(Air a leantuinn bho t.d. 153)
II. Deanabh saoithir gu bhi gu domhain mothachail air bhur truaighe ro-mhòr do-bhrìgh an dealachadh so.
Mar a tha sinn uile gu nàdurra as eigmhais Chriosd mar sin tha ar truaighe ann an so ro-mhòr. An uibhir sin tha’n t-Abstol a cumail a mach anns an earrann a dh’ ainmich sinn a cheana, Ephes. ii, 12, anns am bheil e labhairt air a bhi as eugmhais Chriosd mar ar truaighe, seadh, mar thobar agus bunait ar truaighe, agus uime sin tha e air ainmeachadh an toiseach. Bha ‘n a h-Ephesianaich, agus tha sinne, mar a tha e ann sin ag innse dhuinn, as eugmhais a chùmhnanta, as eughmhais dòchas, agus gun Dia anns an t-saoghal; nì a tha’n a thraighe gu leoir do dh’anam air bith gu luidh fodha; agus ‘s e nì a tha leigeil a stigh na truaighe so uile agus a bhunait, iadsan agus sinne a bhi as eugmhais Chriosd. ‘S e Criosd a bhi againn, tha fear-mineachaidh ionnsaichte ag ràdh air a phuing so, bunait nan uile mhaith, mar sin ‘e bhi as eugmhais Chriosd toiseach agus bunait na’n uile olc, agus leigeadh a stigh gach uile bhròn agus thraighe, agus nì a dh’fhàgas sinn ann an staid bhrònach gu siorruidh. Gabhaibh blas, agus gun ach blas, dha bhur truaighe, agus an sin oibrichibh mothachadh dheth air bhur’n anamaibh.
1. A bhi as eugmhais Chriosd
A bhi as eugmhais Chriosd, tha sibh falamh dhe’n a h-uile mhaith, tha sibh gun bheatha, gun ghràs, gun sìth, gun mhaith-eanas, gu’n chomhfhurtachd, gun fhireantachd, gun neamh, gun slàinte, gun dòchas, gun Dia, mar a th’agaibh anns an àite a dh’ainmicheadh, Ephes. ii, 12, gun deadh-ghean Dhé, gun bheatha Dhé, tha sibh as eugmhais fior mhaitheas, agus fior shonas. A reir an t-sean fhocail fhirinnich. As eugmhais a Mhaith is Airde cha’n eil nì air bith maith.
2. Air dhuibh a bhi as eugmhais Chriosd
Air dhuibh a bhi as eugmhais Chriosd, tha sibh ann an daorsa do’n a pheacadh, agus do Shàtan, nì is e’n daorsa is miosa anns an t-saoghal. Gu nàdurra tha’n a h-uile ‘n an trailean, agus ‘n an seirbhisich do na tighearnan an-iochdmhor so: bh’uaithhe so tha e air a ràdh gu’m bheil sinn a coimhlionadh ana-miannaibh an diabhoil. Eoin viii. 44, agus mar a tha ana-miannaibh an diabhoil, mar sin tha toil agus ana-miannaibh na feola, Ephes. ii. 2, a chùm a bhi ‘n an seirbhisich do’n pheacadh, gu bhi’n ar seirbhisich do iomadh gnè ana-miannaibh agus an-toil, agus an leithidean sin. Agus mar a tha gu nàdurra na h-uile anns an daorsa so do’n pheacadh agus do’n diobhol, mar sin cha’n eil saorsa bho’n a daorsa so ach tre Chriosd, agus sin ann an rathad aonaidh Ris. “Uime sin ma nì a Mac saor sibh, bidh sibh saor da rireadh.” Eoin viii, 36, tha E Fein ag ràdh ris na h-ludhaich. Bha iad a deanamh uaill ‘n an sochair, gu’m b’iad slioichd Abrahaim, agus nach robh iad an daorsa do neach air bith. It fior, tha Chriosd ag ràdh, ach tha sibh ann an daorsa nì’s miosa na daorsa do dhuine, ann an daorsa do’n pheacadh, ann an daorsa do’n ‘n ana-miannaibh: oir esan a nì peacadh is seirbhiseach do’n pheacadh e. Agus an daorsa so cha’n eil aon ach a’ Mac a ni saor sibh bh’uaithhe: agus, uime sin, gus an cuir Esan saor sibh fanaidh sibh foidhpe. Oh eia cho search an daorsa so a bhi fodh riaghladh a pheacaidh, a bhi fodh òrdan gach ana-miann ional agus neo-ghlan, agus a bhi air bhur giulain ann am bhaighdeanas leis an diabhol agus a thoil! ‘S e so a leithid de bhraighdeanas agus a bha aig Israel fodh’n a maighsteirean-oibreach anns an Eiphit. Mar a tha ann a bhi deanamh seirbhis do Chriosd an t-saorsa is mothha, mar sin, ann a bhi deanamh seirbhis do’n pheacadh tha’n daorsa is ro-an-iochdmhora.
