(Air a leantuinn bho t.d. 57)
- An e meudachd agus an-tromaicheas do pheacadh agus do chionta? O mo pheacaidhean, mo pheacaidhean, a deir an t-anam bochd, thà iad do-labhairt lionmhor, agus do-labhairt mòr; tha iad lionmhor agus mòr annta fein, agus tha iad air an còmhdaich
le iomadh an-tromachadh mòr. ‘S ann ainneamh a tha iad anns an t-saoghal a pheacaich anns an tomhas anns an d’rinn mise; uime sin tha cagal orm nach aidich Criosd gu bràth mise, a chùm mo thabhairt a stigh do leithid do dhaimh ris Fein. Seadh, biodh e mar sin, gidheadh biodh agad fios nach seas so eadar Criosd agus thusa, ma thà thù toileach a bhi air do pòsadh ris. Gheall E bhi maitheadh pheacaidean mòr, agus a bhi gabhail, a dh’aindeoin pheacaidean mòr, ma’s e’s gu’m bi an t-anam ach toileach. “Thigibh a nis, agus tagramaid r’a cheile, deir an Tighearna; ged robh ‘ur peacaidean mar an scàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcur, bidh iad mar olainn.” Isaiah i, 18. Ged a thà do pheacaidean mar scàrlaid agus mar chorcur, ‘s e sin, ged a tha iad mòr, salach, ‘n am peacaidean do-labhairt mòr; peacaidean a thà de nàdur an-tromaichte agus a glaothaich a mach, agus air an còmhdaich le iomadh uamharachd, gidheadh, bithidh iad geal mar shneachd agus mar olainn, ‘s e sin, bidh iad gu h-iomlan air an toirt air falbh agus air a’ maitheadh, agus mar nach biodh iad riamh ann. A ris, ann an Isaiah xliii. 24, tha E labhairt air cuid a thug Air seirbhis a dheanamh maille ri’m peacaidean, agus a sgithich E le’n lochdan. Is cinnteach gu’r e peacaich mhòr a bh’annta so, agus bha’m peacaidean de nàdur an-tromaichte; agus, gidheadh, aig rann 25, ciod e’n gealladh làn air maitheanas a tha E deanamh dhoibh? “Is mise, mise fein, csan a dhubhas t’euceartan as, air mo sgàth fein; agus do lochan cha chùm mi air chuimhne.” Anam bhochd, ciod a their mi? An do pheacaich thu gu ro-mhòr? ‘N do chuir thu peacadh ri peacadh? Gheall E maitheanas gu pailte, agus a bhi cur maitheanas ri maitheanas. Isaiah lv. 7. Am bheil thù ciontach de gach scorsa peacaidh? Agus ri do pheacaidean eile ‘n do chuir thu toibheum? Gheall E gu’m faigh gach seorsa peacaidh agus toibheum maitheanas ach toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, nì tha do ghearaìn air meudachd do pheacaidean a dearbhadh nach eil thu ciontach dheth. Mata xii. 31. O anam na bì air do mhi-mhisneachhadh a thaobh meud do pheacaidean: tha Criosd a pòsadh anamaibh, cha’n ann a chionn nach eil iad ‘n am peacaich, ‘n am peacaich mhòr, ach tha E dha’m pòsadh a chùm bhi toirt air falbh am peacaidean, agus a bhi dha’n saoradh bh’uatha gu bràth. Agus mar is mothà bhios do pheacaidean, is ann is mothà bhios glòir gràs Chriosd, a nì a tha shùil air, ann a bhi gabhail a leithid ‘s a thà thusa ann, a stigh ann an daimh cho dlùth agus cho glòrmhor ris Fein ‘s a tha so ann. A thuilleadh air so, ciod a nì thù ri do pheacaidean mòr, mar a teid thù leo a dh’ ionnsuidh Chriosd? Tha peacaidean mòr a dearbhadh feum mòr air Criosd, agus a gairm air son cabhag mhòr gu Criosd.
