(Air a leantuinn bho t.d. 123)
- Mar a tha Criosd a gabhail tlachd agus a deanamh aoibhneas ‘n uair a tha anamaibh air m pòsadh Ris, mar sin air dhoibh a bhi air am pòsadh Ris, tha E gabhail tlachd agus a deanamh aoibhneas anns a phòsadh so gu bràth. Tha fir a pòsadh a leithid so na leithid siud, agus tha iad a deanamh aoibhneas anns an àm a tha làthair, ach cha mhair an t-aoibhneas. Tha e eadar-dhealaichte ri so a thaobh Chriosd, rinn E aoibhneas ann a bhi smuainteachadh air bho’n uile shiorruidheachd: tha E deanamh gàirdeachas ann am bith agus ann an criochnachadh a nì so agus nì E gàirdeachas ann an criochnachadh a’ nì so ann a’ neamh gu bràth. It firinn e, cha’n eil aoibhneas iomlan gus am bi am posadh iomlan; cha mho bhitheas aoibhneas aig crioch gus a chrioch sin, nì nach bì gu bràth, mar a nochdas sinn ‘n a aite fein. Mar so chì sibh ann an tomhas beag ciod e cridhe Chriosd, agus cia cho mòr ‘s a tha e air a shuidheachadh air a ghnothuch so, cho math ris ciod e ghné Fear-pòsda a th’ann, agus ciod e na nithean mòr a tha E deanamh air son a cheile uile. Agus a nis an deigh na h-uile nì, ciod a tha sibh ag ràdh? Am bheil sibh air son Chriosd na nach eil? An teid am pòsadh air adhart eadar Esan agus bhur’n anamaibh-se na nach teid? Anam ciod e’m freagradh a dh’fheumas mi thoirt do mo Tighearn agus do mo Mhaighsteir a chuir mì dha t-iarruidh? Cha’n eil ach ùine ghoirid gus an gairm E araon thusa agus mise gu cùnntas a thaobh na nithean so; agus feumaidh mise a ràdh, Tighearna, bha mi tâladh an anama ud dha t-ionnsuidh, chuir mi ìmpidh air a bhi air a phòsadh Riut; agus cho fad agus a bha mì comasach, nochd mì do mhaise, do shaoibhreas, do ghloir dhà. Dh’fhosgail mì do chridhe dhà, nochd mì do gràdh, agus cho toileach ‘s a thà Thu air gu’m biodh e air a phòsadh Riut, le dochas gu’n deanadh còrdan biodh e air a phòsadh Riut, le neart uile dh’asluich mì air, e fein a thoirt suas ann an cùmhnanta pòsaidh Riutsa. Seadh, agus ciod a shruth bh’uaithhe sin? Tighearna, shaothraich mì gu diamhain, agus chaith mi mo neart gu a ràdh, Tighearna, shaothraich mì gu diamhain, agus chaith mi mo meart gu diamhain, oir chuir e’n suarachas e uile, agus cha bhiodh gnothuch aige, aon chuid Riutsa na ri do ghràdh! O na cuiribh mì gu bhi toirt seachad am freagradh muladach so; a roghainn air a so biodh agam aobhar a ràdh, “Feuch mise agus a chlann a thug Dia dhomh.” Feuch bha’n t-anam so, agus an t-anam ud, agus iomadh anam air an cosnadh Dhuit-sa. Amen.
Caib. X. A tha seoladh anamaibh, agus a nochdadh dhoibh an rathad anns an urrain iad ruigheachd air a phòsadh mhilis agus bheannaichte so ri Iosa Criosd.
Pòsadh ri Criosd! Ciod e bu mhilse? Ciod e b’ion-mhiannaichte? Agus co a thuigeas e fein, nach miannaicheadh e, air thoiseach air nì air bith a bheir an saoghal seachad? Cha’n eil fear-pòsda coltach ri Criosd, agus cha’n eil sonas coltach ri pòsadh Ris. Ach is i a cheisd, Cia mar a ruigeas sinn air a so? Gu firinneach, anam, tha’n obair mòr, agus ‘s e’n Spiorad Naomh a mhàinn a ni, agus is urrain, a bhi ceangal an snaim-pòsaidh eadar Criosd agus thusa; ach tha E’g oibreachadh ann an so, cho math ri cuisean eile, ann agus tre bhi cur am feum mheadhonan. Agus tha iomadh nì gu sònraichte mar fhiachabh ortsa, agus a dh’fheumas a bhi air an deanamh leatsa, ma’s ruig thù gu bràth air eolas air a phòsadh bheannaichte so.