3. Air dhuibh a bhi as eugmhais Chriosd
Air dhuibh a bhi as eugmhais Chriosd, agus as eugmhais aonaidh ri Chriosd, tha sibh air bhur diúltadh le Dia. “Nach aithne dhuibh sibh fein, gu bheil Iosa Chriosd annaibh, mur daoine a chuireadh air cùl sibh?” II. Cor xiii. 5. “Nach aithne dhuibh sibh fein!” Mar gu’n abradh e, ‘S e firinn ro-shoilleir, foillsichte, agus r’a tuigsinn a th’ann, mar eil aonadh agaibh ri Chriosd tha sibh ‘n ‘ur daoine a chuireadh air cùl, ‘s e sin, cha’n eil sibh air bhur gabhail ribh le Dia, agus tha sibh a mach as a dheadh-ghean, tha araon ‘ur pearsachan agus ‘ur seirbhisean air an diúltadh Leis. A dh’ionnsuidh an aon nì tha sin againn ann an Gal. iv. 22, far am bheil sinn a leughadh a thaobh dà mhàthair agus dà mhaic. Tha’n dà mhàthair ‘n a samhlachan air an dà cho-cheangal, cùmhnanta gniomh agus cùmhnanta gràis, mar a tha e air a nochdadh ann an rann 24. Tha’n dà mac ‘n an samhlaidhean air dà sheorsa sluaigh ‘n an còmhnuidh anns an eaglais, an dara h-aon air a bhreith a reir na feola, agus an aon eile air a bhreith a reir a gheallaidh; buinidh an dara aon do’n cheud choimh-chengal, an aon eile do’n dara. Seadh, agus ciod e suidheachadh an dithis? C’ar son, thà aon ann an suidheachadh anns am bheil e air a dhiùltadh, an aon eile ann an suidheachadh anns am bheil e air gabhail ris. Ta iadsan a bhuinneas do’n dara coimh-cheangal air an aideachadh agus gabhail riutha ann an gairdeanan gràidh; tha’n fheadhan eile air an tilgeadh a mach, mar a chi sibh anns ‘n a thà dol air adhart anns a chaibeideil; a thuilleadh air so tha sinn air gabhail ruinn le Dia ann an Criosd agus tre Chriosd, Ephes. i. 6. A mach a Criosd, uime sin, tha sinn ann an staid diùltaidh. Oh cia cho duilich ‘s a tha so a nochadh ar suidheachadh a bhi! oir daoine, eadhon daoine math a bhi dha’r diùltadh agus gu’n gnothuch a bhi aca ruinn, ‘s e th’ann ach nì a ghabhas fhulung, gu h-àraidh ‘n uair a dh’aidicheas Dia sinn agus a thogas E dealradh a ghnùis oirne: ach ‘n uair a tha Dia dha’r diùltadh agus dha’r tilgeadh a mach, tha so uamhasach da-rìreadh, ged a dh’aidicheadh an saoghal uile sinn, agus a mholadh e sinn. Cia cho uamhasach ‘s a tha’m focal sin, “Airgiod nach fù theirear riù, a chionn gu’n do chuir an Tighearna cùl riù.” Ier, vi. 30. Ma dh’aidicheas Dia sinn agus a thogas E oirne dealradh a ghnùis, cha’n eil mòran ann cò a gheibh coire; ach ma dh’fholicheas Esan a ghnùis agus a dhiùltas Esan sinn, ro is urrain misneach na saorsa a thoirt do’n anam?
(R’a leantuinn.)