- An e dimeasan agus diùltaidhean air do thaobh-sa anns
an àm a chaidh seachad? Faodaidh e bhi nach e mhàin gu’m bheil do pheacaidhean lionmhor agus mòr, ach tha so air a chur ris a chuid eile, diùltaidhean fad agus lionmhor air Criosd agus air a ghràdh. Ghairm E bitheanta ach cha d’thug thusa freagradh Dhà; bha E fada dha do thàladh, ach cha do dh’aontaich thù Leis: O an iomadh gairm mhilis, taigseachan gràsmhor, ìmpidhean gràdhach a rinn E riut, agus air an d’rinn thù dìmeas! Agus tha so a cur eagal ort, nach bì nis gnothuch air bith Aige riut. Agus gu cinnteach anam tha so duilich, ro-dhuilich; agus le so chaill Criosd mòran glòir, a dh’fhaodadh tì thoirt dhà ionnsuidh; le so chaill thusa mòran de cho-chomunn milis a dh’fhaodadh tì shealbhachadh; le so bha cridhe Chriosd gu mòr fodh dhoilgheas, a dh’fhaodadh a bhi air a sheachnad; agus le so tha’n obair air a deanamh nì’s duilich a deanamh na bhiodh i ‘s an toiseach, air bhi do d’ chridhe air fàs nì’s cruaidh, agus do thruailidheachdan air fàs nì’s treise. Mar so tha e, anns gach dòigh gle dhuilich, gu’n d’rinn thù dìmeas mar so agus gu’n do dhiult thù Criosd. Ach gidheadh cha seas so eadar E agus thusa, ma’s e agus gu’m bheil thù toileach a bhi air do pòsadh Ris. Air son so, faic Gnàth. i. 20-23, “Tha gliocas ag eigheach a muigh, anns na sràidibh tha i a cur a mach a gutha; ann an àitibh sònruichte a chomh-chruinneachaidh thà i ag eigheach, ann am fosgladh nan geatachan; anns a’ bhaile tha i a’ cur a mach a briathran, ag ràdh, cia fhad a dhaoine baoghalta, a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? agus a ghabhas luchd-fochaid tlachd ‘n am fochaid, agus a bheir amadain fuath do eolas?” Pillibh ri m’ achmhasan: feuch, dòirtidh mì mach mo spiorad dhuibh; ni mì aithnichte mo bhriathra dhuibh.” Tha mì guidhe oirbh, thaig Criosd E Fein, agus a ghràdh dhoibh ach dhiùlt iad Esan agus a ghràdh; seadh, dhiùlt iad E re ùine fhad, agus dhiùlt iad E le mòran tarcuis. “Cia fhad a dhaoine baoghalta a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd.” Chuir iad an suarachas taigseachan Chriosd agus a gràdh; agus gidheadh ann an so tha E’g athnuadhachadh na taigseachan so dhoibh, anns am bheil E’g innse dhoibh nach bu chòr do na diùltaidhean sin seasamh anns an rathad air Esan a bhi gabhail riutha, ma’s e agus gu’m bheil iad toileach gabhail Ris: “Pillibh ri m’achmhasan, feuch dòirtidh mì mach mo spiorad dhuibh.” Agus anam, nach eil a chuid is moth a diùltadh re ùine fhad, agus a seasamh a mach gu fada an aghaidh taigseachan Chriosd agus a ghràs, ma’s duinn iad a stigh Ris, muinntir, gidheadh, a thà air gabhail riutha Leis? Na bì, uime sin, anam bhochd, air do mhi-mhisneachadh, do bhrigh do dhìmeas agus do dhiùltadh air Criosd, ach tilg thù fein ann an gairdeanan a ghràidh, a gheibh thù gu cinnteach fosgailte gu farsuinn a chùm do ghabhail agus gabhail riut.
- An e ceannairc agus cùl-sleamhnachadh air do thaobh-sa
bh’uaithé? Theagamh gu’n robh thù aig amaibh, air do shlighe gu Criosd, cuid de dh’oibríbh, cuid de rùinntinn math agus do dh’aignuidhean an taobh a stigh dhiot air a shon. Seadh, agus rinn the seorsa de aideachadh Air. Bha thù aig amaibh air ti pilleadh, seadh, cha mhòr air dünadh a stigh ri Criosd; agus cha mhòr nach robh’n pòsadh air a dheanamh eadar Esan agus thusa. Agus, gidheadh, an deigh so uile, rinn thu ceannairc agus chûl-sleamhnaich thù bh’uaithé, a deanamh striopachas ri iomadh leannan, nì a tha toirt ort a bhi fodh eagal gu’n diùlt Esan thù na’m b’e agus gu’n rachadh tì dha ionnsuidh. Agus is firinn e, gu’m bheil so uile gle dhuilich; oir le so bha Criosd gu mòr a faotainn eas-urram, agus bha t-anam gu mòr air a chur an cunnart. Ach fathasd na bì air do mhì-mhisneachadh, oir cha seas so eadar Criosd agus thusa, ma thà thù fathasd toileach a bhi air do phòsadh Ris. Tha Criosd dha thaigse Fein agus a ghràs dha leithidean sin; tha E gealltuinn a bhi leigheas an cûl-sleamhnachaidhean; “Ach rinn thusa striopachas le mòran leannan; gidheadh pill riùmsa a ris, deir an Tighearna.” Ier. iii. 1, agus rann 12. “Pill, O Israel chûl-sleamhnach, deir an Tighearna, agus cha leig mì mo choruich ort; oir tha mise tròcaireach, dei an Tighearna, cha ghleidh mì m’fhearg gu bràth.” Mar sin ann aì Hosea ii. 19, “Agus pòsaidh mì rium fein thù gu bràth; seadh, pòsaidh mì rium fein thù ann am fireantachd, agus ann an ceartas, agus ann an caoibhneas, agus ann an caomh-ghràdh.” Thù! Cò? Sluagh cho ceannairceach agus cho cûl-sleamhnach ‘s a bha riamh anns an t-saoghal; mar sin gheibh sibh ann an toiseach na caibdeil. Tha dòchas, chì sibh uime sin, do cheannaircich agus do luchd cûl-sleamhnachaidh; uime sin na bì air do mhì-mhisneachadh, ach rach dha ionnsuidh agus cha tilg E mach thù.
(R’a leantuinn)