Am bu mhath leat a bhi air do phòsadh ri Criosd? Uime sin saothraich a bhi mothachail gu domhain air cho tur dhealaichte ‘s a thà thù bh’uaith, mar a tha thì thaobh nàduir; agus mar an ceudna do thraigh mhuladach a thaobh an dealachaidh so. ‘S e mothachadh domhain air ar dealachadh ri Criosd, agus air ar truaigh do bhrigh an dealachaidh so aon cheum math a dh’ionnsuidh aonaidh agus daimh pòsaidh Ris; agus, os eugmhais an aon, cha’n eil e coltach gu bràth gu’n ruig sinn air an aon eile. Deanamh saoithir uime sin air son so.
I. Deanamh saoithir gu bhi gu domhain mothachail air bhur dealachadh ri Criosd mar a tha sibh a thaobh nàduir.
Gu nàdurra tha sinn uile ‘n ar coigrich do Chriosd, ‘n ar coigrich do aonadh pòsaidh agus co-chomunn Ris. Cha’n aithne dhuinn ciod a tha nì air bith dhe so a ciallachadh. Mar a bhà e thaobh ‘n an Ephesianach, mar so thà e dha’r taobh-ne uile thaobh nàduir; bhà iad, agus thà sinne, “as eugmhais Chriosd, ‘n ur coimbich do chomh-fhlàitheachd Israel, agus ‘n ‘ur coigrich do choimh-cheanglaibh a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t-saoghal.” Ephes. ii. 12. Agus cha’n e mhàinn as eugmhais, fad air falbh bh’uaith, mar a tha e leantuin, rann 13. Faodaidh mì gu cìnnteach a ràdh ris gach duine agus bean ann an staid nàduir mar a tha Peadar ag ràdh ri Simon ann an cùis eile, “Cha’n eil agad cuid na crannchur ‘s a chùis so.” Gniomh. viii. 21. Cha’n aithne dhuit ciod a tha aonadh agus co-chomunn ris an Iosa mhilis so a ciallachadh. Seadh, cha’n e mhàinn sinn a bhi air ar dealachadh ri Criosd, ach, a bhàr air sin, air ar lionadh le naimhdeas Dhà, agus làn de fhuath agus de sheasamh a mach ‘n a aghaidh. Tha sinn, mar a tha mhuinntir a thà air an ainmeachadh ann an Lucas xix. 14, dha fhuathachadh agus a diùltadh gu’m biodh E rioghachadh thairis oirne. Gu nàdurra tha sinn ann an naimhdeas do Chriosd, agus dhà na h-uile nì is Leis; ann a’ naimhdeas dhà Phearsa, dhà làthaireachd, dhà Spiorad, dhà rioghachd, dhà laghannan, agus dhà òrduighean, dhà ghràsan, dhà fhìreantachd, agus dhà gach nì eile a bhuineas Dhà. Tha a Phearsa tuilleadh ‘us naomh air ar son, a làthair-eachd tuilleadh ‘us glan, a Spiorad ro-dhearbta, a rioghachd tuilleadh ‘us spioradail, a lagh agus òrduighean tuilleadh ‘us teann, a ghràs tuilleadh ‘us soilleir, fhìreantachd tuilleadh agus calg-dhìreach an aghaidh na fein; agus mar sin tha fuath againn do na h-uile nì, agus naimhdeas againn do na h-uile nì, seadh, tha naimhdeas againn do dhearbh shlighe na beatha agus na slàinte troimh-san.” Thaobh an t-soisgeil is naimhdean iad,” a deir an t-Abstol, Rom. xi. 28, nì a thà air a labhairt a thaobh na’n Iudhach, ach a tha fior a thaobh nan uile mar a tha iad a thaobh nàduir. Bu mhath leinn a bhi beo ach cha’n ann tre Chriosd: Bu mhath leinn a bhi air ‘ur tearnadh, ach cha’n ann tre Chriosd. Mar so gu nàdurra tha sinn uile dealaichte ri Criosd; agus cho àrd so tha ar dealachadh ag eirigh, nì a dh’fheumas sinn a bhì gu domhain mothachail air, ma’s e agus gu faigh sinn gu bràth aonadh agus co-chomunn Ris ann an daimh pòsaidh: uime sin thugadh so cleachdadh dhuibh ann ‘ur smuaintibh, gus am faigh sibh ‘ur cridha a toiseachadh air sileadh agus a taiseachadh thairis air.
(R’a Leantuin)