ribh. O ciod e’n ìoraslachadh a tha’n sin!
(R’a leantuinn.)