(Air a leantuinn bho t.d. 187)
-
Air dhuibh a bhi gun Chriosd, tha sibh fodh’n lagh, agus mar sin fodh’n a mhallachd. Agus cia cho duilich ‘s a tha so! bho nach eil ann ach dà choimh-cheangal, an seann choimh-cheangal agus an coimh-cheangad nuadh; agus nach eil ann ach dà cheann do’n a coimh-cheangail so, a cheud Adhamh na’n t-Adhamh deireannach; agus mar sin tha’n a h-uile dhaoine air am faotainn fodh aon na aon eile dhiubh. Am feadh, uime sin, a tha sibh ‘n ar coigrich do Chriosd, tha sibh fodh’n lagh: oir mar so tha’n t-Abstol ag ràdh, “Oir a mheud ‘s a thà a dh’ oibre an lagh, tha iad fo’n mhallachadh: oir tha e sgriobhta, Is Mallaichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithean a tha sgriobhte ann an leabhar an lagha chûm an deanamh.” Gal. iii. 10. Cha’n eil tròcair aig an lagh, na caomhnadh air a luchd-brisidh; oir air son gach briseadh air tha e leagadh an anama fodh’n mhallachd. Nis, bhris sinn uile an lagh; bhris sinn uile e deich mìle uair thairis ‘us thairis ‘n ar pearsachan fein; agus anns a dà rathad sin thàinig sinn gu bhi tuiteam fodh’n mhallachd. Agus anam, an aithne dhuit ciod a tha mallachd a lagha a ciallachadh? Tha e giùlainn ann bàs agus diteadh gu brath. Air dhuinn a bhi fodh’n lagh, tha sinn mallaichte ‘n ar pearsachan agus ‘n ar comhfhurtachdan. Tha fearg Dhé a luidh air ar ‘n anamaibh, agus thà mallachd Dhé a luidh air gach nì a tha sinn a sealbhachadh, thà ar dearbh bheannachdan air a mallachadh air ar son. Malachi ii, 2. Thà sinn a leughadh anns na Sgriobturan mu shluagh mallachd Dhe; agus is tusa aon dhiùbh, anam, co air bith thù, ma thà thù mach a Criosd. Oh cia cho brònach, cia cho muladach ‘s tha’n suidheachadh so!
-
Air bhi dhuit a bhi as eugmhais Chriosd, agus dealaichte ri Chriosd, thà thù’n a do luidh fodh chionta pheacaidhean nach gabh a bhi air an àireamh, a dh’fheumas tì fein a ghiùlain gu bràth. Is ann an Criosd agus troimh-san a mhàin, a thà E saoradh bho chionta, ach a mheud ‘s a thà air am faotainn Ann agus fodh chumnanta pòsaidh Ris? A mhuinnir sin glanaidh fhuil-san bho gach uile pheacadh. I Eoin i. 7. Agus Ann-san tha saorsa aca tre fhuil, eadhon maitheanas am peacaidhean. Ephes. i. 7. Ach a thaobh a chuid eile, tha E’g innse dhoibh gu soilleir gu’m faigh iad bàs ‘n am peacaidhean. Eoin viii. 24. Oh ciod cho duilich ‘s a tha’n suidheachadh so! Anam thà thù ciontach do pheacaidhean do-àireamh, an aon is lugha dhuibh thà gu leoir ann gu bhì dhà do dhamanadh gu siorruidh. Tha agad miltean, agus deich miltean do pheacaidhean corcuir agus sgarlaid, peacaidhean air an còmhdaich le antromachaidhean dubh agus a tha glaodhaich gu h-àrd, na’n luidh ort; agus iad so uile na’n uile chudthrom cionta agus peanas air an cur as do leth leis an Dia mhòr gu siorruidh — cia cho truagh ‘s a thà so a nochdadh do shuidheachadh a bhì!
