Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 89)
Seadh anam, tha’n so misneachd gu leoir air do shon, a dh’aindeoin cho salach, peacach, agus neo-airidh ‘s a thà thusa. Agus gu bhi cur nì’s mothà ri do mhisneachd fathasd, biodh fhios agad gu’n do ghabh Criosd aireamh mhòr sluaigh a bha anns gach dòigh cho salach, peacach, agus neo-airidh ‘s a thà thusa. Ciod a thà thù smuainteachadh de Mhanasseh, a bha ri druidheachd, agus ‘n a fhear iodhol-aoraidh? Ciod a thà thù smuainteachadh de Phòl a bha’n a fhear-geur-leanmhuinn agus na fhear labhàirt toibheum? Ciod a thà thù smuainteachadh mu Mhuire Magdalen anns an robh seachd deamhainn? Ciod a thà thù smuainteachadh mu Ràhab a bha na striopaich? Ciod a thà thù smuainteachadh mu’n àireamh mhòr dhiubh-san a cheus Criosd, ach an deigh sin a chreid? B’e peacaich mhòr a bha annta-san uile, ach gidheadh ghabh Criosd iad ann an gairdeanan a ghraidh. Ciod a thà thù smuainteachadh de’n chùnntas dhubh de pheacaich ann a’ measg nan Corintianaich, a thà air an ainmeachadh ann an I Cor. vi, 9. 10, a bha na’n luchd-striopachais, na’n luchd-iodhol-aoraidh, na’n luchd-adhaltranais, na’n luchd-macnais, na’n daoine a tha cionntach do neo-ghloine mhì-nàdùrra, na’n gaduichean, na’n daoine sanntach, na misgeirean, na’n luchd-anacainnt, na’n luchd-fòirneirt, na’n seorsa sin? Ciod a thà thù smuainteachadh do’n mhùinntir a bha “eu-céille, eas-umhail, air seacharan, a deanamh seirbhis do iomadh gné ana-miann agus an-toilean, a caitheamh am beatha ann a mì-rùn agus am farmad, fuath-thoillteanach agus a toirt fuath da chéile?” Titus iii, 3. Is cinnteach gu’m bheil iad so cho salach, cho peacach, cho neo-luachmhor ‘s a thà thusa, agus aig an robh uibhir gu seasamh eadar Criosd agus iadsan agus a tha agad-sa; agus gidheadh thuair iad gràs ann an sealladh Chriosd, air dhoibh amharc Ris. Dà-rìreadh cha’n eil anam a nis air neamh, nach robh a thaobh nàduir anns a h-uile rathad cho salach, peacach, agus neo-airidh air Criosd agus a thà thusa. Luidh iad anns an aon truaillidheachd, dh’aonagraich siad iad fein anns an aon pheacadh, bha iad air an lionadh leis an aon spiorad cur an aghaidh Dhé agus a dhòighean, agus a thà thusa a deanamh. Seadh agus bha àireamh do-labhairt dhiubh cho salach agus cho peacach ‘n an cleachdaidhean mar an ceudna agus a thà thusa; ghiùlain iad a mach peacadh agus naimhdeas a’ nàduir cho mòr ann an aghaidh Dhé agus Chriosd, agus a rinn thusa; agus gidheadh ghabh Chriosd riutha ar neo cha bhiodh iad ann a’ neamh. Ann am focal, ‘s e th’ann a’ neamh, mar a tha neach a toirt fa’n ear, tigh làn de mhiorbhuilean saor ghràs Chriosd. Tha Manassah iodhol-aodhrach, a’ measg fior luchd aoraidh Dhé. Tha Saccheus geur-leanmhuinneach a’ measg spioradan na’m firean air an deanamh foirfe. Tha Saul toibheumach a’ measg armailte de ainglean a toirt cliu, a moladh, agus a seinn halleluiah do Dhia agus do’n Uan. Agus an sin tha Muire Magdalen, aig an robh seachd deamhain, a’ measg naoimh an Tì is Airde, a tha air an lionadh eadhon gu cur thairis le seachd spioradan Dhé. O! cò, uime sin, a bhiodh air a mhì-mhisneachadh? Seadh, anam, cha’n eil t-uile shalchar, do pheacadh, do neo- airidheachd a deanamh, ach mar gu’m b’eadh, dha do dheanamh freagarach air son Chriosd agus a shaor ghràs. “Tha m’fhalamhachdan peacach agus mo neo-airidheachdan,” thà Rutherford ag ràdh, “dha mo dheanamh freagarach air son Chriosd agus a ghràs.” Tilg thu fein, uime sin, gu h-iomlan Air, a dh’aindeoin na h-uile nì, gu’n a bhi cur an teagamh gu’n gabh E riut.
VI. Is ann dhe leithid so a tha cridhe Chriosd, agus tha E air a shuidheachadh cho mòr air pòsadh ri peacaich, agus nach mòr gu’m bheil nì eile anns am bheil E gabhail tlachd agus a deanamh gairdeachas na ann am pòsadh eadar Esan agus iadsan: agus O, cia cho mòr a bu chòr dha so ar tarruing agus ar tâladh dha ionnsuidh! Na’m faiceadh tì duine òg a deanamh gairdeachas co-chcangailte ri pòsadh eadar e agus a leithid so de neach dha robh gràdh aige, dh’fhaodadh tì gu math tighinn a dh’ionnsuidh a cho-dhùnaidh gu’n robh a chridhe gu mòr air a shuidheachadh oirre. Agus nach eil e mar so ann an so? Tha Chriosd a deanamh gairdeachas ann an sealladh pòsaidh eadar E Fein agus peacaich; agus cia cho mòr ‘s a tha so a dearbhadh a chridhe a bhi anns a ghnothuch! So bheir mì dhuibh ann an trì nithean.
