Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 343)
Aon uair eile. Cia cho milis agus a tha E dha’n tarruig agus dha’n tâladh! “Tarruing mì,” a deir a chéile, “A’d’ dhéigh ruithidh sinn.” Dàn. i.4. Agus da-rìreadh tha E tarruing agus a tâladh anamaibh, agus sin le mìllseachd iongantach. “Tharruing mì iad le còrdaibh duine, le ceanglaichibh gràidh, agus bha mì dhoibh mar neach a thogas dhiubh a chuing air an giallaibh, agus chuir mì sios biadh dhoibh.” Hosea xi.4. Nis tha E cur a mhaise, a shaoibhreas, agus a ghloir fa’n comhair, a chùm an tarruing agus an tâladh leoth; an sin tha E sileadh beagan mill air làmhan na glaise; tha E toirt dhoibh beagan blas agus faireachadh air a ghràs agus a ghràdh, leis am bheil E dha’n tarruing agus dha’n tâladh. A nis tha E cur on céill a ghràidh dhoibh gu milis; tha E’g innse dhoibh cia cho mòr ‘s a tha chridhe air a leagail orra, ciod e na nithean mòr a rinn agus a dh’fhuiling E air an son; agus nach eil nì Aige anns an amharc air an son ach an deanamh sona gu bràth. An sin the E leigeil fhaicinn dhoibh cia cho neo-chrioch-nach sona ‘s a dheanadh aonadh pòsaidh agus co-chomhmun Ris iad tha E leigeil a stigh pladhaidhean de neamh agus de ghloir orra; tha E fosgladh suas ionmhasan a chùmhanta agus a rioghachd dhoibh; agus so uile a chùm an tarruing agus an tàladh dha ionsuidh Féin. Agus thairis agus os ceann so uile, tha E’n tràth-sa agus a rithisd a tighinn, mar gu’m b’eadh, agus a toirt an anam an leth-taobh. agus le guth caol cuinn a Spioraid, a nochdadh a ghràidh dhoibh. Thig anam bhochd, tha E’g ràdh amhaire air do Shlànughear a tha dòrtadh fhala agus a tha bâsachadh; thig, faic ciod a rinn Mi, agus ciod a dh’ullaich mù air do shon, faic ciod e’n a h-ionmhasan beatha agus gràidh, gràs agus gloir a tha annam. Faic ann an so mo ghràdh, blais agus faic, nach eil e nì’s fearr na fion; so mo bhroilleach, faic gur e th’ann ach broilleach blàth. Thig anam, cha’n eil gràdh agad dhomhsa, gidheadh, tha gràdh agam-sa dhuit-sa, agus bu mhaith leam do dheanamh sona gu bràth. C’ar son uime sin a sheasadh tì aig a leithid de dh’astar bh’ uamsa? Mar so tha E gu milis dha’n tàladh agus a tagradh riutha air son an gràidh agus an gabhail Ris. Nis, anam, am bheil E mar so dha do thàladh, agus an diùlt thù E? Ma bhitheas e mar so, biodh fhios agad, nach bì aimsir gràidh ann a ghnàth; seadh, gu’n tig an t-am, ged a ghlaodhas tì agus a dh’eughas tì gidheadh nach eisd esan. Leigibh dhomh, uime sin, a ràdh ribh mar a tha Pòl ag ràdh ris no Corintianaich, tha sinn a guidh oirbh “gun sibh a ghabhail gràis Dhé gu diomhain.” II Cor. vi. 1.