-
Air dhuibh a bhì dealaicht ri Criosd tha sibh fodh eigin a bhì peacachadh, agus mar sin a bhì cur r’ar damanadh gach latha. Thà duine a mach a Criosd a deanamh, agus cha’n urrain e ach a bhì deanamh peacaidh; oir cha’n eil e umhail do lagh Dhé, agus cha’n urrain dhà bhì. Rom. viii. 7. Agus mar a tha e ghnàth a peacachadh, tha e ghnàth a tasgadh fearg fodh chomhair latha na feirge dhà fein. Rom. ii. 5. Oh cia cho duilich ‘s a tha’n suidheachadh so! ‘S e eigin chruaidh a tha’n so, mar a tha Austin dha ghairm, agus thà e labhairt air suidheachadh an leithid sin mar nì glé mhuladach. A bhì a ghnàth a peacachadh an aghaidh Dhé, agus a ghnàth a tasgadh suas fearg do dh’anam an duine fein, is e so an ath nì do dh’isfrinn, agus ann an seadh nì’s miosa.
A chùm a bhì toirt dhuibh sùim an iomlain:— -
Air dhùibh a bhì dealaichte ri Chriosd, cha’n eil nì agaibh a riaraicheas ceartas Dhé, a tha ullamh gu greim a dheanamh oirbh, cha’n eil nì agaibh gu bhì ciùnachadh fearg Dhé, a tha ullamh gu briseadh a mach ‘n ar ‘n aghaidh; cha’n eil nì agaibh gu bhì seasamh eadar dioghaltas Dhé agus bhur ‘n anamaibh peacach. Ciod a their mi? Tha agaibh mòran luchd-casaid, agus leo-san tha coireachan tròm air an toirt air adhart ‘n ar ‘n aghaidh; agus air dhuibh a bhì as eugmhais Chriosd, cha’n eil fear-tagraidh agaibh gu bhì tagradh bhur cuis, cha’n eil aon agaibh gu bhì labhairt focal maith air neamh air bhur taobh. Agus nach eil so duilich? Tha sibh gu domhain ann am fiachan, deich mile tálant, do cheartas Dhé tha sibh ann am fiachan, agus air dhuibh a bhì as eugmhais Chriosd, cha’n eil nì agaibh gu paigheadh, ach tha sibh ann an cunnart a bhì air bhur tilgeadh ann am priosan dorchadais siorruidh, far nach eil saorsa. Agus nach eil so duilich? Tha sibh fodh fhiachan a bhì coimh-lionadh mòran dleasdanais; agus air dhuibh a bhì as eugmhais Chriosd, tha sibh fodh eu-comas anbarrach a bhì coimhlionadh aon diubh gu taitneach. Tha sibh fodh bhreitheanas ditidh, agus air dhuibh a bhì as eugmhais Chriosd, cha’n eil nì agaibh a ni tearuinte sibh air son aon latha, aon uair, aon mhòmante, air an taobh so do lasraichean siorruidh. Agus Oh cia cho duilich agus truagh ‘s a tha so! Mar sin chì sibh bhur dealachadh ri Chriosd, agus mar an ceudna ‘ur truaighe (ann an cuid) a thaobh an dealachaidh sin. Nis, ma’s a bu mhaith leat aonadh agus co-chomunn fhaotainn Ris, saothraich gu bhì gu domhain mothachail air an dà nì sin.
III. Am bu mhaith leat dà-rìreadh a bhì pòsda ri Chriosd; an sin saoithrich a bhì gu fallain a faotainn dearbh-shoilleireachd, agus a bhì gu domhain mothachail air meudachd agus antromachaidh peacadh diùltaidh Chriosd agus tairgseachan a ghràidh. Anam bhochd, tha thù seasamh a mach an aghaidh Chriosd; tha Esan a tàladh, agus a gairm, agus dha do chuireadh dha ionnsuidh Fein, ach tha thusa a deanamh di-meas agus a diùltadh na h-uile nì. Agus so thà thù smuainteachadh ‘n a ghnothuch beag; ach innseam dhuit, is e peacadh ro-antromaichte agus anabarrach a th’ann. A bhì mionnachadh, a bhì mort, a bhì goid, a bhì fodh’n mhisg, a bhì neo-ghlan, agus an leithid sin; orra so tha thu’g amharc mar pheacaidhean dubh agus gràineil; dà-rìreadh ‘s math a dh’fhaodas tì, oir is peacaidhean iad de nàdur nì’s an-tromaichte agus nì’s gràineil na’n cùntas. Ach gidheadh biodh fhios agad gu’m bheil do pheacadh ann a bhì diùltadh Chriosd, agus tairgseachan a ghràidh, nì’s mothach, agus nì’s mothach a tha brosnachadh na iad sin.
(R’a leantuinn)