-
Is e so a’ nì anns a d’rinn E aoibhneas agus anns an do ghabh E tlachd bho’n uile shiorrruidheachd. An uibhir so tha E Fein ag innse dhuinn; “An sin,” ‘s e sin bho’n bhith-bhuantachd, “bha mise aige mar neach a dh’altrumadh maille ris; agus bu mhì a tlachd gach là, a deanamh gairdeachas ‘n a fhianuis an còmhnuidh; a’ deanamh gairdeachais anns a chuid a dh’àitichear d’a thalamh, agus mo tlachd maille ri cloinn nan daoine.” Gnàth. viii, 30, 31. ‘S e so briathran Chriosd agus annta tha E’g innse dhuibh c’ait an robh E, agus ciod a bha E deanamh bho shiorruidheachd; bha E maille ris an Athair, agus a deanamh gairdeachas ‘n a fhianuis: ach ciod anns an robh E deanamh gairdeachas? Gu cinnteach, an ath nì dha Athair agus dha Fein, bha ghairdeachas anns a chuid a dh’aitichear dhe’n talamh, agus bha a thlachd maille ri cloinn nan daoinne. Thug E tlachd dha Fein ann a bhi smuainteachadh air tearnadh pheacach, agus ‘n am pòsadh Ris Fein a chùm na criche sin. O cia mar a tha so a dearbhadh a chridhe a bhi anns a ghnothuch!
-
Mar a ghabh E mar so tlachd agus a rinn E gairdeachas ann a bhi smuainteachadh air roimh laimh; mar so ‘n uair, aig am air bith, a tha anam bochd gu h-achdaidh air a pòsadh Ris, an sin tha E deanamh gairdeachas as ùr, agus a faotainn tlachd as ùr. Uime sin tha latha a pòsaidh air ainmeachadh mar “latha subhachais a chridhe.” Dàin. iii, 11. Tha latha pòsaidh eadar Criosd agus peacaich bhochd ‘n a latha aoibhneis agus subhachais do’n Athair, ‘n a latha aoibhneis agus subhachais do’n Spiorad bheannaichte, ‘n a latha aoibhneis agus subhachais do’n a h-ainglean naomha, agus do spioradan nam firean air an deanamh foirfe; oir tha “aoibhneas air neamh air son aon pheacach a nì aithreachas, nì ‘s motha na air son naoi deug agus ceithir fichead firean, aig nach eil feum air aithreachas.” Lucas xv, 7. Ach thà e gu sònraichte ‘n a latha aoibhneis agus subhachais do Chriosd, am Fear Nuadh Pòsda. O ‘s e bhi faicinn peacaich bhochda tighinn a stigh agus dha’n toirt fein suas Dhà ann an cùmhnanta pòsaidh; is e so aoibhneas, fois, agus sàsuchadh anama: uime sin tha e air a ràdh, “De shaothair anama chì e, agus bidh e toilichte.” Isaiah liii, 11. Is doilgheas mòr agus trioblaid do Chriosd, a nì a tha leoin a dhearbh anam, air Dhà peacaich bhochd a thàladh, agus ann an deagh àm a bhi nochdadh a ghràidh dhoibh, gu’m bheil iad a dh’aindeoin so uile a cumail bh’uaitha, agus nach dùinn iad a stigh Ris ann an cùmhnanta pòsaidh; uime sin thà E gearain mar a tha E deanamh; “Gidheadh, cha’n àill leibh teachd a m’ionnsuidhsa, chùm gu’m faigheadh sibh beatha.” Eoin v. 40. “O Ierusalem, O Ierusalem, a mharbhas na fàidhean” Mata xxiii, 37. “Tha E labhairt ann an rathad gearaineach, agus mar neach a tha air a chràdh ‘n a chridhe a thaobh an dìmeas air; seadh, ‘s e so a’ nì a thug air a bhi gul mar a rinn E os ceann Ierusalem” Lucas xix, 41, 42. Feuch Aoibhneas na talmhuinn uile a gul! Agus c’ar son? Do-bhrìgh an diùltadh Air agus air a ghràdh, agus an sgrìos muladach a bha a tighinn orra air son ‘n an diùltaidhean so. Gu’n teagamh is e so a tha cur eas-urrain air ainm, agus a tha dòrtadh tarcuis air a ghràs, agus a tha ball-direach an aghaidh innleachd uile ann a bhi gabhail os laimh a bhi ‘n a Eadar-mheadhonair, agus mar sin nach urrain ach a bhi brònach Dhà. Mar sin air an laimh eile, ‘n uair a thig anamaibh gu saor a stigh, agus a bheir siad iad fein ann an daimh pòsaidh Ris, tha so a toirt aoibhneas agus subhachas dha chridhe. O cia mar a bu chòr dha so anamaibh a tharruig dha ionnsuidh! A pheacaich, c’ar son nach biodh an latha ‘n diugh ‘n a latha aoibhneis cridhe Chriosd le bhi ‘n a latha pòsaidh eadar Esan agus thusa? Chunnaic E iomadh latha bròin cridhe, agus trioblaid cridhe, thairis air do sheasamh a mach ‘n a aghaidh, agus a bhi diùltadh taigseachan a ghràidh: O leigibh Dhà a nis aon latha de dh’aoibhneas cridhe, agus subhachas cridhe, le bhi dùnadh a stigh Ris ann an cùmhnant pòsaidh.
(R’a leantuinn)