III. Mar so tha cridhe Chriosd, agus mar so tha e air a shuidheachadh air pòsadh ri peacaich, nach e mhàin gu’m bheil E mar so dha’n tàladh, ach mar an ceudna gu’m bheil E feitheamh fada air an son, gu tric ag ath-nuadhachadh a thaigseachan gràidh dhoibh, agus a cur suas le tâmailtean gràineil agus brosnachaidhean aig an làmhan, na’m b’e agus mu dheireadh gu’m buadhaicheadh E orra. Smuaintichibh nach e mhàin gu’n gràdhaicheadh duine neach, ach g’um feitheadh e fad air a shon ann an taigseachan a ghràidh; agus ged a choinnicheadh ri iomadh tâmailt agus mi-choibhneas bh’uaithe, theireadh sibh gu’n robh so a foillseachadh gu’n robh a chridhe gu mòr air a chuidheachadh air, agus nach eil e mar so a thaobh Chriosd agus peacaich bhochd? Oh! cia cho fad agus a tha E feitheamh air an son! cia cho tric agus a tha E’g ath-nuadhachadh taigseachan a ghràidh dhoibh! agus ciod e na tâmailtean, na maslaidhean, agus na mi-choibhneas an a tha E fulung aig an làmhan. “Feuch, tha mì a’m’ sheasamh aig an dorus, agus abualadh.” Tais. iii. 20. ‘S e th’ann an seasamh ach suidheachadh anns ar bheil neach a feitheamh: cha’n eil Criosd a toirt glaodh, na buile, aig dorus cridhe a peacaich, agus a falbh; nì-headh, tha E seasamh agus a bualadh, tha E toirt gairm an deigh gairm, buile an deigh buile, air Dhà bhi ghnàth ullamh gu dol a stigh, ma dh’fhosglas an t-anam idir Dhà. Mar sin, mar an ceudna, “Shìn mì mach mo làmhan fad an là ri sluagh ceannairceach a tha gluasad ann an droch shlighe, a reir an innleachdan fein; sluagh a tha an còmhnuidh ‘g am bhrosnachadh gu feirg ri m’ aghaidh.” Isaiah lxxv. 2, 3. Rôm. x. 21. “Re an latha gu h-iomlan,” shin mi mach mo lamhan, dh’fhosgail mi gairdeanan agus broilleach mo ghaoil, agus sin do sluagh ceannairceach agus a labhras a’m aghaidh, sluagh a tha labhairt a’m aghaidh, a tha ceannairceach, a tha seasamh a’m aghaidh, a tha diúltadh, a tha cur a’m aghaidh, sluagh a tha dha mo bhrosnachadh ri m’aodan gach lath; sluagh a tha gach latha dha mo luchdachodh le am peacaidhean agus am brosnachaidhean; sluagh nach leig dhomh aon latha gun tâmailt a thoirt dhomh, agus sin ri’m aodan, sluagh a tha gach latha a toirt dûbhlan dhomh an damanadh. Oh! ciod e’n fhoghaidean a tha’n so? Mar so tha e ann a’ Mata xxxiii. 37, A Ierusalem, a Ierusalem, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear a t’ionnsuidh, cia minic a b’aill leam do chlann a chruinneachadh r’a a chéile, mar a chruinnicheas cearc a h-eoin fo a sgiathan, agus cha b’aill leibh-se. “Cha’n ann aon uair, na dhà, na deich uairean, ach ro-mhinic. Tha E ciallachadh gu’n do dh’fheith E fad air an son, agus gu’n do rinn E strì fhadh riutha, agus an deigh iomadh tâmailte agus diúltadh air an taobh-san, tha E fathasd dha thairgse Féin agus a ghràdh dhoibh. Agus mar so tha E fathasd dha ghiulain Féin a thaobh pheacach, tha E dha thairgse Féin agus a ghràidh dhoibh, ach cha ghabh iad Ris: tha E’g ath-nuadhachadh a thairgseachan, agus tha iadsan ag ath-nuadhachadh an diúltaidhean. Tha iad a diúltadh a ghràidh, gidheadh tha E fathasd a nochdadh a ghràidh dhoibh; tha E’g innse dhoibh na h-ullaichidhean mòr a rinn E, agus mar a tha na h-uile nì ullamh, agus cia cho di-bheathta a bhios iad tighinn a dh’ionnsuidh an t-suípeir-bhainnse; ach tha iad dha chur ann an suarachas, a roghnachadh nithean an t-saoghail so iar thoiseach Air-san agus na tha Aige. Mata xxii. 5. Gidheadh, fathasd, cha’n eil E fathasd dha’m fàgail, ach tha E cur a mach agus a gairm a rithisd, a dh’aindeoin gach nì. Tha iad ann an seadh ag innse Dhà nach eil iad ag iarruidh aon chuid E Féin na a ghràs, gu’m b’fhearr leotha gu mòr a bhi sealbhachadh an ana-miannaibh na a ghràdh. Tha iad a mi-ghnàthachadh a ghràis, tha iad a deanamh dìmeas air a smachdachaidhean, tha iad a cur suarach a ghairmean, tha iad a cur an aghaidh a Spioraid-san. O ciod e na tâmailtean a tha’n sol agus an deigh so faodaidh e bhi, tha E’s ath-nuadhachadh a thairgseachan, dha chur, Féin agus a ghràdh aig an cosaibh, ma dh’fhaodas E fathasd an cosnadh Dhà Féin. Oh cia mòr ‘s a dh’fheumas a chridhe a bhi fathasd an geall air pòsadh riutha! anam leaghadh so thù ann an gràdh Dhà. O co sheasadh an aghaidh a leithid so de Thighearna, a leithid de Fhear-gràidh! Ciod e! gu’n tàladh agus gu’m feitheadh E cho fada, g’un cuireadh E suas le leithid, agus an deigh coinneachadh ri uibhir de thàmailtean, gu’m biodh E fathasd a nochdadh a ghràidh! An robh riabh gràdh coltach ri so, agus foghaidean coltach ri so?
(R’a leantuinn.)